Cànan nan Gàidheal
Cànan nan Gàidheal

This free course is available to start right now. Review the full course description and key learning outcomes and create an account and enrol if you want a free statement of participation.

Free course

Cànan nan Gàidheal

4.4.2 Bàrd dà-chànanach

Ged nach eil Aonghas MacNeacail a’ cleachdadh ach an riochd Gàidhlig de ainm, tha e cliùiteach airson a bhàrdachd san dà chànan.

Tha grunn luchd-naidheachd, actaran agus craoladairean a’ dèanamh an aon rud, rud a tha a’ toirt dhaibh barrachd chothroman cosnaidh.

Figear 30 Aonghas MacNeacail

Seo an dàn aig Aonghas air Marilyn Monroe, san dà chànan. Gheibhear làrach-lìn Aonghais aig: www.aonghasmacneacail.co.uk/ cv.htm [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]

Marilyn Monroe le Aonghas Macneacail

òr 'na do ghruaig gold in your hair
òr ann an ìnean do chas gold in the nails on your feet
òr ann an ruisg chadalach do shùilean beò gold in the sleepy lids of your living eyes
òr 'na do ghruaidhean, 'nam fathann athaidh gold in your cheeks, in their rumour of a blush
òr ruadh do bhilean red gold of your lips
òr sa ghualainn mhìn àrd a' fasgadh do smig gold in the raised shoulder that shelters your chin
òr anns a' bhroilleach ghealltanachd gold in your breasts, their promise
paisgte 'na bhad enfolded in wisps
òr 'na do chneas seang, air miadan do chruachan gold in your slender waist, on the meadows of your hip
ann an lùb nan sliasaid is in the curve of thigh and
air glùin nan dìomhaireachd on your knee of mysteries
rinn d' adhbrainn òrach your golden ankle gave
dannsa caol slim dances
do gach sùil a shealladh that any eye could see
airgead-beò 'na do chuislean quicksilver in your veins
airgead-beò 'na do chridhe quicksilver in your heart
airgead-beò gu na h-iomaill quicksilver to every corner
dhe d' anam of your soul
agus d' osnadh, do ghàire and your sighs, your laugh
do ghuth-seinn, do ghuth-labhairt your singing, your speech
mar bhraoin de dh'òr like a mist of gold
agus do gach fear a chùm and to every man who kept you
air lios leaghteach nan dealbh thu on the screen's dissolving field
òr, o gold, from
bhàrr calgach do chlaiginn gu the maned top of your skull
buinn rùisgte do chas to the bare soles of your feet
òr, òr, òr, gold, gold, gold,
beò no marbh alive or dead
their cuid nach robh thu cho cùbhraidh some say you weren't so fragrant
's iad a' deothal an t-sùigh as they suck the substance
à spòran suilt òrach do bhèin from the fertile purse of your skin
òr, òr , òr gold, gold, gold
Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has over 40 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to university level study, find out more about the types of qualifications we offer, including our entry level Access courses and Certificates.

Not ready for University study then browse over 900 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus