Cànan nan Gàidheal
Cànan nan Gàidheal

This free course is available to start right now. Review the full course description and key learning outcomes and create an account and enrol if you want a free statement of participation.

Free course

Cànan nan Gàidheal

4.1.2 Ag ionnsachadh chànanan eile

Tha daoine a bha fileanta ann an dà chànan aig aois òg mar as trice nas fheàrr na an àbhaist air cànanan eile ionnsachadh. Tha seo fìor cuideachd mu dhùthchannan (e.g. An Òlaind no An Eilbheis). Tha diofar adhbhair airson seo.

’S e aon adhbhar gu bheil ionnsachadh dara cànain a’ toirt misneachd dhan neach-ionnsachaidh gus feuchainn air an treas no an ceathramh cànan on a tha fhios aca a-nise gun urrainn dhaibh a dhèanamh. Bhon is e dìth misneachd a tha a’ cumail mòran gun a bhith nas fheàrr air cànanan ionnsachadh, ’s e rud cudromach a tha seo.

A bharrachd air sin, tha fhios aig dà-chànanaich a-nise mar a dh’ionnsaicheas iad cànan agus mar a dhèiligeas iad ri duilgheadasan agus faodaidh iad an t-eòlas sin a chur gu feum leis an treas (no an ceathramh) cànan.

Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil dà-chànanaich nas mothachaile aig aois òg air an diofar eadar ‘cruth’ agus ‘brìgh’ fhaclan na tha clann aig nach eil ach aon chànan – i.e. tha fhios aca gu bheil barrachd air aon dòigh ann air rudan ainmeachadh. Ann an deuchainnean, mar eisimpleir, bha na dà-chànanaich òga nas dualtaiche faclan a chur còmhla air sgàth an ciall seach an coltas no am fuaim. Tha an comas seo na chuideachadh ann a bhith ag ionnsachadh chànanan eile.

Tha rannsachadh air seo a’ leantainn ach tha aonta ann gu bheil dà-chànanas aig aois òg a’ cuideachadh ann a bhith ag ionnsachadh chànanan eile às dèidh sin. Airson cunntas air an rannsachadh. Cliog an seo [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .

Sgeulachd Chrìsdein

Figear 26

‘Rugadh mi san Eilean Sgitheanach ann an coimhearsnachd Gàidhlig ach ’s e Beurla agus Fraingis a bha mi a’ cluinntinn aig an taigh. Dh’ionnsaich mi Gàidhlig nuair a dh’fhosgail aonad Gàidhlig sa Bhun-Sgoil ann am Port Righ. Nuair a dh’fhàg mi an sgoil chaidh mi gu Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Gàidhlig na h-Alba, agus tha mi air a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig bhon uair sin. Tha mi a’ faireachdainn glè fhortanach gu robh cothrom agam Gàidhlig ionnsachadh. ‘

Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has over 40 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to university level study, find out more about the types of qualifications we offer, including our entry level Access courses and Certificates.

Not ready for University study then browse over 900 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus