4.4.2 Bàrd dà-chànanach
Ged nach eil Aonghas MacNeacail a’ cleachdadh ach an riochd Gàidhlig de ainm, tha e cliùiteach airson a bhàrdachd san dà chànan.
Tha grunn luchd-naidheachd, actaran agus craoladairean a’ dèanamh an aon rud, rud a tha a’ toirt dhaibh barrachd chothroman cosnaidh.

Figear 30 Aonghas MacNeacail
Seo an dàn aig Aonghas air Marilyn Monroe, san dà chànan. Gheibhear làrach-lìn Aonghais aig: www.aonghasmacneacail.co.uk/ cv.htm [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]
òr 'na do ghruaig | gold in your hair |
òr ann an ìnean do chas | gold in the nails on your feet |
òr ann an ruisg chadalach do shùilean beò | gold in the sleepy lids of your living eyes |
òr 'na do ghruaidhean, 'nam fathann athaidh | gold in your cheeks, in their rumour of a blush |
òr ruadh do bhilean | red gold of your lips |
òr sa ghualainn mhìn àrd a' fasgadh do smig | gold in the raised shoulder that shelters your chin |
òr anns a' bhroilleach ghealltanachd | gold in your breasts, their promise |
paisgte 'na bhad | enfolded in wisps |
òr 'na do chneas seang, air miadan do chruachan | gold in your slender waist, on the meadows of your hip |
ann an lùb nan sliasaid is | in the curve of thigh and |
air glùin nan dìomhaireachd | on your knee of mysteries |
rinn d' adhbrainn òrach | your golden ankle gave |
dannsa caol | slim dances |
do gach sùil a shealladh | that any eye could see |
airgead-beò 'na do chuislean | quicksilver in your veins |
airgead-beò 'na do chridhe | quicksilver in your heart |
airgead-beò gu na h-iomaill | quicksilver to every corner |
dhe d' anam | of your soul |
agus d' osnadh, do ghàire | and your sighs, your laugh |
do ghuth-seinn, do ghuth-labhairt | your singing, your speech |
mar bhraoin de dh'òr | like a mist of gold |
agus do gach fear a chùm | and to every man who kept you |
air lios leaghteach nan dealbh thu | on the screen's dissolving field |
òr, o | gold, from |
bhàrr calgach do chlaiginn gu | the maned top of your skull |
buinn rùisgte do chas | to the bare soles of your feet |
òr, òr, òr, | gold, gold, gold, |
beò no marbh | alive or dead |
their cuid nach robh thu cho cùbhraidh | some say you weren't so fragrant |
's iad a' deothal an t-sùigh | as they suck the substance |
à spòran suilt òrach do bhèin | from the fertile purse of your skin |
òr, òr , òr | gold, gold, gold |