Cànan nan Gàidheal
Cànan nan Gàidheal

This free course is available to start right now. Review the full course description and key learning outcomes and create an account and enrol if you want a free statement of participation.

Free course

Cànan nan Gàidheal

5.5 Cothroman dhan chloinn

Tha barrachd is barrachd dhaoine ann an Alba, co-dhiù a tha Gàidhlig aca fhèin gus nach eil, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aig an clann a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Tha grunn adhbhair air seo ach ’s e na dhà as cudromaiche gu bheil iad mothachail air an àite a tha aig a’ Ghàidhlig ann an dualchas agus eachdraidh Alba agus gu bheil iad a’ faicinn na tha ann de chothroman cosnaidh a-nise do dhaoine òga leis a’ Ghàidhlig.

Tha na roghainnean a tha ann do phàrantan agus luchd-ionnsachaidh òg eadar-dhealaichte o àite gu àite. Tha a’ phrìomh fheadhainn air an ainmeachadh an seo. Airson faighinn a-mach dè tha ri fhaighinn na do sgìre fhèin, faighnich dhan t-seirbheis foghlaim ionadail agad no tadhail air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig aig:

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

’S e gnè de ‘fhoghlam bogaidh’ a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG) anns a bheil sgoilearan ag ionnsachadh a’ chànain aig an aon àm ri bhith ga cleachdadh gus rudan eile ionnsachadh.

Chan eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de na sgoilearan ann an FTG nuair a thòisicheas iad (mar as trice aig aois eadar 0-3 bliadhna). Tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig tro bhith ga cluinntinn mun cuairt orra agus ga cleachdadh agus tha iad a’ faighinn beagan de theagasg cànain cuideachd, tro gheamannan, òrain is sgeulachdan. Tha an ìre mhath a h-uile sgoilear ann an FTG comasach air a’ chànan a bhruidhinn mun àm a dh’fhàgas iad an sgoil.

Tha foghlam bogaidh air a chleachdadh ann am mòran a’ mhion-chànanan, mar a’ Chuimrigh, ach tha e air a chleachdadh le cuid de nas cànanan ‘mòra’ cuideachd, mar eisimpleir Fraingis ann an Canada.

Figear 33 Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a thoirt seachad le ùghdarrasan ionadail far a bheil pàrantan ga iarraidh. Tha poileasaidh ùghdarrasan air a seo ag atharrachadh o àite gu àite ach mar as trice tha iad a’ coimhead airson dearbhadh gu bheil iarrtas gu leòr ann airson an seòrsa foghlaim seo a chumail a’ dol ùine. Uaireannan faodaidh duilgheadas èirigh a thaobh cosgais, gainnead rùm ann an sgoil no dìth thidsearan. Airson fiosrachadh mun t-suidheachadh san sgìre agadsa, bruidhinn ri do sheirbheis foghlaim ionadail, a’ bhuidheann phàrantan Comann nam Pàrant no Bòrd na Gàidhlig. Gheibhear na dhà mu dheireadh aig:

Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil (GLPS)

’S e sgeama nàiseanta a tha ann an GLPS a tha a’ toirt trèanadh agus stuth-teagaisg do thidsearan a leigeas leotha beagan Gàidhlig a theagasg do sgoilearan, mar as trice aig ceann àrd na bun-sgoile. ’S e an t-amas aig GLPS beagan eòlais a thoirt do sgoilearan air cànan agus cultar na Gàidhlig gus an cùm iad orra ga h-ionnsachadh san àrd-sgoil.

Clasaichean Gàidhlig san àrd-sgoil

’S àbhaist do chlasaichean Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh tòiseachadh ann an AS1 agus gabhaidh iad sgoilearan aig nach robh sgath Gàidhlig ron a sin. Tha na clasaichean seo a’ ruighinn ìre nan Teisteanasan Nàiseanta aig SQA agus tha iad rim faighinn ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba.

Tha cuideachd clasaichean Gàidhlig ann do fhileantaich anns na h-àrd-sgoiltean ann an sgìrean far a bheil FTG sa bhun-sgoil. Tha an Teisteanasan Nàiseanta fhèin aig na sgoilearan seo a tha coltach ri na deuchainnean aig an aon ìre ann am Beurla.

Tha beagan chuspairean air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil ach ’s e glè bheag a tha ann an cuid a dh’àitichean.

Gheibhear fiosrachadh mu GLPS agus mu theagasg na Gàidhlig mar chuspair air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.

Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has over 40 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to university level study, find out more about the types of qualifications we offer, including our entry level Access courses and Certificates.

Not ready for University study then browse over 900 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus