4.3.2 Na Nàiseanan Aonaichte
Ghabh na Nàiseanan Aonaichte, aig an 92amh làn-choinneamh air 18 Dùbhlachd 1992 ri ‘Aithris air Còirichean dhaoine a bhuineas don bheag-chuid a thaobh Nàisean, Cultar, Creideamh no Cànan’. Tha Earrann 1 ag iarraidh:
- gun dìon Stàitean neo-eisimeileachd bhuidhnean a tha sa bheag-chuid a thaobh nàisean, cultar, creideamh no cànan anns na dùthchannan aca agus gun cruthaich iad suidhichidhean a bhios taiceil dhaibh
- gun cuir Stàitean laghan agus riaghailtean an gnìomh le sin san amharc.