Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

3.1.2 An Dealbh Mòr

Bha 58,652 duine a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig aig àm Cunntas-sluaigh 2001 agus 19,750 eile a thuigeadh a’ chànan.

Den luchd-labhairt, bha 33,315 (57% den iomlan) a’ fuireach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. ’S ann anns na h-Eileanan an Iar (le 15,723 luchd-labhairt) a bu mhotha a bha, le 62.3% den t-sluagh gu lèir agus cuid a sgìrean nas àirde na 80%. Bha 35.5% de shluagh an Eilean Sgitheanaich (3,999 neach gu lèir) comasach air a’ Ghàidhlig a bhruidhinn agus bha aon sgìre nas àirde na 70%.

Bha an 13,593 a tha air fhàgail sgapte eadar Earra-Ghàidheal agus Bòd agus tìr-mòr na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach 2,820 ann am baile Inbhir Nis. Tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu làitheil anns a’ mhòr-chuid de na coimhearsnachdan sin, gu h-àraidh anns Na h-Eileanan an Iar agus san Eilean Sgitheanach.

Clàr 5 Cunntas Sgìrean Gàidhlig an Alba
SgìreGàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar15,723
An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse3,999
An còrr den Ghàidhealtachd (Tìr-mòr)8,670
Earra-Ghàidheal agus Bòd4,168
Sgìrean Gàidhlig eile755
Iomlan, sgìrean Gàidhlig33,315

Bha 25,337 de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach an taobh a-muigh de na sgìrean traidiseanta Gàidhlig ann an 2001. Bha iad rim faighinn air feadh Alba, le àireamhan gu h-àraidh àrd ann am bailtean mòra mar Glaschu (5,731), Dùn Èideann (3,132) agus Obar Dheathain (1,420). Tha mòran dhiubh seo cuideachd a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig nam beatha làitheil: ann an seadh tha iad nan coimhearsnachd am broinn coimhearsnachd anns na bailtean sin.

Clàr 6 Cunntas àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba
SgìreGàidhlig
Iomlan, sgìrean Gàidhlig33,315
An còrr de Alba25,337
Iomlan58,652

Gheibhear map a’ sealltainn na tha de luchd-labhairt Gàidhlig anns a h-uile sgìre air feadh Alba ann an Aithisg na h-Oifis Clàraidh Choitcheann (GRO) air Cunntas-sluaigh 2001 aig: www.gro-scotland.gov.uk/ files/ gaelic-rep-english-appendix.pdf [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]

B’ e 45.9 bliadhna an aois chuibheasach aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann an 2001, 18% nas àirde na an aois chuibheasach aig sluagh Alba gu lèir (39 bliadhna). Tha an clàr seo a’ sealltainn na h-aon dealbh sin o shealladh eile.:

Clàr 7 Aois chuibheasach luchd-labhairt na Gàidhlig
AoisLuchd-labhairt
0-20 bliadhna dh’aois10,158
45-64 bliadhna dh’aois16,855

Chaidh an graf seo ullachadh leis a’ bhuidheann-rannsachaidh, Sgrùd.

Anailis: C Mac Fhionghain © 2003 SGRÙD Rannsachadh

Gheibhear an graf seo agus feadhainn eile de a leithid aig: Comunn na Gàidhlig

’S e fileantaich a dh’ionnsaich a’ chànan anns an dachaigh agus a’ choimhearsnachd, mar as trice air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan, a tha anns a’ mhòr-chuid den luchd-labhairt as sine. A thaobh an fheadhainn as òige, tha a’ mhòr-chuid dhiubhsan a-nise a’ togail na Gàidhlig anns an sgoil, gu h-àraidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, air feadh Alba. Tha grunn inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd, cuid dhiubh o air taobh a-muigh Alba.

Bogsa 1

Gheibhear fiosrachadh mionaideach bho Chunntas-sluaigh 2001 aig: