5.2 A’ Ghàidhlig – beagan mu na bunaitean
5.2.1 Gràmar na Gàidhlig, blasad
Tha a’ Ghàidhlig na pàirt den teaghlach chànanan Indo-Eòrpach agus mar sin tha càirdeas fad-às aice ri cànanan mar Beurla agus Fraingis, mar a tha ainmean nan àireamhan 1-3 a’ sealltainn.
Gàidhlig | Eadailtis | Fraingis | Dànais | Beurla | |
1 | aon | uno | un | een | one |
2 | dà | due | deux | to | two |
3 | trì | tre | trois | tre | three |
Tha an càirdeas seo a’ ciallachadh gu bheil gràmar na Gàidhlig coltach ri gràmar nan cànanan eile sin ann an cuid a dhòighean ach eadar-dhealaichte bhuapa ann an dòighean eile. Mar eisimpleir, tha am buadhair mar as trice às dèidh an ainmeir sa Ghàidhlig – mar a tha ann am Fraingis – ach tha e an rathad eile sa Bheurla. Sin as coireach gu bheil an cuideam air an lide mu dheireadh ann an ainmean-àite mar ‘Glenmore’ – ‘An Gleann Mòr’.
Seo mar a tha seantans shìmplidh Ghàidhlig air a cur ri chèile.
Tha mi a’ sgrìobhadh litir.
Notaichean:
*1 | *2 | *3 | *4 |
Tha | mi | a’ sgrìobhadh | litir. |
- *1 Tha ‘tha’ co-ionnan ri ‘am’ sa Bheurla ach, ged a chanas sinn ‘I am’, ‘you are’, ‘he is’, ’s e ‘tha’ a tha an-còmhnaidh sa Ghàidhlig, i.e.: ‘tha mi’, ‘tha thu’, ‘tha e’
- *2 Tha na faclan ann an òrdugh eadar-dhealaichte sa Ghàidhlig, le ‘tha’ ro ‘mi’
- *3 ‘A’ sgrìobhadh’ = ‘writing’: smaoinich air ‘scribe’ no ‘scribble’
- *4 ‘Litir’ = ‘a letter’: Chan eil leithid ‘a’ no ‘an’ anns a’ Ghàidhlig.