1.4 Cruthachadh na Gàidhealtachd
Aig deireadh an 15mh linn, bha an fheadhainn aig an robh Beurla na Galltachd air tòiseachadh air ‘Scottis’ a ghabhail air an cainnt, a’ sealltainn, ged a bha an cànan aca dlùth-chàirdeach do theanga an nàbannan ann an Sasainn, gun robh fèin-aithne Albannach aca. Ghabh a’ Bheurla Ghallta, no Albais mar a their mòran rithe an-diugh, agus a’ Ghàidhlig briathrachas bho chèile, mar a thachair le Albais is Lochlannais, agus Gàidhlig is Lochlannais.
’S iad eisimpleirean de dh’fhaclan Gàidhlig a thàinig bho Albais bodhaig (à bouk, corp), dìg, eàrlas (à arles), poca (à poke) agus radan (à rattan). Am measg fhaclan ann an Albais a thàinig bhon Ghàidhlig tha ben (beinn), claymore (claidheamh mòr), corrie (coire), ghillie (gille), kyle (caol), machair agus whisky (uisge-beatha).
Ach, a dh’aindeoin ’s gun robh a’ Ghàidhlig na cànan tùsail aig rìoghachd na h-Alba, thòisich sgrìobhadairean Gallta air Irische no Ersch a ghabhail oirre. Chithear sin anns an dàn ainmeil dhùbhlanach ris an canar ‘Flyting of Dunbar and Kennedy’, a chaidh a sgrìobhadh ann an Albais timcheall air 1505, anns a bheil Uilleam Dunbar à Lodainn a’ magadh air Bhaltar Ceanadach, aig an robh Gàidhlig mar chiad chànan, airson a bhith Heland agus na Ersch Katherane (gu h-ìoranach a’ cleachdadh facal a fhuaras bhon Ghàidhlig). Air an làimh eile, tha an Ceanadach ag innse don Bhàrrach gur i a’ Ghàidhlig all trew Scottismennis leid (cànan nam fìor Albannach gu lèir) agus tha e ag ràdh gur dòcha gum biodh an Gall na bu riaraichte nam biodh e a’ fuireach ann an Sasainn.
Cha robh Bhaltar Ceanadach, a bha cliùmhor is ainmeil, à Gàidhealtachd a’ chinn a tuath idir, ach às a’ Charraig. Dh’fhan a’ Ghàidhlig beò anns an sgìre sin agus Gall-Ghàidhealaibh (theirear Gàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh ris an dualchainnt) fada às dèidh dhi a dhol bàs anns a’ chòrr de thìr-mòr ceann a deas na h-Alba; bha i fhathast air a bruidhinn an sin anns an 17mh linn. Mhair Gàidhlig Arainn, a thathar a’ smaoineachadh a bha car coltach ri Gàidhlig Ghall-Ghàidhealaibh, beò chun an fhicheadamh linn.
Tha an dì-meas a bha am Bàrrach a’ sealltainn do fhreumhan a’ Cheanadaich anns a’ Charraig (Siorrachd Àir) soilleir anns an earrainn a leanas:
Sic eloquence as thay in Erschry use, In sic is sett thy thraward appetyte. Thow hes full littill feill of fair indyte. I tak on me, ane pair of Lowthiane hippis Sall fairar Inglis mak and mair perfyte Than thow can blabbar with thy Carrik lippis. | Such eloquence as they in Irishry [Gaeldom] use Is what defines your perverse taste. You have very small aptitude for good verse-making. I'll wager, a pair of Lothian hips Shall fairer English make and more polished Than thou can blabber with thy Carrick lips. |
Aig deireadh an 16mh linn, thathar a’ smaoineachadh gun robh an dàrna leth de mhuinntir na h-Alba a’ fuireach gu tuath air Uisge Tatha agus nach robh ach a’ Ghàidhlig mar chànan aig cuid mhath dhiubh. Bha an cainnt, dòigh-beatha agus uaireannan an neo-dhìlseachd don rìgh ann an Dùn Èideann na adhbhar gràin do Rìgh Seumas VI, agus thòisich esan air ro-innleachd airson a rìoghachd aonachadh le bhith ag atharrachadh muinntir na h-Alba gu sluagh aona-chànanach na Beurla. Rinn e oidhirp gus cumhachd nam fineachan Gàidhealach a bhriseadh agus Goill a chur air fearann Ghàidheal. Cha robh e soirbheachail, ge-tà, ann an Leòdhas, far an do chuir muinntir an eilein an aghaidh buidheann air an robh The Fife Adventurers le strì is fòirneart.
Às dèidh aonadh Crùintean Shasainn is na h-Alba ann an 1603, bha an rìgh (a-nise Seumas I Shasainn) ann an suidheachadh na bu làidire airson a phoileasaidh gus a’ Ghàidhlig a chur à bith a choileanadh. Ann an Reachdas Ì (1609) thug e air cinn-chinnidh nam fineachan am mic a bu shine a chur gu sgoil air a’ Ghalltachd, agus tha Achd na Comhairle Dhìomhair 3 air 10 Dùbhlachd 1616 a’ foillseachadh a’ mhiann gum bi a’ ‘vulgar Inglishe toung … universallie plantit, and the Irische language … may be abolisheit and removeit’. Bha an Achd a’ brosnachadh stèidheachadh sgoiltean Beurla anns a h-uile paraiste, ge bith dè an cànan a bhathar a’ bruidhinn annta.
Chaidh a thomhas gun robh Gàidhlig aig 290,000 duine, 23 às a’ cheud de shluagh na h-Alba, ann an 1755. Bha e sìos beagan gu 254,000 ann an 1891 ach an uair sin, cha robh am figear a’ riochdachadh ach 6.8 às a’ cheud de mhuinntir na dùthcha. Bha a’ Ghàidhlig air a dhol na mion-chànan gu nàiseanta ged a bha i làidir fhathast gu h-ionadail ann am pàirtean dhen Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.