4.2.2 Freagairt practaigeach
Tha adhbhair nas bunaitiche cuideachd aig daoine airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig – no a’ cur air dòigh gun ionnsaich an clann i – agus ’s e sin gu bheil grunn ann de chothroman-cosnaidh a-nise far a bheil comas a’ Ghàidhlig a bhruidhinn feumail no do-sheachaint.
Seo dithis a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig nan obair.
Sgeulachd Iain
‘'S ann à Uibhist a Deas a tha mi agus tha mi air fuireach an seo cha mhòr fad mo bheatha. Chaidh mo thogail a' bruidhinn Gàidhlig - tha e coltach, nuair a chaidh mi dhan sgoil, nach robh facal Beurla agam! Chaidh mi dhan oilthigh ann a Sruighlea agus ann an 2008 thug mi mach ceum ann an litreachas Beurla.
An-dràsta tha mi ag obair dhan BhBC mar fhear-naidheachd ann a sgìre Uibhist agus Bharraigh, a’ siubhal eadar na h-eileanan sin ag aithris naidheachdan an àite. Nuair nach eil mi ag obair, mar is trice tha mi trang air croitean an teaghlaich agam.’
Sgeulachd Sìne
‘Rugadh agus thogadh mi ann an Ceap Breatainn, Canada. Bha Gàidhlig agam fhìn agus mo thriùir bhràithrean ag èirigh suas. Thàinig mi a dh’Alba ann an 1998 agus rinn mi ceum ann an Sabhal Mòr Ostaig. Thrèan mi mar thidsear agus tha mi a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd. Tha mi fhìn agus an duine agam a’ fuireach ann an Inbhir Nis agus tha nighean bheag againn.’