2.7 Sgaoileadh nan Ceilteach
Ghluais slòigh aig an robh cànanan Ceilteach gu pàirtean eile dhen t-saoghal, a’ fàgail gu bheil na milleanan de dhaoine ann an Ameireagaidh a Tuath, Astràilia agus Sealan Nuadh aig a bheil sinnsireachd Cheilteach. Ach lagaich sin na cànanan nan dùthchannan màthaireil agus, anns an fharsaingeachd, cha do thogadh coimhearsnachdan Ceilteach ùr anns na tìrean-tuineachaidh; ’s ann anns an Ìmpireachd Bhreatannaich a bha a’ chuid a bu mhotha de na dùthchannan a ghabh ri in-imrich Cheilteach agus bha iad fo làn-smachd na Beurla Shasannaich. Bha Gàidhlig na h-Alba beò airson ùine ann am pàirtean de dh’Astràilia is Sealan Nuadh ach ’s e dìreach àireamh bheag de dh’Albannaich a chaidh a dh’fhuireach anns na dùthchannan sin agus feadhainn gu h-ionadail a tha dèidheil air a’ chànan a chumas beò i an-diugh. Ach tha dà dhùthaich a tha eadar-dhealaichte oir chaidh cànan Ceilteach a stèidheachadh gu làidir annta; ’s iad sin Patagonia (Cuimris) agus Alba Nuadh (Gàidhlig).
Tha feadhainn aig a bheil Cuimris fhathast a’ fuireach ann an Argentina, sliochd dhaoine a thòisich air a dhol a Mhòr-roinn Chubut ann an 1865; bha iad airson coimhearsnachdan a chruthachadh far nach rachadh a’ Chuimris agus a cultar à bith mar a bha a’ tachairt am measg nan eilthireach chaidh dh’Ameireagaidh a Tuath. Tha strì air a bhith aca an cànan a chumail beò, agus i a’ tighinn fo bhuaidh na Spàinntis ach, le taic a bharrachd a’ tighinn bhon Chuimrigh, tha ùidh às ùr ann a bhith ag ionnsachadh agus ag adhartachadh na Cuimris ann an Argentina 7.
Chaidh a’ Ghàidhlig Albannach a stèidheachadh ann an Canada na bu tràithe na sin, anns an 18mh linn, mar thoradh air eilthireachd Ghàidheal (air adhbharan eacanomaigeach an toiseach is an uair sin air sgàth nam fuadaichean). Bha coimhearsnachdan anns an robh Gàidhlig ga bruidhinn ann an grunn àiteachan ann an Canada, gu sònraichte Ontario, Quebec, Bronsuig Nuadh, Eilean a’ Phrionnsa agus Alba Nuadh. Ann an 1867, nuair a chaidh co-chaidreachas Chanada a chruthachadh, thathar a’ dèanamh dheth gun robh a’ Ghàidhlig na treas cànan as motha a bh’ air a’ bruidhinn ann an Canada, às dèidh Beurla is Fraingis, le timcheall air 200,000 neach-labhairt. Aig an ìre sin, bha Gaeilge fhathast aig mòran eilthireach Èireannach cuideachd; mar sin bha dualchas Gàidhlig aig Canada an 19mh linn na bu làidire na fhuaradh ann an dùthaich sam bith eile taobh a-muigh Alba, Èirinn no Manainn.
’S ann an Alba Nuadh gu sònraichte a dh’fhàs is a leasaich Gàidhlig na h-Alba, agus gu seachd àraidh air Eilean Cheap Bhreatainn. Ged a tha an cànan air a dhol bàs ann an ceàrnaidhean eile de Chanada (taobh a-muigh bhuidhnean beaga de luchd-ionnsachaidh is luchd-taice), ghleidheadh coimhearsnachd de dhaoine aig a bheil an cànan bho dhùthchas ann an Alba Nuadh, ged a tha i sìos a-nise gu dìreach beagan cheudan daoine, an coimeas ri faisg air 100,000, an treas cuid de shluagh na mòr-roinne, aig deireadh an 19mh linn.
Coimhead an bhidio gu h-ìosal airson beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn
Chan e a-mhàin gun do ghleidheadh an cànan ann an Alba Nuadh, ach tha cultar co-cheangailte ris a’ chànan gu math làidir cuideachd, le dualchas ainmeil de cheòl (gu sònraichte an fhìdheall) agus dannsa (gu h-àraidh dannsa-ceum). ’S e an aon àite taobh a-muigh Alba a chùm traidisean iongantach Albannach beò – na h-òrain luaidh – seinn òrain mar bhuidheann airson taic a chur ri luadh a’ chlò. Tha Gàidheil à Alba Nuadh air mòran a dhèanamh às leth dualchas cruinneil nan sgeulaichean Gàidhlig, a bharrachd air seinn, sgrìobhadh agus foillseachadh sa chànan. Agus ’s e Alba Nuadh an aon àite taobh a-muigh Alba far a bheil a’ Ghàidhlig Albannach a’ faighinn taic shònraichte bho bhuidheann riaghaltais. Ann an 2006 chruthaich Riaghaltas Alba Nuadh Oifis Iomairtean na Gàidhlig, fo cheannas Ministear, airson a bhith ag obair còmhla ri muinntir na h-Albann Nuaidh air cànain is dualchas na Gàidhlig ùrachadh anns a’ Mhóir-roinn’. Chruthaich coimhearsnachd Ghàidhlig Alba Nuadh a bratach fhèin cuideachd, mar a chithear gu h-ìosal.