Skip to main content

Cànan nan Gàidheal

Completion requirements
View all sections of the document
Printable page generated Thursday, 28 March 2024, 5:43 PM
Use 'Print preview' to check the number of pages and printer settings.
Print functionality varies between browsers.
Unless otherwise stated, copyright © 2024 The Open University, all rights reserved.
Printable page generated Thursday, 28 March 2024, 5:43 PM

Cànan nan Gàidheal

Ro-ràdh

’S e dùthaich ioma-chànanach a tha ann an Alba an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig, Albais agus Beurla, còmhla ri cànain Eòrpach agus eile a tha nise san dùthaich, uile a’ toirt buaidh air mar a tha sluagh Alba a’ bruidhinn ri chèile agus ris a’ chòrr dhen t-saoghal.

Chaidh an t-aonad seo - a tha ri fhaotainn an Gàidhlig agus am Beurla - a chruthachadh le misneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus le taic bhon a’ BhBC. Tha e na ghoireas do dhuine sam bith aig a bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta ann a bhith a’ cur ris an eòlas agus an tuigse a tha aca air eachdraidh agus buaidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal air Alba.

Is mathaid gum bi pàirt dheth na iongnadh, pàirt na dhùbhlan. Tha beachdan agus ceangalan ann a threòraicheas neach gu tuilleadh fiosrachaidh. Do chuid, ’s dòcha gum bi seo na thoiseach tòiseachaidh air cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba ionnsachadh.

Tha seachd earrainnean san aonad, agus faodar dèiligeadh riutha mar a tha iad a’ tighinn no an òrdugh sam bith. Tha an t-aonad seo cuideachd ri fhaotainn air àrainn OpenLearn Works, far am faod sibh a luchdachadh a-nuas, ur dreach fhèin a chur air na stuthan agus an cleachdadh airson teagasg no a chum leasachadh a thoirt air eòlas luchd-obrach.

Clàr-innse

  1. A’ Ghàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba
    • Seo far an ionnsaich thu mun àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba. Mar eisimpleir, le rannsachadh a dhèanamh air ainmean-àite dh’ionnsaichidh tu mun bhuaidh a tha aig a’ Ghàidhlig thairis air Alba cha mhòr air fad.
  2. Bun-tùsan Ceilteach agus sgaoileadh eadar-nàiseanta
    • Bheir an earrainn seo dhut tuigse air bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Cluinnidh tu agus chì thu mar a thug eilthirich a’ Ghàidhlig gu ruige Ameireaga a Tuath agus mar a tha daoine air feadh an t-saoghail a-nise ag ionnsachadh Gàidhlig.
  3. A’ Ghàidhlig san latha an-diugh
    • Bheir an earrainn seo dhut dealbh air cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh. Cuidichidh e thu gus tuigse fhaighinn air na h-adhbharan a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt.
  4. A’ Ghàidhlig – feallsanachd
    • Tha an earrainn seo ag iarraidh ort beachdachadh air an luach a tha aig dà-chànanas agus ioma-cànanas do dhaoine fa leth agus don chomann-sòisealta. Tha Sealan Nuadh na dheagh eisimpleir air mar a tha dùthchannan eile a’ strì gus dìon a chur air am mion-chànain agus gu bhith subhach mu na tha iad a’ cur ri beatha na dùthcha.
  5. Mar a tha a’ Ghàidhlig ag obair
    • Cluinn mar a tha a’ Ghàidhlig air a fuaimneachadh agus faigh blasad air litreachadh agus grammar.
  6. Cultar nan Gàidheal: maoin nàiseanta
    • Dealbhan, dealbhan beò agus mòran cheangalan gus do chuideachadh a’ tuigsinn mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan.
  7. Ceistean Cumanta
    • Liosta de cheistean cumanta mun Ghàidhlig a bhios feumail do dhaoine a dh’fheumas freagairtean ann an cabhaig mu fìrinn agus figearan a thaobh na Gàidhlig.

Find out more about studying with The Open University by visiting our online prospectus

Learning outcomes

Ma chuireas tu crìoch air an aonad seo bu chòir gum biodh tu fiosrachail agus eòlach a thaobh:

  • an t-àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba

  • bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn agus sgapadh nan Gàidheal

  • cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh, mar a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt

  • mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan

  • ceistean cumanta mun Ghàidhlig.

1 A’ Ghàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba

1.1 Ro-ràdh

Tha iomadh cànan air a bruidhinn ann an Alba agus bha riamh. Anns an dòigh sin, tha i coltach ris a’ chuid as motha de dhùthchannan air feadh an t-saoghail. Ann am beachd mhòran, buinidh a’ Ghàidhlig don Ghàidhealtachd agus na h-eileanan air an taobh an iar, ach chan eil an sgaradh eadar Gàidhealtachd is Galltachd a’ riochdachadh gu coileanta eachdraidh fhada ioma-fhillte na dùthcha.

Gu dearbh, de na cànanan Albannach a chaidh a chlàradh, ’s e a’ Bheurla Shasannach a-mhàin a sgaoil na b’ fharsainge na a’ Ghàidhlig ann an Alba. ’S iad na h-aon roinnean riaghlaidh anns an latha an-diugh aig nach eil dualchas Gàidhlig an ìre mhath mòr Na h-Eileanan mu Thuath – Arcaibh is Sealtainn. Bha na h-eileanan sin taobh a-muigh Alba (agus ‘A’ Ghàidhealtachd’ a dh’èirich innte) nuair a bha na Gàidheil a’ smachdachadh na rìoghachd, agus tha muinntir Arcaibh is Shealtainn dìleas don dualchas Lochlannach aca. Anns an aonad seo, bheir sinn sùil air a’ cheangal eadar a’ Ghàidhlig agus Alba, an dà chuid a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd.

1.2 Eachdraidh

Tràth sa chiad mhìle bliadhna AC, ’s iad cànanan Ceilteach a bu mhotha a bh’ air am bruidhinn ann am Breatainn is Èirinn. Ann am Breatainn, bha luchd-labhairt cànan P-Ceilteach anns a’ mhòr-chuid; dh’èirich Cuimris, Còrnais is Breatannais às a’ chànan sin. Ann an Èirinn, bha teanga Q-Ceilteach aig a’ mhòr-chuid – an cànan màthaireil aig Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann is Gàidhlig Eilean Mhanainn. Thathar a’ smaoineachadh gun tug imrichean à Èirinn Q-Ceiltis gu pàirtean dhen Chuimrigh, a’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus taobh an iar na h-Alba, ach ’s ann an Alba is Eilean Mhanainn a-mhàin a mhair i beò anns an ùine fhada.

Chan eil a h-uile eòlaiche-eachdraidh a’ gabhail ris a’ bheachd gun do dh’èirich Gàidheil na h-Alba à in-imrich de dh’ Èireannaich gu ruige Alba tràth sa chiad mhìle bliadhna AC. Tha gu leòr dhen fhianais airson sin a’ tighinn bho sheann làmh-sgrìobhainnean leithid Senchus Fer nAlba (Seanchas Fir Alba) agus Eachdraidhean Thigearnaich, ach chaidh na lethbhreacan a th’ againn de na sgrìobhaidhean sin a dhèanamh ceudan bhliadhnaichean às dèidh nan tachartasan air a bheil iad ag aithris agus chan urrainn a bhith cinnteach nach deach an atharrachadh air sgàth adhbharan poilitigeach. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh nach urrainn a bhith cinnteach nach eil na sgeulachdan mu thùs Èireannach aig Gàidhlig na h-Alba a’ cur am falach eachdraidh nas fhaide a tha a’ toirt nan Gàidheal nas fhaide air ais na sin ann an Alba, ’s dòcha gu Linn an Iarainn (timcheall 700 RC gu 500 AC).

Anns na làithean ro chruthachadh einnseanan stèidhichte air connadh, ’s ann aig muir, seach air tìr, a bhiodh daoine a’ siubhal agus a’ gluasad am bathair. Leis cho faisg ’s a tha cladaichean ceann an ear-thuath na h-Èireann agus taobh an iar na h-Alba, bha e nàdarrach gum biodh daoine anns gach dùthaich ann an dlùth-chonaltradh le chèile. Timcheall 500 AC bha rìoghachd bheag Dhàil Riata air a dhol an leud à Ulaidh, gus cuibhreann mhòr de thaobh an iar na h-Alba a chòmhdachadh.

Bha luchd-sgrìobhaidh Laidinn a’ gabhail Scotti air an fheadhainn a bha a’ fuireach anns an dùthaich sin; ’s e Gàidhlig a bh’ aca mar chànan. Ann an Alba bha am fearann aca aig a’ cheann thall a’ dol bho Mhaol Chinn Tìre anns a’ cheann a deas gu ruige Loch Bhraoin anns a’ cheann a tuath. ’S e Airer Goídel (oirthir Ghàidheal) an t-ainm a bh’ air – Earra-Ghàidheal anns an latha an-diugh.

Figear 1 Bha an làrach-coise anns a’ chreig aig mullach Dùn Ad ann an Earra-Ghàidheal air a chleachdadh nuair a bhathas a’ coisrigeadh rìghrean Gàidhealach Dhàil Riata. Fad bhliadhnaichean bhathas an dùil gur e cànan nan Cruithneach a bha anns an t-snaigheadh Ogham a bha faisg air làimh ach ’s e Gàidhlig a tha ann.

Thachair na Gàidheil ri slòigh eile mar a thug iad buaidh air ceàrnaidhean eile de dh’Alba. Anns a’ cheann a tuath, ’s iad na Cruithnich aig an robh cumhachd; thathar a’ smaoineachadh gur e cànan P-Ceilteach a bh’ aig a’ mhòr-chuid acasan. Thairis air a’ cheann a deas, bha na Cuimrich no Breatannaich, aig an robh cànan P-Cèilteach cuideachd, agus anns an earra-dheas bha na h-Anglianaich, feadhainn aig an robh teanga Gearmailteach a bha na sinnsear do dh’Albais agus don Bheurla Shasannaich. Airson timcheall air 600 bliadhna, chaidh a’ Ghàidhlig am meud agus an leud, a’ gabhail thairis bho chànanan eile, ach a-mhàin anns an fhìor cheann a tuath agus san iar-thuath, far an robh Seann Lochlannais ga lagachadh bhon 9mh linn a-mach.

Bha eaglais Chaluim Chille (521-97) cudromach ann an leudachadh na Gàidhlig. À manachainn Eilean Ì, a chaidh a stèidheachadh le Calum Cille ann an 563, chaidh manachainnean beaga a chur air dòigh ann am mòran àiteachan. Thug miseanaraidhean Gàidhealach is Cruithneach an soisgeul thairis air an dùthaich, agus tha e coltach gun robhar a’ cleachdadh na Gàidhlig (a bharrachd air Laideann) barrachd is barrachd.

Mar eisimpleir, tha na notaichean ann an Leabhar Dheir, a rinneadh ann am manachainn Dheir ann an tìr ìosal Siorrachd Obar Dheathain anns an 12mh linn, agus a tha a’ cumail a-mach gun deach a’ mhanachainn a chur air chois gu dìreach à Eilean Ì, air an sgrìobhadh ann an Gàidhlig.

Figear 2 Eisimpleir de na notaichean sgrìobhte an Gàidhlig san 12mh linn air oir duilleig ann an Leabhar Dheir. Cliog an seo airson faicinn càite a bheil Deir an Siorrachd Obar Dheathain

Ged a chanadh cuid gu bheil e iomallach an-diugh bha Eilean Ì ri linn Chaluim Cille aig teis mheadhan slighe mara a bha ceangal choimhearsnachdan fad oirthir an iar Alba agus ceann a tuath Èirinn. Àite a bh’ ann aig an robh buaidh mhaireannach agus aig an robh làmh chudromach ann a bhith tionndadh nan Cruithneach agus an sluagh a bha ann an Northumbria chun a’ chreideimh Chrìosdail.

Ann an Gàidhlig ’s e Eilean Ì no Ì Chaluim Cille a bha air, a’ toirt dhuinn Icolmkill, an t-ainm Beurla a bha air fad linntean. Tha an t-ainm nuadh Iona a’ tighinn bho dhroch làmh-sgrìobhaidh dhen Laideann Ioua (Insula).

Tha an dealbh bhidio gu h-ìosal a’ sealltainn cho cudromach agus a bha na h-Eileanan Siar air an t-slighe mhara seo.

Download this video clip.Video player: Na h-Eileanan Siar
Le cead BBC
Na h-Eileanan Siar
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Thathas dhen bheachd gun deach an leabhar a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, Leabhar Cheanannais (an-diugh ann an Colaiste na Trianaid am Baile Ath Cliath ), a thòiseachadh agus ’s dòcha fiù ’s a chrìochnachadh ann an Eilean Ì tron ochdamh linn mus deach a thoirt a dh’Èirinn airson a chumail tèarainte nuair a bha na Lochlannaich a’ toirt ionnsaighean air na h-Eileanan Siar anmoch san ochdamh linn.

Dsmdgold/Wikipedia
Figear 3 Duilleag à Leabhar Cheanannais

Chan eil fianais làidir ann gun do smachdaich na Gàidheil na Cruithnich le armachd no gun deach na Cruithnich fhuadachadh. Timcheall 841 ghabh Coinneach mac Ailpein thairis crùn Dhàil Riata agus, dà bhliadhna às dèidh sin, dh’aonaich e na Cruithnich agus Gàidheil fo a cheannas-san. Mar chànan an riaghaltais, agus mòr-inbhe aice, ghabh a’ Ghàidhlig smachd gu nàiseanta, agus dh’fhalbh Cruithnis à fianais. ’S e Alba a bh’ air an rìoghachd mar ainm (mar a tha a-nise); bha an t-ainm air a bhith a’ riochdachadh Breatainn air fad anns an linn ro na h-Anglo-Sasannaich.

Thathar a’ lorg Scotland air a chleachdadh le muinntir na Beurla airson a’ chiad turais anns an 11mh linn; thathar dhen bheachd gun robh a’ Ghàidhlig air a bruidhinn le mòr-chuid dhen t-sluagh mun àm sin agus gum b’ i an teanga a bu chliùitiche san rìoghachd.

’S ann ann an dòigh-sgrìobhadh air cloich ris an canar Ogham a tha an sgrìobhadh as sine ann an Gàidhlig. Anns an 6mh linn AC, ge-tà, bha manaich ann an seòmraichean-sgrìobhaidh mhanachainnean a’ tòiseachadh air aibidil cànan na h-Eaglais – Laideann – a chleachdadh airson an cànan fhèin a chur ann an clò. Tha an aon aibidil (gu ìre mhòr) air a bhith aig a’ Bheurla agus Gàidhlig airson ùine mhòr mhòr ach b’ fheudar na litrichean Laidinn a chleachdadh airson fuaimean a riochdachadh nach robh buileach co-ionann anns gach cànan.

Bidh leughadairean aig nach eil ach a’ Bheurla Shasannach ag ionnsachadh gu luath nach eil na ‘riaghailtean’ a tha a’ dèanamh ceangal eadar litrichean is buidhnean litrichean (agus a tha gu math neo-riaghailteach ann am Beurla) ag obair anns an aon dòigh ann an Gàidhlig. Tha riaghailtean eadar-dhealaichte aig gach cànan. Mar eisimpleir, tha ‘b’ ann am meadhan facail nas coltaiche ri ‘p’ ann am Beurla. Agus tha rud sònraichte ann an Gàidhlig, nach eil ri lorg gu mòr ann am Beurla – an fhuaimreag thaiceil no Svarabhakti (tha an teirm a’ tighinn bho Shansgrait). Is e seo fuaimreag nach eil sgrìobhte ach a tha a’ dèanamh ath-aithris (gu ìre mhòr) air an fhuaimreig a bh’ ann roimhpe. Tha am facal ‘Alba’ fhèin na dheagh eisimpleir.

Ghabh a’ Ghàidhlig thairis bhon Chuimris anns a’ chuid mhòir de cheann a deas na h-Alba, a’ gabhail a-steach seann rìoghachd Shrath Chluaidh, aig deireadh nam meadhan-aoisean. Thathar a’ smaoineachadh, às dèidh do dh’arm na h-Alba a’ chùis a dhèanamh air na Northumbrianaich aig Blàr Charham 1 (anns na Crìochan) ann an 1018, gun do chuireadh stad air na h-Anglianaich bho bhith a’ leudachadh ann an Alba.

Ach tha e eucoltach gun robh na Gàidheil, ged a bha iad am measg nan uaislean ann an Lodainn agus san earra-dheas cho fada deas ri crìoch Shasainn (agus ’s dòcha thairis oirre), riamh anns a’ mhòr-chuid anns a’ cheàrnaidh sin. Ann an 1091, nuair a bha am fearann gu tuath air Abhainn Thuaidh fo cheannas rìgh Gàidhealach (ach a-mhàin anns an fhìor cheann a tuath is taobh an iar a bha fo smachd nan Lochlannach), tha an Anglo-Saxon Chronicle ag innse dhuinn gun deach Maolchalum III (1058-93) le arm ‘ut of Scotlande into Lodene on Englaland’ (a-mach à Alba gu ruige Lodainn ann an Sasainn); thathar an dùil gu bheil sin a’ ciallachadh gur e a’ Bheurla an cànan a bu chumhachdaiche ann an Lodainn.

Nuair a bha Maolchalum III air an rìgh-chathair, bha a’ Ghàidhlig a’ tighinn fo dhùbhlan mar phrìomh chànan na rìoghachd; faodar a ràdh gun do thòisich crìonadh na Gàidhlig ann an ceann a deas agus taobh an ear na h-Alba timcheall air deireadh an 11mh linn.

Bha grunn chànanan, a’ Ghàidhlig nam measg, aig ‘Calum a’ Chinn Mhòir’ (bha am far-ainm a’ buntainn ri a cheannas no ri meud a chinn). Ghabh e an rìgh-chathair às dèidh bàs MhicBheatha aig Blàr Lann Fhionghain ann an 1057. Phòs e Mairead, bana-phrionnsa a bha leth-Shasannach; bha a bràthair an dùil crùn Shasainn a ghabhail dha fhèin ach chaill e a chothrom an cois mar a ghabh Normanaich Sasainn thairis ann an 1066. Bhrosnaich Mairead, a rinneadh na naomh aig a’ cheann thall, adhbhar na Beurla anns a’ chùirt rìoghail agus san Eaglais.

Figear 4 A’ bhanrigh Mairead, a bhrosnaich adhbhar na Beurla anns a’ chùirt rìoghail agus san Eaglais

Stèidhich rìghrean às dèidh Mhaolchaluim bailtean le inbhe rìoghail ann an Alba nan Gàidheal anns am biodh an luchd-riaghlaidh, aig an robh sinnsearachd Normanach no Flannrasach gu tric, dìleas don chrùn agus do chleachdadh na Beurla.

Fhuair uaislean Anglo-Normanach fearann ann an grunn àiteachan. Ged a b’ iad Fraingis Normanach agus Laideann na cànanan a b’ fheàrr leotha aig tùs, thàinig iad fo bhuaidh na Beurla. An aghaidh sin, bha fineachan Gàidhealach le tùs Normanach 2 – mar na Frisealaich, Granntaich is Siosalaich – a ghabh a’ Ghàidhlig mar chànan. Aig an ìre seo, ’s ann dìreach anns a’ cheann a deas agus air a’ chosta sear a bha a’ Ghàidhlig a’ crìonadh agus, a dh’aindeoin ’s gun robhar a’ bruidhinn Beurla, Fraingis is Laideann anns a’ chùirt rìoghail, a bha a-nise stèidhichte ann an Dùn Èideann, ’s e a’ Ghàidhlig a bh’ aig a’ mhòr-chuid de shluagh na h-Alba. Thathar a’ smaoineachadh nach do chaill i an suidheachadh sin chun a’ 15mh linn.

Ann an Historia Majoris Britanniae (1521), sgrìobh Iain Major, feallsanaiche a rugadh ann an Lodainn, mun sgaradh chànanach ann an Alba, a’ gabhail ‘Irish’ air na Gàidheil:

‘The Irish tongue is in use among the former, the English tongue amongst the latter. One half of Scotland speaks Irish and all these as well as the Islanders … belong to the Wild Scots. In dress, in the manner of their outward life, and in good morals, .. these come behind the householding Scots.’

Ged a rinn e soilleir, mar a rinn Goill eile na latha, nach robh spèis mhòr sam bith aige do na Gàidheil, sgrìobh e ‘most of us spoke Irish a short time ago’.

Cha do chuir na rìghrean an cùil ri dualchas nan Gàidheal, ge-tà. Mar eisimpleir bha Alasdair III air a chrùnadh ann an Sgàin ann an 1249 anns an nòs thraidiseanta Ghàidhealach. Bha dùthchas measgaichte aig Raibeart Brus, Rìgh nan Albannach eadar 1306 agus 1329, agus am buadhair aig Blàr Allt a’ Bhonnaich ann an 1314; tha dùil gun robh Gàidhlig am measg nan cànanan aige. Bha dùthchas Normanach aig athair agus bha a’ mhàthair às a’ Charraig (a-nise ann an ceann a deas Siorrachd Adhair) a bha na Gàidhealtachd làidir aig an àm sin.

Bha Foirgheall Obar Bhrothaig na thagradh (sgrìobhte ann an Laideann) don Phàp ann an 1320, a’ sireadh aithneachadh oifigeil do dh’Alba mar rìoghachd neo-eisimeileach. Rinn am Foirgheall soilleir gun robh uaislean na rìoghachd gan tomhas fhèin mar Albannaich (Gàidheil) seach Cuimrich (Breatannaich), Cruithnich, Nirribhich, Dànaich no Sasannaich. ’S iad na Gàidheil gu ìre mhòr a chruthaich fèin-aithne nàiseanta na h-Alba.

Figear 5 ‘S e sgrìobhainn ainmeil a tha ann an Foirgheall Obar Bhrothaig a tha air a chumail ann an Tasglann Nàiseanta na h-Alba. Air a sgrìobhadh aig àm cogaidhean na saorsa an aghaidh nan Sasannach a thòisich nuair a dh’fheuch Èideard 1 ri smachd fhaighinn air Alba ann an 1296, tha an litir seo chun a’ Phàp bho iarlan agus barain na dùthcha ag iarraidh air gabhail ri Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach. Ged a chuireadh eòlaichean an-diugh ceist nan tagradh gu robh na h-Albannaich air imrich a dhèanamh bho ‘greater Scythia by the Tyrrene Sea and the Pillars of Hercules’ tha an creideas a bha aca ann am fèin-aithne Albannach follaiseach nuair a tha iad ag agairt, ‘Britons they first drove out, the Picts they utterly destroyed, and, even though very often assailed by the Norwegians, the Danes and the English, they took possession of that home with many victories and untold efforts; and, as the historians of old time bear witness, they have held it free of all bondage ever since.’

Fhad ’s a bha a’ Ghàidhlig a’ crìonadh anns a’ cheann a deas agus air a’ chosta an ear, ’s ann air an rathad eile a bha gnothaichean a’ dol anns a’ cheann a tuath agus san iar-thuath, le mòran dhaoine aig an robh dualchas Lochlannach no Lochlannach-Gàidhealach a’ tionndadh chun na Gàidhlig. ’S dòcha gur e am fear a b’ ainmeile dhiubh sin Somhairle, a tha a’ nochdadh an toiseach ann an 1140 mar regulus no rìgh Chinn Tìre. Nuair a chaochail an dà chuid, Daibhidh I nan Albannach agus Amhlaibh, Rìgh Mhanainn, ann an 1153, leudaich Somhairle an sgìre a bha fo a smachd, a dh’aindeoin mì-thoileachas nan Nirribheach a bha dhen bheachd gur ann leothasan a bha na h-eileanan. Mu dheireadh, bha rìoghachd-mhara aige a bha a’ dol eadar Eilean Mhanainn agus Leòdhas, agus dh’fhàs Innse Gall Gàidhealach a-rithist. Dh’èirich Rìoghachd no Tighearnas nan Eilean às a dhìleab – rìoghachd Ghàidhealach a thug dùbhlan do rìghrean na h-Alba air an taobh an iar agus a chaidh fodha dìreach aig deireadh a’ 15mh linn. Coimhead air an bhidio gu h-ìosal airson an tuilleadh ionnsachadh mu Thighearnas nan Eilean. Tha cuideam ga chur air neart na fo-rìoghachd seo aig an robh Gàidhlig mar phrìomh chànan.

Download this video clip.Video player: Tighearnas nan Eilean
Le cead BBC
Tighearnas nan Eilean
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Leig Nirribhidh seachad a h-uachdranas air a tìrean ann an Alba, ach a-mhàin Arcaibh is Sealtainn, do chrùn na h-Alba ann an Co-chòrdadh Pheairt (1266). Thug sin neart don Ghàidhlig air feadh an taoibh an iar agus sa cheann a tuath, agus fhuair i làmh-an-uachdair air Lochlannais anns na h-eileanan. Bha Norn, an cànan ionadail a dh’èirich bhon t-Seann Lochlannais, beò airson ùine ann an Gallaibh ach chaill i ann am farpais le Albais ann an leth an ear-thuath dhen sgìre agus le Gàidhlig anns an leth eile.

Thug a’ Ghàidhlig agus an t-Seann Lochlannais buaidh air a chèile thar nan ceudan, a’ fàgail dìleab a ghabhas faicinn fhathast ann an Gàidhlig (ghabh Lochlannais faclan Gàidhlig a-staigh cuideachd – leithid àirigh, coinneamh agus gadan – ach cha chluinnear Norn ann an Alba tuilleadh). Tha tùs Lochlannach aig faclan Gàidhlig mar uinneag, sgeir agus sgarbh, mar a th’ aig mòran dhen bhriathrachas co-cheangailte ris a’ mhuir. ’S dòcha gun tug Lochlannais buaidh cuideachd air dòighean labhairt nan Gàidheal, leithid a’ bhlas-chainnt Leòdhasach agus an ro-analachadh ann an Gàidhlig na h-Alba nach cluinnear ann an Gàidhlig na h-Èireann. ’S e ro-analachadh am fuaim mar ‘h’ no ‘ch’ a nochdas ro chuid de chonnragan (mar eisimpleir, canaidh na h-Èireannaich ‘mak’ seach ‘machk’ airson mac).

Aig deireadh an 14mh linn, bha a’ Bheurla air fàs cho cumhachdach ann an ceann a deas is taobh an ear na h-Alba gun robh ‘Highlander’ (no Hielandman) co-ionann ri ‘neach-labhairt na Gàidhlig’. Do na Gàidheil, b’ iad ‘garbh chrìochan’ a’ chinn a tuath A’ Ghàidhealtachd agus b’ iad tìrean ìosal a’ chinn a deas A’ Ghalltachd, ged a bha na Gàidheil riamh mothachail do na ceanglaichean eachdraidheil eadar an cànan agus na sgìrean de dh’Alba a bh’ air a dhol Gallta.

Aig an àm sin, bha droch bheachd aig mòran de luchd na Beurla air na Gàidheil; bha iad dhen bheachd gun robh na Gàidheil aig ìre na b’ ìsle a thaobh cultar is gnothaichean sòisealta. Ach, mar a sgrìobh fear dhiubh, John of Fordun, anns na 1380an, bha iad fhèin fhathast a’ dèanamh tuairisgeul dhen Ghàidhlig mar ‘a’ chainnt Albannach’.

‘[T]wo languages are spoken among them, the Scottish and the Teutonic; the latter of which is the language of those who occupy the seaboard and plains, while the race of Scottish speech inhabits the Highlands and out-lying islands. The people of the coast are of domestic and civilised habits, trusty, patient and urbane, decent in their attire, affable and peaceful, devout in Divine worship … the Highlanders and people of the islands, on the other hand, are a savage and untamed nation, rude and independent, given to rapine, ease-loving, of a docile and warm disposition, comely in person, but unsightly in dress, hostile to the English-speaking people and language … and exceedingly cruel.’

1.3 Ainmean-àite

Chithear sgaoileadh na Gàidhlig thairis air Alba anns na h-ainmean-àite a dh’fhàg na Gàidheil às an dèidh. Uaireannan, rinn na Gàidheil atharrachadh air ainmean a chaidh a chruthachadh na bu tràithe le luchd-labhairt na Cruithnis, Cuimris, Lochlannais no eadhon na Beurla, ach gu math tric chruthaich iad ainmean ùra (cuid dhiubh a chaidh a leasachadh a-rithist an ceann ùine le luchd-labhairt chànanan eile).

Tha an eileamaid Ghàidhlig baile – àite anns an robh daoine a’ fuireach fad na tìde a dh’fhaodadh a bhith cho beag ri baile-fearainn ach cho mòr ri cathair-bhaile – gu math pailt; nochdaidh e ann an dreach na Beurla mar bal-, balla- no uaireannan bella-. Tha sgaoileadh ainmean baile a’ sealltainn mar a sgaoil a’ Ghàidhlig fhèin thar Alba, le àireamh mhòr dhiubh ann an Siorrachd Obar Dheathain, Siorrachd Aonghais agus Fìobha, agus eisimpleirean rin lorg ann an àiteachan mar Siorrachd Chille Chuithbeirt (Balcary, Balmaclellan, Balmingan), Siorrachd Dhùn Phris (Ballaggan, Baltersan), Siorrachd Shalcraig (Balnakiel) agus Lodainn an Ear (Balgone, Ballencrieff).

’S e eileamaid eile achadh (gu tric air a ghiorrachadh gu acha- no ach-). ’S iad na h-aon phàirtean de dh’Alba far a bheil a leithid gann am fìor earra-dheas, ’s dòcha a chionn ’s nach robh na Gàidheil a rinn tuineachadh an sin ag obrachadh na talmhainn gu ìre mhòr, agus na h-Eileanan an Iar, air sàillibh buaidh nan ainmean Lochlannach an sin. Ann an ceann a deas is taobh an iar na dùthcha, tha an eileamaid air a glèidheadh ann an dreach na Beurla mar auch- mar as trice; ’s iad eisimpleirean dheth sin Auchinbo agus Auchintoul (Siorrachd Obar Dheathain), Auchendinny agus Auchendoon ann am Meadhan Lodainn, agus Auchabrick is Auchenree ann an Siorrachd na h-Ùige. Air a’ Ghàidhealtachd gheibhear eisimpleirean mar Achachork is Achnacloich (An t-Eilean Sgitheanach), Achanalt is Achnashellach (Siorrachd Rois) agus Achavanich (Gallaibh).

Ged a dh’fhaodas seann ainmean-àite a bhith doirbh a thuigsinn uaireannan, tha an fheadhainn a chaidh a chruthachadh no a chleachdadh anns a’ bheag-ùine a dh’fhalbh (a’ chuid as motha air a’ Ghàidhealtachd) an ìre mhath follaiseach. Mar eisimpleir, ’s e Achachork Achadh a’ Choirce, ’s e Achnacloich Achadh na Cloiche, ’s e Achanalt Achadh nan Allt agus tha Achnashellach a’ riochdachadh Achadh nan Seileach.

Am measg eileamaidean Gàidhlig eile a tha a’ nochdadh ann am farsaingeachd de sgìrean ann an Alba, tha kil- (cill), tully- no tilly- (tulach) agus knock- (cnoc).

’S iad eisimpleirean de dh’ainmean le cill annta – Kilmarnock, Kilbirnie agus Kilpatrick (Siorrachd Àir), Kilbride (grunnan dhiubh ann an Siorrachd Lannraig, Earra-Ghàidheal is eile), Kilallan (Siorrachd Rinn Friù), Kilfeddar (Siorrachd na h-Ùige), Kilbucho (Siorrachd nam Puballan), Kilconquhar (Fìobha) agus Kildrummy (Siorrachd Obar Dheathain).

Tha tulach a’ nochdadh ann an àiteachan mar Tillydrine, Tillyfourie agus Tillytarmont (Siorrachd Obar Dheathain) agus Tullybelton, Tullyfergus is Tullymurdoch (Siorrachd Pheairt).

Gheibhear cnoc ann am Big Knock (Siorrachd nam Puballan), East Knock is West Knock (Siorrachd Aonghais) agus mòran àiteachan air a bheil Knock no The Knock.

Air a’ Ghàidhealtachd, chruinnich an Suirbhidh Òrdanais ainmean slàna Gàidhlig, air nach deach atharrachadh sam bith a dhèanamh. Tha feadhainn dhiubh a’ dol air ais gu làithean Dhàil Riata ach tha mòran dhiubh nas ùire na sin. Tha cumadh fillte air gu leòr dhiubh agus tha iad dùbhlanach do mhòran Albannach an-diugh, ach tha iad cuideachd air leth beartach mar phàirt de dhualchas na h-Alba.

Smaoinich, mar eisimpleir, air na tha de dh’fhiosrachadh ann an ainmean leithid Meall a’ Choire Chreagaich, Cnoc Alltan Iain Duinn, Allt Cnoc Àirigh an t-Seilich Bhig agus Rubha Camas nam Meanbh-chuileag.

Cleachd na ceangalan gu h-ìosal airson èisteachd ri fuaimneachadh nan ainmean:

Download this audio clip.Audio player: Meall a’ Choire Chreagaich
Meall a’ Choire Chreagaich
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: Cnoc Alltan Iain Duinn
Cnoc Alltan Iain Duinn
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: Allt Cnoc Àirigh an t-Seilich Bhig
Allt Cnoc Àirigh an t-Seilich Bhig
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: Rubha Camas nam Meanbh-chuileag
Rubha Camas nam Meanbh-chuileag
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ma tha thu airson fuaimneachadh ainmean na Rothach, beanntan Alba a tha os cionn 3,000 troigh, a chluinntinn ann an Gàidhlig cliog an seo.

Cleachd am mapa gu h-ìosal airson fiosrachadh fhaotainn mu ainmean cuid de bhailtean na h-Alba, dè tha iad a’ ciallachadh agus mar a chanar iad ann an Gàidhlig.

This element is no longer supported and cannot be used.

1.4 Cruthachadh na Gàidhealtachd

Aig deireadh an 15mh linn, bha an fheadhainn aig an robh Beurla na Galltachd air tòiseachadh air ‘Scottis’ a ghabhail air an cainnt, a’ sealltainn, ged a bha an cànan aca dlùth-chàirdeach do theanga an nàbannan ann an Sasainn, gun robh fèin-aithne Albannach aca. Ghabh a’ Bheurla Ghallta, no Albais mar a their mòran rithe an-diugh, agus a’ Ghàidhlig briathrachas bho chèile, mar a thachair le Albais is Lochlannais, agus Gàidhlig is Lochlannais.

’S iad eisimpleirean de dh’fhaclan Gàidhlig a thàinig bho Albais bodhaig (à bouk, corp), dìg, eàrlas (à arles), poca (à poke) agus radan (à rattan). Am measg fhaclan ann an Albais a thàinig bhon Ghàidhlig tha ben (beinn), claymore (claidheamh mòr), corrie (coire), ghillie (gille), kyle (caol), machair agus whisky (uisge-beatha).

Ach, a dh’aindeoin ’s gun robh a’ Ghàidhlig na cànan tùsail aig rìoghachd na h-Alba, thòisich sgrìobhadairean Gallta air Irische no Ersch a ghabhail oirre. Chithear sin anns an dàn ainmeil dhùbhlanach ris an canar ‘Flyting of Dunbar and Kennedy’, a chaidh a sgrìobhadh ann an Albais timcheall air 1505, anns a bheil Uilleam Dunbar à Lodainn a’ magadh air Bhaltar Ceanadach, aig an robh Gàidhlig mar chiad chànan, airson a bhith Heland agus na Ersch Katherane (gu h-ìoranach a’ cleachdadh facal a fhuaras bhon Ghàidhlig). Air an làimh eile, tha an Ceanadach ag innse don Bhàrrach gur i a’ Ghàidhlig all trew Scottismennis leid (cànan nam fìor Albannach gu lèir) agus tha e ag ràdh gur dòcha gum biodh an Gall na bu riaraichte nam biodh e a’ fuireach ann an Sasainn.

Cha robh Bhaltar Ceanadach, a bha cliùmhor is ainmeil, à Gàidhealtachd a’ chinn a tuath idir, ach às a’ Charraig. Dh’fhan a’ Ghàidhlig beò anns an sgìre sin agus Gall-Ghàidhealaibh (theirear Gàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh ris an dualchainnt) fada às dèidh dhi a dhol bàs anns a’ chòrr de thìr-mòr ceann a deas na h-Alba; bha i fhathast air a bruidhinn an sin anns an 17mh linn. Mhair Gàidhlig Arainn, a thathar a’ smaoineachadh a bha car coltach ri Gàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh, beò chun an fhicheadamh linn.

Tha an dì-meas a bha am Bàrrach a’ sealltainn do fhreumhan a’ Cheanadaich anns a’ Charraig (Siorrachd Àir) soilleir anns an earrainn a leanas:

Sic eloquence as thay in Erschry use,

In sic is sett thy thraward appetyte.

Thow hes full littill feill of fair indyte.

I tak on me, ane pair of Lowthiane hippis

Sall fairar Inglis mak and mair perfyte

Than thow can blabbar with thy Carrik lippis.

Such eloquence as they in Irishry [Gaeldom] use

Is what defines your perverse taste.

You have very small aptitude for good verse-making.

I'll wager, a pair of Lothian hips

Shall fairer English make and more polished

Than thou can blabber with thy Carrick lips.

Aig deireadh an 16mh linn, thathar a’ smaoineachadh gun robh an dàrna leth de mhuinntir na h-Alba a’ fuireach gu tuath air Uisge Tatha agus nach robh ach a’ Ghàidhlig mar chànan aig cuid mhath dhiubh. Bha an cainnt, dòigh-beatha agus uaireannan an neo-dhìlseachd don rìgh ann an Dùn Èideann na adhbhar gràin do Rìgh Seumas VI, agus thòisich esan air ro-innleachd airson a rìoghachd aonachadh le bhith ag atharrachadh muinntir na h-Alba gu sluagh aona-chànanach na Beurla. Rinn e oidhirp gus cumhachd nam fineachan Gàidhealach a bhriseadh agus Goill a chur air fearann Ghàidheal. Cha robh e soirbheachail, ge-tà, ann an Leòdhas, far an do chuir muinntir an eilein an aghaidh buidheann air an robh The Fife Adventurers le strì is fòirneart.

Às dèidh aonadh Crùintean Shasainn is na h-Alba ann an 1603, bha an rìgh (a-nise Seumas I Shasainn) ann an suidheachadh na bu làidire airson a phoileasaidh gus a’ Ghàidhlig a chur à bith a choileanadh. Ann an Reachdas Ì (1609) thug e air cinn-chinnidh nam fineachan am mic a bu shine a chur gu sgoil air a’ Ghalltachd, agus tha Achd na Comhairle Dhìomhair 3 air 10 Dùbhlachd 1616 a’ foillseachadh a’ mhiann gum bi a’ ‘vulgar Inglishe toung … universallie plantit, and the Irische language … may be abolisheit and removeit’. Bha an Achd a’ brosnachadh stèidheachadh sgoiltean Beurla anns a h-uile paraiste, ge bith dè an cànan a bhathar a’ bruidhinn annta.

Chaidh a thomhas gun robh Gàidhlig aig 290,000 duine, 23 às a’ cheud de shluagh na h-Alba, ann an 1755. Bha e sìos beagan gu 254,000 ann an 1891 ach an uair sin, cha robh am figear a’ riochdachadh ach 6.8 às a’ cheud de mhuinntir na dùthcha. Bha a’ Ghàidhlig air a dhol na mion-chànan gu nàiseanta ged a bha i làidir fhathast gu h-ionadail ann am pàirtean dhen Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

1.5 Creideamh

Leis gun deach a’ Ghàidhlig a chur a-mach à riaghaltas agus a’ chuid as motha de raointean poblach na dùthcha, bha an Eaglais gu math cudromach mar fhear de na h-ùghdarrasan nàiseanta far am bite a’ cleachdadh a’ chànain ann an suidheachadh àrd-chainnteach. Bhon 17mh linn a-mach, rinn an Eaglais oidhirp gus ministreachd Ghàidhlig a chur an sàs air a’ Ghàidhealtachd, ged a bha duilgheadasan aca le gainnead mhinistearan.

Ge-tà, bha mòran le àrd-dhreuchdan air a’ Ghalltachd fada an aghaidh na Gàidhlig agus chuireadh bacadh air eadar-theangachadh nan sgriobtaran don chànan. B’ e a’ chiad oidhirp an ath-bhualadh ann an 1690 dhen Bhìoball ann an Gàidhlig na h-Èireann – ann an clò Ròmanach, seach Èireannach. Cha robh seo uabhasach soirbheachail, ge-tà, oir bha a’ Ghàidhlig Èireannach Chlasaigeach anns a’ Bhìoball pìos math air falbh bho chainnt nan daoine àbhaisteach ann an Alba.

Chuireadh crìoch air an Tiomnadh Nuadh Ghàidhlig ann an 1767 agus rinneadh an Seann Tiomnadh ann an 1801, dà cheud bliadhna às dèidh dhan Bhìoball nochdadh ann an Cuimris.

Figear 6 Air taobh a-muigh Eaglais na h-Alba an Cill Fhinn an Siorrachd Pheairt tha carragh-cuimhne an Urr. Seumas Stiùbhart a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig.

1.6 Foghlam

Chuir eilthireachd (an dà chuid saor-thoileach agus èiginneach) às do dh’fhàs nàdarrach sam bith a bh’ air a bhith ann an sluagh na Gàidhlig. Dh’obraich siostam an fhoghlaim an aghaidh a’ chànain cuideachd. Bha The Society in Scotland for the Propagation of Christian Knowledge 4, a chaidh a stèidheachadh ann an 1709, cudromach ann am foghlam Ghàidheal òga tro na 18mh agus 19mh linntean. An toiseach, bha nàimhdeas mòr aca don chànan agus bha casg eadhon air labhairt na Gàidhlig anns an raon-chluiche.

Ann an 1750, dh’ iarr an Society air sgoilearan ‘either in the School house or when playing about the doors thereof to speak Earse [Gàidhlig] on pain of being chastised and that the Schoolmasters appoint Censors to note down and report to the Schoolmaster such as transgress this rule’, ach ann an 1766 thug iad cead do leughadh ann an Gàidhlig, leis an amas leughadh na Beurla a thoirt am feabhas am measg clann Ghàidhealach. Agus ann an 1825, len sùilean fhathast air suidheachadh na Beurla a thoirt am feabhas, mhol iad gum biodh clann le Gàidhlig ‘instead of being taught first to read English as has been Universally practiced throughout the Highlands, be taught first to read Gaelic’.

Ge-ta, nuair a thàinig foghlam fo smachd na stàite mar thoradh air Achd an Fhoghlaim (Alba) ann an 1872, bha a’ Ghàidhlig air fhàgail taobh a-muigh an t-siostaim fhoghlaim a dh’aona-ghnothach. Tha beachd Mhgr D Sime, Neach-sgrùdaidh nan Sgoiltean ann an Ros, Gallaibh is Cataibh a’ riochdachadh dòigh-smaoineachaidh nan ùghdarrasan aig an àm. Ann an 1878, sgrìobh e, ‘I should regard the teaching of Gaelic in schools in any shape or form as a most serious misfortune.’

Ged a dh’aithnich achdan foghlaim an fhicheadamh linn gun robh còir aig a’ Ghàidhlig a bhith air a teagasg mar chuspair ann an àireamh bheag sgoiltean, cha deach siostam foghlaim dà-chànanach ath-stèidheachadh riamh. Bhathar a’ dol a chumail na Gàidhlig gu tur air an iomall agus, anns a’ mhòr mhòr-chuid de shiostam foghlaim na h-Alba, ’s e sin an suidheachadh a th’ aice fhathast.

Mar thoradh air sin, tha inbhe is cliù na Gàidhlig air sìor dhol nas ìsle. Chan eil cuid mhath dhen t-sluagh fiosrachail mu àite na Gàidhlig mar chànan tùsail aig rìoghachd na h-Alba no gun robh i air a bruidhinn thar a’ chuid mhòr dhen dùthaich. Tha a’ chuid as motha de dh’Albannaich neo-chomasach air mapa na h-Alba a leughadh is a thuigsinn, oir tha còrr is an dàrna leth dheth còmhdaichte le ainmean-àite Gàidhlig.

Dh’obraich droch shuidheachadh an fhoghlaim an co-bhuinn ri eaconamaidh thruagh agus call sluaigh air a’ Ghàidhealtachd gus àireamh nan Gàidheal a lughdachadh gu nas lugha na 100,000 ro dheireadh an 20mh linn. Mar beag-chuid a thaobh cànain is cultair ann an dùthaich a th’ air tighinn fo mhòr-bhuaidh na Beurla, an cànan as cumhachdaiche san t-saoghal airson conaltradh, saidheans is malairt, tha na Gàidheil air a bhith dhen bheachd aig amannan gun robh mòran ann an Alba neo-thaiceil dhaibh agus a’ coimhead sìos orra mar shluagh. Thàinig mòran dhiubh fo bhuaidh a’ bheachd gun robh a’ Ghàidhlig ag obair an aghaidh adhartais, agus sguir iad bho bhith ga bruidhinn anns an dachaigh.

Ach tha gu leòr taobh a-staigh coimhearsnachd na Gàidhlig, agus an luchd-taice air feadh Alba agus san t-saoghal mhòr, nach do thrèig an seasamh nach i a’ Ghàidhlig a-mhàin mion-chànan a bhuineas don choimhearsnachd aca (agus mar sin a tha airidh air a h-àite ann an dùthaich a tha mothachail do chòraichean dhaoine), ach gu bheil i cuideachd na cànan nàiseanta do dh’Alba. Bha tagradh na Gàidhlig airson àite daingnichte ann am beatha poblach na h-Alba air aithneachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005 nuair a chaidh Achd na Gàidhlig (Alba)5 tron Phàrlamaid le taic aona-ghuthach. A rèir na h-Achd, tha inbhe nàiseanta aig a’ Ghàidhlig mar ‘an official language of Scotland commanding equal respect to the English language’.

Ged as e Pàrlamaid na h-Alba a th’ air am prìomh uallach a ghabhail airson leasachadh a’ chànain, chan eil an Rìoghachd Aonaichte saor bho uallach air a son. ’S e an Rìoghachd Aonaichte a chuir a h-ainm ris a’ Chùmhant Eòrpach airson Chànanan Roinneil is Mion-chànanan, agus tha sin a’ toirt oirre cuir an aghaidh rud sam bith a chuireadh seasmhachd no leasachadh na Gàidhlig ann an Alba ann an cunnart. Tha e a’ tighinn gu aire nan Gàidheal, barrachd is barrachd, gur e a th’ annta fear de mhion-shlòigh ann am mòr-thìr a tha làn chànanan diofraichte, anns a bheil co-dhiù dà chànan aig a’ mhòr-chuid de dhaoine. Mar a thuigeas barrachd dhaoine ann an Alba gu bheil buannachdan inntinn, sòisealta is cultarail an cois ioma-chànanas, tha dùil gum fàs a’ Ghàidhlig nas tarraingiche do bharrachd dhaoine a bhuineas do dh’eugsamhlachd de dhùthchais.

2 Bun-tùsan Ceilteach agus Sgaoileadh Eadar-nàiseanta

2.1 Ro-ràdh

Bithear a’ comharrachadh Alba gu tric mar nàisean ‘Ceilteach’, feart a tha sa chumantas aice le nàiseanan beaga eile sna h-Eileanan Breatannach, gu sònraichte Èirinn agus a’ Chuimrigh. Bithear a’ smaoineachadh gu tric gu bheil ‘Ceilteach’ a’ buntainn ri tìr agus/no poilitigs, no eadhon feartan cinneachail. Ach ’s ann air cànanan a tha ‘Ceilteach’ a-mach; tha e a’ buntainn ri còmhlan de chànanan a tha càirdeach do chèile.

Faodar ‘nàisean Ceilteach’ a ghabhail air Alba air sàillibh a dualchais chànanaich. Bha Cruithnis is Seann Bhreatannais Ceilteach, mar a tha a’ Ghàidhlig, an cànan a bu mhotha, chanadh mòran, a thug buaidh air fèin-aithne nan Albannach.

Ach chan eil, is cha robh, a h-uile cànan a bh’ air a bruidhinn ann an Alba Ceilteach. Buinidh Albais is Beurla do na cànanan Gearmailteach, mar a bhuineadh an t-Seann Lochlannais. Anns an aonad seo, bheir sinn sùil air na cànanan Ceilteach agus air an fhèin-aithne Cheilteach a tha beò fhathast ann an Alba agus dùthchannan eile.

2.2 Leudachadh nan Ceilteach

Buinidh a’ mhòr-chuid de chànanan na Roinn Eòrpa, a’ Ghàidhlig nam measg, do theaghlach ris an canar Indo-Eòrpach; tha an t-ainm sin air oir tha e a’ gabhail a-steach a’ chuid as motha de theangannan ceann a deas Àisia (ach a-mhàin ceann a deas nan Innseachan), a bharrachd air an Roinn Eòrpa. Gus an do sgaoil iad gu mòr bhon 15mh linn a-mach, gu sònraichte tro chruthachadh impireachdan, bha na cànanan sin an ìre mhath air am bruidhinn a-mhàin anns an Roinn Eòrpa agus taobh an iar is ceann a deas Àisia. A-nise tha iad air feadh an t-saoghail, le faisg air 3 billean neach-labhairt aig a bheil iad bho dhùthchas; tha iad a’ gabhail a-steach cuid de na cànanan as motha aig a bheil sluagh, leithid Spàinntis, Beurla, Hindi, Portaigeusais, Beangali, Ruiseanais, Gearmailtis is Fraingis.

Taobh a-staigh an teaghlaich Indo-Eòrpaich, tha grunn fo-bhuidhnean a tha eòlaichean-cànain ag aithneachadh. Mar eisimpleir, buinidh Beurla, Dùitsis is Nirribhis don fo-bhuidhinn Ghearmailtich, buinidh Fraingis, Eadailtis is Spàinntis don fo-bhuidhinn Eadailtich, agus thathar a’ comharrachadh Ruiseanais, Slobhàigianais agus Pòlainnis mar chànanan Slàbhach. ’S e tè de na fo-bhuidhnean Ceilteach, a tha a’ gabhail a-steach nan sia cànanan Ceilteach a tha beò – Gàidhlig, Gaeilge is Gàidhlig Eilean Mhanainn, Cuimris, Breatannais is Còrnais – agus feadhainn nach do mhair, leithid Gallais, Galaitianais, Ibìoro-Cheilteis, Cruithnis agus Seann Bhreatannais.

Figear 7 Aon mhodail de chraobh cànain a’ sealltainn a’ chàirdeis eadar prìomh chànain na teaghlaich Eòrpaich.

Tha na Ceiltich a’ nochdadh ann an clàr na h-eachdraidh an toiseach mu 500 RC, nuair a bha teacsaichean Greugach a-mach air daoine a bha a’ fuireach gu tuath orra mar Keltoi. Ann an Laideann, ’s e Celtae a chainte riutha – treubhan is nàiseanan a thathar a’ tuigsinn a-nise a bha a’ bruidhinn chànanan Ceilteach. ’S ann a-mhàin ri slòigh a bha a’ fuireach air tìr-mòr na Roinn Eòrpa a bha am facal a’ buntainn aig an ìre sin.

’S e an cànanaiche Edward Lhuyd anns an 17mh linn a thòisich air Ceilteach [‘Celtic’] a ghabhail air slòigh a bhuineadh do Bhreatainn is Èirinn. Rinn esan rannsachadh coimeasail air Cuimris, Gàidhlig, Gaeilge, Còrnais agus Breatannais; dhaingnich e gun robh na cànanan sin càirdeach do chèile agus càirdeach do sheann chànan marbh nan Gall air tìr-mòr na Roinn Eòrpa a bha le cinnt Ceilteach.

Mar eisimpleir tha am facal Gallais mapos (‘mac’) dlùth-chàirdeach do mab ann an Cuimris an latha an-diugh, a bharrachd air mac ann an Gàidhlig; tha am facal Gallais tarvos (‘tarbh’) dlùth-chàirdeach do tarw (Cuimris) agus tarbh (Gàidhlig).

Anns a’ chlàr a leanas chithear faclan ann an Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris is Còrnais a thathar a’ smaoineachadh a dh’èirich bhon aon tùs Cheilteach.

Clàr 1 Faclan ann an Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris is Còrnais a thathar a’ smaoineachadh a dh’èirich bhon aon tùs Cheilteach
GàidhligGaeilgeCuimrisCòrnaisBeurla
aimsiraimsiramsertime, weather
anaillanáianadlanallbreath
cathcathcadkasbattle
caolcaolculculslender
cnòcnócneuenknownut
creamhcreamhcrafwild garlic
cikidog, hound
lànlánllawnleunfull
rothrothrhodroswheel
taighteachtytihouse
troightroightroedtroesfoot

Cha robh Ceiltich tìr-mòr na Roinn Eòrpa aonaichte gu poilitigeach – cha robh impireachd Cheilteach ann riamh – ach bha slòigh, aig an robh cànanan Ceilteach agus feartan cultarach sa chumantas eatarra, a’ fuireach thairis air pìos math dhen mhòr-thìr. Dh’fhàg iad glè bheag de dhìleab sgrìobhte agus mar sin tha ar tuigse orra stèidhichte gu ìre mhòr air na sgrìobh na Greugaich is Ròmanaich mun deidhinn, bho airceòlas agus bho na h-ainmean-àite a dh’fhàg iad às an dèidh.

’S e a’ chiad chultar Ceilteach a nochdas, timcheall air an 8mh linn RC, Cultar Hallstatt, stèidhichte air na lorgadh faisg air baile beag Hallstatt anns an Ostair.

Rosemania/Flickr
Figear 8 Torc òr, eisimpleir de chultar Hallstatt

Fhuaradh lorg air fianais de chultar beartach le ceanglaichean malairt do dhùthchannan na Mara Meadhan-tìrich. Timcheall a’ 5mh linn RC, tha sinn a’ faicinn cultar ùr ris an canar La Tène, a chaidh ainmeachadh às dèidh làrach san Eilbheis far an do lorgadh stuth ann an cladhach airceòlach.

Figear 9 Eisimpleir de dh’ealain La Tène

Bha seo Ceilteach cuideachd agus thathar a’ smaoineachadh gun robh e air a sgaoileadh na b’ fharsainge. Lorgadh obair-mheatailt de stoidhle La Tène, mar eisimpleir, ann am Breatainn is Èirinn.

Figear 10 Sgàthan Romano-Ceilteach

Chan eil e cinnteach dè na cànanan a bhathar a’ bruidhinn ann am Breatainn is Èirinn aig an àm sin, ach tha dùil gun robh Ceilteis nam measg. Anns an 3mh linn RC, bha na Ceiltich rin lorg thairis air earrann mhòr de mhòr-thìr na h-Eòrpa, eadar far a bheil a’ Phortagail an-diugh, gu ruige a’ Bheilg is a’ Ghearmailt, gu ceann a tuath na h-Eadailt, tro ghleann mòr an Dainiub agus eadhon cho fada ris an Tuirc.

Figear 11 Sgaoileadh nan cànan Ceilteach tro mhòr-thìr na h-Eòrpa

2.3 Ainmean-àite Ceilteach

Tha clàran eachdraidheil ainmean threubhan is àiteachan a’ toirt fianais làidir dhuinn mu sgaoileadh nan cànanan Ceilteach. Mar eisimpleir gheibhear lorg air dunum no dunon ‘dùn’ ann an Lugdunum (a-nise Lyons san Fhraing agus Leyden san Òlaind), Camulodunum (a-nise Colchester, Sasainn), Kambodunon (Kempten sa Ghearmailt), Minnodunum (Moudon san Eilbheis), Lugidunum (Legnica sa Phòlainn) agus Singidunum (a-nise Belgrade, Serbia). Tha cuideachd clàr againn bhon 2na linn AC de Tarvedu(nu)m ‘dùn tairbh’ ann am fìor cheann a tuath na h-Alba, a thathar a’ smaoineachadh a bha a’ riochdachadh Ceann Dùnaid ann an Gallaibh. Ged a tha cuid mhath de na h-ainmean seo air a dhol à bith ann an cleachdadh làitheil, tha iad fhathast beò ann an dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn chànanan Ceilteach fhathast. Ann an Alba chithear eisimpleirean mar Dùn Dè, Dùn Phàrlain agus Dùn Gabhail.

Tha ainmean tìre le Gal- annta a’ comharrachadh àiteachan a bha fo smachd Cheilteach, oir b’ e facal eile a bh’ aig na Greugaich airson nan Ceilteach Galatae; bha na Ròmanaich a-mach air Galli. Tha Galicia an dà chuid ann an ceann an iar-thuath na Spàinnt agus air a’ chrìch eadar Ugràin agus a’ Phòlainn.

Figear 12 Eisimpleir de Stele Ceilteach

Tha am buadhair ‘Gallic’, a’ ciallachadh Frangach, a’ comharrachadh mar a dh’èirich an dùthaich sin à Gaul (gu h-inntinneach, bha am facal Gàidhlig Gall o thùs a’ ciallachadh cuideigin à Gaul). Tha dualchas àrsaidh Ceilteach aig Galaitia ann am meadhan na Tuirc, a dh’èirich bho imrich Cheilteach à meadhan gleann na Dainiub gu ruige Masadònia agus a’ Ghrèig anns an 3mh linn RC. Fhuair na miltean de na Ceiltich seo, an dà chuid àrmainn agus an teaghlaichean, cuireadh a dhol an sàs ann an strì ann an Anatolia; às dèidh làimh, dh’fhuirich iad ann. Tha na Galaitianaich ainmeil airson a bhith a’ faighinn litir bhon Abstol Pòl, a tha a-nise na Leabhar anns a’ Bhìoball. Cho fada air adhart ris an 4mh linn AC, sgrìobh an Naomh Jerome gun robh an aon chànan aca ri daoine a bhuineadh do sgìre Abhainn Rinn anns a’ Ghearmailt.

Figear 13 Tha ‘An Gall a’ Bàsachadh’, ìomhaigh Ròmanach stèidhichte air ìomhaigh umha Greugach, a’ sealltainn gaisgeach Galaitianach. Mar Cheiltich eile, cha bhiodh aodach air na Galaitianaich nuair a rachadh iad ri aghaidh blàir.

2.4 Na Ceiltich Eileanach

Tràth sa chiad mhìle bliadhna AC, thàinig na cànanan Ceilteach mòr-thìreach fo bhuaidh chànanan eile, gu sònraichte Laideann nan Ròmanach, agus mu 500 AC, bha eadhon Gallais, a bha uaireigin air a bhith cho làidir, an ìre mhath air a dhol à bith. Ann am Breatainn is Èirinn, ge-tà, bha cànanan is cultaran Ceilteach fhathast beò is beothail. ’S e Ceilteis Eileanach a chanar ris a’ bhuidhinn seo, às a bheil a h-uile cànan Ceilteach a th’ againn an-diugh air èirigh (eadhon tè na Breatainne Bige).

Figear 14 Mapa a’ sealltainn dùthchannan Ceilteach an latha an-diugh – Alba, Èirinn, Eilean Mhanainn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn agus A’ Bhreatainn Bhig. Tha a cànan fhèin aig gach tè dhiubh. Tha iad uile air an seòrsachadh mar cànain Ceilteach Eileanach, fiù ’s cànan na Breatainne Bige a thug tuinichean à Breatainn gu ruige Armoraca.

Eadhon aig an ìre seo, bha eugsamhlachd taobh a-staigh Ceilteis Eileanach. À sinnsear teòridheach ris an canar Tùs-Cheilteis, bha dà bhuidhinn air a thighinn gu bith – P-Ceilteach (no Brythonic) agus Q-Ceilteach (no Goidelic)6. Tha na h-ainmean P- agus Q- stèidhichte air mar a dhèilig gach buidheann ris an t-seann fhuaim ‘Q’ ann an Tùs-Cheilteis. Rinn an luchd-labhairt Goidelic sìmpleachadh air sin gu ‘c’, fhad ’s a bha na Ceiltich Brythonic ga leasachadh gu fuaim ‘p’. Bha gach meur de Cheilteis Eileanach air a riochdachadh, an dà chuid ann an Èirinn is Breatainn, ach ’s e luchd-labhairt Goidelic a bha anns a’ mhòr-chuid ann an Èirinn, le luchd-labhairt Brythonic sa mhòr-chuid ann am Breatainn.

Chithear an sgaradh mòr sin taobh a-staigh nan cànanan Ceilteach fhathast an-diugh. Tha an fheadhainn Brythonic – Cuimris, Còrnais is Breatannais – car coltach ri chèile, a’ leigeil le luchd-labhairt aon chànain beagan dhen fheadhainn eile a thuigsinn. Tha e mar an ceudna do na cànanan Goidelic – Gàidhlig, Gaeilge is Gàidhlig Eilean Mhanainn (Gaelg); faodaidh neach a tha fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba, mar eisimpleir, bunaitean de chòmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a thuigsinn. Eadhon ri linn Chaluim Chille (6mh linn AC), ge-tà, bha feum air eadar-theangair airson còmhradh a bhith ann eadar an naomh agus rìgh Cruithneach: bha cànan Q-Ceilteach aig Calum Cille agus bha tè P-Ceilteach aig na Cruithnich.

Chithear diofar eadar an dà bhuidhinn ann am faclan a thathar a’ cleachdadh fhathast ann an cànanan Ceilteach. Mar eisimpleir tha an Goidelic mac co-ionann ris a’ Bhrythonic map, agus tha an Goidelic ceann co-ionann ris a’ Bhrythonic pen. Seo eisimpleirean eile, a’ cleachdadh fhaclan Cuimreach agus Gàidhlig mar eisimpleirean:

Clàr 2 Coimeas eadar faclan Goidelic agus Brythonic thathar a’ cleachdadh fhathast ann an cànanan Ceilteach
Cuimris (Brythonic/P-Ceilteach)Gàidhlig (Goidelic/Q-Ceilteach)Beurla
paciodWhat
paircoirecauldron
plantclannchildren
pumpcòigfive
pwywho

2.5 Na Cànanan Brythonic

Tha na cànanan Brythonic air bàs gu leòr fhulang ann am Breatainn (mar eisimpleir, dh’fhalbh Cruithnis agus Seann Bhreatannais ann an Alba linntean mòra air ais), agus tha an fheadhainn a mhair beò ann an suidheachaidhean gu math eadar-dhealaichte bho chèile.

’S e a’ Chuimris an cànan Ceilteach as soirbheachaile, le mu 580,000 duine anns a’ Chuimrigh ag ràdh gun robh Cuimris aca ann an Cunntas-sluaigh 2001. Tha UNESCO ga comharrachadh mar ‘cugallach’; tha na cànanan Ceilteach ‘ann an cunnart’ no ‘ann am fìor chunnart’.

Tha an uiread de mhuinntir na Cuimrigh aig a bheil làn-sgilean na Cuimris (tha comas aca a labhairt, a leughadh ’s a sgrìobhadh) air a dhol am meud bho 13.6 as a’ cheud ann an 1991 gu 16.3 as a’ cheud ann an 2001. Tha Cuimris cuideachd air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ faighinn inbhe oifigeil nas àirde anns a’ Chuimrigh.

Dh’èirich Còrnais, coltach ri Cuimris, às a chànan Brythonic a bh’ air a bruidhinn aig aon àm thairis air ceann a deas Bhreatainn. Thàinig sgaradh eadar na tìrean anns an robh Cuimris is Còrnais gam bruidhinn às dèidh do na Sagsannaich Siarach a’ chùis a dhèanamh air na Ceiltich ann am Blàr Dyrham (faisg air Bath) ann an 577 AC.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh Còrnais aig suas ri 38,000 duine tràth san 14mh linn ach chrìon i gu mòr fo bhuaidh na Beurla bho mheadhan an 16mh linn a-mach, agus dh’fhalbh i mar chànan coimhearsnachd anns an 18mh linn. Tha i a-nise ann an suidheachadh aiseirigh agus tha na ceudan ann aig a bheil i aig ìre fileantachd no leth-fhileantachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh air eachdraidh Chòrnais, briog an seo (deas-bhriog airson an ceangal fhosgladh ann an uinneag no tab ùr).

Tha dualchas Ceilteach na Breatainne Bige a’ tighinn, chan ann bho shinnsireachd àrsaidh Ceiltich Ghaul, ach gu ìre mhòr bho in-imrich luchd-labhairt Ceilteis Brythonic à Breatainn, às dèidh do na h-Anglo-Sasannaich dhol a-steach ann bhon 5mh linn a-mach. Mar sin, ’s e Còrnais an cànan as dlùithe a th’ ann do Bhreatannais.

An-diugh tha mu 300,000 neach anns a’ Bhreatainn Bhig aig a bheil i, ach tha an àireamh air lughdachadh gu mòr bho mu mhillean ann an 1945. Anns na sgìrean as motha sa bheil i ga bruidhinn ann an taobh an iar na Breatainne Bige, tha an uiread aig a bheil i air a dhol sìos bho 90 as a’ cheud ann an 1900 gu nas lugha na 25 as a’ cheud an-diugh.

2.6 Na Cànanan Goidelic

Tha trì cànanan aig a bheil tùsan ann an seann Ghoidelic fhathast gam bruidhinn an-diugh agus tha dùbhlain mhòr romhpa uile. ’S i Gàidhlig na h-Èireann an tè as làidire. Tha i na cànan oifigeil aig Poblachd na h-Èireann agus bha 340,000 duine ag ràdh gun robh i aca mar chànan làitheil ann an Cunntas-sluaigh 2002, le 1,571,000 ag ràdh gun robh i aca gu ìre air choreigin (ged a tha mòran eòlaichean a’ cumail a-mach gum bi mòran nas lugha na seo ga cleachdadh gu làitheil ann an da-rìribh). Ann an Èirinn a Tuath, bha 167,000 duine ag ràdh gun robh Gaeilge aca ann an Cunntas-sluaigh na Rìoghachd Aonaichte ann an 2001, timcheall air 10 as a cheud de mhuinntir na mòr-roinne; bha 75,000 a’ cumail a-mach gun robh iad an ìre mhath fileanta. ’S iad na sgìrean as fheàrr airson Gaeilge a chluinntinn na ceàrnaidhean beaga Gaeltacht , far a bheil prìomhachas oifigeil aig a’ chànan; tha a’ chuid as motha de na ceàrnaidhean sin nan sgìrean dùthchail air an taobh an iar.

Tha Gàidhlig na h-Alba, coltach ri Gaeilge, air a comharrachadh le UNESCO mar ‘ann an cunnart’ ach tha i ann an suidheachadh nas miosa na Gaeilge; thuit i gu dìreach 92,400 neach-labhairt ann an Alba a thuirt gun robh comas cànain de sheòrsa air choreigin aca ann an 2001. Bha sin air a dhèanamh de 58,700 neach-labhairt agus 33,700 a b’ urrainn a leughadh, a sgrìobhadh no a tuigsinn. Leis cho truagh ’s a tha foghlam Gàidhlig air a bhith ann an Alba, bha 47 as a’ cheud dhen luchd-labhairt gun sgilean leughaidh sam bith no le sgilean leughaidh truagh anns a’ chànan.

Tha an suidheachadh seo a’ dol am feabhas, ge-tà. Eadar 1991 agus 2001 thuit an àireamh de luchd-labhairt 11 as a’ cheud, ach dh’àrdaich na bh’ ann de dhaoine le comas leughaidh is sgrìobhaidh 7.5 as a’ cheud agus 10 as a’ cheud le chèile. Ged a dh’fhuiling i crìonadh mòr, tha Gàidhlig na h-Alba fhathast gu furasta anns an leth as àirde de chànanan an t-saoghail, air a thomhas air àireamh luchd-labhairt agus, às dèidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha an stàite a’ cur airgead nach beag dha h-ionnsaigh.

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann aig Riaghaltas na h-Alba as motha a tha ag obair às leth na Gàidhlig; tha prìomh thogalach na buidhne ann an Inbhir Nis, prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Tha an làrach-lìn an seo.

Tha cànan Goidelic air a bhith ann an Eilean Mhanainn bhon 5mh linn AC a-mach, agus tha an teanga a dh’èirich bhuaipe, Gaelg (Gàidhlig Eilean Mhanainn), air a bruidhinn fhathast an-diugh, às dèidh dhi a bhith fo bhuaidh na Seann Lochlannais agus Beurla fad linntean. Bha Manainn mar phàirt de dhùthaich Thighearnas nan Eilean, a bha a’ gabhail a-steach eileanan taobh siar na h-Alba, agus anns an robh prìomhachas aig a’ Ghàidhlig. Às dèidh bàs an duine mu dheireadh aig an robh Gaelg mar chiad chànan ann an 1974, bha eòlaichean ag ràdh gur e cànan ‘marbh’ a bh’ innte. Ge-tà, cha do ghabh sin a-steach gun robh fhathast coimhearsnachd aig an robh i, stèidhichte air daoine a dh’ionnsaich i gu fileantachd mar dhàrna cànan.

Tha UNESCO a-nise air Gaelg a chomharrachadh aig an aon ìre ri Còrnais – ‘ann am fìor chunnart’. Ach, air sgàth obair le feadhainn a tha dèidheil air a’ chànan agus taic bho Riaghaltas Eilean Mhanainn, tha beatha às ùr air tighinn air Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha beagan foghlaim ann tro mheadhan na Gaelg, agus tha an àireamh de luchd-labhairt air a dhol suas gu mòr thar nan deicheadan a dh’fhalbh, bho 165 ann an 1961 gu 1,689 ann an 2001.

Tha na h-eadar-dhealachaidhean eadar na trì cànain Goidelic air a dhol am meud leis gun do chailleadh dualchainntean a bh’ air a bhith mar dhrochaidean eatarra. Mar eisimpleir, bha Gàidhlig Eilean Reachra (gu poilitigeach mar phàirt de dh’Èirinn) gu math dlùth ri Gàidhlig na h-Alba, agus ’s iongantach mura robh rudan anns a’ chumantas eadar na dualchainntean a bhathar a’ bruidhinn uaireigin ann an Cinn Tìre agus Gall-Ghàidhealaibh, agus Gàidhlig Ceann a Tuath na h-Èireann. Eadhon an-diugh tha faclan is abairtean ann an Gàidhlig Earra-Ghàidheal a bhiodh Gàidheil ceann a tuath na h-Alba a’ tomhas mar rudeigin ‘Èireannach’, mar a chithear anns a’ chlàr gu h-ìosal.

Clàr 3 Coimeas eadar faclan ann an Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Earra-Ghàidheal agus dualchainntean ceann a tuath na h-Alba
Gàidhlig na h-ÈireannGàidhlig Earra-GhàidhealGàidhlig Ceann a Tuath na h-AlbaBeurla
ascaillasgaillachlaisarmpit
citealceatalcoirekettle
comharsacoimhearsnachnàbaidhneighbour
cosúilcosailcoltachlike, resembling
dreoilíndreòlandreathann-donnwren
go raibh maith agatgun robh maith agadtapadh leatthank you
gruaiggruagfalthair of the head
olannolannclòimhwool
siasix
siopasiopbùthshop

Mar an ceudna, bhiodh a’ chuid a bu mhotha de luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba a’ faighinn dualchainnt Thìr Chonaill (Ulaidh) na Gaeilge nas fhasa thuigsinn seach an fheadhainn a tha nas fhaide deas ann an Èirinn (tha an diofar eadar dualchainntean ann an Èirinn nas motha na ‘n diofar taobh a-staigh Gàidhlig na h-Alba). Gabhaidh seo faicinn leis an t-seantans: ‘Ciamar a tha thu?’

Clàr 4 Ciamar a tha thu?
AlbannachCiamar a tha thu? / Dè mar a tha thu?
Ulaidh (taobh an iar-thuath na h-Èireann)Cad é mar atá tú?
Connacht (taobh an iar na h-Èireann)Cén chaoi a bhfuil tú?
Mumhan (taobh an iar-dheas na h-Èireann)Conas atá tú?

Ach chan eil an seo ach tomhas bunaiteach, agus uaireannan bidh an dreach à Cúige na Mumhan anns a’ cheann a deas rudeigin aithnichte do Ghàidheal Albannach; airson ‘Ciamar a tha thu?’, mar eisimpleir, bidh cuid de dh’Albannaich ag ràdh: ‘Cionnas a tha thu?’!

A dh’aindeoin na th’ aca sa chumantas, tha eadar-dhealachaidhean an ìre mhath mòr ann eadar Gàidhlig is Gaeilge a tha gam fàgail mar chànanan fa leth, dlùth-chàirdeach a-nise, seach dualchainntean dhen aon chànan, mar a bha o chionn beagan cheudan bhliadhnaichean nuair a bhathar a’ bruidhinn na Gàidhlig gun bheàrn eadar Corcaigh is Gallaibh.

Tha an tràth làthaireach sìmplidh ann an gnìomhairean, a tha mar phàirt de Ghàidhlig na h-Èireann fhathast, air a dhol à bith ann an Gàidhlig na h-Alba far a bheil an tràth làthaireach leantainneach air a dhol na àite; bidh sin a’ cleachdadh an ainmeir ghnìomhairich. Mar sin, canaidh na h-Èireannaich tuigim (‘I understand’) fhad ’s a chanas na h-Albannaich tha mi a’ tuigsinn (gu litreachail ‘I am at understanding’). Agus tha seann riochd àicheil nichon air a dhol an giorrad ann an dòigh dhiofraichte anns an dà dhùthaich – ann an Èirinn agus chan ann an Alba (ged a chluinnear chan cuideachd ann an Ulaidh). Mar sin, gheibhear chan eil airgead agam ann an Gàidhlig agus níl airgead agam ann an Gaeilge.

Tha na stràcan, a tha a’ comharrachadh leudachadh fuaimneachadh fuaimreig, eadar-dhealaichte eadar an dà chànan. Ann an Gaeilge tha iad uile geur agus, ann an Gàidhlig, às dèidh ath-chruthachadh air an dòigh-sgrìobhaidh tràth sna 1980an, tha iad uile trom. Mar sin, chithear ‘Fáilte’ air soidhnichean ann an Èirinn, agus ‘Fàilte’ ann an Alba. Bidh cuid de dh’fhaclan a’ gabhail cuideam air an lide mu dheireadh ann an Èirinn, gu sònraichte anns a’ cheann a deas, ach bidh Gàidheil Albannach an ìre mhath an-còmhnaidh a’ cur cuideam air a’ chiad lide ann am facal. Mar sin, canaidh na h-Èireannaich bradán airson bradan agus arán airson aran.

Ghlèidh Gàidhlig na h-Alba an dòigh chlasaigeach airson an riochdair pearsanta iolra sibh a chleachdadh airson urram fhoillseachadh do dh’aon neach. Mar sin, canaidh sinn ‘Ciamar a tha sibh?’ ri cuideigin a tha ginealach nas sine, seach ‘Ciamar a tha thu?’ Ann an Gaeilge, ge-tà, cha chleachdadh duine sibh ach a-mhàin nuair a bhiodh e a’ bruidhinn ri barrachd air aon duine.

Tha na riaghailtean a thaobh teàrnadh, ’s e sin mar a dh’atharraichear facal a rèir na tha a dhìth a thaobh gràmar, eadar-dhealaichte uaireannan cuideachd, agus thug cànanan eile buaidh eadar-dhealaichte air Gàidhlig is Gaeilge aig amannan. Mar eisimpleir, tha Gàidhlig na h-Alba air faclan-iasaid a thoirt bho Albais is Seann Lochlannais ann an dòigh eucoltach ri Gàidhlig na h-Èireann (ged a tha faclan-iasaid Lochlannach ann an Gaeilge). Ach tha an dà theanga air faclan a thoirt bhon Bheurla Shasannaich ann an dòigh car coltach.

Tha maothachd nam fuaimean a chluinnear tric aig connragan ann an Gàidhlig na h-Alba mar thoradh air an uiread de shèimheachadh sa chànan (’s e sèimheachadh maothachadh chonnragan a thathar a’ comharrachadh le ‘h’ às dèidh na connraig) agus ro-analachadh, far a bheil ‘h’ no ‘ch’ air a ràdh, gun a bhith sgrìobhte, ron chonnraig). Chan eil a leithid ann an Gàidhlig na h-Èireann ach nochdaidh e ann an Innis Tìlis, Fàrothais agus Nirribhis (agus, gu h-inntinneach ann an cànanan Artach nach eil càirdeach don fheadhainn eile, leithid Sàmi agus Graonlainnis). Air sgàth ro-analachadh, bidh na h-Èireannach ag ràdh ‘mak’ airson mac; bidh na Gàidheil Albannach ga fhuaimneachadh ‘machk’.

Tha na siostaman sgrìobhaidh airson Gàidhlig agus Gaeilge car coltach ri chèile, agus iad stèidhichte air an t-siostam a bh’ ann airson sgrìobhadh na Gàidhlig chlasaigich a bh’ air a cleachdadh leis na h-uaislean foghlamaichte anns an dà dhùthaich; mar sin, tuigidh feadhainn a leughas Gàidhlig na h-Alba bunaitean teacsa Gaeilge; tha e ag obair anns an dòigh cheudna air an rathad eile cuideachd. Ach tha siostam sgrìobhaidh Gàidhlig Eilean Mhanainn gu math eadar-dhealaichte agus doirbh a leughadh do Ghàidheil à Alba is Èirinn. Chaidh a’ siostam sgrìobhaidh a chruthachadh anns an 17mh linn agus tha e stèidhichte gu ìre mhòr air na siostaman airson Beurla is, gu ìre nas lugha, Cuimris. Chithear cuid de na h-eadar-dhealachaidhean anns a’ chlàr gu h-ìosal.

Clàr 5 Coimeas eadar na dòighean sgrìobhaidh airson Gàidhlig, Gaeilge is Gaelg
Gàidhlig na h-AlbaGàidhlig na h-ÈireannGàidhlig Eilean MhanainnBeurla
a’ bheanan bheanyn venthe wife, woman
ceannceannkionea head
deochdeochjougha drink
DimàirtDé MáirtJemayrtTuesday
gu leòrgo leordi liooarenough
iasgiasceeasta fish
lochlochlogha lake
seòmarseomrashamyra room
tethteçhehhot

2.7 Sgaoileadh nan Ceilteach

Ghluais slòigh aig an robh cànanan Ceilteach gu pàirtean eile dhen t-saoghal, a’ fàgail gu bheil na milleanan de dhaoine ann an Ameireagaidh a Tuath, Astràilia agus Sealan Nuadh aig a bheil sinnsireachd Cheilteach. Ach lagaich sin na cànanan nan dùthchannan màthaireil agus, anns an fharsaingeachd, cha do thogadh coimhearsnachdan Ceilteach ùr anns na tìrean-tuineachaidh; ’s ann anns an Ìmpireachd Bhreatannaich a bha a’ chuid a bu mhotha de na dùthchannan a ghabh ri in-imrich Cheilteach agus bha iad fo làn-smachd na Beurla Shasannaich. Bha Gàidhlig na h-Alba beò airson ùine ann am pàirtean de dh’Astràilia is Sealan Nuadh ach ’s e dìreach àireamh bheag de dh’Albannaich a chaidh a dh’fhuireach anns na dùthchannan sin agus feadhainn gu h-ionadail a tha dèidheil air a’ chànan a chumas beò i an-diugh. Ach tha dà dhùthaich a tha eadar-dhealaichte oir chaidh cànan Ceilteach a stèidheachadh gu làidir annta; ’s iad sin Patagonia (Cuimris) agus Alba Nuadh (Gàidhlig).

Tha feadhainn aig a bheil Cuimris fhathast a’ fuireach ann an Argentina, sliochd dhaoine a thòisich air a dhol a Mhòr-roinn Chubut ann an 1865; bha iad airson coimhearsnachdan a chruthachadh far nach rachadh a’ Chuimris agus a cultar à bith mar a bha a’ tachairt am measg nan eilthireach chaidh dh’Ameireagaidh a Tuath. Tha strì air a bhith aca an cànan a chumail beò, agus i a’ tighinn fo bhuaidh na Spàinntis ach, le taic a bharrachd a’ tighinn bhon Chuimrigh, tha ùidh às ùr ann a bhith ag ionnsachadh agus ag adhartachadh na Cuimris ann an Argentina 7.

Chaidh a’ Ghàidhlig Albannach a stèidheachadh ann an Canada na bu tràithe na sin, anns an 18mh linn, mar thoradh air eilthireachd Ghàidheal (air adhbharan eacanomaigeach an toiseach is an uair sin air sgàth nam fuadaichean). Bha coimhearsnachdan anns an robh Gàidhlig ga bruidhinn ann an grunn àiteachan ann an Canada, gu sònraichte Ontario, Quebec, Bronsuig Nuadh, Eilean a’ Phrionnsa agus Alba Nuadh. Ann an 1867, nuair a chaidh co-chaidreachas Chanada a chruthachadh, thathar a’ dèanamh dheth gun robh a’ Ghàidhlig na treas cànan as motha a bh’ air a’ bruidhinn ann an Canada, às dèidh Beurla is Fraingis, le timcheall air 200,000 neach-labhairt. Aig an ìre sin, bha Gaeilge fhathast aig mòran eilthireach Èireannach cuideachd; mar sin bha dualchas Gàidhlig aig Canada an 19mh linn na bu làidire na fhuaradh ann an dùthaich sam bith eile taobh a-muigh Alba, Èirinn no Manainn.

’S ann an Alba Nuadh gu sònraichte a dh’fhàs is a leasaich Gàidhlig na h-Alba, agus gu seachd àraidh air Eilean Cheap Bhreatainn. Ged a tha an cànan air a dhol bàs ann an ceàrnaidhean eile de Chanada (taobh a-muigh bhuidhnean beaga de luchd-ionnsachaidh is luchd-taice), ghleidheadh coimhearsnachd de dhaoine aig a bheil an cànan bho dhùthchas ann an Alba Nuadh, ged a tha i sìos a-nise gu dìreach beagan cheudan daoine, an coimeas ri faisg air 100,000, an treas cuid de shluagh na mòr-roinne, aig deireadh an 19mh linn.

Coimhead an bhidio gu h-ìosal airson beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn

Download this video clip.Video player: A’ bruidhinn Gàidhlig ann an Ceap Breatainn
Le cead BBC
A’ bruidhinn Gàidhlig ann an Ceap Breatainn
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Chan e a-mhàin gun do ghleidheadh an cànan ann an Alba Nuadh, ach tha cultar co-cheangailte ris a’ chànan gu math làidir cuideachd, le dualchas ainmeil de cheòl (gu sònraichte an fhìdheall) agus dannsa (gu h-àraidh dannsa-ceum). ’S e an aon àite taobh a-muigh Alba a chùm traidisean iongantach Albannach beò – na h-òrain luaidh – seinn òrain mar bhuidheann airson taic a chur ri luadh a’ chlò. Tha Gàidheil à Alba Nuadh air mòran a dhèanamh às leth dualchas cruinneil nan sgeulaichean Gàidhlig, a bharrachd air seinn, sgrìobhadh agus foillseachadh sa chànan. Agus ’s e Alba Nuadh an aon àite taobh a-muigh Alba far a bheil a’ Ghàidhlig Albannach a’ faighinn taic shònraichte bho bhuidheann riaghaltais. Ann an 2006 chruthaich Riaghaltas Alba Nuadh Oifis Iomairtean na Gàidhlig, fo cheannas Ministear, airson a bhith ag obair còmhla ri muinntir na h-Albann Nuaidh air cànain is dualchas na Gàidhlig ùrachadh anns a’ Mhóir-roinn’. Chruthaich coimhearsnachd Ghàidhlig Alba Nuadh a bratach fhèin cuideachd, mar a chithear gu h-ìosal.

Figear 15 Bratach coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Alba Nuadh

2.8 Luchd-ionnsachaidh is luchd-taice air feadh an t-saoghail

Tha àireamh nach beag de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig taobh a-muigh Alba, agus mòran dhiubh a’ cur feum air na cothroman a th’ ann airson ionnsachadh le goireasan eadar-lìn, samhail a’ Chùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha cuid dhiubh ann an dùthchannan a ghabh ri buidhnean mòra Ghàidheal, leithid Astràilia, Sealan Nuadh, Canada, na Stàitean Aonaichte agus Argentina, a bharrachd air Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn.

Download this video clip.Video player: Blogaire Gàidhlig ann an Los Angeles anns na Stàitean Aonaichte
Blogaire Gàidhlig ann an Los Angeles anns na Stàitean Aonaichte
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ach gheibhear luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, cuid dhiubh a th’ air fileantachd a ruigsinn, ann an dùthchannan cho diofraichte ri Brasail, Sìona, an Ruis, Casagstan, an Ungair, a’ Phòlainn, an Ostair agus an Eilbheis. Chan e sliochd nan Gàidheal a th’ anns a’ mhòr-chuid de na daoine sin, ach feadhainn a bhuineas do dhualchais eugsamhail a thog ùidh anns a’ Ghàidhlig, leis gun d’ fhuair iad rudeigin tarraingeach mu Alba is a’ Ghàidhealtachd – a ceòl, sgeulachdan, dualchas Ceilteach, a h-eachdraidh, bòidhchead na tìre agus/no na daoine fhèin.

’S ann anns a’ Ghearmailt a tha a’ bhuidheann as motha de na daoine seo a’ fuireach. Tha Mìcheal Klevenhaus na Ghearmailteach a tha fileanta ann an Gàidhlig. Sgrìobh e leabhar ann an Gearmailtis airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (Schottisch-Gälisch: Wort für Wort), agus bidh e a’ teagasg a’ chànain do 70 oileanach aig Oilthigh Bhonn. Tha grunn Ghearmailtich air Gàidhlig ionnsachadh gu fileantachd agus tha cuid dhiubh a-nise a’ dèanamh bith-beò anns an eaconamaidh Ghàidhlig ann an Alba fhèin.

Figear 16 Cruinneachadh de sgeulachdan goirid ùra air an sgrìobhadh ’s am foillseachadh an toiseach ann an Gàidhlig (gu h-àrd) agus air an eadar-theangachadh an uairsin gu Gearmailtis (gu h-ìosal)

Tha luchd-ionnsachaidh a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Alba, a’ sealltainn (do dh’Albannaich am measg eile!) gun gabh an cànan ionnsachadh gu fileantachd mar inbheach gun duilgheadas mòr sam bith, agus gu bheil a’ Ghàidhlig gu math tarraingeach do dhaoine taobh a-muigh a coimhearsnachd thraidiseanta, daoine a bheir leotha dealas is lèirsinn ùr.

3 A’ Ghàidhlig san latha an-diugh

3.1 Cò tha bruidhinn Gàidhlig?

3.1.1 ‘Tha mise!’

Seo eisimpleir de thriùir dhaoine eadar-dhealaichte a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig.

Karen

‘Mise Karen. Tha mi 18 agus tha mi air a bhith a’ fuireach an Inbhir Nis fad mo bheatha. Bha Gàidhlig aig teaghlach mo sheanair agus bha mo phàrantan airson gum biodh i agamsa cuideachd. Tha mi uabhasach toilichte gun do rinn mi sin. Chaidh mi gu clas Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus tha mi fortanach gu bheil tòrr chothroman air a bhith agam a’ Ghàidhlig a chleachdadh, mar eisimpleir ann an ceòl. San t-Sultain 2011 tha mi dol dhan Oilthigh far am bi mi a’ dèanamh Gàidhlig agus Eachdraidh agus ’s dòcha Poilitigs.’

Crìsdean

‘Mise Crìsdean. Bha Fraingis agus Beurla agam san dachaigh agus dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig anns an sgoil agus ann an Colaiste Ghàidhlig. Tha diofar obraichean air a bhith agam ann an saoghal na Gàidhlig.’

Dòmhnall-Iain

‘Mise Dòmhnall-Iain. Chaidh mo thogail ann an sgìre Ghàidhlig anns Na h-Eileanan an Iar agus b’ i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan agam. Bidh mi a’ bruidhinn Gàidhlig rim theaghlach, ri caraidean agus, mus do leig mi dhìom mo dhreuchd, bhithinn ga bruidhinn nam obair-latha.’

3.1.2 An Dealbh Mòr

Bha 58,652 duine a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig aig àm Cunntas-sluaigh 2001 agus 19,750 eile a thuigeadh a’ chànan.

Den luchd-labhairt, bha 33,315 (57% den iomlan) a’ fuireach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. ’S ann anns na h-Eileanan an Iar (le 15,723 luchd-labhairt) a bu mhotha a bha, le 62.3% den t-sluagh gu lèir agus cuid a sgìrean nas àirde na 80%. Bha 35.5% de shluagh an Eilean Sgitheanaich (3,999 neach gu lèir) comasach air a’ Ghàidhlig a bhruidhinn agus bha aon sgìre nas àirde na 70%.

Bha an 13,593 a tha air fhàgail sgapte eadar Earra-Ghàidheal agus Bòd agus tìr-mòr na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach 2,820 ann am baile Inbhir Nis. Tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu làitheil anns a’ mhòr-chuid de na coimhearsnachdan sin, gu h-àraidh anns Na h-Eileanan an Iar agus san Eilean Sgitheanach.

Clàr 5 Cunntas Sgìrean Gàidhlig an Alba
SgìreGàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar15,723
An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse3,999
An còrr den Ghàidhealtachd (Tìr-mòr)8,670
Earra-Ghàidheal agus Bòd4,168
Sgìrean Gàidhlig eile755
Iomlan, sgìrean Gàidhlig33,315

Bha 25,337 de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach an taobh a-muigh de na sgìrean traidiseanta Gàidhlig ann an 2001. Bha iad rim faighinn air feadh Alba, le àireamhan gu h-àraidh àrd ann am bailtean mòra mar Glaschu (5,731), Dùn Èideann (3,132) agus Obar Dheathain (1,420). Tha mòran dhiubh seo cuideachd a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig nam beatha làitheil: ann an seadh tha iad nan coimhearsnachd am broinn coimhearsnachd anns na bailtean sin.

Clàr 6 Cunntas àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba
SgìreGàidhlig
Iomlan, sgìrean Gàidhlig33,315
An còrr de Alba25,337
Iomlan58,652

Gheibhear map a’ sealltainn na tha de luchd-labhairt Gàidhlig anns a h-uile sgìre air feadh Alba ann an Aithisg na h-Oifis Clàraidh Choitcheann (GRO) air Cunntas-sluaigh 2001 aig: www.gro-scotland.gov.uk/ files/ gaelic-rep-english-appendix.pdf

B’ e 45.9 bliadhna an aois chuibheasach aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann an 2001, 18% nas àirde na an aois chuibheasach aig sluagh Alba gu lèir (39 bliadhna). Tha an clàr seo a’ sealltainn na h-aon dealbh sin o shealladh eile.:

Clàr 7 Aois chuibheasach luchd-labhairt na Gàidhlig
AoisLuchd-labhairt
0-20 bliadhna dh’aois10,158
45-64 bliadhna dh’aois16,855

Chaidh an graf seo ullachadh leis a’ bhuidheann-rannsachaidh, Sgrùd.

Anailis: C Mac Fhionghain © 2003 SGRÙD Rannsachadh

Gheibhear an graf seo agus feadhainn eile de a leithid aig: Comunn na Gàidhlig

’S e fileantaich a dh’ionnsaich a’ chànan anns an dachaigh agus a’ choimhearsnachd, mar as trice air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan, a tha anns a’ mhòr-chuid den luchd-labhairt as sine. A thaobh an fheadhainn as òige, tha a’ mhòr-chuid dhiubhsan a-nise a’ togail na Gàidhlig anns an sgoil, gu h-àraidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, air feadh Alba. Tha grunn inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd, cuid dhiubh o air taobh a-muigh Alba.

Bogsa 1

Gheibhear fiosrachadh mionaideach bho Chunntas-sluaigh 2001 aig:

3.2 Carson crìonadh?

Thàinig a’ Ghàidhlig a dh’Alba à Èirinn anns na linntean tràth RC agus bha i na prìomh chànan san dùthaich ro dheireadh a mhìle bliadhna sin. Tha i air as bhith a’ crìonadh riamh on uair sin, ge-tà, air diofar adhbhair.

3.2.1 Poilitigs agus Eaconamas

Ghabh Fraingis àite na Gàidhlig ann an cùirt Rìgh Chaluim a’ Chinn Mhòir agus na Bànrigh Mairead san 11amh linn. On a sin a-mach thàinig a’ Bheurla Albannach beag air bheag gu bhith na prìomh chànan anns na bailtean ùra. Thairis air na linntean a lean chaidh a’ Ghàidhlig a phutadh air ais ceum air cheum chun an àirde tuath agus an iar.

Am measg nan oidhirpean a rinn Crùn Alba gus a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan fhaighinn fo an smachd bha laghan leithid nan ‘Statutes of Iona’, Reachdan I ann an 1609 a dh’fheuch ris a’ Ghàidhlig a lagachadh am measg nan uaislean le bhith ag iarraidh gum biodh na mic as sine aca air an oideachadh tron Bheurla ann an sgoiltean Gallda.

Figear 17 Bha birlinnean, samhla de chumhachd nam fineachan Gàidhealach, cuideachd air an toirmeasg le Reachdan Ì

Thàinig nàdar de ‘diglossia’ am bàrr tro thìde anns an robh a’ Bheurla air a cleachdadh ann an obair an riaghaltais agus bhuidhnean poblach eile agus a’ Ghàidhlig air a cur gu feum dìreach anns an dachaigh agus a’ choimhearsnachd.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh ‘s e dìth inbhe san lagh an trioblaid as motha a tha air a bhith aig a’ Ghàidhlig seach toirmeasg no dìmeas sam bith a bha air a dhèanamh oirre. Tha cunntas anns an ath earrann air mar a chaidh seo a leasachadh.

Dh’fhuiling Gàidhealtachd agus Eileanan Alba mòran bochdainn, dìth obrach agus imrich thar nam bliadhnaichean, leithid Fuadaichean agus gaise a’ bhuntàta san 19amh linn agus cogaidhean mòra na 20amh linn. Bha dà sheòrsa buaidh aig seo air suidheachadh na Gàidhlig.

An toiseach, bha e ciallachadh gun deach coimhearsnachdan Gàidhlig a bhriseadh an-àird agus luchd na Gàidhlig, a’ chuid mhòr dhiubh òg, air an sgapadh a dh’àitichean mar Glaschu no Canada.

’S e a’ bhuaidh a bu mhiosa, ge-tà, gun tug e air daoine a bhith smaoineachadh nach robh luach sam bith anns a’ Ghàidhlig. Dh’fhàg seo sgoiltean ‘ag ullachadh chloinne airson imrich’ agus pàrantan a’ roghnachadh gun a’ Ghàidhlig a thoirt dhan clann.

3.2.2 Foghlam agus buaidhean cultarach

Ged a bha tomhas de Ghàidhlig anns na sgoiltean eaglaise a thàinig roimpe, cha robh guth air a’ Ghàidhlig ann an Achd Foghlaim (Alba) 1872, an reachdas a thug a-steach foghlam dha na h-uile ann an Alba. Mar thoradh air seo cha robh mòran sam bith Gàidhlig air a teagasg, agus bha nas lugha air a chleachdadh mar mheadhan teagaisg, anns na sgoiltean ùra. ’S ann a bha cuid a’ peanasachadh chloinne airson a bhith ga bruidhinn mar a chithear san eisimpleir seo.

Bogsa 2

‘Archy has a vivid memory of when he was very young sitting on his grandfather’s knees, gazing into his intensely blue eyes and white beard, and being told about the persecution the children were subjected to when his grandfather, Archibald, was a boy at school for speaking in Gaelic. They were severely belted and a tessera board (maide-crochaidh) was hung round their neck and if they had not betrayed another Gaelic speaking class-mate by 4pm they got another belting. If the child had not handed over the board by the morning attendance at school another belting was administered and so on.’

The Shielfoot Macphersons and a Journey of Discovery’ le Ewen S. L. MacPherson, ann an Creag Dhubh 1994 No. 46, iris Comann Chloinn ’ic a’ Phearsain.

Chaidh mòran strì a dhèanamh thar nam bliadhnaichean an aghaidh seo agus chaidh grunn phròiseactan foghlaim a chur air dòigh gus an suidheachadh seo a leasachadh. B’ e Achd Foghlaim 1918, a dh’iarr air ùghdarrasan foghlaim ‘ullachadh reusanta a dhèanamh airson na Gàidhlig’, Pròiseact Dà-chànanach Comhairle nan Eilean agus, o chionn ghoirid, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig eisimpleirean den seo: bidh cunntas orra san ath earrann.

Anns na bliadhnaichean às dèidh an Dara Cogaidh, agus gu h-àraidh o na 1960an, dh’fhosgail a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a-mach barrachd ris an t-saoghal mhòr, gu h-àraidh tron telebhisean a bha mar dhoras gu cultar ‘pop’ an ama. ’S e aon bhuaidh a bha aig seo, am measg rudan eile, gun do thòisich an òigridh gu h-àraidh a’ faicinn na Gàidhlig mar rud seann-fhasanta agus thòisich iad a’ cur an cùl rithe, glè thric an aghaidh toil am pàrantan agus a dh’aindeoin leasaichidhean ann am foghlam mar Pròiseact Dà-chànanach Comhairle nan Eilean.

Thòisich an Cunntas-Sluaigh Nàiseanta a’ clàradh an àireamh a bha a’ bruidhinn na Gàidhlig ann an 1881 agus tha seo air a bhith a’ sealltainn mar a tha a’ chànan air a bhith a’ dol air ais on uair sin, bhon 254,415 a bha ga bruidhinn ann an 1891, mar eisimpleir, chun an 58,652 a bha air fhàgail ann an 2001. Chaidh an graf seo ullachadh le Sgrùd:

Gheibhear an graf seo agus feadhainn eile de a leithid aig: www.cnag.org.uk/ munghaidhlig/ stats/ gaelspeakers.php.

3.3 Ath-bheothachadh na Gàidhlig

Ceum 1

Bha bochdainn agus strì mun fhearann cumanta san 19amh linn air a’ Ghàidhealtachd ach ro dheireadh na linn bha piseach air tòiseachadh a’ tighinn air gnothaichean. A thaobh na Gàidhlig, ann an 1891 chaidh buidheann a chur air chois airson a’ chiad uair gus a’ chànan a neartachadh. B’ e a’ chiad rud a rinn An Comunn Gàidhealach fèis chiùil nàiseanta, am Mòd, a chur air chois gus ceòl na Gàidhlig a bhrosnachadh agus gus ìomhaigh a’ chànain a thogail. Chuir an Comunn cuideachd meuran ionadail air chois agus ghabh iad pàirt ann an iomairtean poilitigeach, leithid na strì airson clàs a’ buntainn ri Gàidhlig ann an Achd Foghlaim (Alba) 1918. Thug an Achd seo inbhe oifigeil don Ghàidhlig airson a’ chiad uair le bhith ag iarraidh air na h-ùghdarrasan foghlaim ùra ‘ullachadh reusanta a dhèanamh airson na Gàidhlig ann an sgìrean sam bheil a’ chànan air a bruidhinn.’

Cuid den bhuidheann a chuir air chois An Comunn Gàidhealach
Figear 18 An fheadhainn a stèidhich An Comunn Gàidhealach

Ceum 2

Thòisich an dara ceum de ath-bheothachadh na Gàidhlig às dèidh an Dara Cogaidh agus ruith e gu mu 1980. Chaidh an t-àite a bha aig a’ bhuidheann shaor-thoileach An Comunn Gàidhealach ann an obair leasachaidh na Gàidhlig a ghabhail thairis beag air bheag aig an àm seo le luchd-iomairt de sheòrsa ùr, a chuir air chois leasaichidhean ann am foillseachadh, craoladh agus foghlam, an dara cuid tro bhuidhnean stèidhte (mar am BBC no na Comhairlean) no a chuir air chois am buidhnean fhèin, mar a rinn Ruaraidh MacThòmais le Gairm ann an 1952 is Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968. ’S e a’ phrìomh rud a tha a’ comharrachadh a’ cheum seo mar a thòisich structar-taice proifeiseanta a’ tighinn gu buil anns a’ Ghàidhlig.

Bha an cuideam ann am foghlam a-nise air cleachdadh na Gàidhlig mar mheadhan-teagaisg. ’S e Sgeama Foghlam Gàidhlig Siorrachd Inbhir Nis (anns na 1960an agus na 1970an) agus Pròiseact Foghlam Dà-chànanach Comhairle nan Eilean dà eisimpleir den seo, a bha ag amas air clann dhà-chànanach a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig mar: ‘a natural language for the exploration and description of experience’.

Ceum 3

Tha trì roinnean san treas ceum de ath-bheothachadh na Gàidhlig.

’S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), stèidhte air eisimpleir na Cuimrigh, aon dhiubh sin. Thòisich seo tràth anns na 1980an agus tha e air sgapadh air feadh na dùthcha, le mu 4,000 sgoilear a-nise an sàs aig diofar ìrean.

Figear 19 Thug ‘Latha Mòr na Gàidhlig’ a chaidh a chur air chois le Comhairle na Gaidhealtachd ann an 2005, còmhla 500 sgoilear ann an FTG bho air feadh Alba

Ann am foghlam bogaidh mar FTG tha clann air an teagasg gu tur tron chànan ged nach biodh i air a bhith aca o thùs (rud a tha fìor mu timcheall air 80% de sgoilearan ann am FTG). Tha a’ mhòr-chuid dhiubh seo a’ tòiseachadh a’ tuigsinn na Gàidhlig luath agus tha iad comasach air iad fhèin a chur an cèill innte air iomadh cuspair mus fhàg iad an sgoil.

Tha FTG air fhaicinn le mòran mar an dòchas as fheàrr airson na Gàidhlig san linn ri teachd leis gu bheil e a’ cruthachadh luchd-labhairt ùr ann an coimhearsnachdan far nach eil pàrantan air fhàgail aig a bheil a’ Ghàidhlig. Tha an graf, a rinneadh le Sgrùd, a’ sealltainn mar a dh’fhàs foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig bho thòisich e ann an 1985. Chithear an graf seo agus feadhainn eile coltach ris aig: http://www.cnag.org.uk/ munghaidhlig/ stats/ bunsgoiltean1.php

Figear 20

Tha cuideachd clasaichean luchd-ionnsachaidh ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean. Gheibhear fiosrachadh air foghlam Gàidhlig san fharsaingeachd air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig aig: http://www.gaelicteaching.com/ en/.

Chunnaic an dara ceum san ath-bheothachadh ùrachadh ann an ceòl Gàidhlig (agus Ceilteach) agus seirbheis chunbhalach craobh-sgaoilidh a’ tighinn gu ìre sa Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach sianal telebhisein (BBC ALBA).

Chunnaic an treas roinn den ath-bheothachadh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail ri Achd na Gàidhlig (Alba) ann an 2005. Chuir seo air chois gu h-oifigeil buidheann ùr, Bòrd na Gàidhlig, a bha gu bhith a’ toirt comhairle dhan Riaghaltas, ag ullachadh Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig agus a’ cuideachadh bhuidhnean eile gus am planaichean fhèin ullachadh. ’S e am prìomh phrionnsabal air cùl na h-Achd gu bheil ‘co-ionannachd meas’ aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla. Gheibhear copaidh den Achd (2005) agus de chiad Phlana Nàiseanta Bòrd na Gàidhlig (2007) aig:

Fàisneachd

Tha staid na Gàidhlig thairis air a’ cheud bliadhna mu dheireadh air a bhith an dà chuid a’ fàs nas fheàrr agus nas miosa. Air an aon làimh, tha inbhe na Gàidhlig, agus na suidhichidhean anns an urrainnear a cleachdadh, air a bhith a’ sìor fhàs. Aig an aon àm, tha an àireamh a tha ga bruidhinn a’ sìor chrìonadh (ged a tha an crìonadh a’ fàs nas slaodaiche). Tha Plana Nàiseanta Bòrd na Gàidhlig (2007) ag amas air gum bi 65,000 de luchd-labhairt na Gàidhlig ann ro 2021. Tha cuid a’ meas seo ro dhòchasach ach tha e a’ coimhead coltach gun stad an crìonadh anns na bliadhnaichean ri teachd, ged is dòcha gum bi sin aig ìre nas àirde na an targaid ud.

3.4 Tha a’ Ghàidhlig beò!

Foghlam

Tha sgoilearan a’ tòiseachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG) aig aois òg, mar as trice ann an cròileagan no sgoil-àraich. Tha dà sgoil Ghàidhlig ann an Alba (ann an Glaschu agus Inbhir Nis); a bharrachd air sin, ’s ann mar chlasaichean ann an sgoiltean dà-chànanach a tha FTG air a thoirt seachad. Chan eil mòran teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil ach tha cothrom aig sgoilearan clasaichean cànain a ghabhail san àrd-sgoil a bheir iad gu deuchainnean SQA ann an Gàidhlig (fileantaich).

Figear 21 Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, sgoil ùr a dh’fhosgail ann an 2007

Cliog an seo airson pìos bhidio far a bheil dà sgoilear à BSGI ag innse mun sgoil: ww2.highland.gov.uk/ gaelic_in_the_highlands/ gaelic_school.

Coimhearsnachd

Tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ann am beatha làitheil iomadh coimhearsnachd, gu h-àraidh sna h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach ach cuideachd, aig ìre nas lugha, ann an iomadh ‘coimhearsnachd am broinn coimhearsnachd’ sa bhaile mhòr.

Figear 22 Na Hearadh, far a bheil Gàidhlig fhathast an ìre mhath làidir

Tha grunn eaglaisean - Pròstanach agus Caitligeach – a’ cleachdadh Gàidhlig nan adhradh. ’S e aon de na seòrsaichean seinn as annasaiche, agus as cumhachdaiche, anns a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir, an dòigh air seinn nan salm Ghàidhlig a tha air tighinn ri chèile thar nan linntean ann an Eaglaisean Clèireach nan Eilean. Tha an eisimpleir seo à Leòdhas:

Seinn nan salm ann a Leòdhas
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Craoladh

Tha MG ALBA air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba airson prògraman telebhisein Gàidhlig a chruthachadh agus, ann an co-bhoinn ris a’ BhBC, tha iad air BBC ALBA a chur air chois, sianal telebhisein digiteach Gàidhlig. Tha BBC ALBA ri lorg air Freeview Sianal 8; Cabal Sianal 188; Sky Sianal 168; Freesat Sianal 110 agus beò air BBC iPlayer. Gheibhear cuideachd 10 uairean a thìde taghte gach seachdain air BBC PC iPlayer agus BBC iPlayer tro Virgin Media. Airson fiosrachadh air MG ALBA faic: www.mgalba.com/ index-en.html

Tha seirbheis chunbhalach Ghàidhlig ri fhaighinn air BBC ALBA, air telebhisean, rèidio agus an eadar-liòn a-nise, a’ gabhail a-steach phrògraman chloinne, seirbheis naidheachdan, àbhachdais agus spòrs. Airson fiosrachadh faic: www.bbc.co.uk/ alba

Download this video clip.Video player: Criomag bho Eòrpa, prògram de naidheachdan Eòrpach a tha ri fhaicinn air BBC ALBA
Criomag bho Eòrpa, prògram de naidheachdan Eòrpach a tha ri fhaicinn air BBC ALBA
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Cultar

Tha ceòl Gàidhlig (agus Ceilteach) air a bhith dol o neart gu neart o chionn beagan bhliadhnaichean, mar a chithear aig fèisean ciùil mar Blas (air a’ Ghàidhealtachd), HebCelt (Na h-Eileanan Siar) agus Celtic Connections (Glaschu).

Airson tuilleadh mu fhèisean ciùil faic:

Airson pìosan bhidio à BLAS 2010, cliog air: http://www.blas-festival.com/ 2010-bhideo--video-clips.html

Tha fèisean ionnsachaidh air an cumail air feadh na dùthcha far a bheil cothrom aig luchd-ionnsachaidh òg sgilean cultarach Gàidhlig a thogail o phroifeiseantaich.

Tha mu 40 fèis ann aig an àm seo, le taic o bhuidheann nàiseanta, Fèisean nan Gàidheal. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic: www.feisean.org

’S e co-fharpaisean ciùil a tha anns na mòdan, nàiseanta agus ionadail, airson clann agus inbhich a tha air an ruith leis a’ Chomunn Ghàidhealach. Airson fiosrachadh faic:

www.ancomunn.co.uk or www.acgmod.org

Tha roinnean eile de chultar na Gàidhlig seach a’ chànan fhèin air ath-bheothachadh cuideachd o chionn ghoirid, mar eisimpleir dannsa thraidiseanta leithid ‘dannsa-ceum’ a chaidh a thoirt air ais à Canada agus a tha a’ fàs gu mòr. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic: www.dannsa.com no www.scottishdance.net/ highland.

Soidhnichean

Tha an t-amas aig Achd na Gàidhlig gum bi an aon ‘mheas’ air a chur air Gàidhlig agus Beurla a’ ciallachadh gu bheil a’ Ghàidhlig a’ nochdadh tòrr nas trice a-nise air soidhnichean de gach seòrsa, a-staigh agus a-muigh.

Cluinnear Gàidhlig ga labhairt ann an suidhichidhean oifigeil cuideachd mar na rabhaidhean sàbhailteachd air aiseagan chun nan Eilean.

Figear 23 Soidhnichean Gàidhlig ann an Alba

Teaghlach

Bidh pàrantan le clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag ionnsachadh na Gàidhlig gus an clann a chuideachadh. A bharrachd air clasaichean-oidhche tha tachartasan ann far am faod pàrantan agus clann ionnsachadh còmhla. Gheibhear cunntas air a leithid seo a thachartas aig: http://www.cnag.org.uk/ pdfs/ curisfas11.pdf.

Figear 24 Pàrantan agus clann aig cruinneachadh FTG ann an Sabhal Mòr Ostaig ann an 2006

4 A’ Ghàidhlig – feallsanachd

4.1 Carson dà-chànanas?

Tha dà-chànanas na rud cumanta air feadh an t-saoghail agus tha a h-uile coltas gur ann nas cumanta a tha e dol a dh’fhàs. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil deagh bhuaidh aig dà-chànanas air an neach-labhairt agus air a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd.

4.1.1 Buaidh air an neach-labhairt

Suas chun nan 1960an, bha a’ chuid mhòr den rannsachadh air buaidh dà-chànanas air comas-eanchainn chloinne stèidhte air sluagh a bha air in-imrich a dhèanamh dha na Stàitean Aonaichte, a’ mhòr-chuid dhiubh à Ameireaga a Deas, agus b’ e an co-dhùnadh mar as trice nach robh a’ chlann dà-chànanach a’ dèanamh cho math ann an deuchainnean comais ri clann aig nach robh ach aon chànan. Chan eil duine a’ cur earbsa san rannsachadh seo a-nise, ge-tà, air grunn adhbhair ach gu h-àraidh airson gun robh iad a’ coimeas chloinne à dachaighean a bha glè eadar-dhealaichte a thaobh cosnaidh, ionmhais agus rudan mar ìre foghlaim nam pàrantan.

Chaidh pròiseact rannsachaidh mòr a dhèanamh ann am Montreal ann an 1962 a chuir ceist anns na co-dhùnaidhean seo airson a’ chiad uair. Rinn na h-eòlaichean-cànain Ealasaid Peal agus Wallace Lambert coimeas eadar comas ‘dà-chànanaich chothromach’ – i.e., clann a bha a’ cheart cho fileanta ann am Fraingis agus Beurla – agus clann aig nach robh ach aon chànan. Rinn na dà-chànanaich nas fheàrr sa chuid mhòr de na deuchainnean comais aca agus cho-dhùin Peal agus Lambert on seo: ‘A bilingual child is a youngster whose experience with two language systems seems to have left him with a mental flexibility, a superiority in concept formation, a more diversified set of mental abilities.’

Ged a tha fhios againn a-nise gun robh laigsean ann an rannsachadh Peal/Lambert cuideachd, lean mòran de na h-eòlaichean a thàinig às an dèidh an aon slighe, a’ co-dhùnadh mar as trice gu bheil ceangal làidir eadar dà-chànanas agus comas-eanchainn chloinne.

Tha luchd-rannsachaidh a-nise a’ feuchainn ri dealbh nas mionaidiche a thoirt air a’ cheangal seo. Tha cuid a’ coimhead air na cànanan fhèin, mar eisimpleir air dè cho fileanta is a tha na dà-chànanaich annta. Tha aon eòlaiche air co-dhùnadh gu bheil ìre àraidh ann – ‘stairseach’ – a dh’fheumar a ruighinn anns gach cànan mus eil a’ bhuaidh mhath seo aig dà-chànanas air comas-eanchainn. Tha cuid eile air coimhead air an inbhe a tha aig gach cànan, a’ co-dhùnadh: ‘Where the home language is that of the majority, ‘additive’ bilingualism is best promoted by providing initial instruction in the second language’ (mar a tha a’ tachairt ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig).

Tha cuid a luchd-rannsachaidh air feuchainn ri dearbhadh dè na dearbh chomasan inntinn air a bheil dà-chànanas a’ toirt buaidh. Mar eisimpleir, tha Ellen Bialystok à Oilthigh York, Toronto, air sealltainn gu bheil clann dhà-chànanach nas fheàrr air dèanamh grunn rudan aig an aon àm agus air an cur an òrdugh agus tha i a’ co-dhùnadh on seo gu bheil a bhith a’ cumail rian air dà chànan a’ neartachadh ‘siostam smachd na h-eanchainne’. Ged a tha a’ mhòr-chuid de obair Bialystok mu chlann, dh’fhoillsich i pàipear sa Ghearran 2011 a tha a’ co-dhùnadh gu bheil a bhith a’ cleachdadh dà chànan a’ cur maill air call na cuimhne ann an seann daoine, air an aon adhbhar. Gheibhear cunntas-naidheachd an seo.

Figear 25 Ellen Bialystok

An co-dhùnadh, ged a tha ceistean rim fuasgladh fhathast mun cheangal eadar dà-chànanas agus comas-eanchainn, tha barrachd is barrachd aonta ann mun seo, mar a tha Anne Brasier à Oilthigh Kagoshima (Iapan) a’ mìneachadh ann an The relationship between bilingualism and the cognitive development of bilingual children (1999): ‘Research has overwhelmingly concluded that bilingualism per se does not have any negative effects on cognition. In fact the opposite increasingly appears to be the case: that high levels of bilingualism have accelerating effects on children’s cognitive development.’

4.1.2 Ag ionnsachadh chànanan eile

Tha daoine a bha fileanta ann an dà chànan aig aois òg mar as trice nas fheàrr na an àbhaist air cànanan eile ionnsachadh. Tha seo fìor cuideachd mu dhùthchannan (e.g. An Òlaind no An Eilbheis). Tha diofar adhbhair airson seo.

’S e aon adhbhar gu bheil ionnsachadh dara cànain a’ toirt misneachd dhan neach-ionnsachaidh gus feuchainn air an treas no an ceathramh cànan on a tha fhios aca a-nise gun urrainn dhaibh a dhèanamh. Bhon is e dìth misneachd a tha a’ cumail mòran gun a bhith nas fheàrr air cànanan ionnsachadh, ’s e rud cudromach a tha seo.

A bharrachd air sin, tha fhios aig dà-chànanaich a-nise mar a dh’ionnsaicheas iad cànan agus mar a dhèiligeas iad ri duilgheadasan agus faodaidh iad an t-eòlas sin a chur gu feum leis an treas (no an ceathramh) cànan.

Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil dà-chànanaich nas mothachaile aig aois òg air an diofar eadar ‘cruth’ agus ‘brìgh’ fhaclan na tha clann aig nach eil ach aon chànan – i.e. tha fhios aca gu bheil barrachd air aon dòigh ann air rudan ainmeachadh. Ann an deuchainnean, mar eisimpleir, bha na dà-chànanaich òga nas dualtaiche faclan a chur còmhla air sgàth an ciall seach an coltas no am fuaim. Tha an comas seo na chuideachadh ann a bhith ag ionnsachadh chànanan eile.

Tha rannsachadh air seo a’ leantainn ach tha aonta ann gu bheil dà-chànanas aig aois òg a’ cuideachadh ann a bhith ag ionnsachadh chànanan eile às dèidh sin. Airson cunntas air an rannsachadh. Cliog an seo.

Sgeulachd Chrìsdein
Figear 26

‘Rugadh mi san Eilean Sgitheanach ann an coimhearsnachd Gàidhlig ach ’s e Beurla agus Fraingis a bha mi a’ cluinntinn aig an taigh. Dh’ionnsaich mi Gàidhlig nuair a dh’fhosgail aonad Gàidhlig sa Bhun-Sgoil ann am Port Righ. Nuair a dh’fhàg mi an sgoil chaidh mi gu Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Gàidhlig na h-Alba, agus tha mi air a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig bhon uair sin. Tha mi a’ faireachdainn glè fhortanach gu robh cothrom agam Gàidhlig ionnsachadh. ‘

4.1.3 Buaidh air a’ choimhearsnachd

Bogsa 3 Final report and recommendations of The Nuffield Languages Inquiry, 2000
From the foreword by Sir Trevor McDonald OBE and Sir John Boyd KCMG

Our mandate from the Nuffield Foundation, to look at the UK’s capability in languages and to report on what we need to do as a nation to improve it, was timely. Every day we are confronted by evidence that we live in a shrinking world. The breaking down of international barriers, a process which will move much further and faster in the course of this new century, has placed a premium on our ability to talk to our neighbours in the global village … The scale of what needs to be done has become ever more striking as our work has gone on. At the moment, by any reliable measure, we are doing badly. We talk about communication but don’t always communicate. There is enthusiasm for languages but it is patchy. Educational provision is fragmented, achievement poorly measured, continuity not very evident. In the language of our time, there is a lack of joined-up thinking.

Bogsa 4 Foreign languages in the upper secondary school: the causes of decline
Joanna McPake, Lindsay Lyall (SCRE); Richard Johnstone, Lesley Low (University of Stirling)
Introduction

In November 1996, researchers at the Scottish Council for Research in Education (SCRE) and the Institute of Education at the University of Stirling began a study of the causes of decline in uptake of Higher courses in modern languages in Scottish secondary schools. The study was funded by The Scottish Office Education and Industry Department (SOEID) in response to evidence from the Scottish Qualifications Authority (SQA) that the numbers of students entered for Higher examinations in modern languages had fallen by approximately 50 per cent between 1976 and 1996, and consequent widespread concern about the effects of declining capability in modern languages on Scottish industry and trade and on Scotland’s role within Europe.

Tha a’ mhòr-chuid ann an Alba, agus ann am Breatainn san fharsaingeachd, ag aontachadh gu bheil.

  • a) ionnsachadh chànanan eile ar leth feumail ann an saoghal an latha an-diugh
  • b) nach eil sinne math air a seo.

Ged is ann air cànanan mar Gearmailtis no Sìonais mar as trice a tha daoine a’ smaoineachadh nuair a tha iad a’ ràdh rudan mar seo, tha buntannas aig seo ris a’ Ghàidhlig cuideachd oir.

  • a) tha ionnsachadh aon chànan ga dhèanamh nas fhasa t’èile ionnsachadh, ge b’e dè na cànanan a tha ann, mar a chunnaic sinn gu h-àrd
  • b) tha a’ Ghàidhlig air a teagasg is air a bruidhinn air feadh Alba agus mar sin ’s e cànan a tha innte leis a bheil e furasta tòiseachadh ag ionnsachadh chànanan
  • c) tha ionnsachadh dara cànain mar a’ Ghàidhlig a’ toirt dhuinn ‘uinneag eile air an t-saoghal’, rud a tha feumail san linn ioma-chultarach sa bheil sinn beò
  • d) bheireadh ionnsachadh na Gàidhlig fosgladh-sùla do shluagh a tha air fàs cleachdte ri bhith bruidhinn dìreach aon chànan agus aig nach eil am misneachd no am miann a dh’fheumar airson cànanan ùra ionnsachadh.

A bharrachd air sin, tha mòran a dh’fhaodas an fheadhainn a tha an urra ri teagasg chànanan eile ionnsachadh o na dòighean-teagaisg a tha air a bhith cho soirbheachail sa Ghàidhlig – gu h-àraidh foghlam bogaidh.

4.2 Carson Gàidhlig?

4.2.1 Freagairt cultarach

’S e fear de na prìomh adhbhair a tha daoine ann an Alba ag ionnsachadh na Gàidhlig no a’ cur an clann gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu bheil iad a’ faireachdainn gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt phrìseil de eachdraidh na h-Alba, cho math ri bhith na pàirt de bheatha chultarach na dùthcha san latha an-diugh.

Tha fiù ’s ainm na dùthcha a’ tighinn on Ghàidhlig oir ’s e ‘Scoti’ an t-ainm a thug na Ròmanaich air an luchd-Gàidhlig (à Èirinn) air an tàinig iad tarsaing an seo. Tha ceangal dlùth cuideachd eadar suaicheantais Albannach mar an tartan agus a’ Ghàidhlig agus tha dualchas ciùil na Gàidhlig air buaidh a thoirt air ceòl Albannach san fharsaingeachd - agus air a bhith a’ dol o neart gu neart o chionn ghoirid.

Tha ainmean-àite a’ cumail air chuimhne na cultaran a bha ann an sgìrean o chionn fhada agus a thug buaidh air mar a tha iad an-diugh. Tha ainmean a thàinig on Ghàidhlig air am faighinn sa mhòr-chuid de Alba. Tha cuid dhiubh a’ tarraing air cruth na tìre, mar eisimpleir canar uaireannan An t-Sròn ri Troon an Siorrachd Àir agus chithear an gob a tha toirt ant t-ainm sin dha anns a’ chaladh. Tha cuid eile nam fianais air eachdraidh a tha air a dhol à cuimhne: mar eisimpleir tha sgìre thaigheadais an Inbhirnis air a bheil Dalneigh. Tha an t-seann ainm Gàidhlig a bha air, Dail an Eich a’ toirt sealladh dhuinn air àm nuair a bha an sgìre air a h-àiteach. Gu h-ìoranta chaidh seòrsa de cheangal ris an àm sin a dhèanamh as ùr bho chionn ghoirid nuair a chaidh lotaichean a stèidheachadh ann.

An t-sron map
Figear 27 An t-Sròn ann an Siorrachd Àir

Airson fiosrachadh air ainmean-àite Gàidhlig, tadhail air làrach-lìn Ainmean-Àite na h-Alba.

4.2.2 Freagairt practaigeach

Tha adhbhair nas bunaitiche cuideachd aig daoine airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig – no a’ cur air dòigh gun ionnsaich an clann i – agus ’s e sin gu bheil grunn ann de chothroman-cosnaidh a-nise far a bheil comas a’ Ghàidhlig a bhruidhinn feumail no do-sheachaint.

Seo dithis a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig nan obair.

Sgeulachd Iain

‘'S ann à Uibhist a Deas a tha mi agus tha mi air fuireach an seo cha mhòr fad mo bheatha. Chaidh mo thogail a' bruidhinn Gàidhlig - tha e coltach, nuair a chaidh mi dhan sgoil, nach robh facal Beurla agam! Chaidh mi dhan oilthigh ann a Sruighlea agus ann an 2008 thug mi mach ceum ann an litreachas Beurla.

Figear 28

An-dràsta tha mi ag obair dhan BhBC mar fhear-naidheachd ann a sgìre Uibhist agus Bharraigh, a’ siubhal eadar na h-eileanan sin ag aithris naidheachdan an àite. Nuair nach eil mi ag obair, mar is trice tha mi trang air croitean an teaghlaich agam.’

Sgeulachd Sìne
Figear 29

‘Rugadh agus thogadh mi ann an Ceap Breatainn, Canada. Bha Gàidhlig agam fhìn agus mo thriùir bhràithrean ag èirigh suas. Thàinig mi a dh’Alba ann an 1998 agus rinn mi ceum ann an Sabhal Mòr Ostaig. Thrèan mi mar thidsear agus tha mi a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd. Tha mi fhìn agus an duine agam a’ fuireach ann an Inbhir Nis agus tha nighean bheag againn.’

4.3 Còirichean mion-chànanan

4.3.1 Ro-ràdh

’S e freagairt eile dhan cheist ‘Carson Gàidhlig?’ gu bheil còirichean aig mion-chànanan mar a’ Ghàidhlig anns an lagh, gu h-ionadail agus gu h-eadar-nàiseanta, mar a tha e air innse gu h-ìosal.

4.3.2 Na Nàiseanan Aonaichte

Ghabh na Nàiseanan Aonaichte, aig an 92amh làn-choinneamh air 18 Dùbhlachd 1992 ri ‘Aithris air Còirichean dhaoine a bhuineas don bheag-chuid a thaobh Nàisean, Cultar, Creideamh no Cànan’. Tha Earrann 1 ag iarraidh:

  1. gun dìon Stàitean neo-eisimeileachd bhuidhnean a tha sa bheag-chuid a thaobh nàisean, cultar, creideamh no cànan anns na dùthchannan aca agus gun cruthaich iad suidhichidhean a bhios taiceil dhaibh
  2. gun cuir Stàitean laghan agus riaghailtean an gnìomh le sin san amharc.

4.3.3 Cairt Eòrpach nam Mion-chànan

Tha Artaigil 22 de Chairt Eòrpach nan Còirichean Bunaiteach ag innse gu bheil: ‘An t-Aonadh a’ cur luach air diofar chultaran, chreideamhan agus chànanan.’

Tha seo air a mhìneachadh nas soilleire ann an Cairt Eòrpach nam Mion-chànan, ris an do ghabh Comhairle na h-Eòrpa ann an 1992 mar mheadhan air cànanan dùthchasach air feadh na Roinn Eòrpa a bhrosnachadh agus ath-bheothachadh.

Dh’aontaich Riaghaltas na RA ri Cairt Eòrpach nam Mion-chànan ann an 2000 agus chaidh seo a dhaingneachadh le Pàrlamaid na RA ann an 2001. Bidh Comataidh Eòlaichean Comhairle na h-Eòrpa a’ tadhal gu cunbhalach air rìoghachdan a dh’aontaich ris a’ Chairt gus dearbhadh gu bheileas ga coileanadh.

4.3.4 Achd na Gàidhlig

Air Giblean 21, 2005 ghabh a’ Phàrlamaid Albannach ri Achd na Gàidhlig (Alba). ’S e adhbhar na h-Achd, a rèir an Ro-ràdh:

‘To establish a body having functions exercisable with a view to securing the status of the Gaelic language as an official language of Scotland commanding equal respect to the English language, including the functions of preparing a national Gaelic language plan, of requiring certain public authorities to prepare and publish Gaelic language plans in connection with the exercise of their functions and to maintain and implement such plans, and of issuing guidance in relation to Gaelic education.’

Bogsa 5 Gaelic Language (Scotland) Act 2005
The Act – an overview
  1. These Explanatory Notes have been prepared by the Scottish Executive in order to assist the reader of the Act. They do not form part of the Act and have not been endorsed by the Parliament.

  2. The Notes should be read in conjunction with the Act. They are not, and are not meant to be, a comprehensive description of the Act. So where a section or schedule, or part of a section or schedule, does not seem to require any explanation or comment, none is given.

  3. The Gaelic Language (Scotland) Act 2005 establishes a body, Bòrd na Gàidhlig (the Bòrd), to promote the use and understanding of the Gaelic language and enables the Bòrd to require certain public bodies to prepare and implement plans which will set out how they will use the Gaelic language in the exercise of their functions.

  4. Section 1 establishes the Bòrd with the functions of promoting the use and understanding of the Gaelic language; promoting and advising on Gaelic language, culture and education matters; and reporting to the Scottish Ministers on the implementation of the European Charter for Regional or Minority Languages in relation to the Gaelic language.

  5. Section 2 requires the Bòrd to develop a national Gaelic language plan setting out how it proposes to exercise those functions.

  6. Sections 3 to 8 enable the Bòrd to require relevant public authorities to prepare and implement Gaelic language plans. These plans will set out how the public authority will use the language in connection with the exercise of its functions.

  7. Section 9 provides for the Bòrd to issue guidance on the provision and development of Gaelic education.

Tha an aithghearrachd seo ann an Ro-ràdh Achd 2005. Chithear copaidh den Achd an seo.

Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2005. Dh’ullaich am Bòrd Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig (le ro-innleachd airson foghlam Gàidhlig) an 2007 agus on uair sin tha am Bòrd air iarraidh air grunn bhuidhnean planaichean Gàidhlig ullachadh.

4.4 Thall ’s a-bhos: eisimpleirean

4.4.1 Te Reo Maori

Anns a’ chuid mhòr den t-saoghal tha dà-chànanas (no fiù ’s ioma-chànanas) cumanta. Tha mion-chànanan coltach ris a’ Ghàidhlig anns a’ mhòr-chuid a dhùthchannan, leis an aon seòrsa dhuilgheadasan agus dhùrachdan. Tha luchd-labhairt nan cànan sin a’ fàs nas mothachaile air a sin agus air na dh’fhaodas iad ionnsachadh o chèile.

Aig co-labhairt a chuir Comhairle na Gàidhealtachd air chois ann an 2005, dh’innis Tipene Chrisp, Manaidsear Poileasaidh ann am Ministrealachd Leasachadh Maori aig Riaghaltas Shealain Nuaidh mu shuidheachadh Maori aig an àm sin.

‘By the late 1970s, it was predicted that the Maori language would be dead by 2010. This dire prediction sparked significant action to revitalise Maori in the early 1980s.

There was some recognition of the importance of home and community in this early phase. However, this recognition was quickly overtaken by our emphasis on formal education and broadcasting as the primary means for language revitalisation. It wasn’t until the Maori Language Conference of 1995 that home and community language development returned to the agenda.

The renewed emphasis on home and community language development was based on Fishman’s focus on intergenerational language transmission. We absorbed this theoretical approach over time and were inspired by it. It has been adopted as the central platform of our strategy.

We realised quite early that Government cannot directly influence intergenerational language transmission. We can only take indirect measures that support the creation of an environment that is conducive to intergenerational language transmission in homes and communities. Our research indicated that there were three broad instruments for providing this indirect support:

  • Incentives (mainly indirect, such as preferential access to particular schools)
  • information (originally text-based for reasons of cost but now involving a range of media, including storylines in TV soaps)
  • advice (delivered mainly through language planning at the community level and a system of family language mentors on the home front).’

Tha luchd-brosnachaidh cànan nam Maori den bheachd gu bheil an teaghlach agus a’ choimhearsnachd sònraichte cudromach ma tha a’ chànan dol a thighinn beò agus mar sin ’s e suidheachadh far a bheil i ga toirt le aon ghinealach dhan ath ghinealach a’ phrìomh amas aca. Tha àite cudromach air a bhith aig na kohanga reo, no na ‘neadan cànain’, a tha toirt seachad tràth-fhoghlam ann am Maori, anns an ro-innleachd seo. Airson bhidio mu na kohanga reo faic gu h-ìosal.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Airson fiosrachadh mun chànan Maori san fharsaingeachd, tadhail air ‘He Korero mo Te reo Maori’

4.4.2 Bàrd dà-chànanach

Ged nach eil Aonghas MacNeacail a’ cleachdadh ach an riochd Gàidhlig de ainm, tha e cliùiteach airson a bhàrdachd san dà chànan.

Tha grunn luchd-naidheachd, actaran agus craoladairean a’ dèanamh an aon rud, rud a tha a’ toirt dhaibh barrachd chothroman cosnaidh.

Figear 30 Aonghas MacNeacail

Seo an dàn aig Aonghas air Marilyn Monroe, san dà chànan. Gheibhear làrach-lìn Aonghais aig: www.aonghasmacneacail.co.uk/ cv.htm

Marilyn Monroe le Aonghas Macneacail
òr 'na do ghruaiggold in your hair
òr ann an ìnean do chasgold in the nails on your feet
òr ann an ruisg chadalach do shùilean beògold in the sleepy lids of your living eyes
òr 'na do ghruaidhean, 'nam fathann athaidhgold in your cheeks, in their rumour of a blush
òr ruadh do bhileanred gold of your lips
òr sa ghualainn mhìn àrd a' fasgadh do smiggold in the raised shoulder that shelters your chin
òr anns a' bhroilleach ghealltanachdgold in your breasts, their promise
paisgte 'na bhadenfolded in wisps
òr 'na do chneas seang, air miadan do chruachangold in your slender waist, on the meadows of your hip
ann an lùb nan sliasaid isin the curve of thigh and
air glùin nan dìomhaireachdon your knee of mysteries
rinn d' adhbrainn òrachyour golden ankle gave
dannsa caolslim dances
do gach sùil a shealladhthat any eye could see
airgead-beò 'na do chuisleanquicksilver in your veins
airgead-beò 'na do chridhequicksilver in your heart
airgead-beò gu na h-iomaillquicksilver to every corner
dhe d' anamof your soul
agus d' osnadh, do ghàireand your sighs, your laugh
do ghuth-seinn, do ghuth-labhairtyour singing, your speech
mar bhraoin de dh'òrlike a mist of gold
agus do gach fear a chùmand to every man who kept you
air lios leaghteach nan dealbh thuon the screen's dissolving field
òr, ogold, from
bhàrr calgach do chlaiginn guthe maned top of your skull
buinn rùisgte do chasto the bare soles of your feet
òr, òr, òr,gold, gold, gold,
beò no marbhalive or dead
their cuid nach robh thu cho cùbhraidhsome say you weren't so fragrant
's iad a' deothal an t-sùighas they suck the substance
à spòran suilt òrach do bhèinfrom the fertile purse of your skin
òr, òr , òrgold, gold, gold

5 Mar a tha a’ Ghàidhlig ag obair

5.1 Mar a chanas mi

Seo abairtean cumanta sa Ghàidhlig, Èist riutha le cliogadh air an t-samhla, agus an uair sin feuch rin cantainn.

Ciamar a tha thu?

Download this audio clip.Audio player: ciamar-a_tha_thu.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Tha gu math.

Download this audio clip.Audio player: tha_gu_math.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Madainn mhath.*

Download this audio clip.Audio player: madainn_mhath_1.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Feasgar math.*

Download this audio clip.Audio player: feasgar_math.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Thig a-steach.

Download this audio clip.Audio player: thig_a-steach.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Mach à seo!

Download this audio clip.Audio player: mach_a_seo.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Mòran taing.

Download this audio clip.Audio player: moran_taing.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Slàinte!

Download this audio clip.Audio player: slainte.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Dè tha dol?

Download this audio clip.Audio player: de_tha_dol.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Tha mi trang.

Download this audio clip.Audio player: tha_mi_trang.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

An can thu rithist e?

Download this audio clip.Audio player: an_can_thu_rithist_e.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Mas e do thoil e.

Download this audio clip.Audio player: mas_e_do_thoil_e.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

* Faodaidh ainmearan sa Ghàidhlig, mar ann an cànanan eile, a bhith fireanta no boireanta: sin as coireach gur e ‘feasgar math’ (fireanta) a tha ann ach ‘madainn mhath’ (boireanta).

5.2 A’ Ghàidhlig – beagan mu na bunaitean

5.2.1 Gràmar na Gàidhlig, blasad

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt den teaghlach chànanan Indo-Eòrpach agus mar sin tha càirdeas fad-às aice ri cànanan mar Beurla agus Fraingis, mar a tha ainmean nan àireamhan 1-3 a’ sealltainn.

Download this audio clip.Audio player: aon.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: tri.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Clàr 8
GàidhligEadailtisFraingisDànaisBeurla
1aonunouneenone
2duedeuxtotwo
3trìtretroistrethree

Tha an càirdeas seo a’ ciallachadh gu bheil gràmar na Gàidhlig coltach ri gràmar nan cànanan eile sin ann an cuid a dhòighean ach eadar-dhealaichte bhuapa ann an dòighean eile. Mar eisimpleir, tha am buadhair mar as trice às dèidh an ainmeir sa Ghàidhlig – mar a tha ann am Fraingis – ach tha e an rathad eile sa Bheurla. Sin as coireach gu bheil an cuideam air an lide mu dheireadh ann an ainmean-àite mar ‘Glenmore’ – ‘An Gleann Mòr’.

Download this audio clip.Audio player: gleann_mor.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Seo mar a tha seantans shìmplidh Ghàidhlig air a cur ri chèile.

Tha mi a’ sgrìobhadh litir.

Download this audio clip.Audio player: tha_mi_a_sgriobhadh_litir.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Notaichean:

*1*2*3*4
Thamia’ sgrìobhadhlitir.
  • *1 Tha ‘tha’ co-ionnan ri ‘am’ sa Bheurla ach, ged a chanas sinn ‘I am’, ‘you are’, ‘he is’, ’s e ‘tha’ a tha an-còmhnaidh sa Ghàidhlig, i.e.: ‘tha mi’, ‘tha thu’, ‘tha e
  • *2 Tha na faclan ann an òrdugh eadar-dhealaichte sa Ghàidhlig, le ‘tha’ ro ‘mi
  • *3 ‘A’ sgrìobhadh’ = ‘writing’: smaoinich air ‘scribe’ no ‘scribble’
  • *4 ‘Litir’ = ‘a letter’: Chan eil leithid ‘a’ no ‘an’ anns a’ Ghàidhlig.

5.2.2 Fuaimean agus litrichean

Faodaidh fuaimreagan a bhith goirid no fada sa Ghàidhlig. Tha sràc air an fheadhainn fhada, me:

  • bata
Download this audio clip.Audio player: bata_1.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: bata_2_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: bata_5.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
  • bàta
Download this audio clip.Audio player: bata_2_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: bata_2_4.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: bata_6.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Faodaidh dà fhuaim a bhith aig connragan cuideachd – mar anns a’ Bheurla (me, an ‘d’ ann an ‘door’ agus ann an ‘duke’). Tha ‘d’ na Gàidhlig, nuair a tha e ri taobh ‘a’, ‘o’ no ‘u’, coltach ris an ‘d’ ann an ‘door’:

  • ‘doras’
Download this audio clip.Audio player: doras.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: doras_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: doras_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
  • ‘dà’
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: da_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: da_4.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

ach tha e coltach ris an ‘d’ ann an ‘duke’ nuair a tha e ri taobh ‘e’ no ‘i’:

  • ‘de’
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: de_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: de_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
  • idir
Download this audio clip.Audio player: idir.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: idir_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: idir_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Tha fuaim cuid a litrichean ag atharrachadh nuair a tha ‘h’ a’ dol còmhla riutha. Mar eisimpleir, nuair a tha thu ag èigheach air cuideigin leis an ainm ‘Màiri’, tha an t-ainm ag atharrachadh gu ‘Mhàiri’. Tha cuid a’ cleachdadh Mhàiri mar ainm sa Bheurla.

Download this audio clip.Audio player: mhairi.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: mhairi_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: mhairi_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Tha barrachd fhuaimean fa leth sa Ghàidhlig na tha sa Bheurla ach tha a’ Ghàidhlig a’ cleachdadh nas lugha litrichean: mar sin feumaidh na litrichean Gàidhlig obrachadh nas cruaidhe ach, a dh’aindeoin sin, tha litreachadh na Gàidhlig glè fharasta a thuigsinn. Can na faclan seo agus an uair sin cliog air an t-samhla airson an cluinntinn.

aran

Download this audio clip.Audio player: aran.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: aran_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: aran_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

balach

Download this audio clip.Audio player: balach.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: balach_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: balach_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

còta

Download this audio clip.Audio player: cota_1.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: cota_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: cota_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

deoch

Download this audio clip.Audio player: deoch.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: deoch_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: deoch_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

cidsin

Download this audio clip.Audio player: cidsin_1.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: cidsin_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: cidsin_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

làr

Download this audio clip.Audio player: lar.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: lar_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: lar_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

madainn mhath

Download this audio clip.Audio player: madainn_mhath_1.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: madainn_mhath_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: madainn_mhath_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

rathad

Download this audio clip.Audio player: rathad.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: rathad_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: rathad_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

seo

Download this audio clip.Audio player: seo.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: seo_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: seo_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

tòrr

Download this audio clip.Audio player: torr.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: torr_2.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: torr_3.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

An do mhothaich thu gu robh diofar dualchainntean aig an luchd-labhairt?

5.3 Cànan a’ mean-fhàs

5.3.1 A’ cruthachadh briathrachas: iomairtean

Cha robh a’ Ghàidhlig air a cleachdadh mòran ron a seo ann an suidhichidhean mar foghlam no na naidheachdan agus air sgàth sin tha a’ chànan gann de fhaclan airson cuspairean mar saidheans no an eaconamaidh: gu seo cha robh feum orra.

Anns an fhichead bliadhna mu dheireadh, ge-tà, thòisich a’ Ghàidhlig a bhith ga cleachdadh tòrr a bharrachd airson a leithid sin agus mar sin bha feum air faclan ùra agus dòighean-labhairt ùra ann an cabhaig.

Nuair a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an 1985, mar eisimpleir, thug na h-ùghdarrasan ionadail còmhla eòlaichean cànain agus foghlaim a dh’aontaich air liosta, ‘Faclan Ùra Gàidhlig’, de na faclan a bha gu bhith air an cleachdadh anns na sgoiltean agus ann an stuth-teagaisg airson diofar chuspairean sgoile.

Tha an liosta air a bhith air a bhith air ùrachadh grunn thursan on uair sin agus tha a-nise an obair air a gabhail thairis le buidheann ùr, An Seotal.

Rianachd

Dh’fhoillsich A’ Phàrlamaid Albannach Faclair na Pàrlamaid, liosta fhaclan airson an cleachdadh ann an obair an riaghaltais, ann an 2001.

Tha liosta den aon seòrsa de fhaclan airson obair riaghaltais ionadail air a dheasachadh le The European Language Initiative (TELI) agus tha e ri fhaotainn an seo.

Gabhaidh copaidhean de Fhaclair na Pàrlamaid an seo.

Figear 31 Togalach Pàrlamaid na h-Alba
Na Naidheachdan

’S e am BBC as motha a tha a’ cruthachadh agus a’ cleachdadh de fhaclan ùra Gàidhlig, nan obair-naidheachd air rèidio, telebhisean agus an eadar-lìon. Chan eil liosta slàn ann de na faclan sin ach tha liosta goirid air a bheil ‘Facail Fheumail’ ri fhaighinn an seo.

Co-dhùnadh

Tha oidhirpean ga dhèanamh aig an àm seo gus na diofar iomairtean agus liostaichean fhaclan seo a tharraing ri chèile agus tha dòchas ann gun èirich Acadamaidh Ghàidhlig às an obair sìn thairis air an ath bheagan bhliadhnaichean. Airson tuilleadh fiosrachaidh cliog an seo.

5.3.2 A’ cruthachadh briathrachas: prionnsabail

Tha na còig eisimpleirean seo a’ sealltainn nan diofar dhòighean a tha air an cleachdadh sa Ghàidhlig airson faclan ùra a dhèanamh.

BeurlaGàidhligTùs/Dòigh-obrach
TriangletriantanSeann fhacal Gàidhlig - ‘trian’ – air a chleachdadh ann an dòigh ùr.
Geographycruinn-eòlasNa faclan Gàidhlig ‘cruinne’ (saoghal) agus ‘eòlas’ air an cur còmhla gus facal ùr a dhèanamh: eisimpleir de bhun-bheachd air a ‘mhìneachadh’ sa Ghàidhlig.
televisiontelebhiseanTha mòran fhaclan Gàidhlig a’ tighinn o Laideann no Grèigis, mar as trice tron Bheurla. ’S e faclan eadar-nàiseanta a tha ann an tòrr dhiubh a gheibhear ann an grunn chànanan.
rectangleceart-cheàrnachCeart’ agus ‘ceàrn’ air an cur còmhla mar eadar-theangachadh de ‘rectangle’. Canar ‘loan translation’ ri seo sa Bheurla. Tha brìgh an fhacail nas soilleire, ’s dòcha, on a tha e air a chur ri chèile le faclan Gàidhlig seach Laideann.
credit crunchstaing creideisStaing’ + ‘creideas’. Tha brìgh ‘creideas’ (rud a tha thu a’ creidsinn) air atharrachadh gu bhith co-ionnan ri ‘credit’ (airgead): canar ‘loan shift’ ri seo.

triantan

Download this audio clip.Audio player: triantan.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

cruinn-eòlas

Download this audio clip.Audio player: cruinn-eolas.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

telebhisean

Download this audio clip.Audio player: telebhisean.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

ceart-cheàrnach

Download this audio clip.Audio player: ceart-chearnach.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

staing creideis

Download this audio clip.Audio player: staing_creideis.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

5.3.3 Faclan-iasaid Ghàidhlig sa Bheurla

Tha a h-uile cànan a’ gabhail a-steach faclan à cànanan eile. Tha tòrr fhaclan sa Ghàidhlig a thàinig on Bheurla ach tha beagan ann a chaidh an rathad eile. Seo cuid aca. Tha an fheadhainn seo a’ buntainn ri cruth na tìre ann an Alba:

  • ben (beinn)
  • brae (bràigh)
  • corry (coire)
  • glen (gleann)
  • loch (loch).

Seo faclan a’ buntainn ri cultar na Gàidhlig:

  • caber (bho ‘cabar’).
  • ceilidh
  • clan (bho ‘clann’)
  • galore (‘gu leòr’)
  • slogan (bho ‘sluagh-ghairm’)
  • sporran (sporan)
  • whisky (bho ‘uisge-beatha’)

Bidh na h-eisimpleirean seo air an toirt seachad uaireannan ach chan eil e idir cinnteach gur ann on Ghàidhlig a thàinig iad:

  • grotty (bho ‘grod’)
  • smashing (bho ’S math sin)
  • shoot (bho siuthad)
  • twig (bho tuig)!

5.4 Ag ionnsachadh na Gàidhlig

Download this video clip.Video player: Inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig ag innse Carson
Le cead BBC
Inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig ag innse Carson
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

5.4.1 Inbhich

’S e bhith ga togail san dachaigh agus ga cleachdadh sa choimhearsnachd an dòigh as cumanta, agus as fheàrr, air cànan ionnsachadh. Tha seo a’ tachairt fhathast leis a’ Ghàidhlig ach chan eil uimhir is a bha uaireigin.

Tha na dòighean eile air cànanan ionnsachadh de dhà sheòrsa:

  • ionnsachadh, mar as trice ann an àrd-sgoil no sgoil-oidhche, far a bheil an cuideam air cruth a’ chànain, i.e. air gràmar
  • ionnsachadh sa bheil an cuideam air brìgh, no co-luadar, i.e. far a bheil an luchd-ionnsachaidh a’ togail a’ chànain tro bhith ga cleachdadh, mar eisimpleir ann am foghlam-bogaidh leithid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha aonta ann gur e an dara dòigh dhiubh sin as fheàrr, agus as luaithe, a bheir luchd-ionnsachaidh gu bhith comasach air conaltradh sa chànan – on a tha am ‘bogadh’ a’ cruthachadh iarrtas làidir gus sin a dhèanamh – ach nach eil an-còmhnaidh eòlas math aca air a’ ghràmar.

Tha an dòigh ionnsachaidh eile èifeachdach cuideachd, gu h-àraidh le luchd-ionnsachaidh le alt airson cànanan, ach tha e toirt nas fhaide tighinn gu fileantachd leis an dòigh sin – agus tha tòrr a’ fàgail mus ruig iad an ìre sin.

’S ann tro chlasaichean-oidhche, mu dhà uair a thìde a dh’fhaid agus a’ ruith fad seachdainean a’ gheamhraidh, as àbhaist inbhich tòiseachadh ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha diofar dhòighean-teagaisg ri fhaighinn sna clasaichean sin ach mar as trice tha an cuideam air ‘structar’ a’ chànain. Faodaidh iad a bhith stèidhte air leabhar no prògram telebhisein no, uaireannan, a bhith air an dealbh leis an neach-teagaisg fhèin a dh’aon ghnothaich airson nan oileanach aige.

Tha cùrsaichean goirid coltach ri sin ach gu bheil iad a’ tachairt thairis air seachdain no dhà, le clasaichean a’ dol fad an latha mar as trice: glè thric bidh na h-oileanaich a’ fuireach còmhla agus tha seo a’ toirt dhaibh cothrom a’ chànan a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas.

Tha cuideachd làraich-lìn ann tro faod daoine a’ chànan ionnsachadh air-loidhne: gheibhear cunntasan orrasan san ath earrann.

’S e dòigh mhath a tha ann an clasaichean-oidhche, cùrsaichean goirid agus cùrsaichean air-loidhne airson tòiseachadh ag ionnsachadh na Gàidhlig on a tha iad a’ dol mar as trice aig astar cofhurtail, le tòrr taic agus glè thric le cothrom ionnsachadh mu chultar na Gàidhlig agus coinneachadh ri daoine ùra. Chan eil iad cho math, ge-tà, air luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantachd ann an ùine ghoirid.

Airson inbhich aig a bheil greim mu thràth air bunaitean a’ chànain, no a tha ag iarraidh ionnsachadh aig astar nas luaithe nan àbhaist, tha a’ chùrsa ‘Ùlpan’ a tha air tighinn am bàrr o chionn greise a’ tabhann slighe eile gu fileantachd. Tha Ùlpan stèidhte air dòigh-teagaisg a thòisich ann an Israel le Eabhrais agus a chaidh a leasachadh sa Chuimrigh. Tha structar leantainneach air a’ chùrsa agus tha an cuideam air còmhradh. Tha 200 aonad sa chùrsa, a dh’fhaodar a dhèanamh ann an diofar riochdan, mar eisimpleir dà thuras san t-seachdain thairis air 3 bliadhna no barrachd chlasaichean ann an ùine ghoirid, rud a leigeadh leis a’ chùrsa a bhith dèante an taobh a-staigh 10 seachdainean. Dh’fhaoidte cuideachd an dà dhòigh-obrach sin a chur còmhla, leis an neach-ionnsachaidh a’ dol gu dà chlas san t-seachdain airson greis ach, o àm gu àm, a’ gabhail cùrsa dhian airson ùine ghoirid. ’S e amas Ùlpan an neach-ionnsachaidh a thoirt, ceum air cheum, gu bhith fileanta sa Ghàidhlig aig crìoch na cùrsa.

Gheibhear fiosrachadh mu na cùrsaichean seo, agus cunntas air dè tha dol na do sgìre-sa, o Chomunn an Luchd-Ionnsachaidh, Clì Gàidhlig.

Tha BBC Alba a’ ruith diofar làrach-lìn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig diofar aoisean agus ìrean. Gheibhear liosta an seo.

Figear 32 Cuid de na làraich airson luchd-ionnsachaidh a lorgar air làrach-lìn BBC Alba - Colin and Cumberland, Air Splaoid agus Dealas.

Tha na goireasan a leanas do luchd-ionnsachaidh air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd:

Gheibhear liosta de fhaclan agus abairtean a dh’fhaodas pàrantan a chleachdadh ri clann an seo.

Tha ‘Cùrsa Inntrigidh’ Sabhal Mòr Ostaig air a dealbh airson oileanaich ullachadh airson nan cùrsaichean aca ach faodaidh daoine eile an cùrsa a ghabhail cuideachd. Airson tuilleadh fiosrachadh, cliog an seo.

Tha inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig air feadh Alba – agus thall thairis cuideachd. Glè thric bidh luchd-ionnsachaidh a’ cur bhuidhnean-taice no cearcaill-còmhraidh air chois dhaibh fhèin. Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal mu làraich-lìn trì dhiubh sin – ann am Fìobh, Glaschu agus Astràilia.

’S e Cearcall Còmhraidh Fìobha lìonradh de inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am Fìobh. Bidh iad a’ coinneachadh agus a’ cur thachartasan air chois tric air feadh na sgìre sin. Chithear an làrach-lìn tlachdmhor aca an seo.

’S e Meetup Gàidhlig Ghlaschu buidheann den aon sheòrsa ann an Glaschu. Tha na pìosan seo a chaidh a thogail on làrach-lìn aca - ag innse beachdan cuid anns a’ bhuidheann:

Dè tha buill ag ràdh?

‘A bunch of lovely people who made me feel very welcome!’

Leona Buchanan

‘ It is a very friendly, informal group. Everyone is accepted no matter what level their Gaelic is and it helps gain confidence in speaking. ’

Agus mu dheireadh, seo buidheann luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann an Astràilia.

5.5 Cothroman dhan chloinn

Tha barrachd is barrachd dhaoine ann an Alba, co-dhiù a tha Gàidhlig aca fhèin gus nach eil, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aig an clann a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Tha grunn adhbhair air seo ach ’s e na dhà as cudromaiche gu bheil iad mothachail air an àite a tha aig a’ Ghàidhlig ann an dualchas agus eachdraidh Alba agus gu bheil iad a’ faicinn na tha ann de chothroman cosnaidh a-nise do dhaoine òga leis a’ Ghàidhlig.

Tha na roghainnean a tha ann do phàrantan agus luchd-ionnsachaidh òg eadar-dhealaichte o àite gu àite. Tha a’ phrìomh fheadhainn air an ainmeachadh an seo. Airson faighinn a-mach dè tha ri fhaighinn na do sgìre fhèin, faighnich dhan t-seirbheis foghlaim ionadail agad no tadhail air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig aig:

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

’S e gnè de ‘fhoghlam bogaidh’ a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG) anns a bheil sgoilearan ag ionnsachadh a’ chànain aig an aon àm ri bhith ga cleachdadh gus rudan eile ionnsachadh.

Chan eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de na sgoilearan ann an FTG nuair a thòisicheas iad (mar as trice aig aois eadar 0-3 bliadhna). Tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig tro bhith ga cluinntinn mun cuairt orra agus ga cleachdadh agus tha iad a’ faighinn beagan de theagasg cànain cuideachd, tro gheamannan, òrain is sgeulachdan. Tha an ìre mhath a h-uile sgoilear ann an FTG comasach air a’ chànan a bhruidhinn mun àm a dh’fhàgas iad an sgoil.

Tha foghlam bogaidh air a chleachdadh ann am mòran a’ mhion-chànanan, mar a’ Chuimrigh, ach tha e air a chleachdadh le cuid de nas cànanan ‘mòra’ cuideachd, mar eisimpleir Fraingis ann an Canada.

Figear 33 Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a thoirt seachad le ùghdarrasan ionadail far a bheil pàrantan ga iarraidh. Tha poileasaidh ùghdarrasan air a seo ag atharrachadh o àite gu àite ach mar as trice tha iad a’ coimhead airson dearbhadh gu bheil iarrtas gu leòr ann airson an seòrsa foghlaim seo a chumail a’ dol ùine. Uaireannan faodaidh duilgheadas èirigh a thaobh cosgais, gainnead rùm ann an sgoil no dìth thidsearan. Airson fiosrachadh mun t-suidheachadh san sgìre agadsa, bruidhinn ri do sheirbheis foghlaim ionadail, a’ bhuidheann phàrantan Comann nam Pàrant no Bòrd na Gàidhlig. Gheibhear na dhà mu dheireadh aig:

Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil (GLPS)

’S e sgeama nàiseanta a tha ann an GLPS a tha a’ toirt trèanadh agus stuth-teagaisg do thidsearan a leigeas leotha beagan Gàidhlig a theagasg do sgoilearan, mar as trice aig ceann àrd na bun-sgoile. ’S e an t-amas aig GLPS beagan eòlais a thoirt do sgoilearan air cànan agus cultar na Gàidhlig gus an cùm iad orra ga h-ionnsachadh san àrd-sgoil.

Clasaichean Gàidhlig san àrd-sgoil

’S àbhaist do chlasaichean Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh tòiseachadh ann an AS1 agus gabhaidh iad sgoilearan aig nach robh sgath Gàidhlig ron a sin. Tha na clasaichean seo a’ ruighinn ìre nan Teisteanasan Nàiseanta aig SQA agus tha iad rim faighinn ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba.

Tha cuideachd clasaichean Gàidhlig ann do fhileantaich anns na h-àrd-sgoiltean ann an sgìrean far a bheil FTG sa bhun-sgoil. Tha an Teisteanasan Nàiseanta fhèin aig na sgoilearan seo a tha coltach ri na deuchainnean aig an aon ìre ann am Beurla.

Tha beagan chuspairean air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil ach ’s e glè bheag a tha ann an cuid a dh’àitichean.

Gheibhear fiosrachadh mu GLPS agus mu theagasg na Gàidhlig mar chuspair air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.

6 Cultar nan Gàidheal: maoin nàiseanta

6.1 Ealain na Gàidhealtachd

Chan eil mòran againn ann an sgrìobhadh mu eachdraidh nan ealain dhealbhach air a’ Ghàidhealtachd, ged a tha eachdraidh chudromach aca. ’S e call a tha an sin oir tha an inbhe a tha air a thoirt do dhualchas lèirsinneach sluaigh, gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh, a’ toirt buaidh air mar a tha an saoghal a’ faicinn chultaran agus mar a tha na cultaran gam faicinn fhèin8.

Tha rudan leithid Leabhar Dhurrow agus Leabhar Cheanannais (no ‘Kells’) ainmeil gun teagamh. Ach a bharrachd air na làmh-sgrìobhainnea sin, a chuireadh ri chèile ann an Eilean Ì, thug a’ Ghàidhealtachd dhuinn cuideachd Leabhar Dhèir (Leabhar de na Soisgeil ann an Laideann on 10amh linn a thàinig á Seann Dèir ann an Siorrachd Obar Dheathain) agus an Leabhar Shalm Cheilteach on 10amh agus an 11amh linn (anns a bheil na sailm Laideann air an sgrìobhadh le làimh, le dealbhan). Agus anns na 14amh, 15amh agus 16amh linntean tha obair snaidheadaireachd mhìorbhaileach againn ann an cloich ànn an stoidhle na Gàidhealtachd an Iar o am Tighearnan nan Eilean.

Figear 34 Chaidh Leabhar Dhèir a sgrìobhadh ann an Laideann anns an 10mh linn ann an Siorrachd Obar Dheathain ach tha notaichean ann an Gàidhlig air oirean nan duilleagan. Lorgar dealbh dheth an seo.

’S e ar-a-mach nan Seumasach a bu choireach gun deach toirmeasg a chur air an tartan, eisimpleir de ealain shònraichte a chaidh a chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd ach a chaidh a reic ris an t-saoghal gun mòran buannachd dhan Ghàidhealtachd fhèin.

Ach tha e cudromach ann an ealain na Gàidhealtachd, leithid obair peantair Clann Ghrannd san 18amh linn, Richard Waitt, no obair luchd-dhealbh leithid John Blake McDonald (1829-1901) san 19amh linn. Air a’ chiad sealladh ’s dòcha gun saoilear nach eil ann an Glencoe 1692 aig an Dòmhnallach ach dealbh airson taic a chur ri eachdraidh no litreachas. Ach nuair a chuimhnichear gun deach a pheantadh ann an 1879, àm Strì an Fhearainn a thàinig gu ceann le Achd nan Croitearan an 1886 (a thug còirichean fearainn do chroitearan), chithear gur ann a tha e ag ath-bheothachadh dhuinn àm cudromach eile ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha an dealbh mar sin a’ dèiligeadh ri poilitigs an ama a’ cheart cho cinnteach is a tha an dealbh air imrich, Lochaber No More, a rinn John Watson Nicol (1856-1926) ceithir bliadhna às dèidh sin.

Figear 35 Glencoe 1692 le Iain Blake Dòmhnallach (1829-1901)

Tha e inntinneach gur e neach-ealain le Gàidhlig à Ceann Tìre, Uilleam Mac an t-Sagairt (1835-1910), a bharrachd air duine sam bith, a stèidhich bunaitean ealan Albannach an latha an-diugh. Tha astar mòr eadar an stoidhle ùr-nodha aig Mac an t-Sagairt agus an dealbh àbhaisteach a gheibhte den Ghàidhealtachd..

Ann an 1911 sheall an neach-ionnsachaidh Gàidhlig iomraiteach sin, Èideard Dwelly (a rugadh faisg air Arundel ann an 1864), anns an obair ainmeil aige, Faclair Gàidhlig le dealbhan, gun robh e mothachail air dualchas ealain na Gàidhealtachd. Chuidich fear-dhealbh à Steòrnabhagh, Calum Dòmhnallach, Dwelly a’ dèanamh nan dealbhan airson an fhaclair. B’ esan fear den a’ chiad luchd-ealain ionnsaichte a thàinig às na h-Eileanan Siar. Bha e na oileanach ann an Sgoil Ealain Ghlaschu agus an École des Beaux-Artes ann am Paris. Rinn e grunn de dhealbhan math de Leòdhas agus de bhàtaichean-siùil.

Mun àm sin bha cuid de luchd-dhealbh na 19amh linn mar Anndra Gibb agus Seumas Drummond air croisean àrda Eilean Ì agus Ìle agus obair eile ann an stoidhle snaidheadaireachd na Gàidhealtachd an Iar a chlàradh9. A’ leantainn air seo, thàinig ath-bheothachadh mòr air Ealain Cheilteach. ’S e fear de leabhraichean mòra an Ath-bheothachaidh Cheiltich – agus gu dearbh a’ Ghluasad ‘Arts and Crafts’ – an cruinneachadh bàrdachd agus beul-aithris, Carmina Gadelica, a dheasaich agus a dh’eadar-theangaich Alasdair MacGilleMhìcheil agus a chaidh fhoillseachadh ann an 1900.

Figear 36 Duilleagan bho Carmina Gaedelica, Leabhar 1, cruinneachadh de laoidhean agus orthachan.

Tha àite cudromach aig a’ chiad chlò-bhualadh den leabhar seo ann an eachdraidh nan ealain dhealbhach Ghàidhlig. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ cur an cèill feallsanachd ealain an ama sin aig ìre àrd ach tha e cuideachd a’ dol air ais còrr is mìle bliadhna chun na seann Ghàidhealtachd, mar eisimpleir gu Leabhar Dhèir. B’ e bean Alasdair MhicGilleMhìcheil, Màiri, a rinn na dealbhan10. Bha buaidh aig Carmina Gadelica air duilleag-aghaidh a’ chiad chlò-bhualadh den fhaclair aig Dwelly, a’ sealltainn gu bheil ceangal ealain cho math ri ceangal cànain eadar an dà leabhar11.

Figear 37 Duilleag à Faclair Gàidhlig Dwelly

Mar sin, mu thoiseach an 20amh linn bha a h-uile coltas gum fàsadh na h-ealain dhealbhach gu bhith nam pàirt chudromach de chultar na Gàidhlig san fharsaingeachd. Carson nach do thachair sin, co-dhiù ann an dòigh leantainneach?

’S e aon adhbhar airson sin gun do chailleadh uimhir de shluagh na Gàidhealtachd san t-seòrsa imrich a dhealbhaich Uilleam Mac an t-Sagairt cho drùidhteach ann an Sailing of the Emigrant Ship, a pheant e ann an 1895.

Figear 38 The Sailing of the Emigrant Ship (1895) le Uilleam Mac an t-Sagairt

Cuideachd aig an àm sin, aig deireadh na 19amh linn, bha buaidh Achd Foghlaim 1872 air tòiseachadh ga faireachdainn. ’S e an teachdaireachd ann am foghlam nach robh feum sam bith sa Ghàidhlig mar chànan agus, mar sin, nach robh feum ann an dualchas nan ealain Ghàidhlig nas mò.

Tha buaidh air a bhith aig dealbhan Mhic an t-Sagairt air luchd-dhealbh an latha an-diugh mar Will MaclIleathain, gu h-àraidh a thaobh an dòigh a tha iad sin a’ dèiligeadh ri cuspairean mar seilbh air an talamh. Tha na càirn-cuimhneachaidh aig MacIlleathain ann am Baile Ailein, Aiginis agus Griais ann an Leòdhas nan eisimpleirean math air seo.

Figear 39 Aon de na càirn cuimhneachaidh a thog Will MacIllEathain ann a Leòdhas.

Tha buaidh làidir air a bhith aig bàrdachd Ghàidhlig air luchd-ealain cuideachd. Ann an 2002 thug An Leabhar Mòr / The Great Book of Gaelic còmhla dealbhan a rinn 100 luchd-ealain à Alba agus Èirinn fo bhuaidh bàrdachd Ghàidhlig. Bha seo a’ gabhail a-steach Will MacIlleathain ag obair comhla ri Aonghas MacNeacail, Mhairi Killin le Meg Bateman, Kate Whiteford a’ toirt beò faclan Mhurchaidh MhicPhàrlain, Flòraidh NicCoinnich le faclan Ruaraidh MhicThòmais, Elizabeth Ogilvie ag obair le òran a rinn bana-bhàrd na 17amh linn, Màiri nighean Alasdair Ruaidh, agus Calum Aonghas MacAoidh a’ sgrùdadh bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin. Thàinig taisbeanadh-siubhail eadar-nàiseanta a-mach às a phròiseact seo aig Pròiseact Nan Ealan a chùm a’ dol deich bliadhna às dèidh dha bhith air a chur ri chèile an toiseach.

Bu chòir a ràdh cuideachd gu bheil am prògram Luchd-ealain air Muinntireas a chuireadh air chois aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2007 air a bhith glè chudromach, gu h-àraidh air sgàth obair Gill Russell agus Eoghan Mac Colla. Bha taisbeanadh a’ tarraing aire as ùr gu ealain na Gàidhealtachd air a chumail ann an Ionad Ealain Dhùn Èideann bho Samhain 2010 gu Màrt 2011 a bha e a’ gabhail a-steach cuid den luchd-ealain a ghabh pàirt san Leabhar Mhòr, nam measg – a bharrachd air an fheadhainn a chaidh ainmeachadh roimhe – Eilidh Macalister, Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn, Dòmhnall Urchadan, Tormod Seathach agus Frances Walker.

Figear 40 Ionad Ealain Dhùn Èideann

Am measg nan taisbeanaidhean a bha ann ron a seo bha As an Fhearann / From the Land: Clearance, Conflict and Crofting (1986) agus Togail Tìr / Marking Time: The Map of the Western Isles (1989), agus an taisbeanadh Calanais ann an 1995, beachdan luchd-ealain an latha an-diugh air làrach arc-eòlais cliùiteach Gàidhealach.

Am measg na h-obrach a rinneadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha an cruth-umha cudromach, Crannghal, a chaidh a dhealbh le Will MacIlleathain agus Artair Watson agus a chaidh a chur suas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2006. Tha an cruth bàta a tha air a’ sealltainn mar a bha fiosrachadh a’ gluasad air feadh na Gàidhealtachd; chan eil coltas ‘crìochnaichte’ air, rud a tha ag innse nach eil an obair sin fhathast ullamh. Tha ceistean cànain agus talmhainn air an snìomh na chèile anns a leithid sin de ealain. Tha na gnothaichean sin air am faicinn mar chuspairean cudromach air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh bho shealladh na h-àrainneachd. Tha e ceart a ràdh mar sin gu bheil ealain dhealbhach Gàidhealtachd Alba a’ dèiligeadh ri ceistean a tha cudromach aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Dealbh le Murchadh Dòmhnallach
Figear 41 Crannghal, cruth-umha le Will MacIllEathain agus Artair Watson aig Sabhal Mòr Ostaig.

6.2 Ceòl agus Òrain

Chan eil crìoch air an fhuaim ris an can sinn ‘ceòl Gàidhlig’, biodh sin na cheòl rock no pop agus rap, bho òrain luaidh gu puirt-a-beul, bhon chlàrsaich gu na pìoban (beag agus mòr), seinn nan salm agus opara.

Anns an fharsaingeachd, bidh ceòl is òrain Ghàidhlig air an roinn eadar ‘traidiseanta’ agus ‘measail’ agus tha grunn roinnean a bharrachd air sin, mar eisimpleir na sailm agus òrain luaidh a tha a’ comharrachadh na Gàidhlig mar chànan le taghadh farsaing de ghnè agus stoidhle.

Tha beul-aithris làidir anns an dualchas agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil dreach gu math pearsanta ga chur air òrain agus iad a’ sìor atharrachadh. ’S e gnothach caran ùr a th’ ann a bhith a’ sgrìobhadh fuinn.

Tha òrain luaidh furasta an aithneachadh le sèist, fuaimean is faclan, agus a-rithist faclan a-mhàin. Bhiodh na h-òrain sin gan cleachdadh mar dhòigh air ìmpidh na h-obrach a’ lughdachadh agus boireannaich a’ luadh.

Figear 42 Banal luaidh à Uibhist a Deas.

Cliog an seo airson òran luaidh a chluinntinn.

A’ cur a-mach na loidhne

Tha seinn nan salm gu math eadar-dhealaichte. ‘S e dòigh gu math àraid a th’ ann air a bhith a’ co-sheinn nan salm. Bidh aon neach a’ cur a-mach na loidhne, agus an coitheanal ga leantainn, a’ togail air gach loidhne.

Tha luchd-ciùil air dreach ùr a chur air an dòigh seinn seo. Chaidh grunn eisimpleirean a chlàradh beò gun deisealachadh, a’ foillseachadh an dòigh seinn air feadh an t-saoghail. Chaidh a ràdh gur e seo ‘an aon cheòl eaglaise ann am Breatainn le tomhas de dh’anam’.

Èist ri Salm 72, air fonn Steòrnabhagh, le Aonghas Dòmhnallach a’ togail an fhuinn as an Eaglais Shaor, Steòrnabhagh an 1969.

Download this audio clip.Audio player: Seinn nan salm
Seinn nan salm
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ceòl ionnsramaid

Tha trì ionnsramaidean ciùil a tha cudromach ann an dualchas nan Gàidheal – a’ chlàrsach, am fidheall agus a’ phìob. Tha fèill às-ùr orra air fad agus ginealach ùr a’ ceasnachadh nan cleachdaidhean àbhaisteach agus eachdraidheil, ach aig an aon àm gan dearbhadh fhèin dìleas dhan dualchas.

Cliog an seo airson ceòl na clàrsaich a chluinntinn air a chluich le Wendy Stiùbhart air an CD aice About Time.

Tha dlùth cheangal eadar seinn Ghàidhlig agus pìobaireachd nach gabh briseadh. Tha dà sheòrsa pìobaireachd ann sa chumantas - ceòl mòr, an ceòl clasaigeach air a bheil ‘pibroch’; agus an uair sin ceòl beag – bho chaismeachd gu puirt airson dannsa leithid dannsa dùbailte, ruidhlichean, siogaichean agus dannsaichean mara.

Tha Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, àrd-ionad na h-ionnsramaid agus ceòl na pìoba, stèidhichte ann an Glaschu, faisg air Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Alba.

Tha mòran ghoireasan anns an ionad phìobaireachd eadar seòmraichean cluiche, talla mòr, ionad eachdraidh, leabharlann agus taigh-òsta agus goireasan co-labhairt. Tha am Prionnsa Teàrlach na Neach-taice. Faodar èisteachd ri ceòl na pìoba air an làrach-lìn aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd.

An cèilidh – dachaigh nan òran agus ceòl Gàidhlig

Far am bi cruinneachadh sam bith de Ghàidheil, bidh cèilidh, no cruinneachadh le òrain is ceòl na theis-mheadhain. Faodaidh an cèilidh a bhith foirmeil no neo-fhoirmeil, na chruinneachadh de charaidean ag innse sgeulachdan agus a’ gabhail òrain.

’S e am fasan anns an latha an-diugh gum bi dannsa an lùib cèilidh ann an suidheachadh foirmeil gu math tric. Tha cèilidhean fhathast cudromach ge-tà anns a’ choimhearsnachd mar dhòigh air a bhith an co-luadar ri caraidean agus cumail suas ri gnothaichean an latha.

Gu ìre mhòir tha ‘cèilidh’ air atharrachadh gu bhith na ‘chonsairt’ agus tha iad gu math tric aig cridhe tachartasan is fèisean mòra mar na Co-chruinneachaidhean Ceilteach ann an Glaschu gach Faoilleach, Fèis Innse Gall anns na h-Eileanan an Iar agus Fèis Eadar-nàiseanta nan Dathan Ceilteach ann an Ceap Breatainn.

Airson tuilleadh fiosrachaidh:

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

‘S e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail fèis òrain, cultar agus ealain nan Gàidheal, a tha ga chumail gach bliadhna coltach ris an Eisteddfod anns a’ Chuimrigh. Tha An Comunn Gàidhealach a’ stiùireadh a’ Mhòid anns a bheil farpaisean agus iomall gu math beòthail taobh ri taobh.

Chaidh am Mòd a chumail airson a’ chiad uair ann an 1892 anns an Òban agus tha inbhe is cliù aige fhathast mar phrìomh thachartas cultarail na Gàidhlig.

Èist ri clàraidhean bho na Mòdan an seo.

Fèisean nan Gàidheal

‘S e ‘fèis’ facal eile ann an Gàidhlig airson cuirm no fleadh. Tha am facal a-nis air a cheangal gu dlùth ri buidheann leis an aon ainm a tha a’ cur air dòigh tachartasan fon bhratach ‘Fèisean’, far am bi òigridh a’ tighinn còmhla a dh’ionnsachadh mun Ghàidhlig agus mu cheòl gu h-àraidh.

Tha òigridh a’ faighinn cothrom aig na Fèisean sgilean dràma, dannsa agus seinn traidiseanta ionnsachadh no a thoirt air adhart agus tha cothroman ann raon farsaing de dh’ionnsramaidean a làimhseachadh.

Chaidh a’ chiad Fhèis a chumail air Eilean Bharraigh ann an 1981. Deich bliadhna an dèidh sin, ann an 1991, chaidh Comann Nàiseanta nam Fèisean Ealain Ghàidhlig airson òigridh a chur air bhonn. Tha timcheall air 50 tachartas nis gan cumail gach bliadhna air feadh Alba le mu 5,000 gam frithealadh.

Tha iomairt nam Fèisean air a mheas mar innleachd ealain cho èifeachdach ’s a th’ ann an Alba agus ’s ann tro na fèisean a tha uimhir de dh’ùrachadh air tighinn air a’ bheachd a th’ aig òigridh air feadh Alba gu h-àraidh air Gàidhlig, òrain agus ceòl.

Bliadhna nan Òran

Chomharraich BBC Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA 2010 mar Bliadhna nan Òran agus rè na bliadhna chaidh sreath de phrògraman iomraiteach co-cheangailte ri ceòl a chraoladh, le òran eadar-dhealaichte air a thaghadh gach latha.

Tron làrach-lìn www.bbc.co.uk/ oran tha cothrom ann èisteachd ri clàraidhean agus sealltainn ri bhidiothan de mhòran de na h-òrain a chaidh a chraoladh à tasglann Gàidhlig a’ BhBC. Tha còrr air 800 òran ann le na facail airson mòran dhiubh; tha cunntais-beatha iomadh seinneadair ann agus fiosrachadh mu chòrr air 300 bàrd.

Cruinneachaidhean

Chaidh am pròiseact Tobar an Dualchais/ Kist o Riches a stèidheachadh a ghlèidheil grunn mhiltean de dh’uairean a thìde de chlàradh òrain agus sgeulachdan ann an Gàidhlig agus Albais, agus an cur air-loidhne ann an riochd didsiteach.

Tha an làrach-lìn seo luma-làn de bheul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, dualchas, sgeulachdan agus fiosrachadh eile.

Chaidh a chruinneachadh bho na 1930an air feadh Alba agus thall thairis. Tha an stuth stèidhichte air na chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus an cruinneachadh aig Iain Latharna Caimbeul fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Eilean Chanaigh.

Am measg an stuth sin tha sgeulachdan a chaidh a chlàradh le Iain Latharna Caimbeul air uidheaman uacs ann an 1937 agus beul-aithris a chaidh a chruinneachadh le Calum MacIllEathainn anns na 1950an air feadh Alba; òrain an Albais a thog Hamish MacEanruig bho luchd-siubhail na dùthcha anns na 1960an agus clàraidhean le BBC Radio Nan Gaidheal.

Sàr luchd-ciùil na Gàidhlig

Tha cliù eadar-nàiseanta a-nis aig grunn sheinneadairean agus luchd-ciùil Gàidhlig. Tha iad air duaisean mòra a bhuinnig agus tha fèill mhòr orra air feadh an t-saoghail. Tha a’ bhana-sheinneadair Julie Fowlis agus an còmhlan Runrig nam measg.

Ghlac Julie Fowlis aire dhaoine agus luchd-leantainn ùra air feadh Bhreatainn nuair a choisinn i duaisean ciùil agus a nochd i aig fèisean air feadh Bhreatainn agus ann an Èireann.

Ged a chaidh a comhairleachadh gu làidir saoghal nas fharsainge de cheòl a leantainn, ghlèidh Julie a co-fhaireachdainn dhan dualchas aice fhèin.

’S ann anns a’ Ghàidhlig a tha i a’ seinn fad na h-ùine, a’ togail a misneachd agus a’ cruthachadh a saoghal air stòras de cheòl, eachdraidh agus cultar a dualchais fhèin.

Bhon fhuair i an duais mar Sheinneadair Dualchais na Bliadhna air BBC Radio 2 ann an 2008 bhon bhana-sheinneadair KT Tunstall, tha an Daily Telegraph air a ràdh gur fhaodadh gur i Julie Fowlis ‘a’ chiad shàr-sheinneadair Gàidhlig a thig am bàrr ann an saoghal na Beurla.’

Tha Julie Fowlis air mòran a dhèanamh ann an ùine ghoirid. Tha i air grunn dhuaisean a thogail, le cliù agus inbhe às-ùr dha-rèir.

Choisinn i an duais mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Clàr na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2007 agus ghlèidh i Clàr na Bliadhna a-rithist ann an 2010. Chaidh a h-ainmeachadh trì bliadhna sreath a chèile mar Sheinneadair Dualchais na Bliadhna air BBC Radio 2. ’S i a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a thog an duais iomraiteach seo nuair a fhuair i e ann an 2008. ’S i cuideachd a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a nochd air a’ phrògram ainmeil ciùil telebhisein 'Later…with Jools Holland,’ ann an 2007.

Chan eil duais a fhuair i a tha cho cudromach leatha fhèin ri urram ‘Tosgaire na Gàidhlig’, a fhuair i bho Phàrlamaid na h-Alba ann an 2008/9, a’ chiad neach a fhuair an duais.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ceòl is Còmhlain

Tha an còmhlan rock Runrig, a chaidh a stèidheachadh ann an 1973 anns an Eilean Sgitheanach agus an còmhlan Capercaillie air barrachd a dhèanamh ann an saoghal a’ chiùil le Gàidhlig na buidhnean sam bith eile.

Chlàr Runrig barrachd air 15 clàr, agus bha a’ mhòr-chuid dhen stuth sin ann an Gàidhlig. Dh’fhoillsich iad cuideachd leabhar le 150 òran agus fiosrachadh eile mun eachdraidh aca fhèin ann an 2000.

Tha mòran dhen stuth aig Runrig air a tharraing à tobar àraid de làthaireachd, eachdraidh, poilitigs agus daoine a tha air am bonntachadh anns na h-Eileanan Siar.

Tha an luchd-leantainn aca rin lorg air feadh an t-saoghail bho Bhreatainn gu taic làidir anns an Danmharg agus anns a’ Ghearmailt, a bharrachd air àiteachan nas ‘Albannaiche’ mar Alba Nuadh.

Chluich Runrig a’ chiad chuirm riamh aca anns na Stàitean Aonaichte às leth a’ charthannais ‘Glasgow the Caring City’, air Giblean 4, 2006 aig Ionad Nokia ann an New York.

Opara ‘Hiort’

Chaidh ceòl Gàidhlig a chur air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta le Pròiseact nan Ealan, a tha a’ stiùireadh pròiseactan ealan Gàidhlig.

Dh’innis ‘Hiort’, a chaidh a dhealbh a dh’aona-ghnothach le ceòl bho Jean-Paul Dessy agus David Graham, agus sgeulachd le Iain Fionnlagh MacLeòid, mar a thachair do mhuinntir eileanan Hiort agus mar a bha iad a’ tighinn beò mas deach an toirt bho na h-eileanan ann an 1930.

Cheangail neart, co-fhaireachdainn agus ùidh dhaoine anns an sgeulachd seo Gàidhlig ri cultar na h-Eòrpa aig iomadh ìre agus chuir e cànan agus cultar na Gàidhlig air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta ann an suidheachadh fìor.

Le cead bho Phròiseact nan Ealan
Figear 43 Dealbh bhon opara Hiort

Bha an opara St Kilda: L’île des Hommes-Oiseaux air an àrd-ùrlar aig Theatre Fèis Dhùn Èideann, mar phrìomh thachartas aig an Fhèis Eadar-nàiseanta ann an 2009.

An toiseach, latha meadhan samhraidh 2007, chaidh an opara fhaicinn ann an còig àiteachan aig an aon àm – Steòrnabhagh an Alba, anns a’ Fhraing, anns an Ostair, anns a’ Bheilg agus anns a’ Ghearmailt. Bha dealbhan a’ tighinn beò à Hiort mar phàirt den opara as gach àite.

Faigh a-mach an tuilleadh air an làrach-lìn seo.

Gàidhlig agus clàir pop

‘S iongantach gun robh tachartas nas ainmeile le seinneadair Gàidhlig an lùib clàir òrain pop na an t-òran ‘Japanese Boy’ air a sheinn le Aneka ann an 1981 a ràinig àireamh 1. Thagh an seinneadair Màiri Sandeman an t-ainm bho leabhar fòn.

Sgaoil a h-ìomhaigh agus an riochd a ghabh i thuice fhèin ann an èideadh Iapanach gu mòr. Ach an dèidh a bhith a’ cuartachadh ann an saoghal pop a’ chiad ghreis, chuir Màiri (agus Aneka) an cùl ris agus choisinn i deagh chliù dhith fhèin na bana-sheinneadair air an àrd-ùrlar le òrain nas traidiseanta.

Figear 44 An còmhdach a bha air clàr Aneka, Japanese Boy, ann an 1981

Nuair a chlàr Runrig an dreach ainmeil a thug iad air an òran ‘Loch Lomond (Hampden Remix)’, a chuideachadh le Clann ann an Èis aig a’ BhBC, bha luchd-taic sgioba ball-coise eadar-nàiseanta na h-Alba (an t-Arm Tartan) agus an seinneadair ainmeil Rod Stiùbhart mar thaic aca.

Anns an t-samhradh 1995 rinn Runrig rud nach do rinneadh riamh roimhe le òran Gàidhlig. Thug iad an-t-òran, An Ubhal As Àirde, dhan phrìomh chlàr 20 am Breatainn.

Tha Runrig a-nis am measg an fheadhainn a chaidh a chur do Thalla Iomraiteach an Luchd-ciùil Traidiseanta, tro dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.

Tràth ann an 2011, dh’ fheuch còmhlan ùr ‘Mànran’, le òran ‘Latha math’ ri na h-uimhir eile a dhèanamh ’s a rinn Runrig. Chaidh leotha gu ìre, suas gu àireamh 61 anns a’ chlàr am Breatainn, a’ reic faisg air 5,500 clàr.

Fhuair an còmhlan gu àireamh 1 ann an clàr nan seinneadairean/sgrìobhaichean Breatannach agus thadhail daoine air an làrach-lìn aig a’ chòmhlan 55,000 turas an latha an dèidh dhaibh fhoillseachadh.

Ceòl Gàidhlig agus foghlam

Tha Roinn a’ dèiligeadh ri Ceol na h-Alba ann an Conservatoire Rìoghail an h-Alba agus ’s e seo an aon àite anns an t-saoghal far am faighear ceum le urram ann an ceòl traidiseanta Alba.

Gheibh oileanaich le tàlantan ann an ceòl cothroman trèanaidh farsaing a tha nan deagh bhunait airson a dhol air adhart gu ìre foghlaim eile, no airson ceòl a leantainn mar bhith-beò.

Tha ceum oilthighe ann am pìobaireachd ga thairgse an co-bhuinn ri Ionad na Pìobaireachd, aig a bheil seasamh is cliù eadar-nàiseanta mar phrìomh ionad-teagaisg na pìobaireachd.

Bha Màiri Anna NicUalraig na h-oileanach aig Conservatoire Rìoghail an h-Alba agus tha i nis am measg prìomh luchd-ciùil agus craolaidh am Breatainn. Tha i a’ fuireach ann a Loch Abar far a bheil stiùidio ciùil Watercolour aice fhèin agus a cèile.

An dèidh a foghlam ann an saoghal ciùil traidiseanta na h-Alba agus trèanadh clasaigeach, thug 15 bliadhna deug ag obair dhan BhBC eòlas is inbhe dhith ann an iomadach raon.

Tha saoghal ciùil Mhàiri Anna iomadh-fhillte, mar sheinneadair agus neach-ciùil, riochdaire, sgrìobhaiche agus neach-teagaisg. Choisinn i grunn dhuaisean ainmeil eadar-nàiseanta, nam measg Concours Internationale de l'Harpe Celtique agus an dà Bhonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta.

Mar chraoladair tha Màiri Anna air a bhith ag obair do BBC Radio Alba, BBC Radio 3, RTE agus BBC Radio nan Gàidheal. Tha i cuideachd air a bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman telebhisein air BBA Alba, BBC2, TG4 agus BBC4, prògraman sònraichte mu cheòl an t-saoghail agus ceòl traidiseanta ann an Alba agus Èireann.

Tha Seumas Greumach cuideachd air cliù a chosnadh dha fhèin mar shàr neach-ciùil an dèidh ceumnachadh à Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Buinidh e do dh’Asainte agus thòisich e a’ frithealadh farpaisean aig Mòdan nuair a bha e glè òg.

Tha e nis aig àrd a chomais mar phìobaire agus mar sheinneadair. Chaidh fhoghlam mu òrain Ghàidhlig le Kenna Chaimbeul, a tha am measg an fheadhainn as cudromaiche ann an saoghal na Gàidhlig a thaobh a bhith ag ionnsachadh sgilean seinn.

’S e Seumas a ghlèidh an duais mar Òganach Ciùil Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC ann an 2004, a’ chiad fhireannach agus a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a thog an duais.

Bhuinig e am Bonn Òir aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2007 agus bhon uair sin tha e air grunn CDan fhoillseachadh.

Tachartasan coimhearsnachd

’S e sgoil shamhraidh airson dannsa agus ceòl a th’ ann an Ceòlas far am faigh daoine sàr oideachadh ann am pìobaireachd, fìdhleireachd, seinn, danns ruidhlichean is eile, dannsa ceum agus a’ Ghàidhlig.

Tha Ceòlas stèidhichte ann am fìor choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas. Tha an sgoil shamhraidh a’ rannsachadh gach ceangal eadar ceòl traidiseanta na h-Alba, òrain Ghàidhlig agus dannsa, agus aig an aon àm a’ toirt cothrom do dhaoine toileachas fhaighinn asta aig cèilidhean agus nan dachaighean.

Ceòl na Gàidhlig a-nis ‘cool’

Ann an 1999, mar thoradh air a’ bheairteas de cheòl traidiseanta a chaidh a bhrosnachadh le na Fèisean agus buidhnean eile, chuir Comhairle na Gàidhealtachd air adhart plana airson Ionad Sàr-mhathais le àitichean-fuirich a stèidheachadh.

Chaidh leis a’ phlana agus chaidh an t-Ionad Sàr-mhathais Nàiseanta airson Ceòl Traidiseanta - Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd – air taobh siar Rois fhosgladh anns a’ Chèitein 2000 le taic airgid £500,000 bho Riaghaltas na h-Alba agus tuilleadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Bha e cudromach gur ann air an taobh an iar a chaidh a stèidheachadh. Tha sgìre a’ Phluic, air taobh an iar Rois, mu choinneamh an Eilein Sgitheanaich, an teis-mheadhain coimhearsnachd a th’ air a bhith taiceil do cheòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig bho chionn fhada.

Bha pròiseact a’ Phluic sònraichte am measg ionadan sàr-mhathais eile a chaidh a stèidheachadh aig an àm. Bha e ag amas air aon sheòrsa ciùil – ceòl traidiseanta. Bha aithne mar seo dhan cheòl na theisteanas air an dà chuid mar a bha fèill a-nis air, agus cuideachd mar a bhathas a’ cur luach air.

Fhuair an sgoil seachad air trioblaidean ionmhais ann an 2011 le taic a’ mhòr-shluaigh agus tha mòran dhen chloinn a chaidh troimhe a-nis air cliù a chosnadh dhaibh fhèin aig àrd-ìre ann an saoghal a’ chiùil gu proifeiseanta.

6.3 Dannsa

Gu h-iongantach ’s dòcha, ’s e dannsa as lugha aig a bheil buaidh is follaiseachd de na seòrsaichean cur-seachad a th’ ann an saoghal na Gàidhlig. ’S ann tro na geamaichean Gàidhealach as fheàrr as aithne dhuinn dannsa an-diugh.

Tha cruth is dreach ùr air dannsa an latha an-diugh seach mar bha, biodh sin mar thoradh air atharraichean a thàinig air deas-ghnàthan, no air tighinn gu bhith nas coltaiche ri cluich is cur-seachadan chloinne.

A bharrachd air sin, leasaichear cuideachd diofar ghnè dannsa le leithid an airm a thug dreach gu math ainmeil is àraid air dannsa tro fhoillseachadh aig leithid Tatù Rìoghail Airm Dhùn Èideann.

Tha dannsa Gàidhealach air aithneachadh air feadh an t-saoghail mar thè de shamhlaidhean na h-Alba agus tha sin gu ìre mhòir ag èirigh à eilthireachd nan Gàidheal agus mar a sgap iad gu sònraichte anns an 19mh linn. Bha an Dannsa Gàidhealach mar sheòrsa de dh’acaire cultarail a bha ceangal dhaoine ris an t-seann dhùthaich agus na seann chleachdaidhean, mar a chì sinn, mar eisimpleir, ann an Geelong, Àstràilia.

Figear 45 Dealbh as an Illustrated London News an 1857. Bha e an cois iomradh air na Geamachan Gàidhealach an Geelong , Astràilia, air an cur air dòigh le Comunn na Feinne. Bha taisbeanaidhean agus farpaisean dannsa aig cridhe nan Geamachan.

Dannsa ceum an Canada

Ged nach lorgar dannsa ceum ach an Canada a-mhàin, tha trì diofar sheòrsaichean an sin fhèin: Stoidhle Cheap Breatainn, Stoidhle Frangach Chanada agus Stoidhle Ghlinn Mhòir Ottawa. Tha na trì a’ tarraing gu mòr air dualchas dhannsa na h-Alba agus na h-Èireann agus chaidh an toirt dhan dùthaich le eilthirich bho Ghàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann.

Tha dannsa ceum luath, clis agus lùthmhor le taic mar as trice bhon fhidhill. Gu cunbhalach chan eil cus gluasad làthair na lùib agus ’s ann ag amas air gluasad coise le beagan de dh’oibreachadh làimhe agus gàirdein a tha an dannsair.

Mar as trice ’s ann air bùird le còmhdach cruaidh is còmhnard a tha an dannsa a’ dol air adhart. Bidh brògan àraid gan cleachdadh a rèir an dannsa, le gliogairean sònraichte ceangailte ri aghaidh agus cùl nam bròg. Cleas mar a tha a’ tachairt ann an dannsa Gàidhealach agus dannsa na h-Èireann, tha farpaisean gan cumail an dannsa ceum a bharrachd air e bhith na dhannsa sòisealta na coimhearsnachd.

Tha ochd buillean gach ceum anns a’ chumantas anns an dannsa ceum. Ged a tha e san àbhaist a bhith a’ dannsa le cas dheas air adhart agus an uairsin a’ chas cheàrr, gu math tric bidh dannsairean a’ dannsa gu cruthachail air an aon chois mas gluais iad air adhart chun ath cheum. Mar as trice tachraidh seo nuair a thathas a’ dealbh ceumannan ri pìos ciùil àraid.

Tha tòrr sheòrsaichean dannsa ann. Tha iad uile le luaths, astar agus buillean fa-leth. Am measg nan dannsa tha ruidhlichean, sigichean, dannsa colgais, dannsa-deise, dannsa pìoba, dannsaichean slaodach bròige-fiodha, polca agus dannsa dùbailte.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Dannsa Gàidhealach

Tha ‘Dannsa Gàidhealach’ a-nis air a chleachdadh mu dhòigh dannsa lùthmhor aon-neach a chaidh a chruthachadh ann an Gàidhealtachd na h-Alba.

Aig Geamachan Gàidhealach, tha prìomh fharpaisean an Dannsa Gàidhealach an teis-mheadhan chùisean, a’ glacadh aire an t-saoghail agus a’ tàladh dannsairean bho air feadh an t-saoghail. Tha an seòrsa dannsa seo gu math eadar-dhealaichte bho dhannsa aig cèilidhean neo anns a’ choimhearsnachd.

Thàinig dreach an latha an-diugh air an Dannsa Ghàidhealach anns an 19mh agus 20mh linn, gu ìre mhòir ann an suidheachadh nan Geamaichean Gàidhealach far a bheileas a’ dannsa ris a’ phìob-mhòir. Na lùib cuideachd tha structar mionaideach de bhritheamhachd agus deas-ghnàth lìbhrigidh.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Chan ionann an Dannsa Gàidhealach agus dannsa dùthchail na h-Alba, a tha na dhannsa sòisealta (’s e sin dannsa le càraidean no buidhnean) cleas dannsa seòmraichean bàl agus dannsa structarail – far a bheil pàtran gluasaid nan dannsairean na phàirt cudromach – coltach ri dannsa ceàrnaig.

Tha cuid de Dhannsa Ghàidhealach ann ged-tà le freumhan ann an dannsaichean traidiseanta sòisealta. ’S e aon eisimpleir dhen sin an Ruidhle Gàidhealach, ris an canar cuideachd Ruidhle Cheathrar, far a bheil buidhnean de cheathrar a’ dol bho cheumannan mu choinneimh a chèile gu dealbh de dh’ochd a shnìomh nan gluasad. Tha a’ mhòr-chuid de na Dannsaichean Gàidhealach do dh’aon neach.

Bu chòir a bhith mothachail cuideachd gu bheil Dannsa Gàidhealach air a mheas mar spòrs leis a’ bhuidhinn oifigeil SportScotland.

Dannsa le claidheamhan agus fèilidhean

Tha e coltach gu bheil seann laoich is gaisgich air feadh na Roinn Eòrpa air a bhith a’ dannsa le claidheamhan fad linntean. Bha dannsaichean samhlachail agus an riochd sabaid agus suidheachaidhean blàir rim faotainn ann an traidisean agus beul-aithris na h-Alba.

Thàinig poileasaidh mùthchail Riaghaltas Bhreatainn an aghaidh cultar na Gàidhealtachd gu àird na teasaich ann an 1747 le Achd an Toirmisg, a’ casg fhireannach nach robh anns an arm bho bhith air an èideadh le fèileadh. Chaidh an Achd a chur an dàrna taobh ann an 1782 agus tràth anns an 19mh linn chaidh tionndadh caran romansach a chur air cultar na Gàidhealtachd le cuid.

Figear 46 A’ foillseachadh prìomh eileamaidean ‘cultar na Gàidhealtachd’ ann an 1881, bha danns a’ faighinn prìomhachas.

Fhuair an tionndadh romansach taic rìoghail nuair a nochd an Rìgh Seòras IV air beulaibh an t-sluaigh le fèileadh ann 1822; bho sin a-mach bha taic dhan fhèileadh cinnteach.

Nochd a’ Bhanrigh Bhictoria ùidh ann an cuid de ghnothaichean cultarail na Gàidhealtachd leithid pìobaireachd agus dannsa, agus ’s ann aig an àm seo a thogadh ùidh ann an dannsa aig na Geamaichean Gàidhealach.

Bha Dannsa Gàidhealach aig cridhe nan Geamaichean bho thùs an ùrachaidh, ach tric ’s ann airson britheamhan a riarachadh a bha na dannsaichean.

Chaidh tòrr dhannsaichean eile a bha gu math nas sine a chall aig an àm seo seach nach robh feum orra ann an saoghal nam farpaisean.

Tha Bòrd Oifigeil Albannach an Dannsa Ghàidhealaich (SOBHD), air a mheas mar bhuidheann-riaghlaidh an t-saoghail le tòrr de na cruinneachaidhean Gàidhealach air feadh an t-saoghail agus cha mhòr a h-uile gin anns na Stàitean Aonaichte. Tha Prìomh Fharpais an t-Saoghail airson Dannsa Gàidhealach air a chumail aig Geamaichean Còmhdhail bho 1934.

Dannsaichean Gàidhealach

Dannsa nan Claidheimh

Tha e air aithris gun deach dannsa nan claidheimh a dhealbh le Gàidheil ‘mar dheisealachadh deatamach airson giùlain a’ chlaidheimh mhòir…air a chleachdadh ann an cuid de dhannsaichean airson an sùbailteachd a shealltainn.’ (Logan, Seumas. The Scottish Gael td. 440)

Bha seo a’ gabhail a-staigh dannsa os cionn dà chlaidheimh rùisgte air an càradh tarsainn air a chèile, le dannsair a’ gluasad gu h-ealanta timcheall orra.

A’ càradh chasan gu mionaideach eadar gach claidheamh, mar ann an ‘Gille Chaluim’, tha ceangal eadar na dannsaichean seo agus deisealachadh airson batal no mar dhòigh air buaidh blàir a chomharrachadh.

Tha e air innse gum biodh cinn-feadhna ag iarraidh air sàr-dhannsairean nochdadh ron bhlàr airson Dannsa nan Claidheamh. Nan seachnadh na dannsairean na claidheamhan, bhiodh sin air fhaicinn mar fhàisneachd gur ann leotha a bhiodh am blàr.

Tha ciall nas pragtaigeach airson an dannsa ri lorg ann an trèanadh agus oideachadh seann stoidhlichean sabaid le claidheimh, nuair a bhiodh oileanaich a’ leasachadh an obair-coise le bhith a’ leantainn phàtrain chrois-tarsainn, ceàrnagan agus triantain air an comharrachadh air an làr.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Am Fling Gàidhealach

’S dòcha nach eil dannsa cho ainmeil ann ris a ‘Highland Fling’ a bha, a rèir aithris, air a chleachdadh mar chomharradh buaidh aig deireadh blàir. Tha smuain eile (nach eil cho romansach) ag ràdh gu robhas ga dhèanamh ron bhlàr (cleas Danns nan Claidheamh), air mullach sgiath an t-saighdeir. Bhiodh stob ann an teis-mheadhain na sgèith, agus bhiodh aig an dannsair ri chasan a chath gu cùramach timcheall air, a’ leum agus a’ dannsa mas fhìor a’ feuchainn ri droch-spioradan a chumail air falbh. Chan fhaodadh an dannsair gluasad bhon aon àite.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ruidhle Thulaichean

Tha e ri ràdh (ged ’s dòcha nach e an fhìrinn a th’ ann) gun do thòisich Ruidhle Thulaichean (ann am Beurla ‘The Reel of Tulloch’) nuair a bha coitheanal bainnse a’ feitheamh taobh a-muigh eaglaise air latha fuar. A rèir na sgeòil thòisichear a’ feadalaich fonn Gàidhealach fhad ’s a bha cuideigin eile a’ dealbh dannsa.

Tha aithris eile nach eil cho càilear ag innse gun deach an dannsa a dhealbh le luchd-obrach a lorg claigeann anns an talamh aig caisteal agus a chluich seòrsa de bhall-coise leis. Car coltach ri sin tha sgeulachd eile a tha ag ràdh gu robh muinntir Thulaich dualach a bhith cluich ball-coise le ceann nàmhaid an dèidh blàr.

Tha eachdraidh an òrain air a mhìneachadh ann an aiste ‘The reel of Tulloch in fact and fiction’ mun bheul-aithris a tha ceangailte ris, agus an gnothach ris an canar Cùis-mhulaid Thulaich, ri fhaighinn ann am pàipearan Comunn Gàidhlig Inbhir Nis (Leabhar LIX, duilleagan 118-128).

Tha an t-òran ri lorg ann an co-chruinneachadh Mhic na Ceàrdaich, ‘An t-Òranaiche’ (1879).

Their britheamhan na tìreThe judges of this land
Ma labhras iad an fhìrinnWill say if you believe them;
‘De na thig de cheòl à fidhlean‘When music comes from any fiddle
‘S e rìgh dhiubh ‘Na Tulaichean.’The Reel of Tulloch’s the King’.

Seann Triubhas

Tha ceangal romansach eadar Seann Triubhas (no Seann Bhriogais) agus an casg a chaidh a chur air an Èideadh Ghàidhealach an dèidh ar-a-mach 1745. Tha mòran chrathadh casan ann, mar shamhla air a bhith a’ cath na briogaise ghràineil. Tha na ceumannan mu dheireadh, nas luaithe buileach, a’ nochdadh gàirdeachas ri tilleadh na fèilidh. Ach chan eil ceumannan an dannsa cho sean ri sin, leis a’ chuid as mòtha air an dealbh anns an 19mh linn.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Cleas iomadach traidisean dannsa eile, tha an rud ris an canar an-diugh ‘Dannsa Gàidhealach’ stèidhichte air caochladh sheòrsaichean dannsa eile a bha a’ sìor atharrachadh a rèir cleachdaidhean na h-ama agus beachdan air gnothaichean roimhe sin. Ged a bhiodh cuid de na h-eileamaidean ceudan bhliadhnaichean de dh’aois, tha cuid eile a tha mòran nas ùire. Buinidh a’ mhòr chuid de dhannsaichean an latha an-diugh dhan 19mh linn.

Figear 47 Tha Dannsa Gàidhealach air a bhith a’ sìor atharrachadh thairis air ùine

Dannsa dùthchail

Tha dannsaichean dùthchail na h-Alba air an roinn eadar ruidhlichean (nam measg dannsaichean pìoba), sigichean agus dannsa-deise a rèir a’ chiùil. Tha a’ chiad dhà dhiubh sin (ris an canar cuideachd dannsaichean luath) air an comharrachadh le astar, gluasadan aithghearr agus beòthalachd. Tha an treas seòrsa (dannsa-deise) gu math nas slaodaiche agus nas fhoirmeil, stàiteil. Gheibhear cuideachd sigichean aig 9/8, minuets agus ualtsaichean ged nach eil an sin ach pàirt bheag de na th’ ann gu h-iomlan.

Dannsairean agus Seataichean

Tha dannsa dùthchail na h-Alba ga dhèanamh ann an cumadh ris an canar ‘seataichean’. Mar as trice tha trì no ceithir de chàraidean anns na seataichean, ach ann an cuid de dhannsaichean tha feum air seataichean nas motha le còig, sia no barrachd chàraidean. Bidh fireannach agus boireannach anns gach càraid mar as trice, ach bidh boireannaich a’ dannsa le boireannaich agus fir le fir a-rèir mar a bhios anns a’ chuideachd.

’S e gnothach gu math càirdeil agus in-ghabhalach a th’ ann an dannsa dùthchail na h-Alba. Tha e na thoileachas do mhòran, de gach aois. Bidh buidhnean dannsa Albannach a’ taisbeanadh an comasan, a’ sealltainn gach taobh dhen dannsa aig fìor àrd-ìre.

Dannsa Dùthchail an latha an-diugh/Comunn Dannsa Dùthchail Alba (SCDS)

Tràth anns an 20mh linn, bha Dannsa Dùthchail na h-Alba gu math cudromach ann an seadh sòisealta gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail, ged a bha an àireamh de dhannsaichean ris an robhar eadar-dhealaichte. Bha dannsa dùthchail an cunnart a dhol à bith nuair a stèidhichear Comunn Dannsa Dùthchail na h-Alba (SCDS) leis an amas a bhith a’ gleidheadh ‘dannsaichean dùthchail mar a thathas gan dannsa an Alba.’ Chan eil ùine mhòr sam bith bhon chaidh seo atharrachadh gu ‘dannsaichean dùthchail na h-Alba’.

Thòisich an SCDS a’ cruinneachadh agus a’ foillseachadh na bh’ air fhàgail de na dannsaichean agus gan ath-chruthachadh no ag ùrachadh dannsaichean nach robhas a’ dèanamh. Mar phàirt dhen obair, chaidh na dannsaichean agus mar a bhathar gan dèanamh anns na diofar sgìrean às an deach an cruinneachadh, a shocrachadh gu cunbhalach.

Chaidh inbhe Rìoghail a bhuileachadh air a’ Chomunn ann an 1947 agus chaidh ainmeachadh mar RSCDS (a’ cur ‘Rìoghail’ ris an ainm SCDS).

Cha tug e fada sam bith an dèidh stèidh an SCDS gus an do thòisichear a’ cruthachadh dhannsaichean ùra coltach ris an fheadhainn roimhe sin, agus cuideachd ag ùrachadh chùisean tro dhannsaichean le innleachdan ùra.

An-diugh tha barrachd air 11,000 dannsa clàraichte, ach tha nas lugha na 1,000 dhiubh ‘traidiseanta’.

Dannsa Innse Gall

’S e ainm an ìre mhath ùr a th’ ann an ‘Dannsa Innse Gall’ agus tha e coltach gun deach a chleachdadh an toiseach aig Fèill Comann Dannsa agus Òran Dùthchail Shasainn aig Talla Rìoghail Albert, Lunnainn ann an 1934, nuair dh’iarradh air Fearchar MacNèill à Barraigh dannsaichean bho Uibhist a Deas agus Barraigh a shealltainn. Tha dùil gun deach ainm Innse Gall a cheangal riutha airson an comharrachadh bho na dannsaichean Gàidhealach eile air an robhas eòlach, agus cuideachd son an ceangal ris na h-Eileanan an Iar.

’S iad na dannsaichean aon-neach a tha nis fon ainm ‘dannsaichean Innse Gall’, le barrachd air aon riochd de gach fear, Tulloch Gorm, Highland Laddie, Over the Water to Charlie, (Scotch) Blue Bonnets, Flowers of Edinburgh, First of August, Scotch Measure agus Aberdonian Lassie.

Chan eil ach criomagan de na dannsaichean Jacky Jar, The Lads wi’ the Kilt, Over the Water and Over the Hill, Carraig Fhearghais, Over the Hills and Far Away agus Petronella rim faighinn an-diugh.

Chan eil fhios le cinnt sam bith cò às a dh’èirich na dannsaichean sin ach tha fhios againn gu robh an t-sàr mhaighstir dannsa Eòghann MacLachlainn, (c. 1799-1879) gan teagasg mar bu trice do dhaoine ann am Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Barraigh, anns na meadhan 1800an.

Tha na dannsaichean, mar as aithne dhuinn an-diugh iad, gan lìbhrigeadh gu sèimheil agus ann an dòigh nas saor-thoilich na Dannsa Gàidhealach, agus gu math tric cluinnear barrachd faram coise.

Anns na meadhan 1980an ghluais muinntir Bharraigh agus Uibhist a Deas a chaomhnadh dhannsaichean eagal ’s gun rachadh iad à bith. Bha cuid de dhaoine fhathast beò aig an robh eòlas air na dannsaichean bhon òige, an dèidh an ionnsachadh bho Eòghann MacLachlainn.

Chaidh na dannsaichean a thoirt air adhart an dèidh sin aig Fèis Bharraigh agus fhuair òigridh ann an Uibhist a Deas agus Barraigh an cothrom an ionnsachadh bho dhaoine aig an robh iad bhon dualchas.

Dannsa ùr nodha

Tha Alba Chruthachail a’ cuideachadh dannsa le taic a thoirt do bhuidhnean, togalaichean agus luchd-oideachaidh agus a’ feuchainn ri àireamhan luchd-compàirt fhàs. ’S e Theatre Dannsa na h-Alba companaidh dannsa na dùthcha agus tha e air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail.

6.4 Litreachas

6.4.1 Bàrdachd

Tha dualchas farsaing agus beairteach aig a’ Ghàidhlig a tha a’ dol air ais iomadh linn ach ’s ann san leth-cheud bliadhna mu dheireadh gu h-àraidh a tha litreachas na Gàidhlig air tighinn gu bhith air fhaicinn na phàirt chudromach de litreachas na h-Alba san fharsaingeachd.

Tha bàrdachd Ghàidhlig na 17amh linn nas cudromaiche airson an t-solais a tha i a’ cur air saoghal nan cinnidhean san t-seann Ghàidhealtachd na airson na bàrdachd fhèin. ’S e dàin molaidh do na cinn-feadhna a tha sa chuid mhòr dhi, bàrdachd ‘phoilitigeach’ ann an seadh.

Anns an 18amh linn thòisich a’ Ghàidhealtachd a’ fosgladh a-mach dhan t-saoghal mhòr mar thoradh air mar a bha foghlam a’ leudachadh agus siubhal a’ fàs nas fhasa (gu h-àraidh às dèidh Chùil Lodair). Thòisich dòigh-beatha ùr a’ tighinn gu bith a tha nas fhaisge air saoghal an latha an-diugh agus tha an t-ùrachadh seo ri fhaicinn cuideachd sa bhàrdachd, sa bheil stoidhlichean ùra agus raon fharsaing de chuspairean a’ nochdadh, leithid bàrdachd nàdair Dhonnchaidh Bhàin, òrain gaoil Uilleim Rois agus aoirean a’ bhàird Chataich, Rob Donn.

Rannan às an eadar-theangachadh Bheurla aig Iain Mac a’ Ghobhainn air ‘Moladh Beinn Dòbhrainn’ le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.

Greadhainn bu gheal cèir,

Faghaid air an dèidh –

’S laghach leam an sreud

A bha sròineiseach.

…..

’S aigeannach fear eutrom

Gun mhòrchuis

Thèid fasanta na èideadh

Neo-spòrsail.

Tha mhantal uime fhèin,

Caithtiche nach trèig –

Bratach dhearg mar chèir

Bhiodh mar chòmhdach air.

This image of the deer as the nobility of the glens is from Iain Crichton Smith’s free translation of Donnchadh Bàn’s tour-de-force, ‘Praise of Ben Dòrain’.

Herds with white rumps race -

hunters in the chase.

O I love the grace

of these noble ones.

…..

Spirited and delicate

and shy,

in fashionable coat

he goes by

in mantle well arrayed,

suit that will not fade,

dress of waxen-red

that he's wearing now.

Chaidh gnothaichean caran sàmhach san 19amh linn – linn a chunnaic mòran bochdainn agus strì air a’ Ghàidhealtachd – ged a chùm dòighean-sgrìobhaidh bàird mhòra na 18amh linn a’ dol, tron linn seo agus suas gu ar latha-ne, ann am bàrdachd nam ‘bàrd-baile’ mar a theirear riutha (ged a bha sealladh nas fharsainge na sin aig cuid aca air an t-saoghal).

Thàinig ceum mòr ann an litreachas na Gàidhlig ann an 1943 nuair a chaidh leabhar tana de bhàrdachd fhoillseachadh a thug litreachas na Gàidhlig, ann an aon chruinn-leum, chun an aon ìre ri litreachas Bheurla an ama. Chaidh aig Somhairle MacGill-Eain, ùghdar Dàin do Eimhir, air a’ chuid a b’ fheàrr de dhualchas na Gàidhlig a chur an lùib na bha e air ionnsachadh à litreachas an t-saoghail agus air seòrsa bàrdachd tur ùr a chruthachadh sa Ghàidhlig. Agus rinn e seo le sùrd agus sunnd a thug buaidh air ginealaich de bhàird às a dhèidh.

Figear 48 Somhairle MacGill-eain

Bha dà sheòrsa dleastanais a’ strì ri chèile ann am mac-meanmna MhicGill-Eain mar bhàrd, dleastanas pearsanta gaoil is teaghlaich agus, air an làimh eile, an dleastanas poblach a bha air a riochdachadh dha le Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Tha an imcheist seo air fhighe gu sgileil an lùib chuspairean eile ann an Dàin do Eimhir gus sreath de dhàin a chruthachadh anns a bheil an dà chuid ealain agus faireachdainn aig sàr ìre.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu Shomhairle MacGill-eain agus a bhàrdachd cliog an seo.

Am measg nam bàrd Ghàidhlig eile a tha air cliù a chosnadh san leth mu dheireadh den 20amh linn agus san linn seo fhèin tha: Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a’ Ghobhainn, Aonghas Macneacail, Catriona NicGumaraid, Meg Bateman agus Maoilios Caimbeul.

Tha Ruaraidh MacThòmais air a bhith a’ sgrìobhadh bàrdachd Ghàidhlig fad còrr is trì fichead bliadhna, ag atharrachadh dhòighean-sgrìobhaidh agus chuspairean fad na h-ùine ach a’ gleidheadh nan sgilean a tha air ainm a chosnadh dha mar shàr bhàrd, ’s e sin:

  • eanchainn thùrail, doimhneachd faireachdainn agus comas na dhà fhilleadh na chèile
  • saor-rannaigheachd a tha cho ceòlmhor ris na seann òrain Ghàidhlig
  • cànan làidir, ghlan
  • geurad agus eirmseachd ann an cainnt agus smuain.

Chithear an eirmseachd sin san dàn a leanas.

Alba v. Argentina, 2/6/79

mìos às dèidh Taghadh na Pàrlamaid, 3/5/79

Glaschu a’ cur thairis

le gràdh dùthcha,

leòmhainn bheucach

air Sràid an Dòchais,

an Central

mùchte le breacan,

cop air Tartan bho mhoch gu dubh,

is mùn nam fineachan air a’ bhlàr;

iolach-catha a’ bàthadh bùrail nam busaichean –

Sco-o-t-land, Sco-o-t-land –

Alba chadalach,

mìos ro fhadalach.

Scotland v. Argentina, 2/6/79

a month after the General Election, 3/5/79

Glasgow erupting

with patriotism,

growling lions

on Hope Street,

the Central

choked with Tartan,

foaming from dawn to dusk,

and clansmen’s piss on the battlefield;

the battle-cry drowning the buses’ drone –

Sco-o-t-land, Sco-o-t-land –

sleepy Scotland,

a month late.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu Ruaraidh MacThòmais agus a bhàrdachd cliog an seo.

Tha eisimpleir de obair a’ ghinealaich a thàinig às dèidh MhicThòmais ri fhaicinn anns an dàn ‘Marilyn Monroe’ aig Aonghas MacNeacail a gheibhear ann an seo (‘Carson Gàidhlig?’).

6.4.2 Rosg agus Dràma

Nochd an sgeulachd-ghoirid, an nobhail agus an dealbh-chluich sa Ghàidhlig airson a’ chiad uair tràth san 20amh linn ach cha tàinig na dòighean-sgrìobhaidh sin gu ìre chun nan 1960/70an. Tha iad air a dhol o neart gu neart on uair sin, ge-tà, agus chanadh cuid a-nise gur e an sgeulachd-ghoirid a’ phrìomh mhodh-sgrìobhaidh Gàidhlig.

’S e Iain Mac a’ Ghobhainn agus Iain Moireach an dà sgrìobhaiche sgeulachadan-goirid as ainmeile, agus as motha a sgrìobh, sa Ghàidhlig. Tha sgeulachdan Mhic a’ Ghobhainn a’ gabhail a-steach raon fharsaing de chuspairean agus shuidhichidhean agus tha iad a’ sealltainn an ùidh a tha aige ann am breithneachadh air ceistean domhain agus, cuideachd, cho sgileil is a tha e, mar fhear a tha nas ainmeile mar bhàrd, air làimhseachadh ìomhaighean agus cànan.

Tha Iain Moireach anns na sgeulachdan aigesan a’ cur raon fharsaing de charactaran, shuidhichidhean agus phlotaichean inntinneach far comhair a bheir oirnn smaoineachadh agus tha e a’ gu h-àraidh sgileil air cleachdadh dhòighean-sgrìobhaidh eadar-dhealaichte agus air Ghàidhlig shiùbhlach, eirmseach a chur gu feum.

’S e Fionnlagh MacLeòid agus Pòl MacAonghais dà sgrìobhaiche dhealbh-chluichean Gàidhlig. ’S e MacAonghais as traidiseanta den dithis. Tha MacLeòid nas ainmeile airson dealbh-chluichean goirid, samhlachail, leithid ‘Ceann Cropic’ a chaidh a shealltainn air telebhisean an 1976, ach tha e cuideachd air dealbh-chluichean nas traidiseanta a sgrìobhadh mar an t-sreath chloinne ‘Na Balaich air Rònaidh’ a chaidh a chraobh-sgaoileadh air rèidio ann an 1968.

Tha sgrìobhaichean dràma air a bhith air am bacadh sa Ghàidhlig o chionn bhliadhnaichean le dìth cothrom an cuid obrach a shealltainn air stèids no tro na meadhanan agus tha e fìor mun sgeulachd-ghoirid cuideachd gu bheil sgrìobhaichean air a bhith air an cumail air ais bho sguir an t-iris ‘Gairm’ ann an 2002.

’S ann san fhichead bliadhna mu dheireadh a thàinig an nobhail gu ìre sa Ghàidhlig, gu ìre mhòr mar thoradh air an iomairt ‘Ùr-sgeul’ a chuireadh air chois le Comhairle nan Leabhraichean.

’S e An Oidhche mus do Sheòl i le Aonghas Phàdraig Caimbeul fear de na leabhraichean a thug Ùr-sgeul am follais. ’S e eachdraidh-teaghlaich a tha an seo a tha a’ leantainn seat de charactaran inntinneach tro shuidhichidhean mar na h-Eileanan, Glaschu agus an Spàinn ri linn a’ Chogaidh Shìobhalta. Tha sgrìobhadh làidir san leabhar, beachdan inntinneach agus dealbh mhionaideach air suidhichidhean eachdraidheil: ann am meudachd, tha e a’ toirt gu aire an ‘Great American Novel’ - le neart agus laigsean a’ mhodh-sgrìobhaidh sin.

Tha Catriona Lexy Chaimbeul nas òige, le dòigh-sgrìobhaidh nas aotruime ach tha ise cuideachd ar leth sgileil air cruthachadh charactaran agus phlotaichean agus tha dùil ri tòrr bhuaipe fhathast. Am measg nan sgrìobhaichean eile a nochd ann am prògram Ùr-sgeul tha: Màrtainn Mac an t-Saoir, Tormod Caimbeul agus Tormod MacIlleathain.

6.4.3 Sgeulachdan agus òrain

’S e na seann òrain a tha air tighinn a-nuas thugainn sa bheul-aithris aon de na roinnean as prìseile de dhualchas na Gàidhlig. Tha fhios againn cuin a rinneadh feadhainn dhiubh oir tha tachartasan eachdraidheil air an ainmeachadh annta: mar eisimpleir, ’s e marbhrann boireannaich dha cèile a tha anns an òran ‘Griogal Cridhe’, a rinneadh nuair a bha Clann Ghriogair fo gheur-leanmhainn aig deireadh na 16amh linn. Gheibhear e air a sheinn le diofar dhaoine agus bhuidhnean air làrach-lìn a’ BhBC, Bliadhna nan Òran.

O chionn beagan bhliadhnaichean tha seinneadairean agus còmhlain mar Runrig air a bhith a’ sgrìobhadh òrain ann an nòsan ùra. Tha grunn de na h-òrain aig Runrig a chaidh a chlàradh le buidhnean eile, leithid Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha dualchas beairteach de sgeulachdan sa Ghàidhlig cuideachd: ’s e Popular Tales of the West Highlands aig Iain Òg Ìle an cruinneachadh as ainmeile dhiubh. Chaidh feuchainn anns na bliadhnaichean mu dheireadh ri aithris sgeulachdan a thoirt air ais mar chleachdadh. Chan eil an iomairt seo air a bhith uile-gu-lèir soirbheachail ach tha na sgeulachdan fhèin fhathast ann mar dhearbhadh, còmhla ri na h-òrain, air neart an dualchais sa Ghàidhlig.

6.5 Spors agus Cur-seachadan

Tha stòras prìseil de gheamaichean agus chur-seachadan ann an Alba, agus anns na sgìrean Gàidhealach cuideachd. Bha na geamaichean agus na cur-seachadan sin air leth cudromach ann am beatha dhaoine òga, an dà chuid ann am bailtean agus a-muigh air an dùthaich.

Agus bha spòrs agus cur-seachadan air leth cudromach do dh’òigridh mus tàinig rian is òrdugh air geamaichean aig deireadh an 19mh linn.

Gu math tric bha ceangal eadar spòrs is cur-seachadan agus amannan àraid dhen bhliadhna leithid na Bliadhn’ Ùire, Nollaig no làithean fèille eile. Bhiodh geamaichean turchairt nam measg, agus geamaichean le sgilean àraid, farpaisean agus geamaichean buinig no call.

Air uair nochdadh taibhsean no bana-bhuidsichean; bhiodh fàisneachd air suirghe is pòsadh ann, cur gheall, strì neairt is sgilean, cluichean bhall agus dannsa.

Bhiodh seinn tric na phàirt de na geamaichean le co-sheinn is bualadh bhasan, agus tha a h-uile coltas ann gu robh seo na bhunait airson gu leòr de na h-òrain is fuinn traidiseanta a th’ againn a-nis.

Chaidh grunn chruinneachaidhean agus leabhraichean fhoillseachadh le cunntas air an raon farsaing de gheamaichean agus chur-seachadan a bh’ ann. Tha buidhnean leithid Comann a’ Bheul-Aithris agus Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann air obair chudromach a dhèanamh a’ glèidheil agus a’ tasgadh an stòrais phrìseil seo, le diofar riochdan gheamaichean agus chleachdaidhean bho air feadh na dùthcha.

Tha mòran fiosrachaidh ri fhaotainn cuideachd mu gheamaichean agus chur-seachadan anns an 19mh linn ann an Cunntasan Àireamhachd na h-Alba.

Tha cunntasan air seann gheamaichean cuideachd ri fhaighinn aig Tobar an Dualchais.

Bogsa 6 Taghadh de chur-seachadan agus geamaichean

Cluich an taighe

Air a chluich le trì cearcaill 60 slat bho chèile; daoine a’ cruinneachadh an aon dhiubh; aon neach eile air an taobh a-muigh le ball. Tha an neach sin a’ feuchainn ris an fheadhainn eile a bhualadh leis a’ bhall nuair a tha iad a’ gluasad bho chearcall gu cearcall, gan comharrachadh mar ‘phrìosanach’.

Stracair

Gèam le buidhnean a’ feuchainn ri ball (ball-speil) a bhualadh le slacan agus a chur ann an toll anns an talamh.

Iomairt air a’ bhall

Tha seo ga chluich le ball ga chath ris a’ bhalla le ainm fa-leth air gach cluicheadair; an uair a thèid ainm a ghairm, feumaidh an neach sin feuchainn ris a’ bhall a ghlacadh mus buail e an talamh; ma dh’fhaillicheas sin air a’ chluicheadair tha aca an uairsin ri teiche gun leigeil leis a’ chluicheadair leis a’ bhall a bha a’ feuchainn air a’ bhalla am bualadh.

Iomairt air a’ gheata

Gèam eile le slacan no maide tiugh, dithis an aghaidh dithis. ’S e an t-amas maide beag a bhualadh agus a chur a-steach ann an ‘cailleach’ no toll; tha an dithis eile a’ dìon ‘a’ gheata’; thathas uaireannan a’ gabhail Cat agus Cù no Cat agus Slacan air a’ ghèam seo.

Iomairt air an Stainchear

Tha seo coltach ris a’ ghèam air a bheil ‘rounders’ no ‘bases’ ann am Beurla agus ma dh’fhaoidte gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon Bheurla stanchel, stanchion, no station, a’ ciallachadh ‘upright, support’. Tha an slacan air chumadh slacan criogaid agus am ball de shnàth air a thoinneamh timcheall air meadhan àrca.

Iomain

Am measg nan spòrs a thàinig gu ìre agus air an deach rian a chur anns an 19mh linn, ’s e iomain no camanachd, a bu chudromaiche do na Gàidheil.

Tha a h-uile coltas ann gun tàinig iomain a dh’Alba an toiseach còmhla ri Crìosdaidheachd agus Gàidhlig bho chionn 2,000 bliadhna, le na miseanaraidhean Èireannach. Rè ùine, thathas air a bhith a’ bualadh ball, no rudeigin coltach ris, feadh Bhreatainn gu lèir, bho fhaicheannan rèidh nan Crìochan, monaidhean fuar Siorrachd York agus Blackheath ann an Lunnainn, gu saoghal àrainneachd gharbh Eilean Hiort far an do thadhail Màrtainn Màrtainn agus e air a thuras èibheiseach timcheall air Innse Gall mu 1695.

‘They use for their diversions short clubs and balls of wood; the sand is a fair field for this sport and exercise in which they take great pleasure and are very nimble at it; they play for some eggs, fowls, hooks and tobacco; and so eager are they for victory that they strip themselves to their shirts to obtain it.’

Camanachd air feadh an t-saoghail

Tha camanachd cho sean ’s a ghabhas agus chan eil taobh phroifeiseanta air le daoine ga chluich gu saor-thoileach. Thathas a’ dèanamh ceangal eadar camanachd agus goilf (ged nach eil sin uile gu lèir buileach mionaideach) agus hocaidh air deigh.

Lorgar cuideachd camanachd ann an àiteachan iongantach leithid raointean Mhontevideo ann am meadhan an 19mh linn, agus Toronto agus Roinn na Mara air taobh an ear Chanada.

Chaidh a chluich aig àird na teasaich aig a’ Bhliadhn’ Ùir ann an Astràilia còrr is 150 bliadhna air ais agus ann an Cape Town ann an Afraga a Deas agus air raointean cogaidh na Roinn Eòrpa tron dà Chogadh Mhòr.

Anns an latha an-diugh, tha e fiù ’s ri lorg anns na Stàitean Aonaichte far a bheil ùidh anns a’ ghèam a’ fàs ann an cuid de cheàrnaidhean.

Figear 49 Iomradh air gèam iomain ann a’ Montevideo anns an Inverness Courier air 13 An t-Iuchair 1842

Tùs na camanachd

Chan eil teagamh nach robhas a’ cluich camanachd (no leis an fhìrinn dreach eile dhen ghèam ris an canar sin an-diugh) bho linn nam pàganach. Ann an Alba, ’s ann ann an Clàir Sheisein Eaglais Ghlaschu ann an 1589 as tràithe a lorgar cunntas air a’ chluich ris an canar an uairsin ‘schynnie.’ Tha am pios aig a bheil crois ag ràdh: ‘that nane be fund castand stanes with in the kirkis zardes, or playing at futeball, goff, carrick or schynnie’.

Figear 50 Tha a’ chiad iomradh sgrìobhte air iomain ri lorg ann an Cunntasan Seisean Eaglais Ghlaschu airson 1589

Ann an Leabhar Chomunn nam Fìor Ghàidheal, a chaidh fhoillseachadh ann an 1881 leis a’ Chomunn sin, thathas a’ dèanamh dheth gur e camanachd ‘gun teagamh an spòrs no cur-seachad Ceilteach as sine a ghabhas lorg….. bho thùs air chall ann an ceò na h-eachdraidh……agus chaidh a chluich le Noah e fhèin; agus ma chaidh, tha h-uile coltas gu robh Adhamh agus a mhic ris cuideachd.’

Figear 51 Camanachd mar a tha e air a dhealbh ann an Leabhar Chomunn nam Fìor Ghàidheal

Am facal ‘shinty’

Bu chòir ciall an fhacail ‘shinty’ a mhìneachadh. Thathas a’ cleachdadh iomain, agus an dèidh sin camanachd, ann an Gàidhlig, dà fhacal a tha a’ comharrachadh ‘driving’. Chan eil freumhan an fhacail ‘Shinty’ (no a leithid shindy, shinnie, shindig a tha cuideachd a’ nochdadh), idir cho soilleir. Tha a’ mhòr-chuid dhen bharail gur ann bhon fhacal Gàidhlig sìnteag, a’ ciallachadh cruinn-leum, ‘leap, bound’, a tha e. Tha shinnie, (timcheall air 1600) a-rèir coltais nas sine na shintie, a thàinig gu cleachdadh mu 100 bliadhna an dèidh sin.

Camanachd aig amannan fèille

Cha robh tachartas sam bith nas cudromaiche an co-cheangal ri àm na Bliadhn’ Ùire na Gèam na Camanachd. Gu math tric bhiodh baraille de dh’uisge-beatha mar dhuais. Bhiodh na farpaisean gan cluich eadar dà pharaiste no barrachd, agus cha bhiodh smachd sam bith air an àireamh a bhiodh a’ gabhail pàirt bho mhoch gu dubh.

Tha e ri aithris air uair gum biodh suas gu 2,000 an làthair. Chuireadh an t-uachdaran togsaid dhen stuth a b’ fheàrr air adhart mar dhuais.

’S ann ann am faclairean as motha a gheibhear a-mach eachdraidh agus sloinneadh na camanachd. Anns an fhaclair ainmeil aig Jamieson air a’ Chànan Albais, lorgar camanachd eadar Shinnock agus Shiolag.

Nas iongantaiche ge-tà, tha Faclair Dualchainnt Shasainn (EDD) a’ clàradh shinham ann an Ceann a Tuath Shasainn, shinnins agus shinnop ann an Siorrachd York, shinny agus shinty air feadh a’ chinn a tuath ann an Sasainn gu cunbhalach, agus cho fada deas ri Siorrachdan Lincoln, Nottingham agus Gloucester. Tha EDD ag innse gu robhas ri camanachd (shinty) ann an Cumberland cho anmoch ri 1888, nuair a chaidh càin a chur air dithis ghillean a bha ris a’ ghèaim air an t-sràid agus chaidh an treas fear ‘a shaoradh, an dèidh a chuipeadh le phàrant.’

Camanachd am measg a’ mhòr-shluaigh

Bha camanachd nas bitheanta na bhith dìreach mar dhòigh aig uachdaran air a bhith a’ dìoladh an cuid. Anns an iris The Penny Magazine, a chaidh fhoillseachadh le Comunn Sgaoilidh an Eòlais a tha Feumail, air Faoilleach 31, 1835, tha dealbh a tha gu math feumail agus fiosrachail airson suidheachadh na camanachd aig an àm a thuigsinn.

Camanachd thar Crìochan na h-Alba

Cha b’ ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd, no fiù taobh a-staigh na h-Alba a bhathas ri camanachd. Chaidh a’ chiad bhuidheann a stèidheachadh ann an Sasainn, leis an ainm Cottonopolis, ann am Manchester, agus bha iadsan a’ cluich ron Dùbhlachd, 1875.

Tha duilleagan a’ phàipeir-naidheachd An Gàidheal - The Highlander - gu h-àraidh anns na 1870an agus tràth anns na 1880an nas coltaiche ri cunntas air saoghal Prìomh Lìog bhall-coise Shasainn an latha an-diugh le aithrisean a’ nochdadh air geamaichean anns a bheil leithid Birmingham, Manchester Camanachd, Old Trafford, Comunn Camanachd Gàidhealach Lunnainn, Cottonopolis, Bolton, Nottingham Forest agus Stamford Bridge (an raon aig Chelsea) a’ cluich.

Bha daoine nam boil ri camanachd air dà thaobh nan Crìochan agus air feadh an t-saoghail bho Afraga a Deas gu Astràilia agus Sealan Nuadh; bho Thoronto ann an Canada gu New York anns na Stàitean Aonaichte far an deach buidheann a stèidheachadh ann an 1903.

Agus ann an Astràilia, ’s e an dearbhadh as fheàrr a th’againn gu robh an gèam an sin, dealbh a chaidh a tharraing le Albannach, Iain Rae, ann an 1842.

Figear 52 Iomain ann a Sydney1840 le Iain Rae

Tha a h-uile coltas ann gu bheil camanachd ga chluich anns an dealbh seo. Ràinig Rae Astràilia bho Alba anns an Dùbhlachd 1839, dìreach bliadhna an dèidh dhan bhàta St George, an t-Òban fhàgail, luma-làn le eilthirich à Bàideaneach agus sgìrean eile dhen Ghàidhealtachd. Seo an turas mun deach an t-òran ainmeil Guma slàn do na fearaibh a sgrìobhadh. Seo mar a tha na facail anns an leabhar aig Tòmas Sinton, The Poetry of Badenoch, Inbhirnis 1906:

Gu 'm a slàn do na fearaibh

Thèid thairis a' chuan

Gu talamh a' gheallaidh,

Far nach fairich iad fuachd.

Gu 'm a slàn etc.

Gu 'm a slàn do na mnàthan

Nach cluinnear an gearan,

'S ann thèid iad gu smearail,

'G ar leantuinn thar 'chuan;

Gu 'm a slàn etc.

'Us na nìghneagan bòidheach,

A dh'fhalbhas leinn còmhladh,

Gheibh daoine ri'm pòsadh,

A chuireas òr 'nan dà chluais.

Gu 'm a slàn etc.

A health to the fellows,

Who’ll cross o’er the sea!

To the country of promise,

Where no cold they will feel.-

A health to the fellows,

Who’ll cross o’er the sea!

A health to the goodwives!

We’ll hear no complaining;

They’ll follow us heartily

Over the sea.

And the beautiful maidens

Going with us together,-

They’ll get husbands to marry,

Who’ll give ear-rings of gold.

Camanachd ann an Astràilia

Chan eil e na iongnadh sam bith le sin gu bheil sinn a’ lorg na camanachd ann an Geelong, Bhictoria, far an deach ‘Comunn na Fèinne’ a stèidheachadh le Gàidheil airson an cleachdaidhean a chumail suas. Mhair an Comunn seo bho na 1850an gu na 1940an agus bha camanachd Bliadhn’ Ùire an teis-meadhain nan co-chruinneachaidhean, gu h-àraidh aig toiseach gnothaich.

Crìonadh na Camanachd

Thathas a’ dèanamh dheth gu robh camanachd air crìonadh agus air tarraing air ais gu Gàidhealtachd na h-Alba ron 19mh linn. An uairsin chaidh a thilleadh gu meadhan na dùthcha leis a’ mhòr-shluagh a bha air imrich aig àm nam Fuadaichean.

Bha clann aig Lannraig Ùr ris a’ ghèam agus bha buidheann èasgaidh ann an Gleann Mòr Lìobhainn anns na 1870an.

Chan eil teagamh nach iad na Gàidheil bho dheas (taobh thall nan Crìochan) a bha a’ cluich ann an tòrr de na geamaichean a bh’ ann an Glaschu agus Dùn Èideann (agus nas fhaide air falbh) bho na 1870an air adhart.

Chì sinn cuideachd cho tràth ri 1816 gu robh buill Comunn Goilf aig Raon Bhruntsfield ann an Dùn Èideann a’ gearain cho cunnartach ’s a bha cùisean an sin le cluich na camanachd.

Tha gu leòr fianais againn ann an dealbhan gu robh camanachd am measg an t-sluaigh an Dùn Èideann aig an àm. Tha dealbh mòr le peanta-uisgeach a rinn Teàrlach Altamont Doyle (1832-93), agus a th’ air a chumail anns an Taigh-Tasgaidh Rìoghail ann an Dùn Èideann, a’ sealltainn Loch Duddingston anns a’ phrìomh bhaile. Am measg na th’ anns an dealbh tha seallaidhean air trì spòrsan – camanachd, curladh agus bròg-spèilidh. A rèir aithrisean phàipear-naidheachd aig an àm, ’s dòcha gu robh suas gu 6,000 an làthair.

Figear 53 Iomain air Loch Duddingston le Teàrlach Altamont Doyle (1832-93)

Camanachd anns na h-Oilthighean

Chan eil mìneachadh eile cho eireachdail air eachdraidh na camanachd agus a’ chuid briathrachais na cunntas a chaidh a sgrìobhadh leis an sgoileir ainmeil Gàidhlig, Alasdair MacBheathain à Inbhir Nis, airson Leabhar Mòr sònraichte do dh’Alasdair Littlejohn agus Oilthigh Obair Dheathain. Bhuineadh Littlejohn do Lunnainn ged a bha ceangal aige ri Alba agus ’s e a chuir air adhart Cupa Littlejohn agus an Leabhar Mòr a tha na thaic dha, a tha fhathast nan duaisean aig farpais camanachd oilthighean na h-Alba.

Figear 54 Leabhar Mòr Littlejohn

Camanachd anns an 21mh linn

Nuair a chluichear sreath de gheamaichean camanachd àraid còrr is 100 bliadhna air ais, stèidhichear Comunn na Camanachd, buidheann-riaghlaidh a’ ghèam. Tha sin air tighinn gu ìre a-nis agus air na diofar bhuidhnean a bha sgaoilte a tharraing ri chèile le timcheall air 50 buidheann gu h-iomlan a’ cluich gu cunbhalach, cuid dhiubh nas treasa na feadhainn eile. A bharrachd air sin tha aire nam meadhanan air a tharraing chun ghèam agus na h-uimhir de ghoistidheachd ga thairgse le companaidhean is buidhnean taobh a-muigh a’ ghèam.

Figear 55 Tha làmh an uachdair air a’ ghèam air a bhith tric aig sgioba Cheann a’ Ghiùthsaich bho chionn deagh ghreis a-nis. Chanadh mòran gur e Raghnall Ros (an t-sreath aghaidh, air an oir chlì) cluicheadair cho math ’s a bha ann a-riamh. Fhuair e an MBE airson na rinn e don ghèam ann an 2011.Choisinn an sgioba prìomh fharpais na h-Alba ann an Dùn Omhain ann an 2006.

Àireamhan

Tha timcheall air 2,000 cluicheadair (fir, mnathan agus clann) ri camanachd agus eadar 2,500 agus 3,000 ball aig Comunn na Camanachd, le sgiobaidhean a’ cluich aig gach ìre bhon bhun-sgoil gu inbheach.

Ann an Èirinn, tha Cumann Lùth-Chleas Gael os cionn malairt luach nam milleanan mòra, le còrr is 200,000 cluicheadair - sin 100 camanaiche an Èirinn airson gach Albannach. Ach a dh’aindeoin sin tha Alba air a bhith a’ cumail ceann a’ mhaide ri sgioba na h-Èireann nuair a thathas a’ coinneachadh anns na geamaichean iomain eadar-nàiseanta.

Camanachd mar stòras nàiseanta

Bhon chaidh rian a chur air saoghal na camanachd mar spòrs, tha adhartas mòr air tighinn. Fhathast ged-tà tha ioma-cheist ann am bu chòir a bhith a’ foillseachadh a’ ghèam mar spòrs ùr nodha an latha an-diugh, no a bhith ga ghleidheil mar phàirt àraid de chultar na Gàidhealtachd.

Ge boil air a h-uile càil, thàinig camanachd tron dà Chogadh Mhòr agus sheas an spòrs ri iomadach dùbhlan eaconamach a th’ air a’ Ghàidhealtachd a sgrios, biodh sin fo bhuaidh co-dhùnaidhean àrd-urrachan saoghal malairt na h-ola anns na Stàitean, no ceannbhairean an Nèibhidh a’ tarraing an luchd cabhlaich. Tha fiù ’s lughdachadh ann an àireamh chloinn-sgoile agus dùnadh sgoiltean air an gèam a bhuaireadh.

Figear 56 Tha sgiobair Sgioba Camanachd na h-Alba, Gary Innes, na shàr fhear-ciùil cuideachd agus tha e air cluich air CDan còmhla ris a’ chòmhlan ainmeil Runrig

Tha luchd-cluiche agus rianachd shaoghal na camanachd a’ meas a’ ghèam am measg gach spòrs as fheàrr air an t-saoghal. Chan eil teagamh nach eil camanachd prìseil agus mar phàirt de stòras nàiseanta – agus gu dearbh eadar-nàiseanta - na h-Alba, le àite agus inbhe air leth nach deach aithneachadh gu cothromach ruige seo. Bu chòir gu robh luchd-eachdraidh, agus gu sònraichte luchd-eachdraidh spòrs air feadh an t-saoghail air seo a chomharrachadh bho chionn fhada agus luach a chur air camanachd, le àite agus inbhe dha rèir am measg spòrsan eile an t-saoghail mhòir.

7 Ceistean Cumanta

1 Cò às a thàinig Gàidhlig?

Answer

’S e Gàidhlig tè de chànain na h-Alba agus tha buaidh a’ chànain ri fhaicinn air feadh na dùthcha, tro na linntean agus gu h-àraidh ann an ainmean-àite.

Buinidh Gàidhlig dhan teaghlach Ceilteach, le dlùth-chàirdeas do Chuimris, cànan a’ Chòrn agus cànan na Breatainne Bige.

Tha i nas dlùithe buileach do Ghaeilge na h-Èireann agus cànan Eilean Mhanainn. Tha na trì seòrsaichean Gàidhlig sin, no cànain Goidelic, uile a’ tighinn bho aon chànan a bha ga bruidhinn ann an Èireann anmoch anns a’ chiad mìle bliadhna BC agus a’ chiad mile bliadhna AD.

Tha sgrìobhaichean ann an Laideann a’ toirt iomradh air daoine a bha a’ fuireach ann an Èireann, agus a bhiodh a’ còmhradh anns a’ chànan seo, mar Scotti, agus a’ gabhail Scotia air Èireann.

Anns na Meadhan Aoisean, gabh iad thuca fhèin ainm nam Breatannach, Goídil, na Gàidheil. Bha Gàidhlig air tighinn gu iar-thuath na dùthcha, gu Earra-Ghàidheal ron 6mh linn AD aig a’ char as fhaide.

Tha deasbad ann fhathast mu dìreach ciamar a thàinig Gàidhlig gu Alba, ach tha gu leòr dhen bheachd gur e gluasad sluaigh as bh’ ann eadar Èireann agus Alba. Tha e cinnteach gu leòr ged-tà gu robh luchd-riaghlaidh agus pearsachan-eaglais Earra-Ghàidheil agus Dàl Riata (a bha fhathast a’ gabhail a-staigh ceàrnaidhean de cheann-a-tuath Èirinn) a’ cleachdadh na Gàidhlig ron 6mh linn.

2 Cia mheud neach a bhruidhneas Gàidhlig?

Answer

Anns a’ Chunntas Sluaigh ann an 2001 chaidh tomhas gu robh comasan labhairt agus/no sgrìobhaidh/tuigse ann an Gàidhlig aig 92,400 neach (1.9% de mhòr-shluagh na h-Alba).

Bha an àireamh sin a’ gabhail a-staigh 58,652 (1.2% de mhòr-shluagh na h-Alba) a bhruidhneadh Gàidhlig.

Cunntas-sluaigh 2001
Sluagh iomlan aig aois 3+ (=100%)Comasach air Gàidhlig a bhruidhinnComas labhairt, sgrìobhaidh, leughaidhComas labhairt, leughaidh, sgrìobhaidh, no tuigse
Alba4,900,49258,652 (1.2%)65,674 (1.3%)92,386 (1.9%)

Ged a bha lughdachadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-iomlan anns a’ Chunntas mu dheireadh, eadar 1991 agus 2001 bha àrdachadh anns an àireamh far am b’ urrainn do dhaoine bruidhinn anns a’ chànan agus aig an robh sgilean leughaidh agus sgrìobhaidh a bharrachd air sin. Tha seo a’ dearbhadh àrdachadh ann an comasan litearrachd ann an Gàidhlig agus cuideachd anns an luchd-ionnsachaidh. Bha fàs cuideachd anns an àireamh chloinne eadar aois 5-15 aig an robh Gàidhlig eadar 1991 agus 2001.

3 Càite an cluinnear Gàidhlig an-diugh?

Answer

Cluinnear a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba. Tha beagan a bharrachd is leth dhen àireamh ann an Cunntas-sluaigh 2001 a’ fuireach ann an sgìrean na Gàidhealtachd (roinn Chomhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid agus sgìre Chomhairle nan Eilean Siar) agus beagan nas lugha na leth dhen àireamh (45%) deas air an sin.

Tha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar agus ann am paraiste Chille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach, ann an Roinn na Gàidhealtachd. Chan eil ach beagan dhen cheathramh cuid de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ còmhnaidh ann an sgìrean far a bheil iad anns a’ mhòr-chuid.

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig air an tarraing chun bhaile-mhòir, le mòran a’ fuireach an Glaschu no mun cuairt air, an Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Obair Dheathain. Mar eisimpleir tha 11,211 le Gàidhlig, sin 19% dhen àireamh gu h-iomlan, a’ fuireach mu Mòr-bhaile Ghlaschu a-rèir Cunntas-sluaigh 2001.

Lorgar cuideachd luchd-labhairt na Gàidhlig an dùthchannan cèin feadh an t-saoghail, a’ mhòr-chuid dhiùbh le ceangal eilthireach agus eachdraidheil ri Alba bho àm nam Fuadaichean.

Tha a’ Ghàidhlig fhathast beò ann an Ceap Breatainn ann an Canada le mòran a’ tachairt ann an saoghal foghlaim agus ealain na dùthcha sin. Tha àireamh cudromach dhaoine air ùidh a thogail ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an dùthchannan leithid na Gearmailt, An Spàinn, dùthchannan taobh an Ear na Roinn Eòrpa agus Ceann a Tuath Ameireaga. Tha sgoilearan an Iapan cuideachd air ùidh a nochdadh anns a’ chànan.

4 Càite an lorg mi fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig?

Answer

Tha grunn bhuidhnean cudromach ann an saoghal na Gàidhlig. Tha an Riaghaltas a’ foillseachadh fiosrachadh mun obair aca fhèin agus ceangail ri buidhnean eile. Tha leithid eile ga dhèanamh le ùghdarrasan ionadail.

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann poblach le dleastanas airson leasachadh na Gàidhlig agus tha uallach air a’ Bhòrd gu sònraichte airson foghlam Gàidhlig a chur air adhart. Tha làrach-lìn a’ Bhùird a’ ceangal ri buidhnean eile.

’S e BBC ALBA an sianal ùr telebhisein agus còmhla ri BBC Radio nan Gàidheal tha iad a’ cumail fiosrachadh ris an t-sluagh mu phrògraman.

Tha Roinnean Gàidhlig no Ceiltis aig na h-Oilthighean ann an Glaschu, Obair Dheathain, agus Dùn Èideann agus ’s e Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, a tha na pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI), a’ phrìomh ionad Gàidhlig a tha a’ tairgse raon farsaing de chùrsaichean agus goireasan rannsachaidh.

5 Càite am faighear fiosrachadh mu ainmean-àite?

Answer

’S e Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) a’ cho-bhanntachd comhairleachaidh nàiseanta airson Ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba. Tha a’ bhuidheann seo ag aontachadh riochd ainmean-àite airson leithid soidhnichean rathaid, mapaichean agus fiosrachadh coitcheann. Tha an obair aca air a bhonntachadh air eòlas agus taic ghrunn bhuidhnean, fiosrachadh ionadail agus stòras eachdraidheil ach an tèid ainmean-àite aontachadh ann an dòigh cinnteach is rianail.

Tha AÀA a’ cleachdadh siostam litreachaidh agus stiùireadh Gnàthas Litreachaidh na Gàidhlig 2009 (GOC) airson cunbhalachd.

Tha AÀA cuideachd air a bhith ag obair an co-bhuinn ris an t-Suirbhidh Òrdanais (OS), ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile bho 2000, a’ frithealadh am feumalachdan airson mapaichean agus soidhnichean. Tha AÀA a’ stèidheachadh faclair ainmean-àiteachan nàiseanta mar a chaidh moladh anns a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta.

6 Bheil e doirbh Gàidhlig ionnsachadh?

Answer

Chan eil a’ cheist sin cho sìmplidh sin. Chan urrainnear aon chànan a chomharrachadh an coimeas ri cànan eile mar nas fhasa no nas duilghe, nas fheumaile no le nas lugha luach. Cha mhò a tha crìochan ann air an ùine a bu chòir a chomharrachadh airson cànan ionnsachadh no thoirt gu tomhas mhath fileantachd.

’S e an rud as cudromaiche ann a bhith ag ionnsachadh cànan sam bith a bhith dealasach, a’ cumail ri gach dùbhlan a nochdas agus foighidneach, reusanta ann a bhith ag amas air ceann-uidhe a ghabhas coileanadh.

Tha cothroman cleachdaidh air leth cudromach agus ma thèid aig neach a tha ag ionnsachadh a dhol am bogadh sa chànan no a dh’fhuireach ann an coimhearsnachd far a bheil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu làitheil, thig adhartas.

Tha e na chuideachadh a bhith ag èisteachd ri Gàidhlig air rèidio agus air telebhisean cho math ri bhith leughadh, gu h-àraidh ma tha e na amas a bhith a’ dol an sàs ann an litreachas.

Tha fiosrachadh a dh’fhaodadh a bhith feumail do luchd-ionnsachaidh cànain, air Omniglot.

Gheibhear sealladh air Gàidhlig ionnsachadh air Bilingualism Matters.

Tha a’ bhuidheann-taic do luchd-ionnsachaidh Clì Gàidhlig a’ frithealadh feumalachdan aig http://www.cli.org.uk.

Tha tuilleadh fiosrachaidh agus comhairle ri fhaotainn air mygaelic.com far a bheil ceangail ri lìonraidh sòisealta eile.

Tha làraich-lìn eile a tha feumail aig buidhnean leithid Bòrd na Gàidhlig agus seirbhisean Gàidhlig a’ BhBC.

Gheibhear fiosrachadh is taic air-loidhne no tro chùrsaichean bho ghrunn ionadan foghlaim.

A-thaobh stuthan taic, tha fiosrachadh aig Comhairle nan Leabhraichean, mu leabhraichean agus goireasan a tha feumail do luchd-ionnsachaidh.

7 Bheil Sgoiltean Gàidhlig air leth ann?

Answer

Tha dà bhun-sgoil Ghàidhlig ann a tha a’ biathadh àrd-sgoiltean - ann an Inbhir Nis agus Glaschu, far an deach a’ chiad sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Tha iarrtas son àiteachan anns na Sgoiltean Gàidhlig a’ sìor fhàs. Bha 311 ann an sgoil Ghlaschu ann an 2007 agus anns a’ bhliadhna 2010-11 bha an àireamh sin air tighinn gu 580.

Tha timcheall air 2,500 duine cloinne ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean gan teagasg tron Ghàidhlig (ris an canar Gaelic Medium Education, GME, no Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, FTG) agus tha 700 eile ann an cròileagain Gàidhlig.

Thòisich GME/FTG le 24 duine cloinne ann an 1985 agus còig bliadhna an dèidh sin, bha an àireamh aig 2,256. Bha 390 gam foghlam tron Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoile ann an 2009-2010. Anns na 58 cròileagan a tha air am frithealadh le ùghdarrasan ionadail chaidh 856 duine cloinne a chlàradh anns a’ bhliadhna sgoile 2009-2010.

Anns an t-siostam foghlaim àbhaisteach tha eadar 2,500 agus 3,000 ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chuspair anns an àrd-sgoil gach bliadhna. Tha mòran chloinne ann am bun-sgoiltean àbhaisteach ag ionnsachadh fo Sgeama na Gàidhlig anns a’ Bhun-sgoil.

Tha fàs ri fhaicinn cuideachd anns an àireamh de dh’oileanaich a tha leantainn na Gàidhlig gu Àrd-Ìre foghlaim no tha a’ togail air cùrsaichean Gàidhlig aig gach ìre a tha sin.

Bu chòir do phàrantan fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig iarraidh air ùghdarrasan ionadail no air Bòrd na Gàidhlig ma tha ceistean aca.

8 Bheil Gàidhlig na h-Èireann co-ionann ri Gàidhlig na h-Alba?

Answer

Tha Gàidhlig na h-Alba mar phàirt dhen teaghlach Ceilteach agus an dlùth-chàirdeas ri Cuimris, cànan na Còrn agus cànan na Breatainne Bige. Tha Gàidhlig nas dlùithe buileach ri Gaelige na h-Èirinn agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha na trì cànain Gàidhlig no Goidelic sin a’ tighinn bhon aon fhreumh agus an aon chànan.

Tha e furasta gu leòr do Ghàidheil an Alba agus an Èireann a bhith a’ còmhradh nan cànain fhèin anns an latha th’ ann. Tha co-ionannachd anns a’ bhriathrachas agus tha an dà chànan a’ dèiligeadh ri dùbhlain leasachadh cànain an ìre mhath anns an aon dòigh.

Tha buidhnean craolaidh mar eisimpleir air tighinn còmhla a lìbhrigeadh prògraman far a bheileas a’ cleachdadh luchd-lìbhrigidh bhon dà thaobh de Shruth na Maoile.

Air adhbharan eachdraidheil agus cho faisg agus a tha Eilean Ìle air Èirinn, ’s ann an sin a lorgar a’ Ghàidhlig Albannach as coltaiche ri cànan na h-Èirinn.

9 Dè an inbhe laghail a tha aig Gàidhlig?

Answer

Ghabh Pàrlamaid na h-Alba ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 mar dhòigh air inbhe agus tèarainteachd fhaighinn dhan chànan mar chainnt oifigeil ann an Alba leis an aon ìre spèis agus a th’ aig Beurla.

Stèidhich Achd 2005 Bòrd na Gàidhlig (a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig an Riaghaltas) mar mheadhan air leasachadh a chur air adhart.

Na phàirt dhen sin bha uallach ri chur air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig a dheisealachadh.

Chaidh seo a chur air adhart mar dhòigh air dèanamh cinnteach gu bheil an roinn phoblach ann an Alba a’ cur ri suidheachadh seasmhach a chruthachadh dhan Ghàidhlig le bhith ag àrdachadh inbhe a’ chànain agus a’ cruthachadh cothroman cleachdaidh practaigeach.

Chaidh am prionnsabal airson co-ionannachd spèis fhighe dhan Achd ann an 2005 le Pàrlamaid na h-Alba mar theachdaireachd làidir mu luach a’ chànain. Bha seo ag aithneachadh gu bheil luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ag iarraidh Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh cho àbhaisteach ’s a ghabhas agus gum bu chòir deagh rùn a nochdadh dhan Ghàidhlig air feadh na dùthcha. Bha beachd làidir ann nach bu chòir dhan chànan a bhith a’ fulang bho chion-spèis no di-meas aig ìre chorporra no le daoine fa-leth.

10 Dè th’ anns a’ Mhòd?

Answer

’S e am Mòd Rìoghail Nàiseanta a’ phrìomh fhèis Ghàidhlig ann an Alba agus tha e co-ionann ris an Eisteddfod anns a’ Chuimrigh. Tha am facal ‘mòd’ a’ ciallachadh ‘co-chruinneachadh’ no ‘tachartas’.

Tha am Mòd ga stiùireadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, tè de na buidhnean Gàidhlig as sine a tha stèidhichte air ballrachd. Stèidhichte anns an Òban ann an 1891, tha an Comunn air a bhith a’ seasamh còirichean na Gàidhlig bhon uairsin tro theagasg, ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a bharrachd air a bhith a’ brosnachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain ann an Gàidhlig.

Tro bhith a’ cumail a’ Mhòid a’ dol agus tro obair leasachaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, tha An Comunn Gàidhealach a’ sìor chumail taic ris a’ Ghàidhlig agus a’ leasachadh a’ chànain tro ghnothaichean cultarail, eachdraidh agus dualchas aig gach ìre, ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha am Mòd ann gach bliadhna (anns an Dàmhair) ann an diofar àiteachan air feadh Alba.

11 Càite am faigh mi fiosrachadh mu leabhraichean Gàidhlig?

Answer

Chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh ann an Glaschu airson daoine a mhisneachadh gu sgrùdadh, teagasg, eòlas agus luach a chur air sgrìobhadh Gàidhlig. Tha a’ Chomhairle cuideachd a’ toirt taic do thachartasan a dh’fhoillsicheas obair chruthachail ann an Gàidhlig.

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cuideachadh agus a’ comhairleachadh dhaoine air gnothaich sam bith co-cheangailte ri leabhraichean, foillseachadh agus goireasan ionnsachaidh. Tha e na amas aig a’ Chomhairle foillseachadh Gàidhlig ann an Alba a chur air bonn-stèidh a tha seasmhach, a’ cur ris an àireamh de leabhraichean de dh’iomadh seòrsa agus a’ treòrachadh luchd-ionnsachaidh agus gan stiùireadh gu fileantachd.

12 Càite am faigh mi fiosrachadh mu leabhraichean sgoile?

Answer

Tha a’ bhuidheann Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ co-òrdanachadh agus a’ sgaoileadh goireasan taice curaicealaim do sgoiltean a tha a’ teagasg Gàidhlig.

Tha an Stòrlann a’ deisealachadh goireasan teagaisg do chròileagain, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus buidhnean foghlaim fad-beatha.

Tha an Stòrlann a’ reic cuid dhen stuth aca agus tha taghadh de ghoireasan eadar-ghnìomhach do phàrantan rim faotainn an seo.

Gheibh teaghlaichean taic an sin le obair-dachaigh sgoile agus gnothaichean eile an co-cheangal ri foghlam Gàidhlig.

13 Càite an lorg mi Gàidhlig air an rèidio agus air an telebhisean?

Answer

Chaidh BBC ALBA a chur air adhart ann an 2008 mar shianal telebhisean na Gàidhlig. ’S e co-bhanntachd a th’ ann eadar am BBC agus MG Alba.

Tha BBC ALBA ri lorg mar a leanas:

  • Freeview sianal 8
  • Cabal sianal 188
  • Sky sianal 168
  • Freesat sianal 110
  • Beò air BBC iPlayer
  • Gheibhear cuideachd 10 uairean a thìde taghte gach seachdain air BBC PC iPlayer agus BBC iPlayer tro Virgin Media

Tha BBC Radio nan Gàidheal, an t-seirbheis nàiseanta rèidio a th’ air grunn dhuaisean a bhuinig, a’ craoladh air FM. Tha naidheachdan, ceòl, còmhradh agus spòrs air Radio nan Gàidheal.

Gheibhear Radio nan Gàidheal tro chruinn FM air feadh Alba (ach a-mhàin na Crìochan, Dùn Fris agus Gall-Ghàidhealaibh, Siorrachd Àir, Arcaibh is Sealtainn).

Gheibhear cuideachd Radio nan Gàidheal tro mheadhanan didsiteach telebhisein, DAB Rèidio agus air-loidhne. Faodar na prògraman rèidio a thogail beò no airson seachd latha an dèidh làimhe air BBC iPlayer.

Tha BBC Radio nan Gàidheal cuideachd a’ craoladh tro BhBC ALBA air sianal didsiteach an telebhisein nuair nach eil prògraman telebhisein gan craoladh.

Tha BBC Radio na Gàidheal ri lorg air FM: 103.5-105 MHz, DAB, Freeview: 720 (ann an Alba a-mhàin), Freesat: 713 (110), Sky: 0139 (168, Virgin Media: 934; RDS: BBC GAEL)

Tha prògraman Gàidhlig gan craoladh air cuid de stèiseanan rèidio coimhearsnachd leithid Moray Firth Radio, stèidhichte ann an Inbhir Nis agus Isles FM anns na h-Eileanan Siar, Oban FM ann an Earra-Ghàidheal, Cuillin FM anns an Eilean Sgitheanach agus Nevis Radio ann an sgìre Loch Abair.

14 An urrainnear Gàidhlig a ghabhail aig ìre Oilthigh is Colaiste?

Answer

Tha grunn chùrsaichean Gàidhlig rim faotainn aig Colaistean agus Oilthighean ann an Alba, agus cuid eile thall thairis, mar eisimpleir ann an Canada. Tha cuid de na cùrsaichean gan teagaisg tron Ghàidhlig gu h-iomlan – leithid an fheadhainn ann an Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus Colaiste Caisteil Leòdhais, a tha le chèile nam pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI).

Tha ceumannan ann an Ceiltis agus Gàidhlig air an tairgsinn ann an Oilthighean Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Obair Dheathain agus tha Gàidhlig na pàirt cudromach anns an obair.

Tha cùrsaichean trèanaidh luchd-teagaisg rim faighinn ann an Oilthigh Srath Chluaidh agus anns a’ Cholaiste Tuath ann an Obar Dheathain.

15 Càite bheil Colaiste Nàiseanta na Gàidhlig?

Answer

Bho 1973, nuair a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach, tha a’ cholaiste air inbhe a thogail gu h-eadar-nàiseanta mar Ionad Nàiseanta airson cultar agus cànan na Gàidhlig. Tha a’ cholaiste na ball sgoilearach de UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, a’ tairgse àrd-ìrean teagaisg agus cothroman rannsachaidh tron Ghàidhlig.

Tha Sabhal Mòr Ostaig ùr agus adhartach le fìor ghoireasan ionnsachaidh leithid leabhar-lann air leth, goireasan craolaidh agus clàraidh, àiteachan-fuirich do dh’oileanaich agus goireasan cùram chloinne tron Ghàidhlig.

Tha timcheall air 90 oileanach làn-ùine anns a’ Cholaiste anns a’ bhliadhna 2011-12, le 260 a’ frithealadh cùrsaichean aig astar, agus 800 eile air cùrsaichean goirid gach bliadhna.

Ann a bhith a’ co-obrachadh le buidhnean eile ann an Coimhearsnachd na Gàidhlig tha a’ Cholaiste air a neartachadh gu mòr. Tha i cuideachd na dachaigh do ghrunn phròiseactan cruthachail agus cultarail leithid Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig, Soillse, an t-ionad rannsachaidh ùr agus Cànan, a’ chompanaidh dealbhachaidh agus iomadh-meadhanach.

Bidh a’ Cholaiste cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith a’ brosnachadh ealain agus cultar na Gàidhlig le prògram de luchd-ealain a’ tadhal agus a’ fuireach aig a’ Cholaiste, a’ gabhail a-steach ceòl, litreachas, dràma agus dealbhachd.

16 A bheil bathar bog Gàidhlig ri fhaotainn airson coimpiutaran?

Answer

Chaidh grunn phrògraman a dhealbh airson an cleachdadh tron Ghàidhlig air coimpiutairean.

Mar eisimpleir, chruthaich Opera Software, a tha stèidhichte ann an Oslo, a’ chiad bhrabhsair Gàidhlig airson an eadar-lìon. Tha e saor agus an asgaidh agus ri fhaotainn ann an Gàidhlig na h-Alba agus Èireann, ann an Cuimris agus ann an cànan na Breatainne Bige.

Tha innleachd eadar-theangachaidh ann air a bheil Microsoft Captions Language Interface Pack (CLIP). Faodar CLIP a chleachdadh mar thaic cànain no mar dhòigh air eadar-theangachadh agus diofar dual-chainnt a shoilleireachadh.

Tha grunn phìosan bathair bog rim faotainn a tha cuideachail ann a bhith a’ teagasg gràmar agus stòr fhaclan, an dà chuid airson DOS agus Macs.

Faodar cuideachd Gàidhlig a chleachdadh air Google.

Ma tha sibh ag iarraidh dearbhairean, mar eiseimpleir, chaidh An Dearbhair a leasachadh an toiseach airson Microsoft Word 2003 agus gheibhear e an seo.

Tha siostam Gàidhlig ann airson Firefox.

Tha cruinneachadh de chòrr is 500 facal a bhios feumail nuair a thathas a’ cleachdadh an eadar-lìn ri fhaotainn bho aig Seotal.

17 Dè na faclairean Gàidhlig as fheumaile?

Answer

Tha deagh fhaclair air leth cudromach do neach-ionnsachaidh sam bith airson an sgilean a thoirt air adhart (agus gu dearbh do dh’fhileantaich). Tha eadar-theangachadh air an dà shlighe eadar an dà chànan gu math cuideachail. Gheibhear cobhair eadar-theangachaidh an-asgaidh tro ghrunn làraich-lìn.

Chaidh am faclair The Teach Yourself Essential Gaelic Dictionary, fhoillseachadh le ùrachadh ann an 2010, agus ’s e seo am faclair as goireasaiche.

Tha grunn eile ann a tha feumail air an cruthachadh le leithid Angus Watson, Gordon MacIllInnein agus Colin Mark agus tha fiosrachadh mun deidhinn ri fhaotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Tha grunn fhaclairean air-loidhne ann a-nis leithid Dwelly air-loidhne far a bheil an t-seann fhaclair aig Dwelly, a bha an ìre mhath na shlat-tomhais fad iomadh bliadhna ri fhaotainn.

The mòran briathrachais ann an Stòr-data Briathrachais Gàidhlig a chaidh a chruthachadh le Sabhal Mòr Ostaig.

Dh’fhoillsich an Riaghaltas Faclair na Pàrlamaid ann an 2001, le stòr fhaclan a tha feumail a thaobh obair ùghdarrasan ionadail agus raointean obrach an Riaghaltais fhèin.

Tha Faclair airson Riaghaltas Ionadail ri lorg aig http://www.cne-siar.gov.uk/ gaelic/ dictionary.asp.

Tha pròiseact ùr Faclair na Gàidhlig a-nis stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, na cho-obrachadh eadar Oilthighean Obair Dheathain, Dùn Èideann, Srath Chluaidh agus UHI. ’S e faclair eachdraidheil a tha seo, coltach ri na faclairean mòra a chaidh a chruthachadh airson na cànain Albais agus Beurla, Dictionary of the Older Scottish Tongue, Faclair Nàiseanta na h-Alba, (Scottish National Dictionary) agus Faclair Beurla Oxford.

Thèid am faclair ùr Gàidhlig fhoillseachadh ann an riochd eileagtronaigeach an toiseach. Bidh am faclair a’ mìneachadh eachdraidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal bhon chiad fhianais ann an làmh-sgrìobhainn fìor-thràth, a’ cur Gàidhlig ann an co-theacs le Gàidhlig na h-Èireann. Agus a’ cheart cho cudromach sin, seallaidh e an ceangal eadar an dà sheòrsa Gàidhlig.

18 Càite am faigh mi a-mach mu ainmean pearsanta Gàidhlig?

Answer

Tha cuid de dh’ainmean a bhuineas dhan dualchas nach gabh eadar-theangachadh gu dìreach dhan Bheurla: Oighrig, air a bheil sinn eòlach gu leòr mar Euphemia (Effie) no Henrietta (Etta) (roimhe sin mar Henny no fiù Harriet), no, Diorbhal, a th’air a cheangal ri Dorothy, gun adhbhar ach gu bheil an litreachadh cha mhòr co-ionann; Gormul, far nach eil càil idir co-ionann ann am Beurla agus e ga thionndadh an uair sin gu 'Gormelia' ar neo 'Dorothy'; Beathag, a th’ air a cheangal ri Becky (> Rebecca) agus fiù Betsy, no Sophie.

Tha cuid de dh’ainmean a’ nochdadh an Gàidhlig an dèidh tighinn bhon t-seann chànan Lochlannach, leithid, mar eisimpleir Somhairle a tha mar as trice air a thionndadh am Beurla gu Sorley (no, gu h-eachdraidheil, Somerled).

Tha sinn cho eòlach air cuid de dh’ainmean Gàidhlig gu bheileas gan cleachdadh gu math tric taobh a-muigh saoghal na Gàidhlig ann an riochdan Beurla, leithid: Ailean, Aonghas, Dòmhnall, Donnchadh, Coinneach, Murchadh (Alan, Angus, Donald, Duncan, Kenneth, Murdo). Iain (John), Alasdair (Alexander), Uilleam (William), Catrìona (Catherine), Raibert (Robert), Cairistìona (Christina), Anna (Ann), Màiri (Mary), Seumas (James), Pàdraig (Patrick) agus Tòmas (Thomas). Tha Hamish gu math cumanta agus nas ùire na sin tha Mhairi (le fuaim [vaːri]) agus tha iad sin a’ tighinn dìreach bhon Ghàidhlig airson Seumas, James, agus Màiri, Mary.

Tha an leabhar ‘Gaelic Personal Names‘ le Donncha O'Corrain agus Fidelma Maguire, a chaidh fhoillseachadh ann an 1981 gu math feumail airson toiseach-tòiseachaidh.

19 A bheil pàipearan-naidheachd Gàidhlig ann?

Answer

Chan eil pàipearan-naidheachd fa leth ann an Gàidhlig ach tha colbhan, naidheachdan agus artaigilean ann an Gàidhlig an grunn dhiubh, mar eisimpleir Courier Inbhir Nis, am Press & Journal, Tìm an Òbain, Gazette Steòrnabhaigh agus Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, a West Highland Free Press.

’S e An t-Albannach (The Scotsman) an aon phàipear-naidheachd nàiseanta anns a bheil sgrìobhadh Gàidhlig gu cunbhalach.

Tha tomhais de sgrìobhadh Gàidhlig ri lorg ann am pàipearan-naidheachd coimhearsnachd air taobh siar na dùthcha agus tha tomhais dhen stuth sin a-nise a’ nochdadh air làraich-lìn.

20 A bheil aibidil eadar-dhealaichte aig Gàidhlig bho Bheurla?

Answer

Tha 18 litir anns an aibidil Ghàidhlig agus a rèir an dualchais bha ceangal aig gach litir ri ainm craoibhe no lus. Seo an fheadhainn nach eileas a’ cleachdadh ann an Gàidhlig: j, k, q, v, w, x, y, z.

Gheibhear comhairle bho stiùir Ùghdarras Theisteanas na h-Alba air mar is còir dèiligeadh ri faclan anns a bheil na litrichean sin a’ nochdadh.

21 A bheil Gàidhlig agus Albais coltach air dhòigh sam bith?

Answer

Cha bu chòir togail gu bheil Albais (Scots) co-ionnan ri Beurla Albannach no Gàidhlig an Alba. Tha Albais ri chluinntinn ann an Alba, Èireann a Tuath agus anns a’ Phoblachd. Nochd rannsachadh a rinneadh le Riaghaltas na h-Alba gu robh 85% de na fhreagair an ceisteachan (mar shàmhla de dh’inbhich na h-Alba) dhen bharail gu robh iad a’ bruidhinn Albais gu ìre air choireigin.

Tha Albais, a th’ air a mheas mar ‘chànan traidiseanta’ le Riaghaltas na h-Alba, air a chomharrachadh mar ‘chànan roinneil no mion-chànan’ fo Chairt Eòrpach nam Mion-chànan ris an do chuir Riaghaltas an RA làmh ann an 2001. Air uair, bidh daoine a’ gabhail ‘Albannais nan Crìochan’ (Lowland Scots) air a’ chànan airson a chumail air leth bho Ghàidhlig na h-Alba.

Seach nach eil fìor aonta ann air tomhaisean a tha a’ soilleireachadh an diofar eadar cànan agus dual-chainnt, bidh sgoilearan gu math tric a’ deasbad mun inbhe eachdraidheil, cànanach agus sòisealta aig Albais. Le sin, thathas gu math tric a’ dèanamh dheth gur e tè de na seann seòrsaichean Beurla a th’ ann le dual-chainnt àraid dhith fhèin.

Air uair eile, thèid a mheas gu bheil Albais na cànan Gearmailteach, anns an aon dòigh is a bheil a’ chànan Lochlannach faisg air, ach eadar-dhealaichte bhon chànan Danmhairgeach.

Chaidh ceist mu Albais a chur anns a’ Chunntas-sluaigh ann an Alba airson a’ chiad uair ann an 2011.

22 Bheil Gàidhlig ga bruidhinn an Alba a-mhàin?

Answer

Tha Gàidhlig air a bhith an Ceap Breatainn agus Alba Nuadh airson còrr is 200 bliadhna gun bhriseadh agus sin a-nis an ìre mhath na h-aon àiteachan far an cluinnear Gàidhlig gu h-àbhaisteach taobh a-muigh Alba.

Tha beagan Gàidhlig ri chluinntinn air Eilean a’ Phrionnsa (PEI), Bronsuig Nuadh, ann an Cunndaidh Ghlinn Garaidh ann an Ontario agus am measg eilthirich a tha a’ fuireach ann am prìomh-bhailtean Chanada leithid Toronto.

Rinneadh Rannsachadh Buaidh Eaconamach le Riaghaltas Alba Nuadh ann an 2002 a bha a’ tomhas gu robh Gàidhlig a’ toirt a-steach $23.5 millean gach bliadhna, le faisg air 380,000 neach a’ frithealadh mu 2,070 tachartas Gàidhlig gach bliadhna.

An dèidh an rannsachaidh seo thàinig aithisg agus ro-innleachd, The Gaelic Preservation Strategy, a ghabh eala ris a’ mhiann a bha anns a’ choimhearsnachd an cànan a ghleidheadh agus aonta a shireadh air dòighean leasachaidh iomchaidh.

Chaidh Oifis Iomairtean na Gàidhlig (Office of Gaelic Affairs), a stèidheachadh mar mheur dhen Riaghaltas roinneil anns an Dùbhlachd 2006, leis an uallach a bhith a’ misneachadh agus a’ co-obrachadh leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha cùrsaichean Gàidhlig rim faotainn ann an còrr is dusan ionad foghlaim (leithid cùrsa air eachdraidh Chanada aig Ionad Tuath Nova, Alba Nuadh) a bharrachd air prògraman adhartach aig Oilthighean Cheap Breatainn, Naomh Francis Xavier, agus Acadamaidh Gàidhlig an Atlantaig.

Tha a’ cholaiste Ghàidhlig airson Ealain agus Ciùird Ceilteach ann an St. Ann's a’ tairgse clasaichean samhraidh.

23 A bheil soidhnichean rathaid ann an Gàidhlig sàbhailte?

Answer

Ann an grunn dhùthchannan leithid na Beilge, Fionnlan, Èirinn agus an Eilbheis thathas a’ gabhail ri soidhnichean rathaid gu h-àbhaisteach agus chan eil ceist mhòr sam bith ga thogail mun dèidhinn.

Ann an dùthchannan eile far nach eil iomadh-chànan àbhaisteach, tha a’ cheist gu math connspaideach aig amannan. Tha an deasbad mar as trice co-cheangailte ri sàbhailteachd agus cosgais.

Chan eil dearbhadh sam bith ann a tha ag ràdh gu bheil soidhnichean le iomadh cànan cunnartach. Tha soidhnichean Gàidhlig gam meas gu math cudromach ann a bhith a’ togail aire gu inbhe na Gàidhlig agus ga h-àbhaisteachadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus coimeas eadar soidhnichean rathaid iomadh-chànanach agus cuid de na ceistean a tha gan deasbad ann an Nirribhidh, Alba agus an Eadailt, cliog an seo.

24 Bheil leithid de rud ann is Gàidhlig ‘choitcheann’?

Answer

Tha beairteas is modhan cainnt làidir is luachmhor anns a’ Ghàidhlig.

Cleas a h-uile cànan eile a tha beò agus ag atharrachadh (Beurla nam measg) tha Gàidhlig air raon farsaing de dh’fhaclan a ghabhail a-staigh thar nam bliadhnaichean. Tha iad air tighinn bho leithid Laideann, Greugais, Lochlannais, Beurla agus Fraingis mar a tha a’ chànan air a bhith ga h-ùrachadh.

Air an làimh eile, tha e cuideachd fìor gun deach tomhas mhath de dh’fhaclan Gàidhlig à Alba agus Èireann a thogail le cànain eile, leithid Beurla.

Mar eisimpleir: tha Gàidhlig galore, no gu leòr a’ nochdadh nar cainnt làitheil. ‘Do you twig’, no an tuig thu? ‘S dòcha gum bu mhiann leat uisge-beatha (ann an iomadh riochd)? Agus an dèidh drama no dhà a dhol gu cèilidh.

25 Bheil teisteanasan Gàidhlig ann a bhiodh feumail son cosnadh?

Answer

Tha barrachd is barrachd chompanaidhean a-nis a’ lorg dhaoine le Gàidhlig. Tha grunn raointean obrach ann far a bheil e feumail ma tha comas air choireigin aig tagraiche ann an Gàidhlig agus far a bheil sin buannachdail.

Tha Gàidhlig air a mheas gu math cudromach ann an raointean leithid turasachd, teagasg, craoladh agus obraichean eile co-cheangailte riutha sin. A bharrachd air a bhith na cànan inntinneach aig cridhe cultair agus dualchas na h-Alba, tha Gàidhlig fhathast na pàirt de bheatha dhaoine anns an latha an-diugh.

Tha an neach a dh’ionnsaicheas Gàidhlig a’ faighinn tuigse air eachdraidh, òrain agus litreachas na lùib, a bharrachd air buannachd cosnaidh. Tha ceudan chosnaidhean ann far a bheil Gàidhlig cudromach, agus mar a tha coimhearsnachd na Gàidhlig a’ fàs, thig cothroman eile an lùib na Gàidhlig a rèir sin.

Tha na h-oilthighean a-nis a’ tairgse raon de chùrsaichean aig ìre ceum le Gàidhlig agus/no Cànain Ceilteach, gu math tric le taghadh de chuspairean eile. ’S e cuid de na h-ionadan a tha a’ teagasg Gàidhlig Oilthighean Ghlaschu, Obar Dheathain, Dùn Èideann, Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh, Colaiste Telford ann an Dùn Èideann, agus Colaiste Stow ann an Glaschu.

Tha Ùghdarras Teisteanas na h-Alba (SQA) a’ cur air adhart cùrsaichean fa-leth do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh, agus ’s e ‘Gàidhlig’ a’ th’ air an fheadhainn do dh’fhileantaich. Tha na cùrsaichean airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Gàidhlig a’ toirt a chothrom do dhaoine sgilean litreachais agus cainnt a leasachadh. Tha na cùrsaichean sin cuideachd a’ toirt sealladh is eòlas air cultar, dòigh-smaoineachaidh agus àrainneachd coimhearsnachdan nan Gàidheal.

26 An e tè de chànain cànan nàiseanta na h-Alba a th’ anns a’ Ghàidhlig?

Answer

Tha làn chòir aig Gàidhlig air leithid de dh’inbhe anns an t-seadh gu robhas ga bruidhinn air feadh a’ mhòr-chuid dhen dùthaich rè ùine. Chan eil sin ag ràdh gur h-i Gàidhlig a-mhàin a’ chànan nàiseanta.

Tha Gàidhlig aig teis-mheadhan saoghal cultarail na h-Alba. ’S i Gàidhlig a bh’ aig seann rìghrean na h-Alba agus bha i aig MacBheatha agus Raibeart Brus; agus tha mòran ainmean-àite air feadh na dùthcha an-diugh nan dearbhadh air mar a sgap na Gàidheil tro Alba.

Tha glè bheag de dh’àiteachan far nach eil co-dhiù beagan de chomharradh gun deach an ainmeachadh le Gàidheil, bho Balerno (baile àirneach ‘hawthorn farm’) ann am Meadhan Lodainn gu Baile Mhàrtainn ann an Uibhist a Tuath, bho Craigentinny (creag an t-sionnaich ‘fox craig’) ann an Dùn Èideann gu Aultivullin (allt a’ mhuilinn ‘mill burn’) ann am fìor cheann a tuath Ghallaibh; bho Drummore (druim mòr ‘big ridge’) ann an Gall-Ghàidhealaibh gu Cairnbulg (càrn builg ‘gap cairn’) faisg air a’ Bhruaich.

Ann an tòrr àiteachan far nach eilear a’ cleachdadh na Gàidhlig gu h-àbhaisteach, leithid Gall-Ghàidhealaibh, Fìobha no Siorrachd Obar Dheathain, tha an àrainneachd air a chomharrachadh le ainmean Gàidhlig gu ìre mhòir.

Anns na 12mh agus 13mh linn, nuair a bha Gàidhlig aig a h-àirde air feadh Alba, bha luchd-labhairt na Gàidhlig rin lorg anns a h-uile àite. Tha rannsachadh a’ dearbhadh gur ann anns an 12mh linn a chaidh na h-ainmean àite as cumanta leithid baile ‘farm, settlement’, agus achadh ‘field’, a chleachdadh an toiseach.

27 Dè na tha Riaghaltas na h-Alba a’ cosg air Gàidhlig?

Answer

Ann an 2011-12, bidh an Riaghaltas an Alba a’ cosg mu £23 millean air Gàidhlig. Tha seo mar gum biodh mu 0.07% den £29 billean ionmhais a th’ aig Riaghaltas na h-Alba gu h-iomlan.

A-mach às an £23 millean, tha £5.1m mu choinneamh Bòrd na Gàidhlig; tha £4.6 millean air a chomharrachadh airson Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte a tha air a roinn am measg nan 21 Ùghdarras Ionadail feadh Alba; tha MG ALBA a’ faighinn taic de £11.8 millean airson an t-sianail telebhisein agus gnothaichean eile an-lùib sin. Tha £1.1 millean ann an Stòras Calpa nan Sgoiltean airson cuideachadh le obair leithid togalaichean a bhiodh ùghdarrasan ionadail airson a thogail no a leasachadh.

28 Nach bu chòir do chloinn a bhith ag ionnsachadh cànain eile leithid cànan Sìonach, no cànan ùr Eòrpach?

Answer

Tha iomadh cànan ri chluinntinn ann an Alba an-diugh, ’s dòcha suas gu 106 a-rèir aithris. Tha iomadh cothrom an lùib sin do shluagh dùthaich le timcheall air 5 millean duine a thaobh iomadachd cultair, cothroman eaconamach agus leasachaidhean foghlaim. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e maoin luachmhor a th’ anns a’ Ghàidhlig dhan dùthaich.

Tha e cumanta gu leòr air feadh an t-saoghail gum biodh barrachd air dà chànan aig clann bho àm breith, ach anns a’ mhòr-chuid dhen Roinn Eòrpa, ’s e gnothach caran ùr a tha seo.

Air sgàth sin, tha amharas ann gu bheil clann a tha a’ fàs suas le barrachd air aon chànan ann an suidheachadh ‘sònraichte’ no fiùs ‘cunnartach’ a-thaobh an leasachaidh agus tha dà-chànanas fhathast air a chuairteachadh le mì-thuigse agus beachdan àicheil. ’S e cion-fiosrachaidh a th’ air cùl mòran dhen seo.

’S e cnag na cùise nach eil mothachadh gu leòr aig daoine air na buannachdan a tha an lùib dà-chànanas agus ’s e fìrinn na cùise gu bheil a bhith ag ionnsachadh chànan, agus chan eil e gu diofar cia mheud, gu math feumail agus tha iomadh buannachd na lùib do luchd-ionnsachaidh.

29 Dè na buannachdan a tha an lùib dà-chànanas?

Answer

Tha rannsachadh air dearbhadh gu bheil dà-chànanas a’ cuideachadh chloinne gan leasachadh agus gan toirt air adhart. Tha clann a tha air a bhith le barrachd air aon chànan nas dualtaich a bhith mothachail air diofar chultaran, air daoine eile agus am beachdan fa-leth.

Tha iad cuideachd buailteach a bhith nas fheàrr air iomadh-gnìomh, agus a bhith a’ cumail aire air cùisean.

Gu math tric tha iad adhartach ann an sgilean leughaidh agus tha e gu math nas fhasa dhaibh cànain eile a thogail. Tha dà chànan a’ tairgse mòran a bharrachd air dà chànan do chloinn.

Ann an 2011 bha Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaighinn ann an 14 sgìre Ùghdarrais Ionadail an Alba agus tha e air a dhearbhadh mar aon de na dòighean as fheàrr air tighinn gu fileantachd. Tha air soirbheachadh le Foghlam tron Ghàidhlig ann a bhith a’ togail aire agus ùidh dhaoine.

Dhearbh rannsachadh ùr bho Oilthigh Dhùn Èideann gu bheil clann air an oideachadh tron Ghàidhlig cho math no nas fheàrr na clann le aon chànan ann an iomadach dòigh. Tha clann a tha dol tro fhoghlam Gàidhlig a’ buannachadh ann an dòighean ionnsachaidh.

Tha cothrom aca air litreachas eile agus dòighean eile air a bhith a’ smaoineachadh agus gan giùlain fhèin. Tha tuigse nas fheàrr aig clann le Gàidhlig air an àite ann am fèin-aithne chultair na h-Alba. Tha iomadh cothrom cosnaidh a bharrachd aig clann a tha dà-chànanach. Tha clann a fhuair barrachd air aon chànan nan òige nas buailtiche a bhith nas fheàrr air an aire a chumail air iomadh-gnìomhan. Tha iad nas fheàrr air leughadh agus tha e nas fhasa dhaibh cànain eile a thogail.

30 Càite am faigh mi fiosrachadh mu òrain Ghàidhlig?

Answer

Chaidh làrach-lìn Tobar an Dualchais (Kist o Riches) fhoillseachadh an toiseach ann an 2010. Tha na mìltean de dh’òrain clàraichte an seo bho ann an Gàidhlig, am Beurla agus ann an Albais. Tha sgeulachdan ann, òrain, beul-aithris, bàrdachd agus iomadh seòrsa fiosrachaidh eile. Chaidh an stuth a chruinneachadh air feadh Alba bho na 1930an.

Chaidh na th’ air a chlàradh a thional bho Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus Cruinneachadh a’ Chaimbeulaich a tha le Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Canaigh.

’S e 2010 Bliadhna nan Òran air BBC Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA agus tron bhliadhna chaidh sreath de phrògraman sònraichte a chraoladh, nam measg Òran an Là, far an deach aon òran a chomharrachadh mu choinneimh gach latha anns a’ bhliadhna le fiosrachadh mionaideach mun deidhinn.

Tha an làrach-lìn Bliadhna nan Oran again mar dhìleab bhon phròiseact sin agus tha cothrom an sin sùil a thoirt air an fhiosrachadh a tha an-lùib nan òran ann an dòigh sìmplidh agus furasta a làimhseachadh. Tha an làrach air a roinn ann an earannan leithid Òrain, Sgrìobhaichean, Cuspairean, A-Z agus Mòd.

Notaichean

  1. Na leabhar ainmeil, The History of the Celtic Place-Names of Scotland, sgrìobh am Proifeasair MacBhàtair: ‘Malcolm, son of Kenneth, routed the Northumbrians in the great and decisive battle of Carham in AD 1018, and fixed the boundary of Scotland practically as it stands now... It was during this period, probably from about AD 960 onwards, that Gaelic came to be current in Lothian; there is some evidence that it extended beyond the present boundary of Scotland.’
  2. Bidh sliochd nan Albannach air feadh an t-saoghail gu tric a’ fuaimneachadh a’ chinnidh Menzies mar ‘MEN-zeez’ agus tha iongnadh orra nuair a chluinneas iad am fuaimneachadh ann an Alba fhèin, ‘MING-iss’. Tha e coltach gun tàinig tùsairean a’ chinnidh à Mesnieres ann an Normandaidh. ’S e de Meyneris a bh’ orra ann am Beurla, a’ leantainn na dòigh Normanaich, agus Mèinnearach ann an Gàidhlig (mar an ceudna, ‘s de Brus a bh’ air Bruce ann am Beurla agus Brus ann an Gàidhlig). Cha robh an ‘z’ ann am Menzies na ‘z’ bho thùs idir, ach litir ris an canar ‘yogh’ a bh’ ann an seann aibidilean na h-Albais is na Beurla Mheadhanaich; bha i air a sgrìobhadh mar ‘ȝ’ ach air a fuaimneachadh mar ‘y’. Gu minic, cha robh yogh ri fhaighinn don fheadhainn a bha a’ cur sgrìobhadh ann an clò agus chuireadh iad ‘z’ na àite (an litir a b’ fhaisge ann an cumadh), a’ toirt atharrachadh air fuaimneachadh an ainm ann am Beurla. Ach cha deach atharrachadh a thoirt air a’ Ghàidhlig – ’s e Mèinnearach a chanar fhathast. Tha cur-a-steach an ‘z’ an àite yogh air fuaimneachaidhean eile de dh’fhaclan Albais stèidhichte air feadhainn Ghàidhlig atharrachadh a bharrachd, leithid capercailzie (capall coille), MacKenzie (MacCoinnich) agus Cockenzie (Cùil Choinnich).
  3. Bha Achd na Comhairle Dhìomhair anns an Dùbhlachd 1616 mar a leanas: Forsameikle as the Kingis Majestie having a speciall care and regaird that the trew religioun be advancit and establisheit in all the pairtis of this kingdome and that all his Majesties subjectis especiallie the youth, be exercised and trayned up in civilitie, godliness, knawledge, and learning, that the vulgar Inglishe toung be universallie plantit, and the Irische language, whilk is one of the cheif and principall causes of the continewance of barbarite and incivilitie amongis the inhabitantis of the Ilis and Heylandis, may be abolishit and removeit; and quhair as thair is no measure more powerfull to further his Majesties princlie regaird and purpois that the establisheing of Scooles in the particular parroches of this Kingdom whair the youthe may be taught at least to write and reid, and be catechised and instructed in the groundis of religioun.
  4. Sgrìobh a’ bhuidheann: ‘Nothing can be more effectual for reducing these Countries to order and making them usefull to the Commonwealth, than teaching them their duty to God, their King and Countrey, and rooting out their Irish language, and this has been the care of the Society so far as it could, for all the Schollars are taught in English.’
  5. ’S e amas Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 inbhe is follaiseachd na Gàidhlig a thoirt am feabhas ann am buidhnean a thig fo ùghdarras Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh am Bile airson na h-Achd tron Phàrlamaid air 21 Giblean 2005 agus fhuair i Cead Rìoghail air 1 Ògmhios 2005. Seo mar a thòisicheas i: An Act of the Scottish Parliament to establish a body having functions exercisable with a view to securing the status of the Gaelic language as an official language of Scotland commanding equal respect to the English language, including the functions of preparing a national Gaelic language plan, of requiring certain public authorities to prepare and publish Gaelic language plans in connection with the exercise of their functions and to maintain and implement such plans, and of issuing guidance in relation to Gaelic education.
  6. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun tàinig an cànan tùsail P-Ceilteach gu bith (le p- a’ gabhail àite qu-) ann am meadhan na Roinn Eòrpa anns a’ chiad mhìle bliadhna RC ach nach do ràinig e Èirinn no na sgìrean Ceilteach anns an Rubha Ibìrianach a dh’fhuirich Q-Ceilteach. Mar sin, tha an sgaradh eadar an dà mheur de na cànanan Ceilteach air a bhith ann fad ùine mhòr.
  7. Gheibhear fiosrachadh inntinneach mun Chuimris ann an Argentina ann an Ó Néill, Diarmuid (deas.) Rebuilding the Celtic Languages: Reversing Language Shift in the Celtic Countries Y Lolfa 2005.
  8. ’S e a bhith sgaradh cultar o a dhualchas lèirsinneach dòigh a tha air a chleachdadh uaireannan gus dìmeas a dhèanamh air cultar. Mar eisimpleir, dh’fheuch luchd-riaghlaidh nan Innseachan san 19amh linn ri dhearbhadh nach robh ann an ealan nan Innseachan ach copaidh de ealan na Grèige agus mar sin nach robh e ro luachmhor, anns an dòigh seo a’ dèanamh tàire air a’ chultar.
  9. Mar eisimpleir, chlàr Gibb, ann an Leabhar a Dhà de Sculptured Stones of Scotland aig John Stuart 1867, obair mar an Kildalton Cross ann an Ìle agus Crois an Naoimh Màrtainn ann an Eilean Ì. Bha Sculptured Monuments of Iona and the West Highlands aig Drummond, a chaidh fhoillseachadh ann an 1881, cudromach leis gun do tharraing e aire chun na stoidhle snaidheadaireachd seo a bha an impis a dhol à cuimhne.
  10. Faic Macdonald, M., 2008, ‘The Visual Dimension of Carmina Gadelica’ ann an Stiubhart, D. U., deas., The Life and Legacy of Alexander Carmichael, Port of Ness: The Islands Book Trust.
  11. Dwelly, E., 1902-1911, Faclair Gàidhlig – air son nan sgoiltean. Le Dealbhan / A Gaelic Dictionary – specially designed for beginners and for use in schools. Profusely illustrated, Herne Bay: The Gaelic Press. Tha an ‘F’ aig ‘Faclair’ stèidhte air an ‘F’ aig ‘Failt’ air duilleag 108 den chiad leabhar de Carmina Gadelica.

Conclusion

This free course provided an introduction to studying Philosophy. It took you through a series of exercises designed to develop your approach to study and learning at a distance and helped to improve your confidence as an independent learner.

Further reading

An Lasair – cruinneachadh de bhàrdachd na 18mh linn, deas. Raghnall Mac Ille Dhuibh, Polygon 2001
An Tuil – cruinneachadh de bhàrdachd na 20mh linn, deas. Raghnall Mac Ille Dhuibh, Polygon 1999
An Oidhche mus do sheòl i, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Ùr-sgeul, 2003
Samhraidhean Dìomhair, Catriona Lexy Chaimbeul, Ùr-sgeul, 2009
Bùrn is Aran, Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn, Gairm, Glaschu, 1960
An Aghaidh Choimheach, Iain Moireach, Gairm, Glaschu, 1973
An Claigeann aig Damien Hirst – cruinneachadh de sgeulachdan goirid, Ùr-sgeul, 2008
Na Balaich air Rònaidh, Fionnlagh MacLeòid, Aberdeen University Press, 1972
Songs of Gaelic Scotland, deas. Anna L. Nic Gill Ìosa, Birlinn, 2010
Flower of the West, Aberdeen, 2000 (Eachdraidh Runrig)
The Companion to Gaelic Scotland, deas. Ruaraidh MacThòmais, Oxford, 1983
Scotland’s Music, John Purser, Mainstream Publishing Dùn Èideann, 1992
The Fiddle Music of Scotland, James Hunter, The Hardie Press, Dùn Èideann 1987
The Highland Bagpipe and its Music, Roderick Cannon, Birlinn, Dùn Èideann, 2008
A National Collection of the National Instrument (leabhar agus CD) Hugh Cheape, 2008
Psalms from the Hebrides of Scotland CD Vols 1-3. Ridge Records RR031
Scottish Tradition: Music from the Western Isles: Tangent Records Number 2. TNGM10

Acknowledgements

The unit was funded by generous donations from The Open University’s alumni. Thank you.

Section 1 Gaelic as a national language of Scotland was written by Roddy Maclean

Section 2 Celtic roots and international reach was written by Roddy Maclean

Section 3 Gaelic in the modern era was written by Dr Donald John MacLeod

Section 4 Gaelic – the rationale was written by Dr Donald John MacLeod

Section 5 How the Gaelic language works was written by Dr Donald John MacLeod

Section 6.1 The art of the Gàidhealtachd was written by Professor Murdo MacDonald

Section 6.2 Gaelic music and song was written by Dr Hugh Dan MacLennan

Section 6.3 Dance was written by Dr Hugh Dan MacLennan

Section 6.4 Gaelic literature was written by Dr Donald John MacLeod

Section 6.5 Sports and pastimes was written by Dr Hugh Dan MacLennan

Section 7 FAQs was written by Dr Hugh Dan MacLennan

This unit was edited in English by Jo MacDonald and Lucy MacLeod, and in Gaelic by Jo MacDonald.

Grateful acknowledgement is made to the following people for their support and permission to reproduce material in this unit:

BBC ALBA

Bòrd na Gàidhlig

National Galleries Scotland

Will Lamb

Alasdair MacCailum

Fiona Dunn

DW Stewart

Kathryn Farrell

Except for third party materials and otherwise stated (see terms and conditions), this content is made available under a Creative Commons Attribution-NonCommercial-ShareAlike 4.0 Licence

Course image: Andrea Nardi in Flickr made available under Creative Commons Attribution-ShareAlike 2.0 Licence.

Various audiovisual clips used courtesy of BBC ALBA.

Box 6: The act an overview http://www.gaidhlig.org.uk/

Unit image: iStock

Figure 1: Footprint of Dunadd: from Programme 1 Adhart by Ishbel MacLean Productions for BBC

Figure 4: Queen Margaret: This image is made available by Wikipedia on Creative Commons Attribution-Share Alike 3.0 Unported

Figure 6: James Stuart Memorial: courtesy of © Roddy Maclean

Figure 7: Language tree: courtesy of Jack Lynch

Figure 8: courtesy of Rosemania/Flickr

Figure 9: La Tene Art: http://autocww.colorado.edu

Figure 11: 2.2 Map: courtesy of Tormod Kinnes http://oaks/ nvg.org/ celin (c) 2000-2010

Figure 15: Flag: courtesy of Gaelic Affairs, a Division of the Department of Communities, Culture and Heritage, Province of Nova Scotia

Figure 16: Book covers from: Damien Hirst's Skull by Michael Klevenhaus available in German (Der Schadel von Damien Hirst) and Gaelic (An Claigeann aig Damien Hirst): Ur-sgeul http://www.ur-sgeul.com/

Collage courtesy of ©Dr Donald John Macleod,

Figure 19: Big Gaelic Day: courtesy The Highland Council www.highland.gov.uk

Figure 20: Gaelic Medium Primary School Education pupil numbers: http://www.cnag.org.uk

Figure 21: www.bsgi.highland.sch.uk

Figure 22: Wikimedia

Figure 24: GME residential learning event in Skye in 2006: www.cnag.org.uk

Figure 25: Ellen Bialystok: news.yorku.can

Figure 26: Dr Donald John Macleod

Figure 27: A map of An t-sròn, ‘the nose’: http://www.allferries.co.uk

Figures 28 and 29: Iain and Sine courtesy of Iain and Sine

Figure 30: Aonghas MacNeacail: http://www.aonghasmacneacail.co.uk, courtesy of Aonghas MacNeacail

Section 5 images: iStockphoto.com

Montage of children’s book covers adapted from: Mar a Chuala mise e, told by Mairi Kidd, illustrated by Nicola O' Byrne, Stòrlann, 2011; Aodach, by Catherine Anholt , Acair Ltd (2007); Bha cailleach ann turas a shluig cuileag mhòr ,by Pam Adams, Swindon, Child's Play (International), 1996; An Tractar agus an Liobht by Catriona Black, Acair Ltd ( 2010); An Gruffalo by Julia Donaldson , Acair Ltd ( 2007); Air do bhonnagan a ghaoil edited by Norman Campbell , Acair Ltd (2005); Am Prionnsa Beag by Antoine De Saint-Exupery , Nadine Sauer Edition Tintenfa (2008)

Figure 31: Scottish Parliament : © unknown

Figure 32: Illustrations: BBC ALBA

Figure 33: http://meetup.gaelicglasgow.org.uk/

Figure 33:www.glasgowgaelic.glasgow.sch.uk

Figure 34: Map iStockphoto.com, Old Deer image made available from Wikimedia

Figure 38: William McTaggart, The Sailing of the Emigrant Ship, National Gallery of Scotland

Figure 39: An example of Will Maclean’s Memorial Cairns (Aignis), courtesy of Murdo MacDonald

Figure 40: City Art Centre, Edinburgh: courtesy of Murdo MacDonald

Figure 41: Crannghal, courtesy of Murdo MacDonald

Figure 42: A waulking song group in South Uist. http://www.tobarandualchais.co.uk

Figure 43: A scene from the opera Hiort: St Kilda: Courtesy of Proisect nan Ealan, the Gaelic National Arts Agency

Figure 44: Cover from Aneka’s ‘Japanese Boy’ (1981) , Hansa International

Figure 47: Highland dancing made available on Wikipedia on a Creative Commons Attribution-Sharealike 3.0 Unported License (CC-BY-SA)

Figure 48: Sorley MacLean – courtesy of Dr Julian Toms

Figure 54: The Littlejohn album photo courtesy of Dr H D MacLennan

Figure 55: Shinty in 21st century photo Willie Thornton of Largs

Figure 56: Runrig ‘Everything You See’ (2007) album cover

Montage of adult books adapted from: Fo Sgail a Swastika: Under the Shadow of the Swastika by Donald J MacDonald , Acair Ltd ( 2000); Essential Gaelic Dictionary – by Boyd Robertsonhttp://www.amazon.co.uk/ Essential-Gaelic-Dictionary-Teach-Yourself/ dp/ 1444103997/ ref=sr_1_1?s=books&ie=UTF8&qid=1312368163&sr=1-1 and Ian MacDonald, Teach Yourself ( 2010); Suthainn Sior by Norma NicLeoid, Ùr-Sgeul 2011; Orain Lizzie a’Ghlinne by Ealasaid SHUTHARLAN, [Stornoway] Comhairle nan leabhraichean 2010; Sulaisgeir:

Authors: Catriona MacGeoch, John Love, Finlay Macleod, Acair Ltd ( 2010); Cleasan A' Bhaile Mhor by Catriona Lexy Campbell, Sandstone Press Ltd; SMP ed edition (2009); Impireachd by Iain F. MacLeoid, 2010, Ùr-Sgeul 2010; Cocoa and Crabs/Coco is Crubagan: A Hebridean Childhood by Flora MacDonald , The Islands Book Trust ( 2009); Verbots: Learn 101 Scottish Gaelic Verbs by Rory Ryder , Tsunami Systems (2009); An Cuilithionn 1939: The Cuillin 1939 and Unpublished Poems by Sorley Maclean, Christopher Whyte (Editor); Association for Scottish Literary Studies (2011); The Gaelic-English Dictionary: A Dictionary of Scottish Gaelic by Colin B.D. Mark , Routledge; 1 edition (2003); An Druim Bho Thuath by Tormod Caimbeul , Ùr-Sgeul 2011; Cleas Sgathain by Mairi Anna NicDhomhnaill,, Publisher: Ùr-Sgeul 2008; DUALCHAS AN AGHAIDH NAN CREAG (THE GAELIC REVIVAL 1890–2020) by Domhnall Iain MacLeoid, CLO BEAG; Orain nan Gaidheal: Gaelic Sea-Songs and Lullabies v. 3: Songs of the Gael edited by Bruce Campbell, Gairm Publications (1994); Meas Air Chrannaibh (Fruit on Branches) by Angus Peter Campbell, Acair Ltd (2007)

Graph: © K MacKinnon, Sgrùd, www.sgrud.org.uk

Graph: Compiled by the research agency Sgrùd www.sgrud.org.uk

Poem: Marilyn Monroe by Aonghas Macneacail http://www.aonghasmacneacail.co.uk/ ©aonghasmacneacail Courtesy of Aonghas MacNeacail

Poem: Scotland V Argentina © Derick Thomson

Don't miss out:

If reading this text has inspired you to learn more, you may be interested in joining the millions of people who discover our free learning resources and qualifications by visiting The Open University - www.open.edu/ openlearn/ free-courses