3 A’ Ghàidhlig san latha an-diugh
3.1 Cò tha bruidhinn Gàidhlig?
3.1.1 ‘Tha mise!’
Seo eisimpleir de thriùir dhaoine eadar-dhealaichte a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig.
Karen ‘Mise Karen. Tha mi 18 agus tha mi air a bhith a’ fuireach an Inbhir Nis fad mo bheatha. Bha Gàidhlig aig teaghlach mo sheanair agus bha mo phàrantan airson gum biodh i agamsa cuideachd. Tha mi uabhasach toilichte gun do rinn mi sin. Chaidh mi gu clas Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus tha mi fortanach gu bheil tòrr chothroman air a bhith agam a’ Ghàidhlig a chleachdadh, mar eisimpleir ann an ceòl. San t-Sultain 2011 tha mi dol dhan Oilthigh far am bi mi a’ dèanamh Gàidhlig agus Eachdraidh agus ’s dòcha Poilitigs.’ | |
Crìsdean ‘Mise Crìsdean. Bha Fraingis agus Beurla agam san dachaigh agus dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig anns an sgoil agus ann an Colaiste Ghàidhlig. Tha diofar obraichean air a bhith agam ann an saoghal na Gàidhlig.’ | |
Dòmhnall-Iain ‘Mise Dòmhnall-Iain. Chaidh mo thogail ann an sgìre Ghàidhlig anns Na h-Eileanan an Iar agus b’ i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan agam. Bidh mi a’ bruidhinn Gàidhlig rim theaghlach, ri caraidean agus, mus do leig mi dhìom mo dhreuchd, bhithinn ga bruidhinn nam obair-latha.’ |