3.2.2 Foghlam agus buaidhean cultarach
Ged a bha tomhas de Ghàidhlig anns na sgoiltean eaglaise a thàinig roimpe, cha robh guth air a’ Ghàidhlig ann an Achd Foghlaim (Alba) 1872, an reachdas a thug a-steach foghlam dha na h-uile ann an Alba. Mar thoradh air seo cha robh mòran sam bith Gàidhlig air a teagasg, agus bha nas lugha air a chleachdadh mar mheadhan teagaisg, anns na sgoiltean ùra. ’S ann a bha cuid a’ peanasachadh chloinne airson a bhith ga bruidhinn mar a chithear san eisimpleir seo.
Bogsa 2
‘Archy has a vivid memory of when he was very young sitting on his grandfather’s knees, gazing into his intensely blue eyes and white beard, and being told about the persecution the children were subjected to when his grandfather, Archibald, was a boy at school for speaking in Gaelic. They were severely belted and a tessera board (maide-crochaidh) was hung round their neck and if they had not betrayed another Gaelic speaking class-mate by 4pm they got another belting. If the child had not handed over the board by the morning attendance at school another belting was administered and so on.’
Chaidh mòran strì a dhèanamh thar nam bliadhnaichean an aghaidh seo agus chaidh grunn phròiseactan foghlaim a chur air dòigh gus an suidheachadh seo a leasachadh. B’ e Achd Foghlaim 1918, a dh’iarr air ùghdarrasan foghlaim ‘ullachadh reusanta a dhèanamh airson na Gàidhlig’, Pròiseact Dà-chànanach Comhairle nan Eilean agus, o chionn ghoirid, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig eisimpleirean den seo: bidh cunntas orra san ath earrann.
Anns na bliadhnaichean às dèidh an Dara Cogaidh, agus gu h-àraidh o na 1960an, dh’fhosgail a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a-mach barrachd ris an t-saoghal mhòr, gu h-àraidh tron telebhisean a bha mar dhoras gu cultar ‘pop’ an ama. ’S e aon bhuaidh a bha aig seo, am measg rudan eile, gun do thòisich an òigridh gu h-àraidh a’ faicinn na Gàidhlig mar rud seann-fhasanta agus thòisich iad a’ cur an cùl rithe, glè thric an aghaidh toil am pàrantan agus a dh’aindeoin leasaichidhean ann am foghlam mar Pròiseact Dà-chànanach Comhairle nan Eilean.
Thòisich an Cunntas-Sluaigh Nàiseanta a’ clàradh an àireamh a bha a’ bruidhinn na Gàidhlig ann an 1881 agus tha seo air a bhith a’ sealltainn mar a tha a’ chànan air a bhith a’ dol air ais on uair sin, bhon 254,415 a bha ga bruidhinn ann an 1891, mar eisimpleir, chun an 58,652 a bha air fhàgail ann an 2001. Chaidh an graf seo ullachadh le Sgrùd:
Gheibhear an graf seo agus feadhainn eile de a leithid aig: www.cnag.org.uk/ munghaidhlig/ stats/ gaelspeakers.php [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .