6 Cultar nan Gàidheal: maoin nàiseanta
6.1 Ealain na Gàidhealtachd
Chan eil mòran againn ann an sgrìobhadh mu eachdraidh nan ealain dhealbhach air a’ Ghàidhealtachd, ged a tha eachdraidh chudromach aca. ’S e call a tha an sin oir tha an inbhe a tha air a thoirt do dhualchas lèirsinneach sluaigh, gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh, a’ toirt buaidh air mar a tha an saoghal a’ faicinn chultaran agus mar a tha na cultaran gam faicinn fhèin8.
Tha rudan leithid Leabhar Dhurrow agus Leabhar Cheanannais (no ‘Kells’) ainmeil gun teagamh. Ach a bharrachd air na làmh-sgrìobhainnea sin, a chuireadh ri chèile ann an Eilean Ì, thug a’ Ghàidhealtachd dhuinn cuideachd Leabhar Dhèir (Leabhar de na Soisgeil ann an Laideann on 10amh linn a thàinig á Seann Dèir ann an Siorrachd Obar Dheathain) agus an Leabhar Shalm Cheilteach on 10amh agus an 11amh linn (anns a bheil na sailm Laideann air an sgrìobhadh le làimh, le dealbhan). Agus anns na 14amh, 15amh agus 16amh linntean tha obair snaidheadaireachd mhìorbhaileach againn ann an cloich ànn an stoidhle na Gàidhealtachd an Iar o am Tighearnan nan Eilean.
’S e ar-a-mach nan Seumasach a bu choireach gun deach toirmeasg a chur air an tartan, eisimpleir de ealain shònraichte a chaidh a chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd ach a chaidh a reic ris an t-saoghal gun mòran buannachd dhan Ghàidhealtachd fhèin.
Ach tha e cudromach ann an ealain na Gàidhealtachd, leithid obair peantair Clann Ghrannd san 18amh linn, Richard Waitt, no obair luchd-dhealbh leithid John Blake McDonald (1829-1901) san 19amh linn. Air a’ chiad sealladh ’s dòcha gun saoilear nach eil ann an Glencoe 1692 aig an Dòmhnallach ach dealbh airson taic a chur ri eachdraidh no litreachas. Ach nuair a chuimhnichear gun deach a pheantadh ann an 1879, àm Strì an Fhearainn a thàinig gu ceann le Achd nan Croitearan an 1886 (a thug còirichean fearainn do chroitearan), chithear gur ann a tha e ag ath-bheothachadh dhuinn àm cudromach eile ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha an dealbh mar sin a’ dèiligeadh ri poilitigs an ama a’ cheart cho cinnteach is a tha an dealbh air imrich, Lochaber No More, a rinn John Watson Nicol (1856-1926) ceithir bliadhna às dèidh sin.
Tha e inntinneach gur e neach-ealain le Gàidhlig à Ceann Tìre, Uilleam Mac an t-Sagairt (1835-1910), a bharrachd air duine sam bith, a stèidhich bunaitean ealan Albannach an latha an-diugh. Tha astar mòr eadar an stoidhle ùr-nodha aig Mac an t-Sagairt agus an dealbh àbhaisteach a gheibhte den Ghàidhealtachd..
Ann an 1911 sheall an neach-ionnsachaidh Gàidhlig iomraiteach sin, Èideard Dwelly (a rugadh faisg air Arundel ann an 1864), anns an obair ainmeil aige, Faclair Gàidhlig le dealbhan, gun robh e mothachail air dualchas ealain na Gàidhealtachd. Chuidich fear-dhealbh à Steòrnabhagh, Calum Dòmhnallach, Dwelly a’ dèanamh nan dealbhan airson an fhaclair. B’ esan fear den a’ chiad luchd-ealain ionnsaichte a thàinig às na h-Eileanan Siar. Bha e na oileanach ann an Sgoil Ealain Ghlaschu agus an École des Beaux-Artes ann am Paris. Rinn e grunn de dhealbhan math de Leòdhas agus de bhàtaichean-siùil.
Mun àm sin bha cuid de luchd-dhealbh na 19amh linn mar Anndra Gibb agus Seumas Drummond air croisean àrda Eilean Ì agus Ìle agus obair eile ann an stoidhle snaidheadaireachd na Gàidhealtachd an Iar a chlàradh9. A’ leantainn air seo, thàinig ath-bheothachadh mòr air Ealain Cheilteach. ’S e fear de leabhraichean mòra an Ath-bheothachaidh Cheiltich – agus gu dearbh a’ Ghluasad ‘Arts and Crafts’ – an cruinneachadh bàrdachd agus beul-aithris, Carmina Gadelica, a dheasaich agus a dh’eadar-theangaich Alasdair MacGilleMhìcheil agus a chaidh fhoillseachadh ann an 1900.
Tha àite cudromach aig a’ chiad chlò-bhualadh den leabhar seo ann an eachdraidh nan ealain dhealbhach Ghàidhlig. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ cur an cèill feallsanachd ealain an ama sin aig ìre àrd ach tha e cuideachd a’ dol air ais còrr is mìle bliadhna chun na seann Ghàidhealtachd, mar eisimpleir gu Leabhar Dhèir. B’ e bean Alasdair MhicGilleMhìcheil, Màiri, a rinn na dealbhan10. Bha buaidh aig Carmina Gadelica air duilleag-aghaidh a’ chiad chlò-bhualadh den fhaclair aig Dwelly, a’ sealltainn gu bheil ceangal ealain cho math ri ceangal cànain eadar an dà leabhar11.
Mar sin, mu thoiseach an 20amh linn bha a h-uile coltas gum fàsadh na h-ealain dhealbhach gu bhith nam pàirt chudromach de chultar na Gàidhlig san fharsaingeachd. Carson nach do thachair sin, co-dhiù ann an dòigh leantainneach?
’S e aon adhbhar airson sin gun do chailleadh uimhir de shluagh na Gàidhealtachd san t-seòrsa imrich a dhealbhaich Uilleam Mac an t-Sagairt cho drùidhteach ann an Sailing of the Emigrant Ship, a pheant e ann an 1895.
Cuideachd aig an àm sin, aig deireadh na 19amh linn, bha buaidh Achd Foghlaim 1872 air tòiseachadh ga faireachdainn. ’S e an teachdaireachd ann am foghlam nach robh feum sam bith sa Ghàidhlig mar chànan agus, mar sin, nach robh feum ann an dualchas nan ealain Ghàidhlig nas mò.
Tha buaidh air a bhith aig dealbhan Mhic an t-Sagairt air luchd-dhealbh an latha an-diugh mar Will MaclIleathain, gu h-àraidh a thaobh an dòigh a tha iad sin a’ dèiligeadh ri cuspairean mar seilbh air an talamh. Tha na càirn-cuimhneachaidh aig MacIlleathain ann am Baile Ailein, Aiginis agus Griais ann an Leòdhas nan eisimpleirean math air seo.
Tha buaidh làidir air a bhith aig bàrdachd Ghàidhlig air luchd-ealain cuideachd. Ann an 2002 thug An Leabhar Mòr / The Great Book of Gaelic [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] còmhla dealbhan a rinn 100 luchd-ealain à Alba agus Èirinn fo bhuaidh bàrdachd Ghàidhlig. Bha seo a’ gabhail a-steach Will MacIlleathain ag obair comhla ri Aonghas MacNeacail, Mhairi Killin le Meg Bateman, Kate Whiteford a’ toirt beò faclan Mhurchaidh MhicPhàrlain, Flòraidh NicCoinnich le faclan Ruaraidh MhicThòmais, Elizabeth Ogilvie ag obair le òran a rinn bana-bhàrd na 17amh linn, Màiri nighean Alasdair Ruaidh, agus Calum Aonghas MacAoidh a’ sgrùdadh bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin. Thàinig taisbeanadh-siubhail eadar-nàiseanta a-mach às a phròiseact seo aig Pròiseact Nan Ealan a chùm a’ dol deich bliadhna às dèidh dha bhith air a chur ri chèile an toiseach.
Bu chòir a ràdh cuideachd gu bheil am prògram Luchd-ealain air Muinntireas a chuireadh air chois aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2007 air a bhith glè chudromach, gu h-àraidh air sgàth obair Gill Russell agus Eoghan Mac Colla. Bha taisbeanadh a’ tarraing aire as ùr gu ealain na Gàidhealtachd air a chumail ann an Ionad Ealain Dhùn Èideann bho Samhain 2010 gu Màrt 2011 a bha e a’ gabhail a-steach cuid den luchd-ealain a ghabh pàirt san Leabhar Mhòr, nam measg – a bharrachd air an fheadhainn a chaidh ainmeachadh roimhe – Eilidh Macalister, Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn, Dòmhnall Urchadan, Tormod Seathach agus Frances Walker.
Am measg nan taisbeanaidhean a bha ann ron a seo bha As an Fhearann / From the Land: Clearance, Conflict and Crofting (1986) agus Togail Tìr / Marking Time: The Map of the Western Isles (1989), agus an taisbeanadh Calanais ann an 1995, beachdan luchd-ealain an latha an-diugh air làrach arc-eòlais cliùiteach Gàidhealach.
Am measg na h-obrach a rinneadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha an cruth-umha cudromach, Crannghal, a chaidh a dhealbh le Will MacIlleathain agus Artair Watson agus a chaidh a chur suas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2006. Tha an cruth bàta a tha air a’ sealltainn mar a bha fiosrachadh a’ gluasad air feadh na Gàidhealtachd; chan eil coltas ‘crìochnaichte’ air, rud a tha ag innse nach eil an obair sin fhathast ullamh. Tha ceistean cànain agus talmhainn air an snìomh na chèile anns a leithid sin de ealain. Tha na gnothaichean sin air am faicinn mar chuspairean cudromach air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh bho shealladh na h-àrainneachd. Tha e ceart a ràdh mar sin gu bheil ealain dhealbhach Gàidhealtachd Alba a’ dèiligeadh ri ceistean a tha cudromach aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.