Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol on the course to track your learning.

Free course

Cànan nan Gàidheal

5.2 A’ Ghàidhlig – beagan mu na bunaitean

5.2.1 Gràmar na Gàidhlig, blasad

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt den teaghlach chànanan Indo-Eòrpach agus mar sin tha càirdeas fad-às aice ri cànanan mar Beurla agus Fraingis, mar a tha ainmean nan àireamhan 1-3 a’ sealltainn.

Download this audio clip.Audio player: aon.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).
Download this audio clip.Audio player: tri.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Clàr 8

GàidhligEadailtisFraingisDànaisBeurla
1aonunouneenone
2duedeuxtotwo
3trìtretroistrethree

Tha an càirdeas seo a’ ciallachadh gu bheil gràmar na Gàidhlig coltach ri gràmar nan cànanan eile sin ann an cuid a dhòighean ach eadar-dhealaichte bhuapa ann an dòighean eile. Mar eisimpleir, tha am buadhair mar as trice às dèidh an ainmeir sa Ghàidhlig – mar a tha ann am Fraingis – ach tha e an rathad eile sa Bheurla. Sin as coireach gu bheil an cuideam air an lide mu dheireadh ann an ainmean-àite mar ‘Glenmore’ – ‘An Gleann Mòr’.

Download this audio clip.Audio player: gleann_mor.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Seo mar a tha seantans shìmplidh Ghàidhlig air a cur ri chèile.

Tha mi a’ sgrìobhadh litir.

Download this audio clip.Audio player: tha_mi_a_sgriobhadh_litir.mp3
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Notaichean:

*1*2*3*4
Thamia’ sgrìobhadhlitir.
  • *1 Tha ‘tha’ co-ionnan ri ‘am’ sa Bheurla ach, ged a chanas sinn ‘I am’, ‘you are’, ‘he is’, ’s e ‘tha’ a tha an-còmhnaidh sa Ghàidhlig, i.e.: ‘tha mi’, ‘tha thu’, ‘tha e
  • *2 Tha na faclan ann an òrdugh eadar-dhealaichte sa Ghàidhlig, le ‘tha’ ro ‘mi
  • *3 ‘A’ sgrìobhadh’ = ‘writing’: smaoinich air ‘scribe’ no ‘scribble’
  • *4 ‘Litir’ = ‘a letter’: Chan eil leithid ‘a’ no ‘an’ anns a’ Ghàidhlig.
Gaidhlig_1

Take your learning further

Making the decision to study can be a big step, which is why you'll want a trusted University. The Open University has 50 years’ experience delivering flexible learning and 170,000 students are studying with us right now. Take a look at all Open University courses.

If you are new to University-level study, we offer two introductory routes to our qualifications. You could either choose to start with an Access module, or a module which allows you to count your previous learning towards an Open University qualification. Read our guide on Where to take your learning next for more information.

Not ready for formal University study? Then browse over 1000 free courses on OpenLearn and sign up to our newsletter to hear about new free courses as they are released.

Every year, thousands of students decide to study with The Open University. With over 120 qualifications, we’ve got the right course for you.

Request an Open University prospectus371