Cànan nan Gàidheal
Cànan nan Gàidheal

This free course is available to start right now. Review the full course description and key learning outcomes and create an account and enrol if you want a free statement of participation.

Free course

Cànan nan Gàidheal

2.8 Luchd-ionnsachaidh is luchd-taice air feadh an t-saoghail

Tha àireamh nach beag de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig taobh a-muigh Alba, agus mòran dhiubh a’ cur feum air na cothroman a th’ ann airson ionnsachadh le goireasan eadar-lìn, samhail a’ Chùrsa Inntrigidh [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha cuid dhiubh ann an dùthchannan a ghabh ri buidhnean mòra Ghàidheal, leithid Astràilia, Sealan Nuadh, Canada, na Stàitean Aonaichte agus Argentina, a bharrachd air Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn.

Download this video clip.
Blogaire Gàidhlig ann an Los Angeles anns na Stàitean Aonaichte
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ach gheibhear luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, cuid dhiubh a th’ air fileantachd a ruigsinn, ann an dùthchannan cho diofraichte ri Brasail, Sìona, an Ruis, Casagstan, an Ungair, a’ Phòlainn, an Ostair agus an Eilbheis. Chan e sliochd nan Gàidheal a th’ anns a’ mhòr-chuid de na daoine sin, ach feadhainn a bhuineas do dhualchais eugsamhail a thog ùidh anns a’ Ghàidhlig, leis gun d’ fhuair iad rudeigin tarraingeach mu Alba is a’ Ghàidhealtachd – a ceòl, sgeulachdan, dualchas Ceilteach, a h-eachdraidh, bòidhchead na tìre agus/no na daoine fhèin.

’S ann anns a’ Ghearmailt a tha a’ bhuidheann as motha de na daoine seo a’ fuireach. Tha Mìcheal Klevenhaus na Ghearmailteach a tha fileanta ann an Gàidhlig. Sgrìobh e leabhar ann an Gearmailtis airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (Schottisch-Gälisch: Wort für Wort), agus bidh e a’ teagasg a’ chànain do 70 oileanach aig Oilthigh Bhonn. Tha grunn Ghearmailtich air Gàidhlig ionnsachadh gu fileantachd agus tha cuid dhiubh a-nise a’ dèanamh bith-beò anns an eaconamaidh Ghàidhlig ann an Alba fhèin.

Figear 16 Cruinneachadh de sgeulachdan goirid ùra air an sgrìobhadh ’s am foillseachadh an toiseach ann an Gàidhlig (gu h-àrd) agus air an eadar-theangachadh an uairsin gu Gearmailtis (gu h-ìosal)

Tha luchd-ionnsachaidh a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Alba, a’ sealltainn (do dh’Albannaich am measg eile!) gun gabh an cànan ionnsachadh gu fileantachd mar inbheach gun duilgheadas mòr sam bith, agus gu bheil a’ Ghàidhlig gu math tarraingeach do dhaoine taobh a-muigh a coimhearsnachd thraidiseanta, daoine a bheir leotha dealas is lèirsinn ùr.

Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has over 40 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to university level study, find out more about the types of qualifications we offer, including our entry level Access courses and Certificates.

Not ready for University study then browse over 900 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus