2.2 Leudachadh nan Ceilteach
Buinidh a’ mhòr-chuid de chànanan na Roinn Eòrpa, a’ Ghàidhlig nam measg, do theaghlach ris an canar Indo-Eòrpach; tha an t-ainm sin air oir tha e a’ gabhail a-steach a’ chuid as motha de theangannan ceann a deas Àisia (ach a-mhàin ceann a deas nan Innseachan), a bharrachd air an Roinn Eòrpa. Gus an do sgaoil iad gu mòr bhon 15mh linn a-mach, gu sònraichte tro chruthachadh impireachdan, bha na cànanan sin an ìre mhath air am bruidhinn a-mhàin anns an Roinn Eòrpa agus taobh an iar is ceann a deas Àisia. A-nise tha iad air feadh an t-saoghail, le faisg air 3 billean neach-labhairt aig a bheil iad bho dhùthchas; tha iad a’ gabhail a-steach cuid de na cànanan as motha aig a bheil sluagh, leithid Spàinntis, Beurla, Hindi, Portaigeusais, Beangali, Ruiseanais, Gearmailtis is Fraingis.
Taobh a-staigh an teaghlaich Indo-Eòrpaich, tha grunn fo-bhuidhnean a tha eòlaichean-cànain ag aithneachadh. Mar eisimpleir, buinidh Beurla, Dùitsis is Nirribhis don fo-bhuidhinn Ghearmailtich, buinidh Fraingis, Eadailtis is Spàinntis don fo-bhuidhinn Eadailtich, agus thathar a’ comharrachadh Ruiseanais, Slobhàigianais agus Pòlainnis mar chànanan Slàbhach. ’S e tè de na fo-bhuidhnean Ceilteach, a tha a’ gabhail a-steach nan sia cànanan Ceilteach a tha beò – Gàidhlig, Gaeilge is Gàidhlig Eilean Mhanainn, Cuimris, Breatannais is Còrnais – agus feadhainn nach do mhair, leithid Gallais, Galaitianais, Ibìoro-Cheilteis, Cruithnis agus Seann Bhreatannais.
Tha na Ceiltich a’ nochdadh ann an clàr na h-eachdraidh an toiseach mu 500 RC, nuair a bha teacsaichean Greugach a-mach air daoine a bha a’ fuireach gu tuath orra mar Keltoi. Ann an Laideann, ’s e Celtae a chainte riutha – treubhan is nàiseanan a thathar a’ tuigsinn a-nise a bha a’ bruidhinn chànanan Ceilteach. ’S ann a-mhàin ri slòigh a bha a’ fuireach air tìr-mòr na Roinn Eòrpa a bha am facal a’ buntainn aig an ìre sin.
’S e an cànanaiche Edward Lhuyd anns an 17mh linn a thòisich air Ceilteach [‘Celtic’] a ghabhail air slòigh a bhuineadh do Bhreatainn is Èirinn. Rinn esan rannsachadh coimeasail air Cuimris, Gàidhlig, Gaeilge, Còrnais agus Breatannais; dhaingnich e gun robh na cànanan sin càirdeach do chèile agus càirdeach do sheann chànan marbh nan Gall air tìr-mòr na Roinn Eòrpa a bha le cinnt Ceilteach.
Mar eisimpleir tha am facal Gallais mapos (‘mac’) dlùth-chàirdeach do mab ann an Cuimris an latha an-diugh, a bharrachd air mac ann an Gàidhlig; tha am facal Gallais tarvos (‘tarbh’) dlùth-chàirdeach do tarw (Cuimris) agus tarbh (Gàidhlig).
Anns a’ chlàr a leanas chithear faclan ann an Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris is Còrnais a thathar a’ smaoineachadh a dh’èirich bhon aon tùs Cheilteach.
Gàidhlig | Gaeilge | Cuimris | Còrnais | Beurla |
aimsir | aimsir | amser | time, weather | |
anail | lanái | anadl | anall | breath |
cath | cath | cad | kas | battle |
caol | caol | cul | cul | slender |
cnò | cnó | cneuen | know | nut |
creamh | creamh | craf | wild garlic | |
cù | cú | ci | ki | dog, hound |
làn | lán | llawn | leun | full |
roth | roth | rhod | ros | wheel |
taigh | teach | ty | ti | house |
troigh | troigh | troed | troes | foot |
Cha robh Ceiltich tìr-mòr na Roinn Eòrpa aonaichte gu poilitigeach – cha robh impireachd Cheilteach ann riamh – ach bha slòigh, aig an robh cànanan Ceilteach agus feartan cultarach sa chumantas eatarra, a’ fuireach thairis air pìos math dhen mhòr-thìr. Dh’fhàg iad glè bheag de dhìleab sgrìobhte agus mar sin tha ar tuigse orra stèidhichte gu ìre mhòr air na sgrìobh na Greugaich is Ròmanaich mun deidhinn, bho airceòlas agus bho na h-ainmean-àite a dh’fhàg iad às an dèidh.
’S e a’ chiad chultar Ceilteach a nochdas, timcheall air an 8mh linn RC, Cultar Hallstatt, stèidhichte air na lorgadh faisg air baile beag Hallstatt anns an Ostair.
Fhuaradh lorg air fianais de chultar beartach le ceanglaichean malairt do dhùthchannan na Mara Meadhan-tìrich. Timcheall a’ 5mh linn RC, tha sinn a’ faicinn cultar ùr ris an canar La Tène, a chaidh ainmeachadh às dèidh làrach san Eilbheis far an do lorgadh stuth ann an cladhach airceòlach.
Bha seo Ceilteach cuideachd agus thathar a’ smaoineachadh gun robh e air a sgaoileadh na b’ fharsainge. Lorgadh obair-mheatailt de stoidhle La Tène, mar eisimpleir, ann am Breatainn is Èirinn.
Chan eil e cinnteach dè na cànanan a bhathar a’ bruidhinn ann am Breatainn is Èirinn aig an àm sin, ach tha dùil gun robh Ceilteis nam measg. Anns an 3mh linn RC, bha na Ceiltich rin lorg thairis air earrann mhòr de mhòr-thìr na h-Eòrpa, eadar far a bheil a’ Phortagail an-diugh, gu ruige a’ Bheilg is a’ Ghearmailt, gu ceann a tuath na h-Eadailt, tro ghleann mòr an Dainiub agus eadhon cho fada ris an Tuirc.