Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

3.3 Ath-bheothachadh na Gàidhlig

Ceum 1

Bha bochdainn agus strì mun fhearann cumanta san 19amh linn air a’ Ghàidhealtachd ach ro dheireadh na linn bha piseach air tòiseachadh a’ tighinn air gnothaichean. A thaobh na Gàidhlig, ann an 1891 chaidh buidheann a chur air chois airson a’ chiad uair gus a’ chànan a neartachadh. B’ e a’ chiad rud a rinn An Comunn Gàidhealach fèis chiùil nàiseanta, am Mòd, a chur air chois gus ceòl na Gàidhlig a bhrosnachadh agus gus ìomhaigh a’ chànain a thogail. Chuir an Comunn cuideachd meuran ionadail air chois agus ghabh iad pàirt ann an iomairtean poilitigeach, leithid na strì airson clàs a’ buntainn ri Gàidhlig ann an Achd Foghlaim (Alba) 1918. Thug an Achd seo inbhe oifigeil don Ghàidhlig airson a’ chiad uair le bhith ag iarraidh air na h-ùghdarrasan foghlaim ùra ‘ullachadh reusanta a dhèanamh airson na Gàidhlig ann an sgìrean sam bheil a’ chànan air a bruidhinn.’

Cuid den bhuidheann a chuir air chois An Comunn Gàidhealach
Figear 18 An fheadhainn a stèidhich An Comunn Gàidhealach

Ceum 2

Thòisich an dara ceum de ath-bheothachadh na Gàidhlig às dèidh an Dara Cogaidh agus ruith e gu mu 1980. Chaidh an t-àite a bha aig a’ bhuidheann shaor-thoileach An Comunn Gàidhealach ann an obair leasachaidh na Gàidhlig a ghabhail thairis beag air bheag aig an àm seo le luchd-iomairt de sheòrsa ùr, a chuir air chois leasaichidhean ann am foillseachadh, craoladh agus foghlam, an dara cuid tro bhuidhnean stèidhte (mar am BBC no na Comhairlean) no a chuir air chois am buidhnean fhèin, mar a rinn Ruaraidh MacThòmais le Gairm ann an 1952 is Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968. ’S e a’ phrìomh rud a tha a’ comharrachadh a’ cheum seo mar a thòisich structar-taice proifeiseanta a’ tighinn gu buil anns a’ Ghàidhlig.

Bha an cuideam ann am foghlam a-nise air cleachdadh na Gàidhlig mar mheadhan-teagaisg. ’S e Sgeama Foghlam Gàidhlig Siorrachd Inbhir Nis (anns na 1960an agus na 1970an) agus Pròiseact Foghlam Dà-chànanach Comhairle nan Eilean dà eisimpleir den seo, a bha ag amas air clann dhà-chànanach a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig mar: ‘a natural language for the exploration and description of experience’.

Ceum 3

Tha trì roinnean san treas ceum de ath-bheothachadh na Gàidhlig.

’S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), stèidhte air eisimpleir na Cuimrigh, aon dhiubh sin. Thòisich seo tràth anns na 1980an agus tha e air sgapadh air feadh na dùthcha, le mu 4,000 sgoilear a-nise an sàs aig diofar ìrean.

Figear 19 Thug ‘Latha Mòr na Gàidhlig’ a chaidh a chur air chois le Comhairle na Gaidhealtachd ann an 2005, còmhla 500 sgoilear ann an FTG bho air feadh Alba

Ann am foghlam bogaidh mar FTG tha clann air an teagasg gu tur tron chànan ged nach biodh i air a bhith aca o thùs (rud a tha fìor mu timcheall air 80% de sgoilearan ann am FTG). Tha a’ mhòr-chuid dhiubh seo a’ tòiseachadh a’ tuigsinn na Gàidhlig luath agus tha iad comasach air iad fhèin a chur an cèill innte air iomadh cuspair mus fhàg iad an sgoil.

Tha FTG air fhaicinn le mòran mar an dòchas as fheàrr airson na Gàidhlig san linn ri teachd leis gu bheil e a’ cruthachadh luchd-labhairt ùr ann an coimhearsnachdan far nach eil pàrantan air fhàgail aig a bheil a’ Ghàidhlig. Tha an graf, a rinneadh le Sgrùd, a’ sealltainn mar a dh’fhàs foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig bho thòisich e ann an 1985. Chithear an graf seo agus feadhainn eile coltach ris aig: http://www.cnag.org.uk/ munghaidhlig/ stats/ bunsgoiltean1.php [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]

Figear 20

Tha cuideachd clasaichean luchd-ionnsachaidh ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean. Gheibhear fiosrachadh air foghlam Gàidhlig san fharsaingeachd air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig aig: http://www.gaelicteaching.com/ en/.

Chunnaic an dara ceum san ath-bheothachadh ùrachadh ann an ceòl Gàidhlig (agus Ceilteach) agus seirbheis chunbhalach craobh-sgaoilidh a’ tighinn gu ìre sa Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach sianal telebhisein (BBC ALBA).

Chunnaic an treas roinn den ath-bheothachadh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail ri Achd na Gàidhlig (Alba) ann an 2005. Chuir seo air chois gu h-oifigeil buidheann ùr, Bòrd na Gàidhlig, a bha gu bhith a’ toirt comhairle dhan Riaghaltas, ag ullachadh Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig agus a’ cuideachadh bhuidhnean eile gus am planaichean fhèin ullachadh. ’S e am prìomh phrionnsabal air cùl na h-Achd gu bheil ‘co-ionannachd meas’ aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla. Gheibhear copaidh den Achd (2005) agus de chiad Phlana Nàiseanta Bòrd na Gàidhlig (2007) aig:

Fàisneachd

Tha staid na Gàidhlig thairis air a’ cheud bliadhna mu dheireadh air a bhith an dà chuid a’ fàs nas fheàrr agus nas miosa. Air an aon làimh, tha inbhe na Gàidhlig, agus na suidhichidhean anns an urrainnear a cleachdadh, air a bhith a’ sìor fhàs. Aig an aon àm, tha an àireamh a tha ga bruidhinn a’ sìor chrìonadh (ged a tha an crìonadh a’ fàs nas slaodaiche). Tha Plana Nàiseanta Bòrd na Gàidhlig (2007) ag amas air gum bi 65,000 de luchd-labhairt na Gàidhlig ann ro 2021. Tha cuid a’ meas seo ro dhòchasach ach tha e a’ coimhead coltach gun stad an crìonadh anns na bliadhnaichean ri teachd, ged is dòcha gum bi sin aig ìre nas àirde na an targaid ud.