Cànan nan Gàidheal
Cànan nan Gàidheal

This free course is available to start right now. Review the full course description and key learning outcomes and create an account and enrol if you want a free statement of participation.

Free course

Cànan nan Gàidheal

7 Ceistean Cumanta

1 Cò às a thàinig Gàidhlig?

Answer

’S e Gàidhlig tè de chànain na h-Alba agus tha buaidh a’ chànain ri fhaicinn air feadh na dùthcha, tro na linntean agus gu h-àraidh ann an ainmean-àite.

Buinidh Gàidhlig dhan teaghlach Ceilteach, le dlùth-chàirdeas do Chuimris, cànan a’ Chòrn agus cànan na Breatainne Bige.

Tha i nas dlùithe buileach do Ghaeilge na h-Èireann agus cànan Eilean Mhanainn. Tha na trì seòrsaichean Gàidhlig sin, no cànain Goidelic, uile a’ tighinn bho aon chànan a bha ga bruidhinn ann an Èireann anmoch anns a’ chiad mìle bliadhna BC agus a’ chiad mile bliadhna AD.

Tha sgrìobhaichean ann an Laideann a’ toirt iomradh air daoine a bha a’ fuireach ann an Èireann, agus a bhiodh a’ còmhradh anns a’ chànan seo, mar Scotti, agus a’ gabhail Scotia air Èireann.

Anns na Meadhan Aoisean, gabh iad thuca fhèin ainm nam Breatannach, Goídil, na Gàidheil. Bha Gàidhlig air tighinn gu iar-thuath na dùthcha, gu Earra-Ghàidheal ron 6mh linn AD aig a’ char as fhaide.

Tha deasbad ann fhathast mu dìreach ciamar a thàinig Gàidhlig gu Alba, ach tha gu leòr dhen bheachd gur e gluasad sluaigh as bh’ ann eadar Èireann agus Alba. Tha e cinnteach gu leòr ged-tà gu robh luchd-riaghlaidh agus pearsachan-eaglais Earra-Ghàidheil agus Dàl Riata (a bha fhathast a’ gabhail a-staigh ceàrnaidhean de cheann-a-tuath Èirinn) a’ cleachdadh na Gàidhlig ron 6mh linn.

2 Cia mheud neach a bhruidhneas Gàidhlig?

Answer

Anns a’ Chunntas Sluaigh ann an 2001 chaidh tomhas gu robh comasan labhairt agus/no sgrìobhaidh/tuigse ann an Gàidhlig aig 92,400 neach (1.9% de mhòr-shluagh na h-Alba).

Bha an àireamh sin a’ gabhail a-staigh 58,652 (1.2% de mhòr-shluagh na h-Alba) a bhruidhneadh Gàidhlig.

Cunntas-sluaigh 2001

Sluagh iomlan aig aois 3+ (=100%) Comasach air Gàidhlig a bhruidhinn Comas labhairt, sgrìobhaidh, leughaidh Comas labhairt, leughaidh, sgrìobhaidh, no tuigse
Alba 4,900,492 58,652 (1.2%) 65,674 (1.3%) 92,386 (1.9%)

Ged a bha lughdachadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-iomlan anns a’ Chunntas mu dheireadh, eadar 1991 agus 2001 bha àrdachadh anns an àireamh far am b’ urrainn do dhaoine bruidhinn anns a’ chànan agus aig an robh sgilean leughaidh agus sgrìobhaidh a bharrachd air sin. Tha seo a’ dearbhadh àrdachadh ann an comasan litearrachd ann an Gàidhlig agus cuideachd anns an luchd-ionnsachaidh. Bha fàs cuideachd anns an àireamh chloinne eadar aois 5-15 aig an robh Gàidhlig eadar 1991 agus 2001.

3 Càite an cluinnear Gàidhlig an-diugh?

Answer

Cluinnear a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba. Tha beagan a bharrachd is leth dhen àireamh ann an Cunntas-sluaigh 2001 a’ fuireach ann an sgìrean na Gàidhealtachd (roinn Chomhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid agus sgìre Chomhairle nan Eilean Siar) agus beagan nas lugha na leth dhen àireamh (45%) deas air an sin.

Tha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar agus ann am paraiste Chille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach, ann an Roinn na Gàidhealtachd. Chan eil ach beagan dhen cheathramh cuid de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ còmhnaidh ann an sgìrean far a bheil iad anns a’ mhòr-chuid.

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig air an tarraing chun bhaile-mhòir, le mòran a’ fuireach an Glaschu no mun cuairt air, an Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Obair Dheathain. Mar eisimpleir tha 11,211 le Gàidhlig, sin 19% dhen àireamh gu h-iomlan, a’ fuireach mu Mòr-bhaile Ghlaschu a-rèir Cunntas-sluaigh 2001.

Lorgar cuideachd luchd-labhairt na Gàidhlig an dùthchannan cèin feadh an t-saoghail, a’ mhòr-chuid dhiùbh le ceangal eilthireach agus eachdraidheil ri Alba bho àm nam Fuadaichean.

Tha a’ Ghàidhlig fhathast beò ann an Ceap Breatainn ann an Canada le mòran a’ tachairt ann an saoghal foghlaim agus ealain na dùthcha sin. Tha àireamh cudromach dhaoine air ùidh a thogail ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an dùthchannan leithid na Gearmailt, An Spàinn, dùthchannan taobh an Ear na Roinn Eòrpa agus Ceann a Tuath Ameireaga. Tha sgoilearan an Iapan cuideachd air ùidh a nochdadh anns a’ chànan.

4 Càite an lorg mi fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig?

Answer

Tha grunn bhuidhnean cudromach ann an saoghal na Gàidhlig. Tha an Riaghaltas a’ foillseachadh fiosrachadh mun obair aca fhèin agus ceangail ri buidhnean eile. Tha leithid eile ga dhèanamh le ùghdarrasan ionadail.

’S e Bòrd na Gàidhlig [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] a’ phrìomh bhuidheann poblach le dleastanas airson leasachadh na Gàidhlig agus tha uallach air a’ Bhòrd gu sònraichte airson foghlam Gàidhlig a chur air adhart. Tha làrach-lìn a’ Bhùird a’ ceangal ri buidhnean eile.

’S e BBC ALBA an sianal ùr telebhisein agus còmhla ri BBC Radio nan Gàidheal tha iad a’ cumail fiosrachadh ris an t-sluagh mu phrògraman.

Tha Roinnean Gàidhlig no Ceiltis aig na h-Oilthighean ann an Glaschu, Obair Dheathain, agus Dùn Èideann agus ’s e Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, a tha na pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI), a’ phrìomh ionad Gàidhlig a tha a’ tairgse raon farsaing de chùrsaichean agus goireasan rannsachaidh.

5 Càite am faighear fiosrachadh mu ainmean-àite?

Answer

’S e Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) a’ cho-bhanntachd comhairleachaidh nàiseanta airson Ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba. Tha a’ bhuidheann seo ag aontachadh riochd ainmean-àite airson leithid soidhnichean rathaid, mapaichean agus fiosrachadh coitcheann. Tha an obair aca air a bhonntachadh air eòlas agus taic ghrunn bhuidhnean, fiosrachadh ionadail agus stòras eachdraidheil ach an tèid ainmean-àite aontachadh ann an dòigh cinnteach is rianail.

Tha AÀA a’ cleachdadh siostam litreachaidh agus stiùireadh Gnàthas Litreachaidh na Gàidhlig 2009 (GOC) airson cunbhalachd.

Tha AÀA cuideachd air a bhith ag obair an co-bhuinn ris an t-Suirbhidh Òrdanais (OS), ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile bho 2000, a’ frithealadh am feumalachdan airson mapaichean agus soidhnichean. Tha AÀA a’ stèidheachadh faclair ainmean-àiteachan nàiseanta mar a chaidh moladh anns a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta.

6 Bheil e doirbh Gàidhlig ionnsachadh?

Answer

Chan eil a’ cheist sin cho sìmplidh sin. Chan urrainnear aon chànan a chomharrachadh an coimeas ri cànan eile mar nas fhasa no nas duilghe, nas fheumaile no le nas lugha luach. Cha mhò a tha crìochan ann air an ùine a bu chòir a chomharrachadh airson cànan ionnsachadh no thoirt gu tomhas mhath fileantachd.

’S e an rud as cudromaiche ann a bhith ag ionnsachadh cànan sam bith a bhith dealasach, a’ cumail ri gach dùbhlan a nochdas agus foighidneach, reusanta ann a bhith ag amas air ceann-uidhe a ghabhas coileanadh.

Tha cothroman cleachdaidh air leth cudromach agus ma thèid aig neach a tha ag ionnsachadh a dhol am bogadh sa chànan no a dh’fhuireach ann an coimhearsnachd far a bheil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu làitheil, thig adhartas.

Tha e na chuideachadh a bhith ag èisteachd ri Gàidhlig air rèidio agus air telebhisean cho math ri bhith leughadh, gu h-àraidh ma tha e na amas a bhith a’ dol an sàs ann an litreachas.

Tha fiosrachadh a dh’fhaodadh a bhith feumail do luchd-ionnsachaidh cànain, air Omniglot.

Gheibhear sealladh air Gàidhlig ionnsachadh air Bilingualism Matters.

Tha a’ bhuidheann-taic do luchd-ionnsachaidh Clì Gàidhlig a’ frithealadh feumalachdan aig http://www.cli.org.uk.

Tha tuilleadh fiosrachaidh agus comhairle ri fhaotainn air mygaelic.com far a bheil ceangail ri lìonraidh sòisealta eile.

Tha làraich-lìn eile a tha feumail aig buidhnean leithid Bòrd na Gàidhlig agus seirbhisean Gàidhlig a’ BhBC.

Gheibhear fiosrachadh is taic air-loidhne no tro chùrsaichean bho ghrunn ionadan foghlaim.

A-thaobh stuthan taic, tha fiosrachadh aig Comhairle nan Leabhraichean, mu leabhraichean agus goireasan a tha feumail do luchd-ionnsachaidh.

7 Bheil Sgoiltean Gàidhlig air leth ann?

Answer

Tha dà bhun-sgoil Ghàidhlig ann a tha a’ biathadh àrd-sgoiltean - ann an Inbhir Nis agus Glaschu, far an deach a’ chiad sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Tha iarrtas son àiteachan anns na Sgoiltean Gàidhlig a’ sìor fhàs. Bha 311 ann an sgoil Ghlaschu ann an 2007 agus anns a’ bhliadhna 2010-11 bha an àireamh sin air tighinn gu 580.

Tha timcheall air 2,500 duine cloinne ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean gan teagasg tron Ghàidhlig (ris an canar Gaelic Medium Education, GME, no Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, FTG) agus tha 700 eile ann an cròileagain Gàidhlig.

Thòisich GME/FTG le 24 duine cloinne ann an 1985 agus còig bliadhna an dèidh sin, bha an àireamh aig 2,256. Bha 390 gam foghlam tron Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoile ann an 2009-2010. Anns na 58 cròileagan a tha air am frithealadh le ùghdarrasan ionadail chaidh 856 duine cloinne a chlàradh anns a’ bhliadhna sgoile 2009-2010.

Anns an t-siostam foghlaim àbhaisteach tha eadar 2,500 agus 3,000 ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chuspair anns an àrd-sgoil gach bliadhna. Tha mòran chloinne ann am bun-sgoiltean àbhaisteach ag ionnsachadh fo Sgeama na Gàidhlig anns a’ Bhun-sgoil.

Tha fàs ri fhaicinn cuideachd anns an àireamh de dh’oileanaich a tha leantainn na Gàidhlig gu Àrd-Ìre foghlaim no tha a’ togail air cùrsaichean Gàidhlig aig gach ìre a tha sin.

Bu chòir do phàrantan fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig iarraidh air ùghdarrasan ionadail no air Bòrd na Gàidhlig ma tha ceistean aca.

8 Bheil Gàidhlig na h-Èireann co-ionann ri Gàidhlig na h-Alba?

Answer

Tha Gàidhlig na h-Alba mar phàirt dhen teaghlach Ceilteach agus an dlùth-chàirdeas ri Cuimris, cànan na Còrn agus cànan na Breatainne Bige. Tha Gàidhlig nas dlùithe buileach ri Gaelige na h-Èirinn agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha na trì cànain Gàidhlig no Goidelic sin a’ tighinn bhon aon fhreumh agus an aon chànan.

Tha e furasta gu leòr do Ghàidheil an Alba agus an Èireann a bhith a’ còmhradh nan cànain fhèin anns an latha th’ ann. Tha co-ionannachd anns a’ bhriathrachas agus tha an dà chànan a’ dèiligeadh ri dùbhlain leasachadh cànain an ìre mhath anns an aon dòigh.

Tha buidhnean craolaidh mar eisimpleir air tighinn còmhla a lìbhrigeadh prògraman far a bheileas a’ cleachdadh luchd-lìbhrigidh bhon dà thaobh de Shruth na Maoile.

Air adhbharan eachdraidheil agus cho faisg agus a tha Eilean Ìle air Èirinn, ’s ann an sin a lorgar a’ Ghàidhlig Albannach as coltaiche ri cànan na h-Èirinn.

9 Dè an inbhe laghail a tha aig Gàidhlig?

Answer

Ghabh Pàrlamaid na h-Alba ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 mar dhòigh air inbhe agus tèarainteachd fhaighinn dhan chànan mar chainnt oifigeil ann an Alba leis an aon ìre spèis agus a th’ aig Beurla.

Stèidhich Achd 2005 Bòrd na Gàidhlig (a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig an Riaghaltas) mar mheadhan air leasachadh a chur air adhart.

Na phàirt dhen sin bha uallach ri chur air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig a dheisealachadh.

Chaidh seo a chur air adhart mar dhòigh air dèanamh cinnteach gu bheil an roinn phoblach ann an Alba a’ cur ri suidheachadh seasmhach a chruthachadh dhan Ghàidhlig le bhith ag àrdachadh inbhe a’ chànain agus a’ cruthachadh cothroman cleachdaidh practaigeach.

Chaidh am prionnsabal airson co-ionannachd spèis fhighe dhan Achd ann an 2005 le Pàrlamaid na h-Alba mar theachdaireachd làidir mu luach a’ chànain. Bha seo ag aithneachadh gu bheil luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ag iarraidh Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh cho àbhaisteach ’s a ghabhas agus gum bu chòir deagh rùn a nochdadh dhan Ghàidhlig air feadh na dùthcha. Bha beachd làidir ann nach bu chòir dhan chànan a bhith a’ fulang bho chion-spèis no di-meas aig ìre chorporra no le daoine fa-leth.

10 Dè th’ anns a’ Mhòd?

Answer

’S e am Mòd Rìoghail Nàiseanta a’ phrìomh fhèis Ghàidhlig ann an Alba agus tha e co-ionann ris an Eisteddfod anns a’ Chuimrigh. Tha am facal ‘mòd’ a’ ciallachadh ‘co-chruinneachadh’ no ‘tachartas’.

Tha am Mòd ga stiùireadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, tè de na buidhnean Gàidhlig as sine a tha stèidhichte air ballrachd. Stèidhichte anns an Òban ann an 1891, tha an Comunn air a bhith a’ seasamh còirichean na Gàidhlig bhon uairsin tro theagasg, ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a bharrachd air a bhith a’ brosnachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain ann an Gàidhlig.

Tro bhith a’ cumail a’ Mhòid a’ dol agus tro obair leasachaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, tha An Comunn Gàidhealach a’ sìor chumail taic ris a’ Ghàidhlig agus a’ leasachadh a’ chànain tro ghnothaichean cultarail, eachdraidh agus dualchas aig gach ìre, ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha am Mòd ann gach bliadhna (anns an Dàmhair) ann an diofar àiteachan air feadh Alba.

11 Càite am faigh mi fiosrachadh mu leabhraichean Gàidhlig?

Answer

Chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh ann an Glaschu airson daoine a mhisneachadh gu sgrùdadh, teagasg, eòlas agus luach a chur air sgrìobhadh Gàidhlig. Tha a’ Chomhairle cuideachd a’ toirt taic do thachartasan a dh’fhoillsicheas obair chruthachail ann an Gàidhlig.

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cuideachadh agus a’ comhairleachadh dhaoine air gnothaich sam bith co-cheangailte ri leabhraichean, foillseachadh agus goireasan ionnsachaidh. Tha e na amas aig a’ Chomhairle foillseachadh Gàidhlig ann an Alba a chur air bonn-stèidh a tha seasmhach, a’ cur ris an àireamh de leabhraichean de dh’iomadh seòrsa agus a’ treòrachadh luchd-ionnsachaidh agus gan stiùireadh gu fileantachd.

12 Càite am faigh mi fiosrachadh mu leabhraichean sgoile?

Answer

Tha a’ bhuidheann Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ co-òrdanachadh agus a’ sgaoileadh goireasan taice curaicealaim do sgoiltean a tha a’ teagasg Gàidhlig.

Tha an Stòrlann a’ deisealachadh goireasan teagaisg do chròileagain, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus buidhnean foghlaim fad-beatha.

Tha an Stòrlann a’ reic cuid dhen stuth aca agus tha taghadh de ghoireasan eadar-ghnìomhach do phàrantan rim faotainn an seo.

Gheibh teaghlaichean taic an sin le obair-dachaigh sgoile agus gnothaichean eile an co-cheangal ri foghlam Gàidhlig.

13 Càite an lorg mi Gàidhlig air an rèidio agus air an telebhisean?

Answer

Chaidh BBC ALBA a chur air adhart ann an 2008 mar shianal telebhisean na Gàidhlig. ’S e co-bhanntachd a th’ ann eadar am BBC agus MG Alba.

Tha BBC ALBA ri lorg mar a leanas:

  • Freeview sianal 8
  • Cabal sianal 188
  • Sky sianal 168
  • Freesat sianal 110
  • Beò air BBC iPlayer
  • Gheibhear cuideachd 10 uairean a thìde taghte gach seachdain air BBC PC iPlayer agus BBC iPlayer tro Virgin Media

Tha BBC Radio nan Gàidheal, an t-seirbheis nàiseanta rèidio a th’ air grunn dhuaisean a bhuinig, a’ craoladh air FM. Tha naidheachdan, ceòl, còmhradh agus spòrs air Radio nan Gàidheal.

Gheibhear Radio nan Gàidheal tro chruinn FM air feadh Alba (ach a-mhàin na Crìochan, Dùn Fris agus Gall-Ghàidhealaibh, Siorrachd Àir, Arcaibh is Sealtainn).

Gheibhear cuideachd Radio nan Gàidheal tro mheadhanan didsiteach telebhisein, DAB Rèidio agus air-loidhne. Faodar na prògraman rèidio a thogail beò no airson seachd latha an dèidh làimhe air BBC iPlayer.

Tha BBC Radio nan Gàidheal cuideachd a’ craoladh tro BhBC ALBA air sianal didsiteach an telebhisein nuair nach eil prògraman telebhisein gan craoladh.

Tha BBC Radio na Gàidheal ri lorg air FM: 103.5-105 MHz, DAB, Freeview: 720 (ann an Alba a-mhàin), Freesat: 713 (110), Sky: 0139 (168, Virgin Media: 934; RDS: BBC GAEL)

Tha prògraman Gàidhlig gan craoladh air cuid de stèiseanan rèidio coimhearsnachd leithid Moray Firth Radio, stèidhichte ann an Inbhir Nis agus Isles FM anns na h-Eileanan Siar, Oban FM ann an Earra-Ghàidheal, Cuillin FM anns an Eilean Sgitheanach agus Nevis Radio ann an sgìre Loch Abair.

14 An urrainnear Gàidhlig a ghabhail aig ìre Oilthigh is Colaiste?

Answer

Tha grunn chùrsaichean Gàidhlig rim faotainn aig Colaistean agus Oilthighean ann an Alba, agus cuid eile thall thairis, mar eisimpleir ann an Canada. Tha cuid de na cùrsaichean gan teagaisg tron Ghàidhlig gu h-iomlan – leithid an fheadhainn ann an Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus Colaiste Caisteil Leòdhais, a tha le chèile nam pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI).

Tha ceumannan ann an Ceiltis agus Gàidhlig air an tairgsinn ann an Oilthighean Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Obair Dheathain agus tha Gàidhlig na pàirt cudromach anns an obair.

Tha cùrsaichean trèanaidh luchd-teagaisg rim faighinn ann an Oilthigh Srath Chluaidh agus anns a’ Cholaiste Tuath ann an Obar Dheathain.

15 Càite bheil Colaiste Nàiseanta na Gàidhlig?

Answer

Bho 1973, nuair a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach, tha a’ cholaiste air inbhe a thogail gu h-eadar-nàiseanta mar Ionad Nàiseanta airson cultar agus cànan na Gàidhlig. Tha a’ cholaiste na ball sgoilearach de UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, a’ tairgse àrd-ìrean teagaisg agus cothroman rannsachaidh tron Ghàidhlig.

Tha Sabhal Mòr Ostaig ùr agus adhartach le fìor ghoireasan ionnsachaidh leithid leabhar-lann air leth, goireasan craolaidh agus clàraidh, àiteachan-fuirich do dh’oileanaich agus goireasan cùram chloinne tron Ghàidhlig.

Tha timcheall air 90 oileanach làn-ùine anns a’ Cholaiste anns a’ bhliadhna 2011-12, le 260 a’ frithealadh cùrsaichean aig astar, agus 800 eile air cùrsaichean goirid gach bliadhna.

Ann a bhith a’ co-obrachadh le buidhnean eile ann an Coimhearsnachd na Gàidhlig tha a’ Cholaiste air a neartachadh gu mòr. Tha i cuideachd na dachaigh do ghrunn phròiseactan cruthachail agus cultarail leithid Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig, Soillse, an t-ionad rannsachaidh ùr agus Cànan, a’ chompanaidh dealbhachaidh agus iomadh-meadhanach.

Bidh a’ Cholaiste cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith a’ brosnachadh ealain agus cultar na Gàidhlig le prògram de luchd-ealain a’ tadhal agus a’ fuireach aig a’ Cholaiste, a’ gabhail a-steach ceòl, litreachas, dràma agus dealbhachd.

16 A bheil bathar bog Gàidhlig ri fhaotainn airson coimpiutaran?

Answer

Chaidh grunn phrògraman a dhealbh airson an cleachdadh tron Ghàidhlig air coimpiutairean.

Mar eisimpleir, chruthaich Opera Software, a tha stèidhichte ann an Oslo, a’ chiad bhrabhsair Gàidhlig airson an eadar-lìon. Tha e saor agus an asgaidh agus ri fhaotainn ann an Gàidhlig na h-Alba agus Èireann, ann an Cuimris agus ann an cànan na Breatainne Bige.

Tha innleachd eadar-theangachaidh ann air a bheil Microsoft Captions Language Interface Pack (CLIP). Faodar CLIP a chleachdadh mar thaic cànain no mar dhòigh air eadar-theangachadh agus diofar dual-chainnt a shoilleireachadh.

Tha grunn phìosan bathair bog rim faotainn a tha cuideachail ann a bhith a’ teagasg gràmar agus stòr fhaclan, an dà chuid airson DOS agus Macs.

Faodar cuideachd Gàidhlig a chleachdadh air Google.

Ma tha sibh ag iarraidh dearbhairean, mar eiseimpleir, chaidh An Dearbhair a leasachadh an toiseach airson Microsoft Word 2003 agus gheibhear e an seo.

Tha siostam Gàidhlig ann airson Firefox.

Tha cruinneachadh de chòrr is 500 facal a bhios feumail nuair a thathas a’ cleachdadh an eadar-lìn ri fhaotainn bho aig Seotal.

17 Dè na faclairean Gàidhlig as fheumaile?

Answer

Tha deagh fhaclair air leth cudromach do neach-ionnsachaidh sam bith airson an sgilean a thoirt air adhart (agus gu dearbh do dh’fhileantaich). Tha eadar-theangachadh air an dà shlighe eadar an dà chànan gu math cuideachail. Gheibhear cobhair eadar-theangachaidh an-asgaidh tro ghrunn làraich-lìn.

Chaidh am faclair The Teach Yourself Essential Gaelic Dictionary, fhoillseachadh le ùrachadh ann an 2010, agus ’s e seo am faclair as goireasaiche.

Tha grunn eile ann a tha feumail air an cruthachadh le leithid Angus Watson, Gordon MacIllInnein agus Colin Mark agus tha fiosrachadh mun deidhinn ri fhaotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Tha grunn fhaclairean air-loidhne ann a-nis leithid Dwelly air-loidhne far a bheil an t-seann fhaclair aig Dwelly, a bha an ìre mhath na shlat-tomhais fad iomadh bliadhna ri fhaotainn.

The mòran briathrachais ann an Stòr-data Briathrachais Gàidhlig a chaidh a chruthachadh le Sabhal Mòr Ostaig.

Dh’fhoillsich an Riaghaltas Faclair na Pàrlamaid ann an 2001, le stòr fhaclan a tha feumail a thaobh obair ùghdarrasan ionadail agus raointean obrach an Riaghaltais fhèin.

Tha Faclair airson Riaghaltas Ionadail ri lorg aig http://www.cne-siar.gov.uk/ gaelic/ dictionary.asp.

Tha pròiseact ùr Faclair na Gàidhlig a-nis stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, na cho-obrachadh eadar Oilthighean Obair Dheathain, Dùn Èideann, Srath Chluaidh agus UHI. ’S e faclair eachdraidheil a tha seo, coltach ri na faclairean mòra a chaidh a chruthachadh airson na cànain Albais agus Beurla, Dictionary of the Older Scottish Tongue, Faclair Nàiseanta na h-Alba, (Scottish National Dictionary) agus Faclair Beurla Oxford.

Thèid am faclair ùr Gàidhlig fhoillseachadh ann an riochd eileagtronaigeach an toiseach. Bidh am faclair a’ mìneachadh eachdraidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal bhon chiad fhianais ann an làmh-sgrìobhainn fìor-thràth, a’ cur Gàidhlig ann an co-theacs le Gàidhlig na h-Èireann. Agus a’ cheart cho cudromach sin, seallaidh e an ceangal eadar an dà sheòrsa Gàidhlig.

18 Càite am faigh mi a-mach mu ainmean pearsanta Gàidhlig?

Answer

Tha cuid de dh’ainmean a bhuineas dhan dualchas nach gabh eadar-theangachadh gu dìreach dhan Bheurla: Oighrig, air a bheil sinn eòlach gu leòr mar Euphemia (Effie) no Henrietta (Etta) (roimhe sin mar Henny no fiù Harriet), no, Diorbhal, a th’air a cheangal ri Dorothy, gun adhbhar ach gu bheil an litreachadh cha mhòr co-ionann; Gormul, far nach eil càil idir co-ionann ann am Beurla agus e ga thionndadh an uair sin gu 'Gormelia' ar neo 'Dorothy'; Beathag, a th’ air a cheangal ri Becky (> Rebecca) agus fiù Betsy, no Sophie.

Tha cuid de dh’ainmean a’ nochdadh an Gàidhlig an dèidh tighinn bhon t-seann chànan Lochlannach, leithid, mar eisimpleir Somhairle a tha mar as trice air a thionndadh am Beurla gu Sorley (no, gu h-eachdraidheil, Somerled).

Tha sinn cho eòlach air cuid de dh’ainmean Gàidhlig gu bheileas gan cleachdadh gu math tric taobh a-muigh saoghal na Gàidhlig ann an riochdan Beurla, leithid: Ailean, Aonghas, Dòmhnall, Donnchadh, Coinneach, Murchadh (Alan, Angus, Donald, Duncan, Kenneth, Murdo). Iain (John), Alasdair (Alexander), Uilleam (William), Catrìona (Catherine), Raibert (Robert), Cairistìona (Christina), Anna (Ann), Màiri (Mary), Seumas (James), Pàdraig (Patrick) agus Tòmas (Thomas). Tha Hamish gu math cumanta agus nas ùire na sin tha Mhairi (le fuaim [vaːri]) agus tha iad sin a’ tighinn dìreach bhon Ghàidhlig airson Seumas, James, agus Màiri, Mary.

Tha an leabhar ‘Gaelic Personal Names‘ le Donncha O'Corrain agus Fidelma Maguire, a chaidh fhoillseachadh ann an 1981 gu math feumail airson toiseach-tòiseachaidh.

19 A bheil pàipearan-naidheachd Gàidhlig ann?

Answer

Chan eil pàipearan-naidheachd fa leth ann an Gàidhlig ach tha colbhan, naidheachdan agus artaigilean ann an Gàidhlig an grunn dhiubh, mar eisimpleir Courier Inbhir Nis, am Press & Journal, Tìm an Òbain, Gazette Steòrnabhaigh agus Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, a West Highland Free Press.

’S e An t-Albannach (The Scotsman) an aon phàipear-naidheachd nàiseanta anns a bheil sgrìobhadh Gàidhlig gu cunbhalach.

Tha tomhais de sgrìobhadh Gàidhlig ri lorg ann am pàipearan-naidheachd coimhearsnachd air taobh siar na dùthcha agus tha tomhais dhen stuth sin a-nise a’ nochdadh air làraich-lìn.

20 A bheil aibidil eadar-dhealaichte aig Gàidhlig bho Bheurla?

Answer

Tha 18 litir anns an aibidil Ghàidhlig agus a rèir an dualchais bha ceangal aig gach litir ri ainm craoibhe no lus. Seo an fheadhainn nach eileas a’ cleachdadh ann an Gàidhlig: j, k, q, v, w, x, y, z.

Gheibhear comhairle bho stiùir Ùghdarras Theisteanas na h-Alba air mar is còir dèiligeadh ri faclan anns a bheil na litrichean sin a’ nochdadh.

21 A bheil Gàidhlig agus Albais coltach air dhòigh sam bith?

Answer

Cha bu chòir togail gu bheil Albais (Scots) co-ionnan ri Beurla Albannach no Gàidhlig an Alba. Tha Albais ri chluinntinn ann an Alba, Èireann a Tuath agus anns a’ Phoblachd. Nochd rannsachadh a rinneadh le Riaghaltas na h-Alba gu robh 85% de na fhreagair an ceisteachan (mar shàmhla de dh’inbhich na h-Alba) dhen bharail gu robh iad a’ bruidhinn Albais gu ìre air choireigin.

Tha Albais, a th’ air a mheas mar ‘chànan traidiseanta’ le Riaghaltas na h-Alba, air a chomharrachadh mar ‘chànan roinneil no mion-chànan’ fo Chairt Eòrpach nam Mion-chànan ris an do chuir Riaghaltas an RA làmh ann an 2001. Air uair, bidh daoine a’ gabhail ‘Albannais nan Crìochan’ (Lowland Scots) air a’ chànan airson a chumail air leth bho Ghàidhlig na h-Alba.

Seach nach eil fìor aonta ann air tomhaisean a tha a’ soilleireachadh an diofar eadar cànan agus dual-chainnt, bidh sgoilearan gu math tric a’ deasbad mun inbhe eachdraidheil, cànanach agus sòisealta aig Albais. Le sin, thathas gu math tric a’ dèanamh dheth gur e tè de na seann seòrsaichean Beurla a th’ ann le dual-chainnt àraid dhith fhèin.

Air uair eile, thèid a mheas gu bheil Albais na cànan Gearmailteach, anns an aon dòigh is a bheil a’ chànan Lochlannach faisg air, ach eadar-dhealaichte bhon chànan Danmhairgeach.

Chaidh ceist mu Albais a chur anns a’ Chunntas-sluaigh ann an Alba airson a’ chiad uair ann an 2011.

22 Bheil Gàidhlig ga bruidhinn an Alba a-mhàin?

Answer

Tha Gàidhlig air a bhith an Ceap Breatainn agus Alba Nuadh airson còrr is 200 bliadhna gun bhriseadh agus sin a-nis an ìre mhath na h-aon àiteachan far an cluinnear Gàidhlig gu h-àbhaisteach taobh a-muigh Alba.

Tha beagan Gàidhlig ri chluinntinn air Eilean a’ Phrionnsa (PEI), Bronsuig Nuadh, ann an Cunndaidh Ghlinn Garaidh ann an Ontario agus am measg eilthirich a tha a’ fuireach ann am prìomh-bhailtean Chanada leithid Toronto.

Rinneadh Rannsachadh Buaidh Eaconamach le Riaghaltas Alba Nuadh ann an 2002 a bha a’ tomhas gu robh Gàidhlig a’ toirt a-steach $23.5 millean gach bliadhna, le faisg air 380,000 neach a’ frithealadh mu 2,070 tachartas Gàidhlig gach bliadhna.

An dèidh an rannsachaidh seo thàinig aithisg agus ro-innleachd, The Gaelic Preservation Strategy, a ghabh eala ris a’ mhiann a bha anns a’ choimhearsnachd an cànan a ghleidheadh agus aonta a shireadh air dòighean leasachaidh iomchaidh.

Chaidh Oifis Iomairtean na Gàidhlig (Office of Gaelic Affairs), a stèidheachadh mar mheur dhen Riaghaltas roinneil anns an Dùbhlachd 2006, leis an uallach a bhith a’ misneachadh agus a’ co-obrachadh leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha cùrsaichean Gàidhlig rim faotainn ann an còrr is dusan ionad foghlaim (leithid cùrsa air eachdraidh Chanada aig Ionad Tuath Nova, Alba Nuadh) a bharrachd air prògraman adhartach aig Oilthighean Cheap Breatainn, Naomh Francis Xavier, agus Acadamaidh Gàidhlig an Atlantaig.

Tha a’ cholaiste Ghàidhlig airson Ealain agus Ciùird Ceilteach ann an St. Ann's a’ tairgse clasaichean samhraidh.

23 A bheil soidhnichean rathaid ann an Gàidhlig sàbhailte?

Answer

Ann an grunn dhùthchannan leithid na Beilge, Fionnlan, Èirinn agus an Eilbheis thathas a’ gabhail ri soidhnichean rathaid gu h-àbhaisteach agus chan eil ceist mhòr sam bith ga thogail mun dèidhinn.

Ann an dùthchannan eile far nach eil iomadh-chànan àbhaisteach, tha a’ cheist gu math connspaideach aig amannan. Tha an deasbad mar as trice co-cheangailte ri sàbhailteachd agus cosgais.

Chan eil dearbhadh sam bith ann a tha ag ràdh gu bheil soidhnichean le iomadh cànan cunnartach. Tha soidhnichean Gàidhlig gam meas gu math cudromach ann a bhith a’ togail aire gu inbhe na Gàidhlig agus ga h-àbhaisteachadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus coimeas eadar soidhnichean rathaid iomadh-chànanach agus cuid de na ceistean a tha gan deasbad ann an Nirribhidh, Alba agus an Eadailt, cliog an seo.

24 Bheil leithid de rud ann is Gàidhlig ‘choitcheann’?

Answer

Tha beairteas is modhan cainnt làidir is luachmhor anns a’ Ghàidhlig.

Cleas a h-uile cànan eile a tha beò agus ag atharrachadh (Beurla nam measg) tha Gàidhlig air raon farsaing de dh’fhaclan a ghabhail a-staigh thar nam bliadhnaichean. Tha iad air tighinn bho leithid Laideann, Greugais, Lochlannais, Beurla agus Fraingis mar a tha a’ chànan air a bhith ga h-ùrachadh.

Air an làimh eile, tha e cuideachd fìor gun deach tomhas mhath de dh’fhaclan Gàidhlig à Alba agus Èireann a thogail le cànain eile, leithid Beurla.

Mar eisimpleir: tha Gàidhlig galore, no gu leòr a’ nochdadh nar cainnt làitheil. ‘Do you twig’, no an tuig thu? ‘S dòcha gum bu mhiann leat uisge-beatha (ann an iomadh riochd)? Agus an dèidh drama no dhà a dhol gu cèilidh.

25 Bheil teisteanasan Gàidhlig ann a bhiodh feumail son cosnadh?

Answer

Tha barrachd is barrachd chompanaidhean a-nis a’ lorg dhaoine le Gàidhlig. Tha grunn raointean obrach ann far a bheil e feumail ma tha comas air choireigin aig tagraiche ann an Gàidhlig agus far a bheil sin buannachdail.

Tha Gàidhlig air a mheas gu math cudromach ann an raointean leithid turasachd, teagasg, craoladh agus obraichean eile co-cheangailte riutha sin. A bharrachd air a bhith na cànan inntinneach aig cridhe cultair agus dualchas na h-Alba, tha Gàidhlig fhathast na pàirt de bheatha dhaoine anns an latha an-diugh.

Tha an neach a dh’ionnsaicheas Gàidhlig a’ faighinn tuigse air eachdraidh, òrain agus litreachas na lùib, a bharrachd air buannachd cosnaidh. Tha ceudan chosnaidhean ann far a bheil Gàidhlig cudromach, agus mar a tha coimhearsnachd na Gàidhlig a’ fàs, thig cothroman eile an lùib na Gàidhlig a rèir sin.

Tha na h-oilthighean a-nis a’ tairgse raon de chùrsaichean aig ìre ceum le Gàidhlig agus/no Cànain Ceilteach, gu math tric le taghadh de chuspairean eile. ’S e cuid de na h-ionadan a tha a’ teagasg Gàidhlig Oilthighean Ghlaschu, Obar Dheathain, Dùn Èideann, Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh, Colaiste Telford ann an Dùn Èideann, agus Colaiste Stow ann an Glaschu.

Tha Ùghdarras Teisteanas na h-Alba (SQA) a’ cur air adhart cùrsaichean fa-leth do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh, agus ’s e ‘Gàidhlig’ a’ th’ air an fheadhainn do dh’fhileantaich. Tha na cùrsaichean airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Gàidhlig a’ toirt a chothrom do dhaoine sgilean litreachais agus cainnt a leasachadh. Tha na cùrsaichean sin cuideachd a’ toirt sealladh is eòlas air cultar, dòigh-smaoineachaidh agus àrainneachd coimhearsnachdan nan Gàidheal.

26 An e tè de chànain cànan nàiseanta na h-Alba a th’ anns a’ Ghàidhlig?

Answer

Tha làn chòir aig Gàidhlig air leithid de dh’inbhe anns an t-seadh gu robhas ga bruidhinn air feadh a’ mhòr-chuid dhen dùthaich rè ùine. Chan eil sin ag ràdh gur h-i Gàidhlig a-mhàin a’ chànan nàiseanta.

Tha Gàidhlig aig teis-mheadhan saoghal cultarail na h-Alba. ’S i Gàidhlig a bh’ aig seann rìghrean na h-Alba agus bha i aig MacBheatha agus Raibeart Brus; agus tha mòran ainmean-àite air feadh na dùthcha an-diugh nan dearbhadh air mar a sgap na Gàidheil tro Alba.

Tha glè bheag de dh’àiteachan far nach eil co-dhiù beagan de chomharradh gun deach an ainmeachadh le Gàidheil, bho Balerno (baile àirneach ‘hawthorn farm’) ann am Meadhan Lodainn gu Baile Mhàrtainn ann an Uibhist a Tuath, bho Craigentinny (creag an t-sionnaich ‘fox craig’) ann an Dùn Èideann gu Aultivullin (allt a’ mhuilinn ‘mill burn’) ann am fìor cheann a tuath Ghallaibh; bho Drummore (druim mòr ‘big ridge’) ann an Gall-Ghàidhealaibh gu Cairnbulg (càrn builg ‘gap cairn’) faisg air a’ Bhruaich.

Ann an tòrr àiteachan far nach eilear a’ cleachdadh na Gàidhlig gu h-àbhaisteach, leithid Gall-Ghàidhealaibh, Fìobha no Siorrachd Obar Dheathain, tha an àrainneachd air a chomharrachadh le ainmean Gàidhlig gu ìre mhòir.

Anns na 12mh agus 13mh linn, nuair a bha Gàidhlig aig a h-àirde air feadh Alba, bha luchd-labhairt na Gàidhlig rin lorg anns a h-uile àite. Tha rannsachadh a’ dearbhadh gur ann anns an 12mh linn a chaidh na h-ainmean àite as cumanta leithid baile ‘farm, settlement’, agus achadh ‘field’, a chleachdadh an toiseach.

27 Dè na tha Riaghaltas na h-Alba a’ cosg air Gàidhlig?

Answer

Ann an 2011-12, bidh an Riaghaltas an Alba a’ cosg mu £23 millean air Gàidhlig. Tha seo mar gum biodh mu 0.07% den £29 billean ionmhais a th’ aig Riaghaltas na h-Alba gu h-iomlan.

A-mach às an £23 millean, tha £5.1m mu choinneamh Bòrd na Gàidhlig; tha £4.6 millean air a chomharrachadh airson Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte a tha air a roinn am measg nan 21 Ùghdarras Ionadail feadh Alba; tha MG ALBA a’ faighinn taic de £11.8 millean airson an t-sianail telebhisein agus gnothaichean eile an-lùib sin. Tha £1.1 millean ann an Stòras Calpa nan Sgoiltean airson cuideachadh le obair leithid togalaichean a bhiodh ùghdarrasan ionadail airson a thogail no a leasachadh.

28 Nach bu chòir do chloinn a bhith ag ionnsachadh cànain eile leithid cànan Sìonach, no cànan ùr Eòrpach?

Answer

Tha iomadh cànan ri chluinntinn ann an Alba an-diugh, ’s dòcha suas gu 106 a-rèir aithris. Tha iomadh cothrom an lùib sin do shluagh dùthaich le timcheall air 5 millean duine a thaobh iomadachd cultair, cothroman eaconamach agus leasachaidhean foghlaim. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e maoin luachmhor a th’ anns a’ Ghàidhlig dhan dùthaich.

Tha e cumanta gu leòr air feadh an t-saoghail gum biodh barrachd air dà chànan aig clann bho àm breith, ach anns a’ mhòr-chuid dhen Roinn Eòrpa, ’s e gnothach caran ùr a tha seo.

Air sgàth sin, tha amharas ann gu bheil clann a tha a’ fàs suas le barrachd air aon chànan ann an suidheachadh ‘sònraichte’ no fiùs ‘cunnartach’ a-thaobh an leasachaidh agus tha dà-chànanas fhathast air a chuairteachadh le mì-thuigse agus beachdan àicheil. ’S e cion-fiosrachaidh a th’ air cùl mòran dhen seo.

’S e cnag na cùise nach eil mothachadh gu leòr aig daoine air na buannachdan a tha an lùib dà-chànanas agus ’s e fìrinn na cùise gu bheil a bhith ag ionnsachadh chànan, agus chan eil e gu diofar cia mheud, gu math feumail agus tha iomadh buannachd na lùib do luchd-ionnsachaidh.

29 Dè na buannachdan a tha an lùib dà-chànanas?

Answer

Tha rannsachadh air dearbhadh gu bheil dà-chànanas a’ cuideachadh chloinne gan leasachadh agus gan toirt air adhart. Tha clann a tha air a bhith le barrachd air aon chànan nas dualtaich a bhith mothachail air diofar chultaran, air daoine eile agus am beachdan fa-leth.

Tha iad cuideachd buailteach a bhith nas fheàrr air iomadh-gnìomh, agus a bhith a’ cumail aire air cùisean.

Gu math tric tha iad adhartach ann an sgilean leughaidh agus tha e gu math nas fhasa dhaibh cànain eile a thogail. Tha dà chànan a’ tairgse mòran a bharrachd air dà chànan do chloinn.

Ann an 2011 bha Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaighinn ann an 14 sgìre Ùghdarrais Ionadail an Alba agus tha e air a dhearbhadh mar aon de na dòighean as fheàrr air tighinn gu fileantachd. Tha air soirbheachadh le Foghlam tron Ghàidhlig ann a bhith a’ togail aire agus ùidh dhaoine.

Dhearbh rannsachadh ùr bho Oilthigh Dhùn Èideann gu bheil clann air an oideachadh tron Ghàidhlig cho math no nas fheàrr na clann le aon chànan ann an iomadach dòigh. Tha clann a tha dol tro fhoghlam Gàidhlig a’ buannachadh ann an dòighean ionnsachaidh.

Tha cothrom aca air litreachas eile agus dòighean eile air a bhith a’ smaoineachadh agus gan giùlain fhèin. Tha tuigse nas fheàrr aig clann le Gàidhlig air an àite ann am fèin-aithne chultair na h-Alba. Tha iomadh cothrom cosnaidh a bharrachd aig clann a tha dà-chànanach. Tha clann a fhuair barrachd air aon chànan nan òige nas buailtiche a bhith nas fheàrr air an aire a chumail air iomadh-gnìomhan. Tha iad nas fheàrr air leughadh agus tha e nas fhasa dhaibh cànain eile a thogail.

30 Càite am faigh mi fiosrachadh mu òrain Ghàidhlig?

Answer

Chaidh làrach-lìn Tobar an Dualchais (Kist o Riches) fhoillseachadh an toiseach ann an 2010. Tha na mìltean de dh’òrain clàraichte an seo bho ann an Gàidhlig, am Beurla agus ann an Albais. Tha sgeulachdan ann, òrain, beul-aithris, bàrdachd agus iomadh seòrsa fiosrachaidh eile. Chaidh an stuth a chruinneachadh air feadh Alba bho na 1930an.

Chaidh na th’ air a chlàradh a thional bho Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus Cruinneachadh a’ Chaimbeulaich a tha le Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Canaigh.

’S e 2010 Bliadhna nan Òran air BBC Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA agus tron bhliadhna chaidh sreath de phrògraman sònraichte a chraoladh, nam measg Òran an Là, far an deach aon òran a chomharrachadh mu choinneimh gach latha anns a’ bhliadhna le fiosrachadh mionaideach mun deidhinn.

Tha an làrach-lìn Bliadhna nan Oran again mar dhìleab bhon phròiseact sin agus tha cothrom an sin sùil a thoirt air an fhiosrachadh a tha an-lùib nan òran ann an dòigh sìmplidh agus furasta a làimhseachadh. Tha an làrach air a roinn ann an earannan leithid Òrain, Sgrìobhaichean, Cuspairean, A-Z agus Mòd.

Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has over 40 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to university level study, find out more about the types of qualifications we offer, including our entry level Access courses and Certificates.

Not ready for University study then browse over 900 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus