1.3 Ainmean-àite
Chithear sgaoileadh na Gàidhlig thairis air Alba anns na h-ainmean-àite a dh’fhàg na Gàidheil às an dèidh. Uaireannan, rinn na Gàidheil atharrachadh air ainmean a chaidh a chruthachadh na bu tràithe le luchd-labhairt na Cruithnis, Cuimris, Lochlannais no eadhon na Beurla, ach gu math tric chruthaich iad ainmean ùra (cuid dhiubh a chaidh a leasachadh a-rithist an ceann ùine le luchd-labhairt chànanan eile).
Tha an eileamaid Ghàidhlig baile – àite anns an robh daoine a’ fuireach fad na tìde a dh’fhaodadh a bhith cho beag ri baile-fearainn ach cho mòr ri cathair-bhaile – gu math pailt; nochdaidh e ann an dreach na Beurla mar bal-, balla- no uaireannan bella-. Tha sgaoileadh ainmean baile a’ sealltainn mar a sgaoil a’ Ghàidhlig fhèin thar Alba, le àireamh mhòr dhiubh ann an Siorrachd Obar Dheathain, Siorrachd Aonghais agus Fìobha, agus eisimpleirean rin lorg ann an àiteachan mar Siorrachd Chille Chuithbeirt (Balcary, Balmaclellan, Balmingan), Siorrachd Dhùn Phris (Ballaggan, Baltersan), Siorrachd Shalcraig (Balnakiel) agus Lodainn an Ear (Balgone, Ballencrieff).
’S e eileamaid eile achadh (gu tric air a ghiorrachadh gu acha- no ach-). ’S iad na h-aon phàirtean de dh’Alba far a bheil a leithid gann am fìor earra-dheas, ’s dòcha a chionn ’s nach robh na Gàidheil a rinn tuineachadh an sin ag obrachadh na talmhainn gu ìre mhòr, agus na h-Eileanan an Iar, air sàillibh buaidh nan ainmean Lochlannach an sin. Ann an ceann a deas is taobh an iar na dùthcha, tha an eileamaid air a glèidheadh ann an dreach na Beurla mar auch- mar as trice; ’s iad eisimpleirean dheth sin Auchinbo agus Auchintoul (Siorrachd Obar Dheathain), Auchendinny agus Auchendoon ann am Meadhan Lodainn, agus Auchabrick is Auchenree ann an Siorrachd na h-Ùige. Air a’ Ghàidhealtachd gheibhear eisimpleirean mar Achachork is Achnacloich (An t-Eilean Sgitheanach), Achanalt is Achnashellach (Siorrachd Rois) agus Achavanich (Gallaibh).
Ged a dh’fhaodas seann ainmean-àite a bhith doirbh a thuigsinn uaireannan, tha an fheadhainn a chaidh a chruthachadh no a chleachdadh anns a’ bheag-ùine a dh’fhalbh (a’ chuid as motha air a’ Ghàidhealtachd) an ìre mhath follaiseach. Mar eisimpleir, ’s e Achachork Achadh a’ Choirce, ’s e Achnacloich Achadh na Cloiche, ’s e Achanalt Achadh nan Allt agus tha Achnashellach a’ riochdachadh Achadh nan Seileach.
Am measg eileamaidean Gàidhlig eile a tha a’ nochdadh ann am farsaingeachd de sgìrean ann an Alba, tha kil- (cill), tully- no tilly- (tulach) agus knock- (cnoc).
’S iad eisimpleirean de dh’ainmean le cill annta – Kilmarnock, Kilbirnie agus Kilpatrick (Siorrachd Àir), Kilbride (grunnan dhiubh ann an Siorrachd Lannraig, Earra-Ghàidheal is eile), Kilallan (Siorrachd Rinn Friù), Kilfeddar (Siorrachd na h-Ùige), Kilbucho (Siorrachd nam Puballan), Kilconquhar (Fìobha) agus Kildrummy (Siorrachd Obar Dheathain).
Tha tulach a’ nochdadh ann an àiteachan mar Tillydrine, Tillyfourie agus Tillytarmont (Siorrachd Obar Dheathain) agus Tullybelton, Tullyfergus is Tullymurdoch (Siorrachd Pheairt).
Gheibhear cnoc ann am Big Knock (Siorrachd nam Puballan), East Knock is West Knock (Siorrachd Aonghais) agus mòran àiteachan air a bheil Knock no The Knock.
Air a’ Ghàidhealtachd, chruinnich an Suirbhidh Òrdanais ainmean slàna Gàidhlig, air nach deach atharrachadh sam bith a dhèanamh. Tha feadhainn dhiubh a’ dol air ais gu làithean Dhàil Riata ach tha mòran dhiubh nas ùire na sin. Tha cumadh fillte air gu leòr dhiubh agus tha iad dùbhlanach do mhòran Albannach an-diugh, ach tha iad cuideachd air leth beartach mar phàirt de dhualchas na h-Alba.
Smaoinich, mar eisimpleir, air na tha de dh’fhiosrachadh ann an ainmean leithid Meall a’ Choire Chreagaich, Cnoc Alltan Iain Duinn, Allt Cnoc Àirigh an t-Seilich Bhig agus Rubha Camas nam Meanbh-chuileag.
Cleachd na ceangalan gu h-ìosal airson èisteachd ri fuaimneachadh nan ainmean:
Ma tha thu airson fuaimneachadh ainmean na Rothach, beanntan Alba a tha os cionn 3,000 troigh, a chluinntinn ann an Gàidhlig cliog an seo [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .
Cleachd am mapa gu h-ìosal airson fiosrachadh fhaotainn mu ainmean cuid de bhailtean na h-Alba, dè tha iad a’ ciallachadh agus mar a chanar iad ann an Gàidhlig.