5.3.3 Faclan-iasaid Ghàidhlig sa Bheurla
Tha a h-uile cànan a’ gabhail a-steach faclan à cànanan eile. Tha tòrr fhaclan sa Ghàidhlig a thàinig on Bheurla ach tha beagan ann a chaidh an rathad eile. Seo cuid aca. Tha an fheadhainn seo a’ buntainn ri cruth na tìre ann an Alba:
- ben (beinn)
- brae (bràigh)
- corry (coire)
- glen (gleann)
- loch (loch).
Seo faclan a’ buntainn ri cultar na Gàidhlig:
- caber (bho ‘cabar’).
- ceilidh
- clan (bho ‘clann’)
- galore (‘gu leòr’)
- slogan (bho ‘sluagh-ghairm’)
- sporran (sporan)
- whisky (bho ‘uisge-beatha’)
Bidh na h-eisimpleirean seo air an toirt seachad uaireannan ach chan eil e idir cinnteach gur ann on Ghàidhlig a thàinig iad:
- grotty (bho ‘grod’)
- smashing (bho ’S math sin)
- shoot (bho siuthad)
- twig (bho tuig)!