Free course

Cànan nan Gàidheal

Figear 5 ‘S e sgrìobhainn ainmeil a tha ann an Foirgheall Obar Bhrothaig a tha air a chumail ann an Tasglann Nàiseanta na h-Alba. Air a sgrìobhadh aig àm cogaidhean na saorsa an aghaidh nan Sasannach a thòisich nuair a dh’fheuch Èideard 1 ri smachd fhaighinn air Alba ann an 1296, tha an litir seo chun a’ Phàp bho iarlan agus barain na dùthcha ag iarraidh air gabhail ri Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach. Ged a chuireadh eòlaichean an-diugh ceist nan tagradh gu robh na h-Albannaich air imrich a dhèanamh bho ‘greater Scythia by the Tyrrene Sea and the Pillars of Hercules’ tha an creideas a bha aca ann am fèin-aithne Albannach follaiseach nuair a tha iad ag agairt, ‘Britons they first drove out, the Picts they utterly destroyed, and, even though very often assailed by the Norwegians, the Danes and the English, they took possession of that home with many victories and untold efforts; and, as the historians of old time bear witness, they have held it free of all bondage ever since.’

 1.2 Eachdraidh