4.1.1 Buaidh air an neach-labhairt
Suas chun nan 1960an, bha a’ chuid mhòr den rannsachadh air buaidh dà-chànanas air comas-eanchainn chloinne stèidhte air sluagh a bha air in-imrich a dhèanamh dha na Stàitean Aonaichte, a’ mhòr-chuid dhiubh à Ameireaga a Deas, agus b’ e an co-dhùnadh mar as trice nach robh a’ chlann dà-chànanach a’ dèanamh cho math ann an deuchainnean comais ri clann aig nach robh ach aon chànan. Chan eil duine a’ cur earbsa san rannsachadh seo a-nise, ge-tà, air grunn adhbhair ach gu h-àraidh airson gun robh iad a’ coimeas chloinne à dachaighean a bha glè eadar-dhealaichte a thaobh cosnaidh, ionmhais agus rudan mar ìre foghlaim nam pàrantan.
Chaidh pròiseact rannsachaidh mòr a dhèanamh ann am Montreal ann an 1962 a chuir ceist anns na co-dhùnaidhean seo airson a’ chiad uair. Rinn na h-eòlaichean-cànain Ealasaid Peal agus Wallace Lambert coimeas eadar comas ‘dà-chànanaich chothromach’ – i.e., clann a bha a’ cheart cho fileanta ann am Fraingis agus Beurla – agus clann aig nach robh ach aon chànan. Rinn na dà-chànanaich nas fheàrr sa chuid mhòr de na deuchainnean comais aca agus cho-dhùin Peal agus Lambert on seo: ‘A bilingual child is a youngster whose experience with two language systems seems to have left him with a mental flexibility, a superiority in concept formation, a more diversified set of mental abilities.’
Ged a tha fhios againn a-nise gun robh laigsean ann an rannsachadh Peal/Lambert cuideachd, lean mòran de na h-eòlaichean a thàinig às an dèidh an aon slighe, a’ co-dhùnadh mar as trice gu bheil ceangal làidir eadar dà-chànanas agus comas-eanchainn chloinne.
Tha luchd-rannsachaidh a-nise a’ feuchainn ri dealbh nas mionaidiche a thoirt air a’ cheangal seo. Tha cuid a’ coimhead air na cànanan fhèin, mar eisimpleir air dè cho fileanta is a tha na dà-chànanaich annta. Tha aon eòlaiche air co-dhùnadh gu bheil ìre àraidh ann – ‘stairseach’ – a dh’fheumar a ruighinn anns gach cànan mus eil a’ bhuaidh mhath seo aig dà-chànanas air comas-eanchainn. Tha cuid eile air coimhead air an inbhe a tha aig gach cànan, a’ co-dhùnadh: ‘Where the home language is that of the majority, ‘additive’ bilingualism is best promoted by providing initial instruction in the second language’ (mar a tha a’ tachairt ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig).
Tha cuid a luchd-rannsachaidh air feuchainn ri dearbhadh dè na dearbh chomasan inntinn air a bheil dà-chànanas a’ toirt buaidh. Mar eisimpleir, tha Ellen Bialystok à Oilthigh York, Toronto, air sealltainn gu bheil clann dhà-chànanach nas fheàrr air dèanamh grunn rudan aig an aon àm agus air an cur an òrdugh agus tha i a’ co-dhùnadh on seo gu bheil a bhith a’ cumail rian air dà chànan a’ neartachadh ‘siostam smachd na h-eanchainne’. Ged a tha a’ mhòr-chuid de obair Bialystok mu chlann, dh’fhoillsich i pàipear sa Ghearran 2011 a tha a’ co-dhùnadh gu bheil a bhith a’ cleachdadh dà chànan a’ cur maill air call na cuimhne ann an seann daoine, air an aon adhbhar. Gheibhear cunntas-naidheachd an seo [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .
An co-dhùnadh, ged a tha ceistean rim fuasgladh fhathast mun cheangal eadar dà-chànanas agus comas-eanchainn, tha barrachd is barrachd aonta ann mun seo, mar a tha Anne Brasier à Oilthigh Kagoshima (Iapan) a’ mìneachadh ann an The relationship between bilingualism and the cognitive development of bilingual children (1999): ‘Research has overwhelmingly concluded that bilingualism per se does not have any negative effects on cognition. In fact the opposite increasingly appears to be the case: that high levels of bilingualism have accelerating effects on children’s cognitive development.’