Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

6.5 Spors agus Cur-seachadan

Tha stòras prìseil de gheamaichean agus chur-seachadan ann an Alba, agus anns na sgìrean Gàidhealach cuideachd. Bha na geamaichean agus na cur-seachadan sin air leth cudromach ann am beatha dhaoine òga, an dà chuid ann am bailtean agus a-muigh air an dùthaich.

Agus bha spòrs agus cur-seachadan air leth cudromach do dh’òigridh mus tàinig rian is òrdugh air geamaichean aig deireadh an 19mh linn.

Gu math tric bha ceangal eadar spòrs is cur-seachadan agus amannan àraid dhen bhliadhna leithid na Bliadhn’ Ùire, Nollaig no làithean fèille eile. Bhiodh geamaichean turchairt nam measg, agus geamaichean le sgilean àraid, farpaisean agus geamaichean buinig no call.

Air uair nochdadh taibhsean no bana-bhuidsichean; bhiodh fàisneachd air suirghe is pòsadh ann, cur gheall, strì neairt is sgilean, cluichean bhall agus dannsa.

Bhiodh seinn tric na phàirt de na geamaichean le co-sheinn is bualadh bhasan, agus tha a h-uile coltas ann gu robh seo na bhunait airson gu leòr de na h-òrain is fuinn traidiseanta a th’ againn a-nis.

Chaidh grunn chruinneachaidhean agus leabhraichean fhoillseachadh le cunntas air an raon farsaing de gheamaichean agus chur-seachadan a bh’ ann. Tha buidhnean leithid Comann a’ Bheul-Aithris agus Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann air obair chudromach a dhèanamh a’ glèidheil agus a’ tasgadh an stòrais phrìseil seo, le diofar riochdan gheamaichean agus chleachdaidhean bho air feadh na dùthcha.

Tha mòran fiosrachaidh ri fhaotainn cuideachd mu gheamaichean agus chur-seachadan anns an 19mh linn ann an Cunntasan Àireamhachd na h-Alba.

Tha cunntasan air seann gheamaichean cuideachd ri fhaighinn aig Tobar an Dualchais [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .

Bogsa 6 Taghadh de chur-seachadan agus geamaichean

Cluich an taighe

Air a chluich le trì cearcaill 60 slat bho chèile; daoine a’ cruinneachadh an aon dhiubh; aon neach eile air an taobh a-muigh le ball. Tha an neach sin a’ feuchainn ris an fheadhainn eile a bhualadh leis a’ bhall nuair a tha iad a’ gluasad bho chearcall gu cearcall, gan comharrachadh mar ‘phrìosanach’.

Stracair

Gèam le buidhnean a’ feuchainn ri ball (ball-speil) a bhualadh le slacan agus a chur ann an toll anns an talamh.

Iomairt air a’ bhall

Tha seo ga chluich le ball ga chath ris a’ bhalla le ainm fa-leth air gach cluicheadair; an uair a thèid ainm a ghairm, feumaidh an neach sin feuchainn ris a’ bhall a ghlacadh mus buail e an talamh; ma dh’fhaillicheas sin air a’ chluicheadair tha aca an uairsin ri teiche gun leigeil leis a’ chluicheadair leis a’ bhall a bha a’ feuchainn air a’ bhalla am bualadh.

Iomairt air a’ gheata

Gèam eile le slacan no maide tiugh, dithis an aghaidh dithis. ’S e an t-amas maide beag a bhualadh agus a chur a-steach ann an ‘cailleach’ no toll; tha an dithis eile a’ dìon ‘a’ gheata’; thathas uaireannan a’ gabhail Cat agus Cù no Cat agus Slacan air a’ ghèam seo.

Iomairt air an Stainchear

Tha seo coltach ris a’ ghèam air a bheil ‘rounders’ no ‘bases’ ann am Beurla agus ma dh’fhaoidte gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon Bheurla stanchel, stanchion, no station, a’ ciallachadh ‘upright, support’. Tha an slacan air chumadh slacan criogaid agus am ball de shnàth air a thoinneamh timcheall air meadhan àrca.

Iomain

Am measg nan spòrs a thàinig gu ìre agus air an deach rian a chur anns an 19mh linn, ’s e iomain no camanachd, a bu chudromaiche do na Gàidheil.

Tha a h-uile coltas ann gun tàinig iomain a dh’Alba an toiseach còmhla ri Crìosdaidheachd agus Gàidhlig bho chionn 2,000 bliadhna, le na miseanaraidhean Èireannach. Rè ùine, thathas air a bhith a’ bualadh ball, no rudeigin coltach ris, feadh Bhreatainn gu lèir, bho fhaicheannan rèidh nan Crìochan, monaidhean fuar Siorrachd York agus Blackheath ann an Lunnainn, gu saoghal àrainneachd gharbh Eilean Hiort far an do thadhail Màrtainn Màrtainn agus e air a thuras èibheiseach timcheall air Innse Gall mu 1695.

‘They use for their diversions short clubs and balls of wood; the sand is a fair field for this sport and exercise in which they take great pleasure and are very nimble at it; they play for some eggs, fowls, hooks and tobacco; and so eager are they for victory that they strip themselves to their shirts to obtain it.’

Camanachd air feadh an t-saoghail

Tha camanachd cho sean ’s a ghabhas agus chan eil taobh phroifeiseanta air le daoine ga chluich gu saor-thoileach. Thathas a’ dèanamh ceangal eadar camanachd agus goilf (ged nach eil sin uile gu lèir buileach mionaideach) agus hocaidh air deigh.

Lorgar cuideachd camanachd ann an àiteachan iongantach leithid raointean Mhontevideo ann am meadhan an 19mh linn, agus Toronto agus Roinn na Mara air taobh an ear Chanada.

Chaidh a chluich aig àird na teasaich aig a’ Bhliadhn’ Ùir ann an Astràilia còrr is 150 bliadhna air ais agus ann an Cape Town ann an Afraga a Deas agus air raointean cogaidh na Roinn Eòrpa tron dà Chogadh Mhòr.

Anns an latha an-diugh, tha e fiù ’s ri lorg anns na Stàitean Aonaichte far a bheil ùidh anns a’ ghèam a’ fàs ann an cuid de cheàrnaidhean.

Figear 49 Iomradh air gèam iomain ann a’ Montevideo anns an Inverness Courier air 13 An t-Iuchair 1842

Tùs na camanachd

Chan eil teagamh nach robhas a’ cluich camanachd (no leis an fhìrinn dreach eile dhen ghèam ris an canar sin an-diugh) bho linn nam pàganach. Ann an Alba, ’s ann ann an Clàir Sheisein Eaglais Ghlaschu ann an 1589 as tràithe a lorgar cunntas air a’ chluich ris an canar an uairsin ‘schynnie.’ Tha am pios aig a bheil crois ag ràdh: ‘that nane be fund castand stanes with in the kirkis zardes, or playing at futeball, goff, carrick or schynnie’.

Figear 50 Tha a’ chiad iomradh sgrìobhte air iomain ri lorg ann an Cunntasan Seisean Eaglais Ghlaschu airson 1589

Ann an Leabhar Chomunn nam Fìor Ghàidheal, a chaidh fhoillseachadh ann an 1881 leis a’ Chomunn sin, thathas a’ dèanamh dheth gur e camanachd ‘gun teagamh an spòrs no cur-seachad Ceilteach as sine a ghabhas lorg….. bho thùs air chall ann an ceò na h-eachdraidh……agus chaidh a chluich le Noah e fhèin; agus ma chaidh, tha h-uile coltas gu robh Adhamh agus a mhic ris cuideachd.’

Figear 51 Camanachd mar a tha e air a dhealbh ann an Leabhar Chomunn nam Fìor Ghàidheal

Am facal ‘shinty’

Bu chòir ciall an fhacail ‘shinty’ a mhìneachadh. Thathas a’ cleachdadh iomain, agus an dèidh sin camanachd, ann an Gàidhlig, dà fhacal a tha a’ comharrachadh ‘driving’. Chan eil freumhan an fhacail ‘Shinty’ (no a leithid shindy, shinnie, shindig a tha cuideachd a’ nochdadh), idir cho soilleir. Tha a’ mhòr-chuid dhen bharail gur ann bhon fhacal Gàidhlig sìnteag, a’ ciallachadh cruinn-leum, ‘leap, bound’, a tha e. Tha shinnie, (timcheall air 1600) a-rèir coltais nas sine na shintie, a thàinig gu cleachdadh mu 100 bliadhna an dèidh sin.

Camanachd aig amannan fèille

Cha robh tachartas sam bith nas cudromaiche an co-cheangal ri àm na Bliadhn’ Ùire na Gèam na Camanachd. Gu math tric bhiodh baraille de dh’uisge-beatha mar dhuais. Bhiodh na farpaisean gan cluich eadar dà pharaiste no barrachd, agus cha bhiodh smachd sam bith air an àireamh a bhiodh a’ gabhail pàirt bho mhoch gu dubh.

Tha e ri aithris air uair gum biodh suas gu 2,000 an làthair. Chuireadh an t-uachdaran togsaid dhen stuth a b’ fheàrr air adhart mar dhuais.

’S ann ann am faclairean as motha a gheibhear a-mach eachdraidh agus sloinneadh na camanachd. Anns an fhaclair ainmeil aig Jamieson air a’ Chànan Albais, lorgar camanachd eadar Shinnock agus Shiolag.

Nas iongantaiche ge-tà, tha Faclair Dualchainnt Shasainn (EDD) a’ clàradh shinham ann an Ceann a Tuath Shasainn, shinnins agus shinnop ann an Siorrachd York, shinny agus shinty air feadh a’ chinn a tuath ann an Sasainn gu cunbhalach, agus cho fada deas ri Siorrachdan Lincoln, Nottingham agus Gloucester. Tha EDD ag innse gu robhas ri camanachd (shinty) ann an Cumberland cho anmoch ri 1888, nuair a chaidh càin a chur air dithis ghillean a bha ris a’ ghèaim air an t-sràid agus chaidh an treas fear ‘a shaoradh, an dèidh a chuipeadh le phàrant.’

Camanachd am measg a’ mhòr-shluaigh

Bha camanachd nas bitheanta na bhith dìreach mar dhòigh aig uachdaran air a bhith a’ dìoladh an cuid. Anns an iris The Penny Magazine, a chaidh fhoillseachadh le Comunn Sgaoilidh an Eòlais a tha Feumail, air Faoilleach 31, 1835, tha dealbh a tha gu math feumail agus fiosrachail airson suidheachadh na camanachd aig an àm a thuigsinn.

Camanachd thar Crìochan na h-Alba

Cha b’ ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd, no fiù taobh a-staigh na h-Alba a bhathas ri camanachd. Chaidh a’ chiad bhuidheann a stèidheachadh ann an Sasainn, leis an ainm Cottonopolis, ann am Manchester, agus bha iadsan a’ cluich ron Dùbhlachd, 1875.

Tha duilleagan a’ phàipeir-naidheachd An Gàidheal - The Highlander - gu h-àraidh anns na 1870an agus tràth anns na 1880an nas coltaiche ri cunntas air saoghal Prìomh Lìog bhall-coise Shasainn an latha an-diugh le aithrisean a’ nochdadh air geamaichean anns a bheil leithid Birmingham, Manchester Camanachd, Old Trafford, Comunn Camanachd Gàidhealach Lunnainn, Cottonopolis, Bolton, Nottingham Forest agus Stamford Bridge (an raon aig Chelsea) a’ cluich.

Bha daoine nam boil ri camanachd air dà thaobh nan Crìochan agus air feadh an t-saoghail bho Afraga a Deas gu Astràilia agus Sealan Nuadh; bho Thoronto ann an Canada gu New York anns na Stàitean Aonaichte far an deach buidheann a stèidheachadh ann an 1903.

Agus ann an Astràilia, ’s e an dearbhadh as fheàrr a th’againn gu robh an gèam an sin, dealbh a chaidh a tharraing le Albannach, Iain Rae, ann an 1842.

Figear 52 Iomain ann a Sydney1840 le Iain Rae

Tha a h-uile coltas ann gu bheil camanachd ga chluich anns an dealbh seo. Ràinig Rae Astràilia bho Alba anns an Dùbhlachd 1839, dìreach bliadhna an dèidh dhan bhàta St George, an t-Òban fhàgail, luma-làn le eilthirich à Bàideaneach agus sgìrean eile dhen Ghàidhealtachd. Seo an turas mun deach an t-òran ainmeil Guma slàn do na fearaibh a sgrìobhadh. Seo mar a tha na facail anns an leabhar aig Tòmas Sinton, The Poetry of Badenoch, Inbhirnis 1906:

Gu 'm a slàn do na fearaibh

Thèid thairis a' chuan

Gu talamh a' gheallaidh,

Far nach fairich iad fuachd.

Gu 'm a slàn etc.

Gu 'm a slàn do na mnàthan

Nach cluinnear an gearan,

'S ann thèid iad gu smearail,

'G ar leantuinn thar 'chuan;

Gu 'm a slàn etc.

'Us na nìghneagan bòidheach,

A dh'fhalbhas leinn còmhladh,

Gheibh daoine ri'm pòsadh,

A chuireas òr 'nan dà chluais.

Gu 'm a slàn etc.

A health to the fellows,

Who’ll cross o’er the sea!

To the country of promise,

Where no cold they will feel.-

A health to the fellows,

Who’ll cross o’er the sea!

A health to the goodwives!

We’ll hear no complaining;

They’ll follow us heartily

Over the sea.

And the beautiful maidens

Going with us together,-

They’ll get husbands to marry,

Who’ll give ear-rings of gold.

Camanachd ann an Astràilia

Chan eil e na iongnadh sam bith le sin gu bheil sinn a’ lorg na camanachd ann an Geelong, Bhictoria, far an deach ‘Comunn na Fèinne’ a stèidheachadh le Gàidheil airson an cleachdaidhean a chumail suas. Mhair an Comunn seo bho na 1850an gu na 1940an agus bha camanachd Bliadhn’ Ùire an teis-meadhain nan co-chruinneachaidhean, gu h-àraidh aig toiseach gnothaich.

Crìonadh na Camanachd

Thathas a’ dèanamh dheth gu robh camanachd air crìonadh agus air tarraing air ais gu Gàidhealtachd na h-Alba ron 19mh linn. An uairsin chaidh a thilleadh gu meadhan na dùthcha leis a’ mhòr-shluagh a bha air imrich aig àm nam Fuadaichean.

Bha clann aig Lannraig Ùr ris a’ ghèam agus bha buidheann èasgaidh ann an Gleann Mòr Lìobhainn anns na 1870an.

Chan eil teagamh nach iad na Gàidheil bho dheas (taobh thall nan Crìochan) a bha a’ cluich ann an tòrr de na geamaichean a bh’ ann an Glaschu agus Dùn Èideann (agus nas fhaide air falbh) bho na 1870an air adhart.

Chì sinn cuideachd cho tràth ri 1816 gu robh buill Comunn Goilf aig Raon Bhruntsfield ann an Dùn Èideann a’ gearain cho cunnartach ’s a bha cùisean an sin le cluich na camanachd.

Tha gu leòr fianais againn ann an dealbhan gu robh camanachd am measg an t-sluaigh an Dùn Èideann aig an àm. Tha dealbh mòr le peanta-uisgeach a rinn Teàrlach Altamont Doyle (1832-93), agus a th’ air a chumail anns an Taigh-Tasgaidh Rìoghail ann an Dùn Èideann, a’ sealltainn Loch Duddingston anns a’ phrìomh bhaile. Am measg na th’ anns an dealbh tha seallaidhean air trì spòrsan – camanachd, curladh agus bròg-spèilidh. A rèir aithrisean phàipear-naidheachd aig an àm, ’s dòcha gu robh suas gu 6,000 an làthair.

Figear 53 Iomain air Loch Duddingston le Teàrlach Altamont Doyle (1832-93)

Camanachd anns na h-Oilthighean

Chan eil mìneachadh eile cho eireachdail air eachdraidh na camanachd agus a’ chuid briathrachais na cunntas a chaidh a sgrìobhadh leis an sgoileir ainmeil Gàidhlig, Alasdair MacBheathain à Inbhir Nis, airson Leabhar Mòr sònraichte do dh’Alasdair Littlejohn agus Oilthigh Obair Dheathain. Bhuineadh Littlejohn do Lunnainn ged a bha ceangal aige ri Alba agus ’s e a chuir air adhart Cupa Littlejohn agus an Leabhar Mòr a tha na thaic dha, a tha fhathast nan duaisean aig farpais camanachd oilthighean na h-Alba.

Figear 54 Leabhar Mòr Littlejohn

Camanachd anns an 21mh linn

Nuair a chluichear sreath de gheamaichean camanachd àraid còrr is 100 bliadhna air ais, stèidhichear Comunn na Camanachd, buidheann-riaghlaidh a’ ghèam. Tha sin air tighinn gu ìre a-nis agus air na diofar bhuidhnean a bha sgaoilte a tharraing ri chèile le timcheall air 50 buidheann gu h-iomlan a’ cluich gu cunbhalach, cuid dhiubh nas treasa na feadhainn eile. A bharrachd air sin tha aire nam meadhanan air a tharraing chun ghèam agus na h-uimhir de ghoistidheachd ga thairgse le companaidhean is buidhnean taobh a-muigh a’ ghèam.

Figear 55 Tha làmh an uachdair air a’ ghèam air a bhith tric aig sgioba Cheann a’ Ghiùthsaich bho chionn deagh ghreis a-nis. Chanadh mòran gur e Raghnall Ros (an t-sreath aghaidh, air an oir chlì) cluicheadair cho math ’s a bha ann a-riamh. Fhuair e an MBE airson na rinn e don ghèam ann an 2011.Choisinn an sgioba prìomh fharpais na h-Alba ann an Dùn Omhain ann an 2006.

Àireamhan

Tha timcheall air 2,000 cluicheadair (fir, mnathan agus clann) ri camanachd agus eadar 2,500 agus 3,000 ball aig Comunn na Camanachd, le sgiobaidhean a’ cluich aig gach ìre bhon bhun-sgoil gu inbheach.

Ann an Èirinn, tha Cumann Lùth-Chleas Gael os cionn malairt luach nam milleanan mòra, le còrr is 200,000 cluicheadair - sin 100 camanaiche an Èirinn airson gach Albannach. Ach a dh’aindeoin sin tha Alba air a bhith a’ cumail ceann a’ mhaide ri sgioba na h-Èireann nuair a thathas a’ coinneachadh anns na geamaichean iomain eadar-nàiseanta.

Camanachd mar stòras nàiseanta

Bhon chaidh rian a chur air saoghal na camanachd mar spòrs, tha adhartas mòr air tighinn. Fhathast ged-tà tha ioma-cheist ann am bu chòir a bhith a’ foillseachadh a’ ghèam mar spòrs ùr nodha an latha an-diugh, no a bhith ga ghleidheil mar phàirt àraid de chultar na Gàidhealtachd.

Ge boil air a h-uile càil, thàinig camanachd tron dà Chogadh Mhòr agus sheas an spòrs ri iomadach dùbhlan eaconamach a th’ air a’ Ghàidhealtachd a sgrios, biodh sin fo bhuaidh co-dhùnaidhean àrd-urrachan saoghal malairt na h-ola anns na Stàitean, no ceannbhairean an Nèibhidh a’ tarraing an luchd cabhlaich. Tha fiù ’s lughdachadh ann an àireamh chloinn-sgoile agus dùnadh sgoiltean air an gèam a bhuaireadh.

Figear 56 Tha sgiobair Sgioba Camanachd na h-Alba, Gary Innes, na shàr fhear-ciùil cuideachd agus tha e air cluich air CDan còmhla ris a’ chòmhlan ainmeil Runrig

Tha luchd-cluiche agus rianachd shaoghal na camanachd a’ meas a’ ghèam am measg gach spòrs as fheàrr air an t-saoghal. Chan eil teagamh nach eil camanachd prìseil agus mar phàirt de stòras nàiseanta – agus gu dearbh eadar-nàiseanta - na h-Alba, le àite agus inbhe air leth nach deach aithneachadh gu cothromach ruige seo. Bu chòir gu robh luchd-eachdraidh, agus gu sònraichte luchd-eachdraidh spòrs air feadh an t-saoghail air seo a chomharrachadh bho chionn fhada agus luach a chur air camanachd, le àite agus inbhe dha rèir am measg spòrsan eile an t-saoghail mhòir.