4.2 Carson Gàidhlig?
4.2.1 Freagairt cultarach
’S e fear de na prìomh adhbhair a tha daoine ann an Alba ag ionnsachadh na Gàidhlig no a’ cur an clann gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu bheil iad a’ faireachdainn gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt phrìseil de eachdraidh na h-Alba, cho math ri bhith na pàirt de bheatha chultarach na dùthcha san latha an-diugh.
Tha fiù ’s ainm na dùthcha a’ tighinn on Ghàidhlig oir ’s e ‘Scoti’ an t-ainm a thug na Ròmanaich air an luchd-Gàidhlig (à Èirinn) air an tàinig iad tarsaing an seo. Tha ceangal dlùth cuideachd eadar suaicheantais Albannach mar an tartan agus a’ Ghàidhlig agus tha dualchas ciùil na Gàidhlig air buaidh a thoirt air ceòl Albannach san fharsaingeachd - agus air a bhith a’ dol o neart gu neart o chionn ghoirid.
Tha ainmean-àite a’ cumail air chuimhne na cultaran a bha ann an sgìrean o chionn fhada agus a thug buaidh air mar a tha iad an-diugh. Tha ainmean a thàinig on Ghàidhlig air am faighinn sa mhòr-chuid de Alba. Tha cuid dhiubh a’ tarraing air cruth na tìre, mar eisimpleir canar uaireannan An t-Sròn ri Troon an Siorrachd Àir agus chithear an gob a tha toirt ant t-ainm sin dha anns a’ chaladh. Tha cuid eile nam fianais air eachdraidh a tha air a dhol à cuimhne: mar eisimpleir tha sgìre thaigheadais an Inbhirnis air a bheil Dalneigh. Tha an t-seann ainm Gàidhlig a bha air, Dail an Eich a’ toirt sealladh dhuinn air àm nuair a bha an sgìre air a h-àiteach. Gu h-ìoranta chaidh seòrsa de cheangal ris an àm sin a dhèanamh as ùr bho chionn ghoirid nuair a chaidh lotaichean a stèidheachadh ann.
Airson fiosrachadh air ainmean-àite Gàidhlig, tadhail air làrach-lìn Ainmean-Àite na h-Alba [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .