Cànan nan Gàidheal
Cànan nan Gàidheal

This free course is available to start right now. Review the full course description and key learning outcomes and create an account and enrol if you want a free statement of participation.

Free course

Cànan nan Gàidheal

6.3 Dannsa

Gu h-iongantach ’s dòcha, ’s e dannsa as lugha aig a bheil buaidh is follaiseachd de na seòrsaichean cur-seachad a th’ ann an saoghal na Gàidhlig. ’S ann tro na geamaichean Gàidhealach as fheàrr as aithne dhuinn dannsa an-diugh.

Tha cruth is dreach ùr air dannsa an latha an-diugh seach mar bha, biodh sin mar thoradh air atharraichean a thàinig air deas-ghnàthan, no air tighinn gu bhith nas coltaiche ri cluich is cur-seachadan chloinne.

A bharrachd air sin, leasaichear cuideachd diofar ghnè dannsa le leithid an airm a thug dreach gu math ainmeil is àraid air dannsa tro fhoillseachadh aig leithid Tatù Rìoghail Airm Dhùn Èideann.

Tha dannsa Gàidhealach air aithneachadh air feadh an t-saoghail mar thè de shamhlaidhean na h-Alba agus tha sin gu ìre mhòir ag èirigh à eilthireachd nan Gàidheal agus mar a sgap iad gu sònraichte anns an 19mh linn. Bha an Dannsa Gàidhealach mar sheòrsa de dh’acaire cultarail a bha ceangal dhaoine ris an t-seann dhùthaich agus na seann chleachdaidhean, mar a chì sinn, mar eisimpleir, ann an Geelong, Àstràilia.

Figear 45 Dealbh as an Illustrated London News an 1857. Bha e an cois iomradh air na Geamachan Gàidhealach an Geelong , Astràilia, air an cur air dòigh le Comunn na Feinne. Bha taisbeanaidhean agus farpaisean dannsa aig cridhe nan Geamachan.

Dannsa ceum an Canada

Ged nach lorgar dannsa ceum ach an Canada a-mhàin, tha trì diofar sheòrsaichean an sin fhèin: Stoidhle Cheap Breatainn, Stoidhle Frangach Chanada agus Stoidhle Ghlinn Mhòir Ottawa. Tha na trì a’ tarraing gu mòr air dualchas dhannsa na h-Alba agus na h-Èireann agus chaidh an toirt dhan dùthaich le eilthirich bho Ghàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann.

Tha dannsa ceum luath, clis agus lùthmhor le taic mar as trice bhon fhidhill. Gu cunbhalach chan eil cus gluasad làthair na lùib agus ’s ann ag amas air gluasad coise le beagan de dh’oibreachadh làimhe agus gàirdein a tha an dannsair.

Mar as trice ’s ann air bùird le còmhdach cruaidh is còmhnard a tha an dannsa a’ dol air adhart. Bidh brògan àraid gan cleachdadh a rèir an dannsa, le gliogairean sònraichte ceangailte ri aghaidh agus cùl nam bròg. Cleas mar a tha a’ tachairt ann an dannsa Gàidhealach agus dannsa na h-Èireann, tha farpaisean gan cumail an dannsa ceum a bharrachd air e bhith na dhannsa sòisealta na coimhearsnachd.

Tha ochd buillean gach ceum anns a’ chumantas anns an dannsa ceum. Ged a tha e san àbhaist a bhith a’ dannsa le cas dheas air adhart agus an uairsin a’ chas cheàrr, gu math tric bidh dannsairean a’ dannsa gu cruthachail air an aon chois mas gluais iad air adhart chun ath cheum. Mar as trice tachraidh seo nuair a thathas a’ dealbh ceumannan ri pìos ciùil àraid.

Tha tòrr sheòrsaichean dannsa ann. Tha iad uile le luaths, astar agus buillean fa-leth. Am measg nan dannsa tha ruidhlichean, sigichean, dannsa colgais, dannsa-deise, dannsa pìoba, dannsaichean slaodach bròige-fiodha, polca agus dannsa dùbailte.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Dannsa Gàidhealach

Tha ‘Dannsa Gàidhealach’ a-nis air a chleachdadh mu dhòigh dannsa lùthmhor aon-neach a chaidh a chruthachadh ann an Gàidhealtachd na h-Alba.

Aig Geamachan Gàidhealach, tha prìomh fharpaisean an Dannsa Gàidhealach an teis-mheadhan chùisean, a’ glacadh aire an t-saoghail agus a’ tàladh dannsairean bho air feadh an t-saoghail. Tha an seòrsa dannsa seo gu math eadar-dhealaichte bho dhannsa aig cèilidhean neo anns a’ choimhearsnachd.

Thàinig dreach an latha an-diugh air an Dannsa Ghàidhealach anns an 19mh agus 20mh linn, gu ìre mhòir ann an suidheachadh nan Geamaichean Gàidhealach far a bheileas a’ dannsa ris a’ phìob-mhòir. Na lùib cuideachd tha structar mionaideach de bhritheamhachd agus deas-ghnàth lìbhrigidh.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Chan ionann an Dannsa Gàidhealach agus dannsa dùthchail na h-Alba, a tha na dhannsa sòisealta (’s e sin dannsa le càraidean no buidhnean) cleas dannsa seòmraichean bàl agus dannsa structarail – far a bheil pàtran gluasaid nan dannsairean na phàirt cudromach – coltach ri dannsa ceàrnaig.

Tha cuid de Dhannsa Ghàidhealach ann ged-tà le freumhan ann an dannsaichean traidiseanta sòisealta. ’S e aon eisimpleir dhen sin an Ruidhle Gàidhealach, ris an canar cuideachd Ruidhle Cheathrar, far a bheil buidhnean de cheathrar a’ dol bho cheumannan mu choinneimh a chèile gu dealbh de dh’ochd a shnìomh nan gluasad. Tha a’ mhòr-chuid de na Dannsaichean Gàidhealach do dh’aon neach.

Bu chòir a bhith mothachail cuideachd gu bheil Dannsa Gàidhealach air a mheas mar spòrs leis a’ bhuidhinn oifigeil SportScotland.

Dannsa le claidheamhan agus fèilidhean

Tha e coltach gu bheil seann laoich is gaisgich air feadh na Roinn Eòrpa air a bhith a’ dannsa le claidheamhan fad linntean. Bha dannsaichean samhlachail agus an riochd sabaid agus suidheachaidhean blàir rim faotainn ann an traidisean agus beul-aithris na h-Alba.

Thàinig poileasaidh mùthchail Riaghaltas Bhreatainn an aghaidh cultar na Gàidhealtachd gu àird na teasaich ann an 1747 le Achd an Toirmisg, a’ casg fhireannach nach robh anns an arm bho bhith air an èideadh le fèileadh. Chaidh an Achd a chur an dàrna taobh ann an 1782 agus tràth anns an 19mh linn chaidh tionndadh caran romansach a chur air cultar na Gàidhealtachd le cuid.

Figear 46 A’ foillseachadh prìomh eileamaidean ‘cultar na Gàidhealtachd’ ann an 1881, bha danns a’ faighinn prìomhachas.

Fhuair an tionndadh romansach taic rìoghail nuair a nochd an Rìgh Seòras IV air beulaibh an t-sluaigh le fèileadh ann 1822; bho sin a-mach bha taic dhan fhèileadh cinnteach.

Nochd a’ Bhanrigh Bhictoria ùidh ann an cuid de ghnothaichean cultarail na Gàidhealtachd leithid pìobaireachd agus dannsa, agus ’s ann aig an àm seo a thogadh ùidh ann an dannsa aig na Geamaichean Gàidhealach.

Bha Dannsa Gàidhealach aig cridhe nan Geamaichean bho thùs an ùrachaidh, ach tric ’s ann airson britheamhan a riarachadh a bha na dannsaichean.

Chaidh tòrr dhannsaichean eile a bha gu math nas sine a chall aig an àm seo seach nach robh feum orra ann an saoghal nam farpaisean.

Tha Bòrd Oifigeil Albannach an Dannsa Ghàidhealaich (SOBHD), air a mheas mar bhuidheann-riaghlaidh an t-saoghail le tòrr de na cruinneachaidhean Gàidhealach air feadh an t-saoghail agus cha mhòr a h-uile gin anns na Stàitean Aonaichte. Tha Prìomh Fharpais an t-Saoghail airson Dannsa Gàidhealach air a chumail aig Geamaichean Còmhdhail bho 1934.

Dannsaichean Gàidhealach

Dannsa nan Claidheimh

Tha e air aithris gun deach dannsa nan claidheimh a dhealbh le Gàidheil ‘mar dheisealachadh deatamach airson giùlain a’ chlaidheimh mhòir…air a chleachdadh ann an cuid de dhannsaichean airson an sùbailteachd a shealltainn.’ (Logan, Seumas. The Scottish Gael td. 440)

Bha seo a’ gabhail a-staigh dannsa os cionn dà chlaidheimh rùisgte air an càradh tarsainn air a chèile, le dannsair a’ gluasad gu h-ealanta timcheall orra.

A’ càradh chasan gu mionaideach eadar gach claidheamh, mar ann an ‘Gille Chaluim’, tha ceangal eadar na dannsaichean seo agus deisealachadh airson batal no mar dhòigh air buaidh blàir a chomharrachadh.

Tha e air innse gum biodh cinn-feadhna ag iarraidh air sàr-dhannsairean nochdadh ron bhlàr airson Dannsa nan Claidheamh. Nan seachnadh na dannsairean na claidheamhan, bhiodh sin air fhaicinn mar fhàisneachd gur ann leotha a bhiodh am blàr.

Tha ciall nas pragtaigeach airson an dannsa ri lorg ann an trèanadh agus oideachadh seann stoidhlichean sabaid le claidheimh, nuair a bhiodh oileanaich a’ leasachadh an obair-coise le bhith a’ leantainn phàtrain chrois-tarsainn, ceàrnagan agus triantain air an comharrachadh air an làr.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Am Fling Gàidhealach

’S dòcha nach eil dannsa cho ainmeil ann ris a ‘Highland Fling’ a bha, a rèir aithris, air a chleachdadh mar chomharradh buaidh aig deireadh blàir. Tha smuain eile (nach eil cho romansach) ag ràdh gu robhas ga dhèanamh ron bhlàr (cleas Danns nan Claidheamh), air mullach sgiath an t-saighdeir. Bhiodh stob ann an teis-mheadhain na sgèith, agus bhiodh aig an dannsair ri chasan a chath gu cùramach timcheall air, a’ leum agus a’ dannsa mas fhìor a’ feuchainn ri droch-spioradan a chumail air falbh. Chan fhaodadh an dannsair gluasad bhon aon àite.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ruidhle Thulaichean

Tha e ri ràdh (ged ’s dòcha nach e an fhìrinn a th’ ann) gun do thòisich Ruidhle Thulaichean (ann am Beurla ‘The Reel of Tulloch’) nuair a bha coitheanal bainnse a’ feitheamh taobh a-muigh eaglaise air latha fuar. A rèir na sgeòil thòisichear a’ feadalaich fonn Gàidhealach fhad ’s a bha cuideigin eile a’ dealbh dannsa.

Tha aithris eile nach eil cho càilear ag innse gun deach an dannsa a dhealbh le luchd-obrach a lorg claigeann anns an talamh aig caisteal agus a chluich seòrsa de bhall-coise leis. Car coltach ri sin tha sgeulachd eile a tha ag ràdh gu robh muinntir Thulaich dualach a bhith cluich ball-coise le ceann nàmhaid an dèidh blàr.

Tha eachdraidh an òrain air a mhìneachadh ann an aiste ‘The reel of Tulloch in fact and fiction’ mun bheul-aithris a tha ceangailte ris, agus an gnothach ris an canar Cùis-mhulaid Thulaich, ri fhaighinn ann am pàipearan Comunn Gàidhlig Inbhir Nis (Leabhar LIX, duilleagan 118-128).

Tha an t-òran ri lorg ann an co-chruinneachadh Mhic na Ceàrdaich, ‘An t-Òranaiche’ (1879).

Their britheamhan na tìre The judges of this land
Ma labhras iad an fhìrinn Will say if you believe them;
‘De na thig de cheòl à fidhlean ‘When music comes from any fiddle
‘S e rìgh dhiubh ‘Na Tulaichean.’ The Reel of Tulloch’s the King’.

Seann Triubhas

Tha ceangal romansach eadar Seann Triubhas (no Seann Bhriogais) agus an casg a chaidh a chur air an Èideadh Ghàidhealach an dèidh ar-a-mach 1745. Tha mòran chrathadh casan ann, mar shamhla air a bhith a’ cath na briogaise ghràineil. Tha na ceumannan mu dheireadh, nas luaithe buileach, a’ nochdadh gàirdeachas ri tilleadh na fèilidh. Ach chan eil ceumannan an dannsa cho sean ri sin, leis a’ chuid as mòtha air an dealbh anns an 19mh linn.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Cleas iomadach traidisean dannsa eile, tha an rud ris an canar an-diugh ‘Dannsa Gàidhealach’ stèidhichte air caochladh sheòrsaichean dannsa eile a bha a’ sìor atharrachadh a rèir cleachdaidhean na h-ama agus beachdan air gnothaichean roimhe sin. Ged a bhiodh cuid de na h-eileamaidean ceudan bhliadhnaichean de dh’aois, tha cuid eile a tha mòran nas ùire. Buinidh a’ mhòr chuid de dhannsaichean an latha an-diugh dhan 19mh linn.

Figear 47 Tha Dannsa Gàidhealach air a bhith a’ sìor atharrachadh thairis air ùine

Dannsa dùthchail

Tha dannsaichean dùthchail na h-Alba air an roinn eadar ruidhlichean (nam measg dannsaichean pìoba), sigichean agus dannsa-deise a rèir a’ chiùil. Tha a’ chiad dhà dhiubh sin (ris an canar cuideachd dannsaichean luath) air an comharrachadh le astar, gluasadan aithghearr agus beòthalachd. Tha an treas seòrsa (dannsa-deise) gu math nas slaodaiche agus nas fhoirmeil, stàiteil. Gheibhear cuideachd sigichean aig 9/8, minuets agus ualtsaichean ged nach eil an sin ach pàirt bheag de na th’ ann gu h-iomlan.

Dannsairean agus Seataichean

Tha dannsa dùthchail na h-Alba ga dhèanamh ann an cumadh ris an canar ‘seataichean’. Mar as trice tha trì no ceithir de chàraidean anns na seataichean, ach ann an cuid de dhannsaichean tha feum air seataichean nas motha le còig, sia no barrachd chàraidean. Bidh fireannach agus boireannach anns gach càraid mar as trice, ach bidh boireannaich a’ dannsa le boireannaich agus fir le fir a-rèir mar a bhios anns a’ chuideachd.

’S e gnothach gu math càirdeil agus in-ghabhalach a th’ ann an dannsa dùthchail na h-Alba. Tha e na thoileachas do mhòran, de gach aois. Bidh buidhnean dannsa Albannach a’ taisbeanadh an comasan, a’ sealltainn gach taobh dhen dannsa aig fìor àrd-ìre.

Dannsa Dùthchail an latha an-diugh/Comunn Dannsa Dùthchail Alba (SCDS)

Tràth anns an 20mh linn, bha Dannsa Dùthchail na h-Alba gu math cudromach ann an seadh sòisealta gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail, ged a bha an àireamh de dhannsaichean ris an robhar eadar-dhealaichte. Bha dannsa dùthchail an cunnart a dhol à bith nuair a stèidhichear Comunn Dannsa Dùthchail na h-Alba (SCDS) leis an amas a bhith a’ gleidheadh ‘dannsaichean dùthchail mar a thathas gan dannsa an Alba.’ Chan eil ùine mhòr sam bith bhon chaidh seo atharrachadh gu ‘dannsaichean dùthchail na h-Alba’.

Thòisich an SCDS a’ cruinneachadh agus a’ foillseachadh na bh’ air fhàgail de na dannsaichean agus gan ath-chruthachadh no ag ùrachadh dannsaichean nach robhas a’ dèanamh. Mar phàirt dhen obair, chaidh na dannsaichean agus mar a bhathar gan dèanamh anns na diofar sgìrean às an deach an cruinneachadh, a shocrachadh gu cunbhalach.

Chaidh inbhe Rìoghail a bhuileachadh air a’ Chomunn ann an 1947 agus chaidh ainmeachadh mar RSCDS [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] (a’ cur ‘Rìoghail’ ris an ainm SCDS).

Cha tug e fada sam bith an dèidh stèidh an SCDS gus an do thòisichear a’ cruthachadh dhannsaichean ùra coltach ris an fheadhainn roimhe sin, agus cuideachd ag ùrachadh chùisean tro dhannsaichean le innleachdan ùra.

An-diugh tha barrachd air 11,000 dannsa clàraichte, ach tha nas lugha na 1,000 dhiubh ‘traidiseanta’.

Dannsa Innse Gall

’S e ainm an ìre mhath ùr a th’ ann an ‘Dannsa Innse Gall’ agus tha e coltach gun deach a chleachdadh an toiseach aig Fèill Comann Dannsa agus Òran Dùthchail Shasainn aig Talla Rìoghail Albert, Lunnainn ann an 1934, nuair dh’iarradh air Fearchar MacNèill à Barraigh dannsaichean bho Uibhist a Deas agus Barraigh a shealltainn. Tha dùil gun deach ainm Innse Gall a cheangal riutha airson an comharrachadh bho na dannsaichean Gàidhealach eile air an robhas eòlach, agus cuideachd son an ceangal ris na h-Eileanan an Iar.

’S iad na dannsaichean aon-neach a tha nis fon ainm ‘dannsaichean Innse Gall’, le barrachd air aon riochd de gach fear, Tulloch Gorm, Highland Laddie, Over the Water to Charlie, (Scotch) Blue Bonnets, Flowers of Edinburgh, First of August, Scotch Measure agus Aberdonian Lassie.

Chan eil ach criomagan de na dannsaichean Jacky Jar, The Lads wi’ the Kilt, Over the Water and Over the Hill, Carraig Fhearghais, Over the Hills and Far Away agus Petronella rim faighinn an-diugh.

Chan eil fhios le cinnt sam bith cò às a dh’èirich na dannsaichean sin ach tha fhios againn gu robh an t-sàr mhaighstir dannsa Eòghann MacLachlainn, (c. 1799-1879) gan teagasg mar bu trice do dhaoine ann am Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Barraigh, anns na meadhan 1800an.

Tha na dannsaichean, mar as aithne dhuinn an-diugh iad, gan lìbhrigeadh gu sèimheil agus ann an dòigh nas saor-thoilich na Dannsa Gàidhealach, agus gu math tric cluinnear barrachd faram coise.

Anns na meadhan 1980an ghluais muinntir Bharraigh agus Uibhist a Deas a chaomhnadh dhannsaichean eagal ’s gun rachadh iad à bith. Bha cuid de dhaoine fhathast beò aig an robh eòlas air na dannsaichean bhon òige, an dèidh an ionnsachadh bho Eòghann MacLachlainn.

Chaidh na dannsaichean a thoirt air adhart an dèidh sin aig Fèis Bharraigh agus fhuair òigridh ann an Uibhist a Deas agus Barraigh an cothrom an ionnsachadh bho dhaoine aig an robh iad bhon dualchas.

Dannsa ùr nodha

Tha Alba Chruthachail a’ cuideachadh dannsa le taic a thoirt do bhuidhnean, togalaichean agus luchd-oideachaidh agus a’ feuchainn ri àireamhan luchd-compàirt fhàs. ’S e Theatre Dannsa na h-Alba companaidh dannsa na dùthcha agus tha e air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail.

Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has over 40 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to university level study, find out more about the types of qualifications we offer, including our entry level Access courses and Certificates.

Not ready for University study then browse over 900 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus