1.6 Foghlam
Chuir eilthireachd (an dà chuid saor-thoileach agus èiginneach) às do dh’fhàs nàdarrach sam bith a bh’ air a bhith ann an sluagh na Gàidhlig. Dh’obraich siostam an fhoghlaim an aghaidh a’ chànain cuideachd. Bha The Society in Scotland for the Propagation of Christian Knowledge 4, a chaidh a stèidheachadh ann an 1709, cudromach ann am foghlam Ghàidheal òga tro na 18mh agus 19mh linntean. An toiseach, bha nàimhdeas mòr aca don chànan agus bha casg eadhon air labhairt na Gàidhlig anns an raon-chluiche.
Ann an 1750, dh’ iarr an Society air sgoilearan ‘either in the School house or when playing about the doors thereof to speak Earse [Gàidhlig] on pain of being chastised and that the Schoolmasters appoint Censors to note down and report to the Schoolmaster such as transgress this rule’, ach ann an 1766 thug iad cead do leughadh ann an Gàidhlig, leis an amas leughadh na Beurla a thoirt am feabhas am measg clann Ghàidhealach. Agus ann an 1825, len sùilean fhathast air suidheachadh na Beurla a thoirt am feabhas, mhol iad gum biodh clann le Gàidhlig ‘instead of being taught first to read English as has been Universally practiced throughout the Highlands, be taught first to read Gaelic’.
Ge-ta, nuair a thàinig foghlam fo smachd na stàite mar thoradh air Achd an Fhoghlaim (Alba) ann an 1872, bha a’ Ghàidhlig air fhàgail taobh a-muigh an t-siostaim fhoghlaim a dh’aona-ghnothach. Tha beachd Mhgr D Sime, Neach-sgrùdaidh nan Sgoiltean ann an Ros, Gallaibh is Cataibh a’ riochdachadh dòigh-smaoineachaidh nan ùghdarrasan aig an àm. Ann an 1878, sgrìobh e, ‘I should regard the teaching of Gaelic in schools in any shape or form as a most serious misfortune.’
Ged a dh’aithnich achdan foghlaim an fhicheadamh linn gun robh còir aig a’ Ghàidhlig a bhith air a teagasg mar chuspair ann an àireamh bheag sgoiltean, cha deach siostam foghlaim dà-chànanach ath-stèidheachadh riamh. Bhathar a’ dol a chumail na Gàidhlig gu tur air an iomall agus, anns a’ mhòr mhòr-chuid de shiostam foghlaim na h-Alba, ’s e sin an suidheachadh a th’ aice fhathast.
Mar thoradh air sin, tha inbhe is cliù na Gàidhlig air sìor dhol nas ìsle. Chan eil cuid mhath dhen t-sluagh fiosrachail mu àite na Gàidhlig mar chànan tùsail aig rìoghachd na h-Alba no gun robh i air a bruidhinn thar a’ chuid mhòr dhen dùthaich. Tha a’ chuid as motha de dh’Albannaich neo-chomasach air mapa na h-Alba a leughadh is a thuigsinn, oir tha còrr is an dàrna leth dheth còmhdaichte le ainmean-àite Gàidhlig.
Dh’obraich droch shuidheachadh an fhoghlaim an co-bhuinn ri eaconamaidh thruagh agus call sluaigh air a’ Ghàidhealtachd gus àireamh nan Gàidheal a lughdachadh gu nas lugha na 100,000 ro dheireadh an 20mh linn. Mar beag-chuid a thaobh cànain is cultair ann an dùthaich a th’ air tighinn fo mhòr-bhuaidh na Beurla, an cànan as cumhachdaiche san t-saoghal airson conaltradh, saidheans is malairt, tha na Gàidheil air a bhith dhen bheachd aig amannan gun robh mòran ann an Alba neo-thaiceil dhaibh agus a’ coimhead sìos orra mar shluagh. Thàinig mòran dhiubh fo bhuaidh a’ bheachd gun robh a’ Ghàidhlig ag obair an aghaidh adhartais, agus sguir iad bho bhith ga bruidhinn anns an dachaigh.
Ach tha gu leòr taobh a-staigh coimhearsnachd na Gàidhlig, agus an luchd-taice air feadh Alba agus san t-saoghal mhòr, nach do thrèig an seasamh nach i a’ Ghàidhlig a-mhàin mion-chànan a bhuineas don choimhearsnachd aca (agus mar sin a tha airidh air a h-àite ann an dùthaich a tha mothachail do chòraichean dhaoine), ach gu bheil i cuideachd na cànan nàiseanta do dh’Alba. Bha tagradh na Gàidhlig airson àite daingnichte ann am beatha poblach na h-Alba air aithneachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005 nuair a chaidh Achd na Gàidhlig (Alba)5 tron Phàrlamaid le taic aona-ghuthach. A rèir na h-Achd, tha inbhe nàiseanta aig a’ Ghàidhlig mar ‘an official language of Scotland commanding equal respect to the English language’.
Ged as e Pàrlamaid na h-Alba a th’ air am prìomh uallach a ghabhail airson leasachadh a’ chànain, chan eil an Rìoghachd Aonaichte saor bho uallach air a son. ’S e an Rìoghachd Aonaichte a chuir a h-ainm ris a’ Chùmhant Eòrpach airson Chànanan Roinneil is Mion-chànanan, agus tha sin a’ toirt oirre cuir an aghaidh rud sam bith a chuireadh seasmhachd no leasachadh na Gàidhlig ann an Alba ann an cunnart. Tha e a’ tighinn gu aire nan Gàidheal, barrachd is barrachd, gur e a th’ annta fear de mhion-shlòigh ann am mòr-thìr a tha làn chànanan diofraichte, anns a bheil co-dhiù dà chànan aig a’ mhòr-chuid de dhaoine. Mar a thuigeas barrachd dhaoine ann an Alba gu bheil buannachdan inntinn, sòisealta is cultarail an cois ioma-chànanas, tha dùil gum fàs a’ Ghàidhlig nas tarraingiche do bharrachd dhaoine a bhuineas do dh’eugsamhlachd de dhùthchais.