5.4.1 Inbhich
’S e bhith ga togail san dachaigh agus ga cleachdadh sa choimhearsnachd an dòigh as cumanta, agus as fheàrr, air cànan ionnsachadh. Tha seo a’ tachairt fhathast leis a’ Ghàidhlig ach chan eil uimhir is a bha uaireigin.
Tha na dòighean eile air cànanan ionnsachadh de dhà sheòrsa:
- ionnsachadh, mar as trice ann an àrd-sgoil no sgoil-oidhche, far a bheil an cuideam air cruth a’ chànain, i.e. air gràmar
- ionnsachadh sa bheil an cuideam air brìgh, no co-luadar, i.e. far a bheil an luchd-ionnsachaidh a’ togail a’ chànain tro bhith ga cleachdadh, mar eisimpleir ann am foghlam-bogaidh leithid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha aonta ann gur e an dara dòigh dhiubh sin as fheàrr, agus as luaithe, a bheir luchd-ionnsachaidh gu bhith comasach air conaltradh sa chànan – on a tha am ‘bogadh’ a’ cruthachadh iarrtas làidir gus sin a dhèanamh – ach nach eil an-còmhnaidh eòlas math aca air a’ ghràmar.
Tha an dòigh ionnsachaidh eile èifeachdach cuideachd, gu h-àraidh le luchd-ionnsachaidh le alt airson cànanan, ach tha e toirt nas fhaide tighinn gu fileantachd leis an dòigh sin – agus tha tòrr a’ fàgail mus ruig iad an ìre sin.
’S ann tro chlasaichean-oidhche, mu dhà uair a thìde a dh’fhaid agus a’ ruith fad seachdainean a’ gheamhraidh, as àbhaist inbhich tòiseachadh ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha diofar dhòighean-teagaisg ri fhaighinn sna clasaichean sin ach mar as trice tha an cuideam air ‘structar’ a’ chànain. Faodaidh iad a bhith stèidhte air leabhar no prògram telebhisein no, uaireannan, a bhith air an dealbh leis an neach-teagaisg fhèin a dh’aon ghnothaich airson nan oileanach aige.
Tha cùrsaichean goirid coltach ri sin ach gu bheil iad a’ tachairt thairis air seachdain no dhà, le clasaichean a’ dol fad an latha mar as trice: glè thric bidh na h-oileanaich a’ fuireach còmhla agus tha seo a’ toirt dhaibh cothrom a’ chànan a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas.
Tha cuideachd làraich-lìn ann tro faod daoine a’ chànan ionnsachadh air-loidhne: gheibhear cunntasan orrasan san ath earrann.
’S e dòigh mhath a tha ann an clasaichean-oidhche, cùrsaichean goirid agus cùrsaichean air-loidhne airson tòiseachadh ag ionnsachadh na Gàidhlig on a tha iad a’ dol mar as trice aig astar cofhurtail, le tòrr taic agus glè thric le cothrom ionnsachadh mu chultar na Gàidhlig agus coinneachadh ri daoine ùra. Chan eil iad cho math, ge-tà, air luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantachd ann an ùine ghoirid.
Airson inbhich aig a bheil greim mu thràth air bunaitean a’ chànain, no a tha ag iarraidh ionnsachadh aig astar nas luaithe nan àbhaist, tha a’ chùrsa ‘Ùlpan’ a tha air tighinn am bàrr o chionn greise a’ tabhann slighe eile gu fileantachd. Tha Ùlpan stèidhte air dòigh-teagaisg a thòisich ann an Israel le Eabhrais agus a chaidh a leasachadh sa Chuimrigh. Tha structar leantainneach air a’ chùrsa agus tha an cuideam air còmhradh. Tha 200 aonad sa chùrsa, a dh’fhaodar a dhèanamh ann an diofar riochdan, mar eisimpleir dà thuras san t-seachdain thairis air 3 bliadhna no barrachd chlasaichean ann an ùine ghoirid, rud a leigeadh leis a’ chùrsa a bhith dèante an taobh a-staigh 10 seachdainean. Dh’fhaoidte cuideachd an dà dhòigh-obrach sin a chur còmhla, leis an neach-ionnsachaidh a’ dol gu dà chlas san t-seachdain airson greis ach, o àm gu àm, a’ gabhail cùrsa dhian airson ùine ghoirid. ’S e amas Ùlpan an neach-ionnsachaidh a thoirt, ceum air cheum, gu bhith fileanta sa Ghàidhlig aig crìoch na cùrsa.
Gheibhear fiosrachadh mu na cùrsaichean seo, agus cunntas air dè tha dol na do sgìre-sa, o Chomunn an Luchd-Ionnsachaidh, Clì Gàidhlig [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .
Tha BBC Alba a’ ruith diofar làrach-lìn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig diofar aoisean agus ìrean. Gheibhear liosta an seo.
Tha na goireasan a leanas do luchd-ionnsachaidh air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd:
- fiosrachadh mun Ghàidhlig
- abairtean a ghabhas cleachdadh ann an diofar suidhichidhean:
Gheibhear liosta de fhaclan agus abairtean a dh’fhaodas pàrantan a chleachdadh ri clann an seo.
Tha ‘Cùrsa Inntrigidh’ Sabhal Mòr Ostaig air a dealbh airson oileanaich ullachadh airson nan cùrsaichean aca ach faodaidh daoine eile an cùrsa a ghabhail cuideachd. Airson tuilleadh fiosrachadh, cliog an seo.
Tha inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig air feadh Alba – agus thall thairis cuideachd. Glè thric bidh luchd-ionnsachaidh a’ cur bhuidhnean-taice no cearcaill-còmhraidh air chois dhaibh fhèin. Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal mu làraich-lìn trì dhiubh sin – ann am Fìobh, Glaschu agus Astràilia.
’S e Cearcall Còmhraidh Fìobha lìonradh de inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am Fìobh. Bidh iad a’ coinneachadh agus a’ cur thachartasan air chois tric air feadh na sgìre sin. Chithear an làrach-lìn tlachdmhor aca an seo.
’S e Meetup Gàidhlig Ghlaschu buidheann den aon sheòrsa ann an Glaschu. Tha na pìosan seo a chaidh a thogail on làrach-lìn aca - ag innse beachdan cuid anns a’ bhuidheann:
Dè tha buill ag ràdh?
‘A bunch of lovely people who made me feel very welcome!’
‘ It is a very friendly, informal group. Everyone is accepted no matter what level their Gaelic is and it helps gain confidence in speaking. ’
Agus mu dheireadh, seo buidheann luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann an Astràilia.