2.4 Na Ceiltich Eileanach
Tràth sa chiad mhìle bliadhna AC, thàinig na cànanan Ceilteach mòr-thìreach fo bhuaidh chànanan eile, gu sònraichte Laideann nan Ròmanach, agus mu 500 AC, bha eadhon Gallais, a bha uaireigin air a bhith cho làidir, an ìre mhath air a dhol à bith. Ann am Breatainn is Èirinn, ge-tà, bha cànanan is cultaran Ceilteach fhathast beò is beothail. ’S e Ceilteis Eileanach a chanar ris a’ bhuidhinn seo, às a bheil a h-uile cànan Ceilteach a th’ againn an-diugh air èirigh (eadhon tè na Breatainne Bige).
Eadhon aig an ìre seo, bha eugsamhlachd taobh a-staigh Ceilteis Eileanach. À sinnsear teòridheach ris an canar Tùs-Cheilteis, bha dà bhuidhinn air a thighinn gu bith – P-Ceilteach (no Brythonic) agus Q-Ceilteach (no Goidelic)6. Tha na h-ainmean P- agus Q- stèidhichte air mar a dhèilig gach buidheann ris an t-seann fhuaim ‘Q’ ann an Tùs-Cheilteis. Rinn an luchd-labhairt Goidelic sìmpleachadh air sin gu ‘c’, fhad ’s a bha na Ceiltich Brythonic ga leasachadh gu fuaim ‘p’. Bha gach meur de Cheilteis Eileanach air a riochdachadh, an dà chuid ann an Èirinn is Breatainn, ach ’s e luchd-labhairt Goidelic a bha anns a’ mhòr-chuid ann an Èirinn, le luchd-labhairt Brythonic sa mhòr-chuid ann am Breatainn.
Chithear an sgaradh mòr sin taobh a-staigh nan cànanan Ceilteach fhathast an-diugh. Tha an fheadhainn Brythonic – Cuimris, Còrnais is Breatannais – car coltach ri chèile, a’ leigeil le luchd-labhairt aon chànain beagan dhen fheadhainn eile a thuigsinn. Tha e mar an ceudna do na cànanan Goidelic – Gàidhlig, Gaeilge is Gàidhlig Eilean Mhanainn (Gaelg); faodaidh neach a tha fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba, mar eisimpleir, bunaitean de chòmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a thuigsinn. Eadhon ri linn Chaluim Chille (6mh linn AC), ge-tà, bha feum air eadar-theangair airson còmhradh a bhith ann eadar an naomh agus rìgh Cruithneach: bha cànan Q-Ceilteach aig Calum Cille agus bha tè P-Ceilteach aig na Cruithnich.
Chithear diofar eadar an dà bhuidhinn ann am faclan a thathar a’ cleachdadh fhathast ann an cànanan Ceilteach. Mar eisimpleir tha an Goidelic mac co-ionann ris a’ Bhrythonic map, agus tha an Goidelic ceann co-ionann ris a’ Bhrythonic pen. Seo eisimpleirean eile, a’ cleachdadh fhaclan Cuimreach agus Gàidhlig mar eisimpleirean:
Cuimris (Brythonic/P-Ceilteach) | Gàidhlig (Goidelic/Q-Ceilteach) | Beurla |
pa | ciod | What |
pair | coire | cauldron |
plant | clann | children |
pump | còig | five |
pwy | cò | who |