Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Ro-ràdh

Air a sgrìobhadh aig àm làn dhùbhlain - àrainneachdail, eaconamach, poilitigeach, sòisealta agus dùbhlain slàinte - bidh ‘Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta’ a’ toirt bun-ionnsachadh dhut ann an cuid de na prìomh sgilean is eòlas poilitigeach a dh’fheumas tu gus eadar-theachd a dhèanamh san t-saoghal is e ag atharrachadh mun cuairt ort.

Tha an cùrsa an-asgaidh seo a’ rannsachadh mar a dh’fhaodas tu atharrachadh poilitigeach is sòisealta a dhèanamh mar shaoranach gnìomhach, a’ toirt cùl-fhiosrachadh riatanach dhut airson tòiseachadh, eisimpleirean de luchd-atharrachaidh brosnachail, comhairle air mar a bheirear buaidh an dà chuid taobh a-staigh is a-muigh poilitigs pàrlamaideach traidiseanta na RA, agus na buadhan a dh’fheumar gus a bhith soirbheachail.

Tha an cùrsa seo ag amas sa mhòr-chuid air saoranaich na RA, ged a bhios tòrr den t-susbaint a’ buntainn ri daoine a tha a’ fuireach taobh a-muigh na RA.

Described image
Dealbh 1: Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte (làimh chlì gu h-àrd) Seanadh Èireann a Tuath (làimh dheas gu h-àrd), Pàrlamaid na h-Alba (làimh chlì sa mheadhan), Pàrlamaid na Roinn Eòrpa (làimh dheas sa mheadhan), Pàrlamaid na Cuimrigh (làimh chlì aig a’ bhonn) agus eisimpleir de thagradh poilitigeach taobh a-muigh na Pàrlamaid na RA (làimh dheas aig a’ bhonn).

Tha an cùrsa OpenLearn seo air a thoirt bhon stiùireadh Luchd-atharrachaidh leis An Oilthigh Fhosgailte [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] , ach chaidh a leudachadh gus susbaint a thoirt a-steach air na nàiseanan tiomnaichte agus atharrachadh cruinneil.

Tha an cùrsa OpenLearn seo a’ ceangal ri cùrsa D113 an Oilthigh Fhosgailte: Saidheans Sòisealta ann an Èifeachd, fosgailte a-nis airson clàradh.