Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

6.4 Litreachas

6.4.1 Bàrdachd

Tha dualchas farsaing agus beairteach aig a’ Ghàidhlig a tha a’ dol air ais iomadh linn ach ’s ann san leth-cheud bliadhna mu dheireadh gu h-àraidh a tha litreachas na Gàidhlig air tighinn gu bhith air fhaicinn na phàirt chudromach de litreachas na h-Alba san fharsaingeachd.

Tha bàrdachd Ghàidhlig na 17amh linn nas cudromaiche airson an t-solais a tha i a’ cur air saoghal nan cinnidhean san t-seann Ghàidhealtachd na airson na bàrdachd fhèin. ’S e dàin molaidh do na cinn-feadhna a tha sa chuid mhòr dhi, bàrdachd ‘phoilitigeach’ ann an seadh.

Anns an 18amh linn thòisich a’ Ghàidhealtachd a’ fosgladh a-mach dhan t-saoghal mhòr mar thoradh air mar a bha foghlam a’ leudachadh agus siubhal a’ fàs nas fhasa (gu h-àraidh às dèidh Chùil Lodair). Thòisich dòigh-beatha ùr a’ tighinn gu bith a tha nas fhaisge air saoghal an latha an-diugh agus tha an t-ùrachadh seo ri fhaicinn cuideachd sa bhàrdachd, sa bheil stoidhlichean ùra agus raon fharsaing de chuspairean a’ nochdadh, leithid bàrdachd nàdair Dhonnchaidh Bhàin [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] , òrain gaoil Uilleim Rois agus aoirean a’ bhàird Chataich, Rob Donn.

Rannan às an eadar-theangachadh Bheurla aig Iain Mac a’ Ghobhainn air ‘Moladh Beinn Dòbhrainn’ le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.

Greadhainn bu gheal cèir,

Faghaid air an dèidh –

’S laghach leam an sreud

A bha sròineiseach.

…..

’S aigeannach fear eutrom

Gun mhòrchuis

Thèid fasanta na èideadh

Neo-spòrsail.

Tha mhantal uime fhèin,

Caithtiche nach trèig –

Bratach dhearg mar chèir

Bhiodh mar chòmhdach air.

This image of the deer as the nobility of the glens is from Iain Crichton Smith’s free translation of Donnchadh Bàn’s tour-de-force, ‘Praise of Ben Dòrain’.

Herds with white rumps race -

hunters in the chase.

O I love the grace

of these noble ones.

…..

Spirited and delicate

and shy,

in fashionable coat

he goes by

in mantle well arrayed,

suit that will not fade,

dress of waxen-red

that he's wearing now.

Chaidh gnothaichean caran sàmhach san 19amh linn – linn a chunnaic mòran bochdainn agus strì air a’ Ghàidhealtachd – ged a chùm dòighean-sgrìobhaidh bàird mhòra na 18amh linn a’ dol, tron linn seo agus suas gu ar latha-ne, ann am bàrdachd nam ‘bàrd-baile’ mar a theirear riutha (ged a bha sealladh nas fharsainge na sin aig cuid aca air an t-saoghal).

Thàinig ceum mòr ann an litreachas na Gàidhlig ann an 1943 nuair a chaidh leabhar tana de bhàrdachd fhoillseachadh a thug litreachas na Gàidhlig, ann an aon chruinn-leum, chun an aon ìre ri litreachas Bheurla an ama. Chaidh aig Somhairle MacGill-Eain, ùghdar Dàin do Eimhir, air a’ chuid a b’ fheàrr de dhualchas na Gàidhlig a chur an lùib na bha e air ionnsachadh à litreachas an t-saoghail agus air seòrsa bàrdachd tur ùr a chruthachadh sa Ghàidhlig. Agus rinn e seo le sùrd agus sunnd a thug buaidh air ginealaich de bhàird às a dhèidh.

Figear 48 Somhairle MacGill-eain

Bha dà sheòrsa dleastanais a’ strì ri chèile ann am mac-meanmna MhicGill-Eain mar bhàrd, dleastanas pearsanta gaoil is teaghlaich agus, air an làimh eile, an dleastanas poblach a bha air a riochdachadh dha le Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Tha an imcheist seo air fhighe gu sgileil an lùib chuspairean eile ann an Dàin do Eimhir gus sreath de dhàin a chruthachadh anns a bheil an dà chuid ealain agus faireachdainn aig sàr ìre.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu Shomhairle MacGill-eain agus a bhàrdachd cliog an seo.

Am measg nam bàrd Ghàidhlig eile a tha air cliù a chosnadh san leth mu dheireadh den 20amh linn agus san linn seo fhèin tha: Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a’ Ghobhainn, Aonghas Macneacail, Catriona NicGumaraid, Meg Bateman agus Maoilios Caimbeul.

Tha Ruaraidh MacThòmais air a bhith a’ sgrìobhadh bàrdachd Ghàidhlig fad còrr is trì fichead bliadhna, ag atharrachadh dhòighean-sgrìobhaidh agus chuspairean fad na h-ùine ach a’ gleidheadh nan sgilean a tha air ainm a chosnadh dha mar shàr bhàrd, ’s e sin:

  • eanchainn thùrail, doimhneachd faireachdainn agus comas na dhà fhilleadh na chèile
  • saor-rannaigheachd a tha cho ceòlmhor ris na seann òrain Ghàidhlig
  • cànan làidir, ghlan
  • geurad agus eirmseachd ann an cainnt agus smuain.

Chithear an eirmseachd sin san dàn a leanas.

Alba v. Argentina, 2/6/79

mìos às dèidh Taghadh na Pàrlamaid, 3/5/79

Glaschu a’ cur thairis

le gràdh dùthcha,

leòmhainn bheucach

air Sràid an Dòchais,

an Central

mùchte le breacan,

cop air Tartan bho mhoch gu dubh,

is mùn nam fineachan air a’ bhlàr;

iolach-catha a’ bàthadh bùrail nam busaichean –

Sco-o-t-land, Sco-o-t-land –

Alba chadalach,

mìos ro fhadalach.

Scotland v. Argentina, 2/6/79

a month after the General Election, 3/5/79

Glasgow erupting

with patriotism,

growling lions

on Hope Street,

the Central

choked with Tartan,

foaming from dawn to dusk,

and clansmen’s piss on the battlefield;

the battle-cry drowning the buses’ drone –

Sco-o-t-land, Sco-o-t-land –

sleepy Scotland,

a month late.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu Ruaraidh MacThòmais agus a bhàrdachd cliog an seo.

Tha eisimpleir de obair a’ ghinealaich a thàinig às dèidh MhicThòmais ri fhaicinn anns an dàn ‘Marilyn Monroe’ aig Aonghas MacNeacail a gheibhear ann an seo (‘Carson Gàidhlig?’).