2 Bun-tùsan Ceilteach agus Sgaoileadh Eadar-nàiseanta
2.1 Ro-ràdh
Bithear a’ comharrachadh Alba gu tric mar nàisean ‘Ceilteach’, feart a tha sa chumantas aice le nàiseanan beaga eile sna h-Eileanan Breatannach, gu sònraichte Èirinn agus a’ Chuimrigh. Bithear a’ smaoineachadh gu tric gu bheil ‘Ceilteach’ a’ buntainn ri tìr agus/no poilitigs, no eadhon feartan cinneachail. Ach ’s ann air cànanan a tha ‘Ceilteach’ a-mach; tha e a’ buntainn ri còmhlan de chànanan a tha càirdeach do chèile.
Faodar ‘nàisean Ceilteach’ a ghabhail air Alba air sàillibh a dualchais chànanaich. Bha Cruithnis is Seann Bhreatannais Ceilteach, mar a tha a’ Ghàidhlig, an cànan a bu mhotha, chanadh mòran, a thug buaidh air fèin-aithne nan Albannach.
Ach chan eil, is cha robh, a h-uile cànan a bh’ air a bruidhinn ann an Alba Ceilteach. Buinidh Albais is Beurla do na cànanan Gearmailteach, mar a bhuineadh an t-Seann Lochlannais. Anns an aonad seo, bheir sinn sùil air na cànanan Ceilteach agus air an fhèin-aithne Cheilteach a tha beò fhathast ann an Alba agus dùthchannan eile.