Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

6.2 Ceòl agus Òrain

Chan eil crìoch air an fhuaim ris an can sinn ‘ceòl Gàidhlig’, biodh sin na cheòl rock no pop agus rap, bho òrain luaidh gu puirt-a-beul, bhon chlàrsaich gu na pìoban (beag agus mòr), seinn nan salm agus opara.

Anns an fharsaingeachd, bidh ceòl is òrain Ghàidhlig air an roinn eadar ‘traidiseanta’ agus ‘measail’ agus tha grunn roinnean a bharrachd air sin, mar eisimpleir na sailm agus òrain luaidh a tha a’ comharrachadh na Gàidhlig mar chànan le taghadh farsaing de ghnè agus stoidhle.

Tha beul-aithris làidir anns an dualchas agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil dreach gu math pearsanta ga chur air òrain agus iad a’ sìor atharrachadh. ’S e gnothach caran ùr a th’ ann a bhith a’ sgrìobhadh fuinn.

Tha òrain luaidh furasta an aithneachadh le sèist, fuaimean is faclan, agus a-rithist faclan a-mhàin. Bhiodh na h-òrain sin gan cleachdadh mar dhòigh air ìmpidh na h-obrach a’ lughdachadh agus boireannaich a’ luadh.

Figear 42 Banal luaidh à Uibhist a Deas.

Cliog an seo [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] airson òran luaidh a chluinntinn.

A’ cur a-mach na loidhne

Tha seinn nan salm gu math eadar-dhealaichte. ‘S e dòigh gu math àraid a th’ ann air a bhith a’ co-sheinn nan salm. Bidh aon neach a’ cur a-mach na loidhne, agus an coitheanal ga leantainn, a’ togail air gach loidhne.

Tha luchd-ciùil air dreach ùr a chur air an dòigh seinn seo. Chaidh grunn eisimpleirean a chlàradh beò gun deisealachadh, a’ foillseachadh an dòigh seinn air feadh an t-saoghail. Chaidh a ràdh gur e seo ‘an aon cheòl eaglaise ann am Breatainn le tomhas de dh’anam’.

Èist ri Salm 72, air fonn Steòrnabhagh, le Aonghas Dòmhnallach a’ togail an fhuinn as an Eaglais Shaor, Steòrnabhagh an 1969.

Download this audio clip.Audio player: Seinn nan salm
Seinn nan salm
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ceòl ionnsramaid

Tha trì ionnsramaidean ciùil a tha cudromach ann an dualchas nan Gàidheal – a’ chlàrsach, am fidheall agus a’ phìob. Tha fèill às-ùr orra air fad agus ginealach ùr a’ ceasnachadh nan cleachdaidhean àbhaisteach agus eachdraidheil, ach aig an aon àm gan dearbhadh fhèin dìleas dhan dualchas.

Cliog an seo airson ceòl na clàrsaich a chluinntinn air a chluich le Wendy Stiùbhart air an CD aice About Time.

Tha dlùth cheangal eadar seinn Ghàidhlig agus pìobaireachd nach gabh briseadh. Tha dà sheòrsa pìobaireachd ann sa chumantas - ceòl mòr, an ceòl clasaigeach air a bheil ‘pibroch’; agus an uair sin ceòl beag – bho chaismeachd gu puirt airson dannsa leithid dannsa dùbailte, ruidhlichean, siogaichean agus dannsaichean mara.

Tha Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, àrd-ionad na h-ionnsramaid agus ceòl na pìoba, stèidhichte ann an Glaschu, faisg air Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Alba.

Tha mòran ghoireasan anns an ionad phìobaireachd eadar seòmraichean cluiche, talla mòr, ionad eachdraidh, leabharlann agus taigh-òsta agus goireasan co-labhairt. Tha am Prionnsa Teàrlach na Neach-taice. Faodar èisteachd ri ceòl na pìoba air an làrach-lìn aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd.

An cèilidh – dachaigh nan òran agus ceòl Gàidhlig

Far am bi cruinneachadh sam bith de Ghàidheil, bidh cèilidh, no cruinneachadh le òrain is ceòl na theis-mheadhain. Faodaidh an cèilidh a bhith foirmeil no neo-fhoirmeil, na chruinneachadh de charaidean ag innse sgeulachdan agus a’ gabhail òrain.

’S e am fasan anns an latha an-diugh gum bi dannsa an lùib cèilidh ann an suidheachadh foirmeil gu math tric. Tha cèilidhean fhathast cudromach ge-tà anns a’ choimhearsnachd mar dhòigh air a bhith an co-luadar ri caraidean agus cumail suas ri gnothaichean an latha.

Gu ìre mhòir tha ‘cèilidh’ air atharrachadh gu bhith na ‘chonsairt’ agus tha iad gu math tric aig cridhe tachartasan is fèisean mòra mar na Co-chruinneachaidhean Ceilteach ann an Glaschu gach Faoilleach, Fèis Innse Gall anns na h-Eileanan an Iar agus Fèis Eadar-nàiseanta nan Dathan Ceilteach ann an Ceap Breatainn.

Airson tuilleadh fiosrachaidh:

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

‘S e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail fèis òrain, cultar agus ealain nan Gàidheal, a tha ga chumail gach bliadhna coltach ris an Eisteddfod anns a’ Chuimrigh. Tha An Comunn Gàidhealach a’ stiùireadh a’ Mhòid anns a bheil farpaisean agus iomall gu math beòthail taobh ri taobh.

Chaidh am Mòd a chumail airson a’ chiad uair ann an 1892 anns an Òban agus tha inbhe is cliù aige fhathast mar phrìomh thachartas cultarail na Gàidhlig.

Èist ri clàraidhean bho na Mòdan an seo.

Fèisean nan Gàidheal

‘S e ‘fèis’ facal eile ann an Gàidhlig airson cuirm no fleadh. Tha am facal a-nis air a cheangal gu dlùth ri buidheann leis an aon ainm a tha a’ cur air dòigh tachartasan fon bhratach ‘Fèisean’, far am bi òigridh a’ tighinn còmhla a dh’ionnsachadh mun Ghàidhlig agus mu cheòl gu h-àraidh.

Tha òigridh a’ faighinn cothrom aig na Fèisean sgilean dràma, dannsa agus seinn traidiseanta ionnsachadh no a thoirt air adhart agus tha cothroman ann raon farsaing de dh’ionnsramaidean a làimhseachadh.

Chaidh a’ chiad Fhèis a chumail air Eilean Bharraigh ann an 1981. Deich bliadhna an dèidh sin, ann an 1991, chaidh Comann Nàiseanta nam Fèisean Ealain Ghàidhlig airson òigridh a chur air bhonn. Tha timcheall air 50 tachartas nis gan cumail gach bliadhna air feadh Alba le mu 5,000 gam frithealadh.

Tha iomairt nam Fèisean air a mheas mar innleachd ealain cho èifeachdach ’s a th’ ann an Alba agus ’s ann tro na fèisean a tha uimhir de dh’ùrachadh air tighinn air a’ bheachd a th’ aig òigridh air feadh Alba gu h-àraidh air Gàidhlig, òrain agus ceòl.

Bliadhna nan Òran

Chomharraich BBC Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA 2010 mar Bliadhna nan Òran agus rè na bliadhna chaidh sreath de phrògraman iomraiteach co-cheangailte ri ceòl a chraoladh, le òran eadar-dhealaichte air a thaghadh gach latha.

Tron làrach-lìn www.bbc.co.uk/ oran tha cothrom ann èisteachd ri clàraidhean agus sealltainn ri bhidiothan de mhòran de na h-òrain a chaidh a chraoladh à tasglann Gàidhlig a’ BhBC. Tha còrr air 800 òran ann le na facail airson mòran dhiubh; tha cunntais-beatha iomadh seinneadair ann agus fiosrachadh mu chòrr air 300 bàrd.

Cruinneachaidhean

Chaidh am pròiseact Tobar an Dualchais/ Kist o Riches a stèidheachadh a ghlèidheil grunn mhiltean de dh’uairean a thìde de chlàradh òrain agus sgeulachdan ann an Gàidhlig agus Albais, agus an cur air-loidhne ann an riochd didsiteach.

Tha an làrach-lìn seo luma-làn de bheul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, dualchas, sgeulachdan agus fiosrachadh eile.

Chaidh a chruinneachadh bho na 1930an air feadh Alba agus thall thairis. Tha an stuth stèidhichte air na chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus an cruinneachadh aig Iain Latharna Caimbeul fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Eilean Chanaigh.

Am measg an stuth sin tha sgeulachdan a chaidh a chlàradh le Iain Latharna Caimbeul air uidheaman uacs ann an 1937 agus beul-aithris a chaidh a chruinneachadh le Calum MacIllEathainn anns na 1950an air feadh Alba; òrain an Albais a thog Hamish MacEanruig bho luchd-siubhail na dùthcha anns na 1960an agus clàraidhean le BBC Radio Nan Gaidheal.

Sàr luchd-ciùil na Gàidhlig

Tha cliù eadar-nàiseanta a-nis aig grunn sheinneadairean agus luchd-ciùil Gàidhlig. Tha iad air duaisean mòra a bhuinnig agus tha fèill mhòr orra air feadh an t-saoghail. Tha a’ bhana-sheinneadair Julie Fowlis agus an còmhlan Runrig nam measg.

Ghlac Julie Fowlis aire dhaoine agus luchd-leantainn ùra air feadh Bhreatainn nuair a choisinn i duaisean ciùil agus a nochd i aig fèisean air feadh Bhreatainn agus ann an Èireann.

Ged a chaidh a comhairleachadh gu làidir saoghal nas fharsainge de cheòl a leantainn, ghlèidh Julie a co-fhaireachdainn dhan dualchas aice fhèin.

’S ann anns a’ Ghàidhlig a tha i a’ seinn fad na h-ùine, a’ togail a misneachd agus a’ cruthachadh a saoghal air stòras de cheòl, eachdraidh agus cultar a dualchais fhèin.

Bhon fhuair i an duais mar Sheinneadair Dualchais na Bliadhna air BBC Radio 2 ann an 2008 bhon bhana-sheinneadair KT Tunstall, tha an Daily Telegraph air a ràdh gur fhaodadh gur i Julie Fowlis ‘a’ chiad shàr-sheinneadair Gàidhlig a thig am bàrr ann an saoghal na Beurla.’

Tha Julie Fowlis air mòran a dhèanamh ann an ùine ghoirid. Tha i air grunn dhuaisean a thogail, le cliù agus inbhe às-ùr dha-rèir.

Choisinn i an duais mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Clàr na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2007 agus ghlèidh i Clàr na Bliadhna a-rithist ann an 2010. Chaidh a h-ainmeachadh trì bliadhna sreath a chèile mar Sheinneadair Dualchais na Bliadhna air BBC Radio 2. ’S i a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a thog an duais iomraiteach seo nuair a fhuair i e ann an 2008. ’S i cuideachd a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a nochd air a’ phrògram ainmeil ciùil telebhisein 'Later…with Jools Holland,’ ann an 2007.

Chan eil duais a fhuair i a tha cho cudromach leatha fhèin ri urram ‘Tosgaire na Gàidhlig’, a fhuair i bho Phàrlamaid na h-Alba ann an 2008/9, a’ chiad neach a fhuair an duais.

Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Ceòl is Còmhlain

Tha an còmhlan rock Runrig, a chaidh a stèidheachadh ann an 1973 anns an Eilean Sgitheanach agus an còmhlan Capercaillie air barrachd a dhèanamh ann an saoghal a’ chiùil le Gàidhlig na buidhnean sam bith eile.

Chlàr Runrig barrachd air 15 clàr, agus bha a’ mhòr-chuid dhen stuth sin ann an Gàidhlig. Dh’fhoillsich iad cuideachd leabhar le 150 òran agus fiosrachadh eile mun eachdraidh aca fhèin ann an 2000.

Tha mòran dhen stuth aig Runrig air a tharraing à tobar àraid de làthaireachd, eachdraidh, poilitigs agus daoine a tha air am bonntachadh anns na h-Eileanan Siar.

Tha an luchd-leantainn aca rin lorg air feadh an t-saoghail bho Bhreatainn gu taic làidir anns an Danmharg agus anns a’ Ghearmailt, a bharrachd air àiteachan nas ‘Albannaiche’ mar Alba Nuadh.

Chluich Runrig a’ chiad chuirm riamh aca anns na Stàitean Aonaichte às leth a’ charthannais ‘Glasgow the Caring City’, air Giblean 4, 2006 aig Ionad Nokia ann an New York.

Opara ‘Hiort’

Chaidh ceòl Gàidhlig a chur air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta le Pròiseact nan Ealan, a tha a’ stiùireadh pròiseactan ealan Gàidhlig.

Dh’innis ‘Hiort’, a chaidh a dhealbh a dh’aona-ghnothach le ceòl bho Jean-Paul Dessy agus David Graham, agus sgeulachd le Iain Fionnlagh MacLeòid, mar a thachair do mhuinntir eileanan Hiort agus mar a bha iad a’ tighinn beò mas deach an toirt bho na h-eileanan ann an 1930.

Cheangail neart, co-fhaireachdainn agus ùidh dhaoine anns an sgeulachd seo Gàidhlig ri cultar na h-Eòrpa aig iomadh ìre agus chuir e cànan agus cultar na Gàidhlig air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta ann an suidheachadh fìor.

Le cead bho Phròiseact nan Ealan
Figear 43 Dealbh bhon opara Hiort

Bha an opara St Kilda: L’île des Hommes-Oiseaux air an àrd-ùrlar aig Theatre Fèis Dhùn Èideann, mar phrìomh thachartas aig an Fhèis Eadar-nàiseanta ann an 2009.

An toiseach, latha meadhan samhraidh 2007, chaidh an opara fhaicinn ann an còig àiteachan aig an aon àm – Steòrnabhagh an Alba, anns a’ Fhraing, anns an Ostair, anns a’ Bheilg agus anns a’ Ghearmailt. Bha dealbhan a’ tighinn beò à Hiort mar phàirt den opara as gach àite.

Faigh a-mach an tuilleadh air an làrach-lìn seo.

Gàidhlig agus clàir pop

‘S iongantach gun robh tachartas nas ainmeile le seinneadair Gàidhlig an lùib clàir òrain pop na an t-òran ‘Japanese Boy’ air a sheinn le Aneka ann an 1981 a ràinig àireamh 1. Thagh an seinneadair Màiri Sandeman an t-ainm bho leabhar fòn.

Sgaoil a h-ìomhaigh agus an riochd a ghabh i thuice fhèin ann an èideadh Iapanach gu mòr. Ach an dèidh a bhith a’ cuartachadh ann an saoghal pop a’ chiad ghreis, chuir Màiri (agus Aneka) an cùl ris agus choisinn i deagh chliù dhith fhèin na bana-sheinneadair air an àrd-ùrlar le òrain nas traidiseanta.

Figear 44 An còmhdach a bha air clàr Aneka, Japanese Boy, ann an 1981

Nuair a chlàr Runrig an dreach ainmeil a thug iad air an òran ‘Loch Lomond (Hampden Remix)’, a chuideachadh le Clann ann an Èis aig a’ BhBC, bha luchd-taic sgioba ball-coise eadar-nàiseanta na h-Alba (an t-Arm Tartan) agus an seinneadair ainmeil Rod Stiùbhart mar thaic aca.

Anns an t-samhradh 1995 rinn Runrig rud nach do rinneadh riamh roimhe le òran Gàidhlig. Thug iad an-t-òran, An Ubhal As Àirde, dhan phrìomh chlàr 20 am Breatainn.

Tha Runrig a-nis am measg an fheadhainn a chaidh a chur do Thalla Iomraiteach an Luchd-ciùil Traidiseanta, tro dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.

Tràth ann an 2011, dh’ fheuch còmhlan ùr ‘Mànran’, le òran ‘Latha math’ ri na h-uimhir eile a dhèanamh ’s a rinn Runrig. Chaidh leotha gu ìre, suas gu àireamh 61 anns a’ chlàr am Breatainn, a’ reic faisg air 5,500 clàr.

Fhuair an còmhlan gu àireamh 1 ann an clàr nan seinneadairean/sgrìobhaichean Breatannach agus thadhail daoine air an làrach-lìn aig a’ chòmhlan 55,000 turas an latha an dèidh dhaibh fhoillseachadh.

Ceòl Gàidhlig agus foghlam

Tha Roinn a’ dèiligeadh ri Ceol na h-Alba ann an Conservatoire Rìoghail an h-Alba agus ’s e seo an aon àite anns an t-saoghal far am faighear ceum le urram ann an ceòl traidiseanta Alba.

Gheibh oileanaich le tàlantan ann an ceòl cothroman trèanaidh farsaing a tha nan deagh bhunait airson a dhol air adhart gu ìre foghlaim eile, no airson ceòl a leantainn mar bhith-beò.

Tha ceum oilthighe ann am pìobaireachd ga thairgse an co-bhuinn ri Ionad na Pìobaireachd, aig a bheil seasamh is cliù eadar-nàiseanta mar phrìomh ionad-teagaisg na pìobaireachd.

Bha Màiri Anna NicUalraig na h-oileanach aig Conservatoire Rìoghail an h-Alba agus tha i nis am measg prìomh luchd-ciùil agus craolaidh am Breatainn. Tha i a’ fuireach ann a Loch Abar far a bheil stiùidio ciùil Watercolour aice fhèin agus a cèile.

An dèidh a foghlam ann an saoghal ciùil traidiseanta na h-Alba agus trèanadh clasaigeach, thug 15 bliadhna deug ag obair dhan BhBC eòlas is inbhe dhith ann an iomadach raon.

Tha saoghal ciùil Mhàiri Anna iomadh-fhillte, mar sheinneadair agus neach-ciùil, riochdaire, sgrìobhaiche agus neach-teagaisg. Choisinn i grunn dhuaisean ainmeil eadar-nàiseanta, nam measg Concours Internationale de l'Harpe Celtique agus an dà Bhonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta.

Mar chraoladair tha Màiri Anna air a bhith ag obair do BBC Radio Alba, BBC Radio 3, RTE agus BBC Radio nan Gàidheal. Tha i cuideachd air a bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman telebhisein air BBA Alba, BBC2, TG4 agus BBC4, prògraman sònraichte mu cheòl an t-saoghail agus ceòl traidiseanta ann an Alba agus Èireann.

Tha Seumas Greumach cuideachd air cliù a chosnadh dha fhèin mar shàr neach-ciùil an dèidh ceumnachadh à Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Buinidh e do dh’Asainte agus thòisich e a’ frithealadh farpaisean aig Mòdan nuair a bha e glè òg.

Tha e nis aig àrd a chomais mar phìobaire agus mar sheinneadair. Chaidh fhoghlam mu òrain Ghàidhlig le Kenna Chaimbeul, a tha am measg an fheadhainn as cudromaiche ann an saoghal na Gàidhlig a thaobh a bhith ag ionnsachadh sgilean seinn.

’S e Seumas a ghlèidh an duais mar Òganach Ciùil Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC ann an 2004, a’ chiad fhireannach agus a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a thog an duais.

Bhuinig e am Bonn Òir aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2007 agus bhon uair sin tha e air grunn CDan fhoillseachadh.

Tachartasan coimhearsnachd

’S e sgoil shamhraidh airson dannsa agus ceòl a th’ ann an Ceòlas far am faigh daoine sàr oideachadh ann am pìobaireachd, fìdhleireachd, seinn, danns ruidhlichean is eile, dannsa ceum agus a’ Ghàidhlig.

Tha Ceòlas stèidhichte ann am fìor choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas. Tha an sgoil shamhraidh a’ rannsachadh gach ceangal eadar ceòl traidiseanta na h-Alba, òrain Ghàidhlig agus dannsa, agus aig an aon àm a’ toirt cothrom do dhaoine toileachas fhaighinn asta aig cèilidhean agus nan dachaighean.

Ceòl na Gàidhlig a-nis ‘cool’

Ann an 1999, mar thoradh air a’ bheairteas de cheòl traidiseanta a chaidh a bhrosnachadh le na Fèisean agus buidhnean eile, chuir Comhairle na Gàidhealtachd air adhart plana airson Ionad Sàr-mhathais le àitichean-fuirich a stèidheachadh.

Chaidh leis a’ phlana agus chaidh an t-Ionad Sàr-mhathais Nàiseanta airson Ceòl Traidiseanta - Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd – air taobh siar Rois fhosgladh anns a’ Chèitein 2000 le taic airgid £500,000 bho Riaghaltas na h-Alba agus tuilleadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Bha e cudromach gur ann air an taobh an iar a chaidh a stèidheachadh. Tha sgìre a’ Phluic, air taobh an iar Rois, mu choinneamh an Eilein Sgitheanaich, an teis-mheadhain coimhearsnachd a th’ air a bhith taiceil do cheòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig bho chionn fhada.

Bha pròiseact a’ Phluic sònraichte am measg ionadan sàr-mhathais eile a chaidh a stèidheachadh aig an àm. Bha e ag amas air aon sheòrsa ciùil – ceòl traidiseanta. Bha aithne mar seo dhan cheòl na theisteanas air an dà chuid mar a bha fèill a-nis air, agus cuideachd mar a bhathas a’ cur luach air.

Fhuair an sgoil seachad air trioblaidean ionmhais ann an 2011 le taic a’ mhòr-shluaigh agus tha mòran dhen chloinn a chaidh troimhe a-nis air cliù a chosnadh dhaibh fhèin aig àrd-ìre ann an saoghal a’ chiùil gu proifeiseanta.