Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

4.3.3 Cairt Eòrpach nam Mion-chànan

Tha Artaigil 22 de Chairt Eòrpach nan Còirichean Bunaiteach ag innse gu bheil: ‘An t-Aonadh a’ cur luach air diofar chultaran, chreideamhan agus chànanan.’

Tha seo air a mhìneachadh nas soilleire ann an Cairt Eòrpach nam Mion-chànan, ris an do ghabh Comhairle na h-Eòrpa ann an 1992 mar mheadhan air cànanan dùthchasach air feadh na Roinn Eòrpa a bhrosnachadh agus ath-bheothachadh.

Dh’aontaich Riaghaltas na RA ri Cairt Eòrpach nam Mion-chànan ann an 2000 agus chaidh seo a dhaingneachadh le Pàrlamaid na RA ann an 2001. Bidh Comataidh Eòlaichean Comhairle na h-Eòrpa a’ tadhal gu cunbhalach air rìoghachdan a dh’aontaich ris a’ Chairt gus dearbhadh gu bheileas ga coileanadh.