6.4.2 Rosg agus Dràma
Nochd an sgeulachd-ghoirid, an nobhail agus an dealbh-chluich sa Ghàidhlig airson a’ chiad uair tràth san 20amh linn ach cha tàinig na dòighean-sgrìobhaidh sin gu ìre chun nan 1960/70an. Tha iad air a dhol o neart gu neart on uair sin, ge-tà, agus chanadh cuid a-nise gur e an sgeulachd-ghoirid a’ phrìomh mhodh-sgrìobhaidh Gàidhlig.
’S e Iain Mac a’ Ghobhainn agus Iain Moireach an dà sgrìobhaiche sgeulachadan-goirid as ainmeile, agus as motha a sgrìobh, sa Ghàidhlig. Tha sgeulachdan Mhic a’ Ghobhainn a’ gabhail a-steach raon fharsaing de chuspairean agus shuidhichidhean agus tha iad a’ sealltainn an ùidh a tha aige ann am breithneachadh air ceistean domhain agus, cuideachd, cho sgileil is a tha e, mar fhear a tha nas ainmeile mar bhàrd, air làimhseachadh ìomhaighean agus cànan.
Tha Iain Moireach anns na sgeulachdan aigesan a’ cur raon fharsaing de charactaran, shuidhichidhean agus phlotaichean inntinneach far comhair a bheir oirnn smaoineachadh agus tha e a’ gu h-àraidh sgileil air cleachdadh dhòighean-sgrìobhaidh eadar-dhealaichte agus air Ghàidhlig shiùbhlach, eirmseach a chur gu feum.
’S e Fionnlagh MacLeòid agus Pòl MacAonghais dà sgrìobhaiche dhealbh-chluichean Gàidhlig. ’S e MacAonghais as traidiseanta den dithis. Tha MacLeòid nas ainmeile airson dealbh-chluichean goirid, samhlachail, leithid ‘Ceann Cropic’ a chaidh a shealltainn air telebhisean an 1976, ach tha e cuideachd air dealbh-chluichean nas traidiseanta a sgrìobhadh mar an t-sreath chloinne ‘Na Balaich air Rònaidh’ a chaidh a chraobh-sgaoileadh air rèidio ann an 1968.
Tha sgrìobhaichean dràma air a bhith air am bacadh sa Ghàidhlig o chionn bhliadhnaichean le dìth cothrom an cuid obrach a shealltainn air stèids no tro na meadhanan agus tha e fìor mun sgeulachd-ghoirid cuideachd gu bheil sgrìobhaichean air a bhith air an cumail air ais bho sguir an t-iris ‘Gairm’ ann an 2002.
’S ann san fhichead bliadhna mu dheireadh a thàinig an nobhail gu ìre sa Ghàidhlig, gu ìre mhòr mar thoradh air an iomairt ‘Ùr-sgeul’ a chuireadh air chois le Comhairle nan Leabhraichean [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .

’S e An Oidhche mus do Sheòl i le Aonghas Phàdraig Caimbeul fear de na leabhraichean a thug Ùr-sgeul am follais. ’S e eachdraidh-teaghlaich a tha an seo a tha a’ leantainn seat de charactaran inntinneach tro shuidhichidhean mar na h-Eileanan, Glaschu agus an Spàinn ri linn a’ Chogaidh Shìobhalta. Tha sgrìobhadh làidir san leabhar, beachdan inntinneach agus dealbh mhionaideach air suidhichidhean eachdraidheil: ann am meudachd, tha e a’ toirt gu aire an ‘Great American Novel’ - le neart agus laigsean a’ mhodh-sgrìobhaidh sin.
Tha Catriona Lexy Chaimbeul nas òige, le dòigh-sgrìobhaidh nas aotruime ach tha ise cuideachd ar leth sgileil air cruthachadh charactaran agus phlotaichean agus tha dùil ri tòrr bhuaipe fhathast. Am measg nan sgrìobhaichean eile a nochd ann am prògram Ùr-sgeul tha: Màrtainn Mac an t-Saoir, Tormod Caimbeul agus Tormod MacIlleathain.