Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

2.1 Tog do chùis ann am Pàrlamaid na RA

Co-dhiù tha a’ chùis air a bheil thu dìoghrasach ionadail, nàiseanta, no eadar-nàiseanta tha mòran dhòighean ann gus ìomhaigh d’ iomairt a thogail ann am Pàrlamaid na RA. Cò ris am bu chòir dhut bruidhinn is dè b’ urrainn dhut iarraidh orra a dhèanamh?

Described image
Dealbh 6: Seòmar-deasbaid Taigh nan Cumantan ann am Pàrlamaid na RA.

An robh fhios agad... gum faod thu bruidhinn ris a’ Bhall Phàrlamaid agad

Bidh a’ mhòr-chuid de BP a’ cumail sheiseanan bitheanta, air a bheil freastal-lannan, far an tachair iad ri luchd-taghaidh roinne-pàrlamaid gus bruidhinn mu chùisean draghail - dh’fhaodadh seo a bhith aghaidh ri aghaidh no air-loidhne. Bidh fiosrachadh mu dheidhinn freastal-lannan roinne-pàrlamaid air làrach-lìn a’ BhP agad. Bidh e a’ cuideachadh a’ BhP agad ri do chuideachadh fhèin ma bheir thu leat sgrìobhainnean no fiosrachadh sam bith mun chùis no iomairt a tha thu ag iarraidh bruidhinn mu dheidhinn. Gheibh fiosrachadh conaltraidh a’ BhP agad aig: www.parliament.uk/ findyourmp

An robh fhios agad... gum faod BP deasbadan a chumail

Faodaidh BP iarraidh airson tìde ri deasbad air cùisean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bheir iad a’ chùis do Chomataidh Gnothachais na Beinge-cùil, a bhios a’ sònrachadh tìde do chùisean aig a bheil taic tar-phàrtaidh farsaing am measg BP, le iomadh deasbad gan toirt gu bith tro iomairtean.

An robh fhios agad... gum faod Buill Thaigh nam Morairean taic a chumail ris an iomairt agad

Còmhla ris a’ BhP ionadail agad, faodaidh buill Thaigh nam Morairean taic a chumail ris an iomairt agad cuideachd. Tha buill Taigh nam Morairean gu tric gan cur an dreuchd air sgàth an cuid eòlais ann an raointean leithid gnìomhachas, slàinte, foghlam, na h-ealain agus spòrs. Tha prìomh phàirt aca ann a bhith a’ toirt dùbhlan dhan riaghaltas agus faodaidh iad do chuideachadh gus d’ adhbhar a bhrosnachadh oir mar is trice tha barrachd saorsa acasan bho phoilitigs pàrtaidh na th’ aig BP. Chan eil Morairean a’ riochdachadh roinn-pàrlamaid shònraichte ach bidh iad a’ bruidhinn air cùisean sa bheil ùidh aca/air a bheil iad eòlach. Faodaidh tu faighinn a-mach mu bhuill Thaigh nam Morairean aig a bheil ùidhean poileasaidh is eòlas a tha a’ co-thaobhadh leis an iomairt agad air-loidhne aig www.parliament.uk/ lords

An robh fhios agad.... Gum faod Buill an dà Thaigh ceistean a chur dhan riaghaltas

Faodaidh tu iarraidh air buill an dà Thaigh taic a chumail ris an iomairt agad le bhith ag iarraidh orra ceistean sgrìobhte a chur a-staigh do roinnean riaghaltais agus ceistean fhaighneachd sna Seòmraichean. Faodar ceistean a chleachdadh gus tuilleadh fiosrachaidh a shireadh is coiteachadh airson adhartas, mar sin smaoinich air dè seòrsa ceist a bhiodh a’ cuideachadh na h-iomairt agad as motha. Mar eisimpleir, faodaidh BP no Tighearnan faighneachd den riaghaltas dè tha iad a’ dèanamh mu chùis no cia mheud duine air an tug duilgheadas buaidh, no a fhuair taic bho phoileasaidh sònraichte. Faodaidh iad ceistean a chleachdadh cuideachd mar dhòigh dhìreach air iompaidh a chur air an riaghaltas obair a dhèanamh air a’ chùis.

An robh fhios agad... gu bheil Buidhnean Pàrlamaid Uile-phàrtaidh ann

Is iad Buidhnean Pàrlamaid Uile-phàrtaidh (APPGs) buidhnean tar-phàrtaidh mì-fhoirmeil air an cur air dòigh le BP agus buill Taigh nam Morairean le ùidh choitcheann ann an àite, roinn, dùthaich no poileasaidh sònraichte. Ged nach e comataidhean oifigeil Pàrlamaid a th’ annta, faodaidh na buidhnean seo buaidh a thoirt air sgàth na dòigh-obrach neo-phàrtaidh poilitigeach san dèilig iad ri cùis. Ma tha fòcas APPG co-chòrdail ris an iomairt agad, dh’fhaodadh tu faighneachd do bhuill an cùm iad an taic ris. Faodaidh tu barrachd a leughadh mu dheidhinn APPGs a’ gabhail a-steach liosta de na diofar bhuidhnean air www.parliament.uk/ about/ mps-and-lords/ members/ apg/

An robh fhios agad... gu bheil comataidhean taghte ann

Faodaidh duine sam bith fianais sgrìobhte a chur a-staigh air-loidhne do chomataidh thaghte. Nuair a tha thu airson ìomhaigh cùis a thogail is dòcha nach e fianais a chur a-staigh a' chiad rud a thig a-steach ort - ach faodaidh buaidh mhòr is atharrachaidhean deimhinneach adhbharachadh ma chuirear fianais a-staigh.

Aig toiseach rannsachaidh, bidh comataidhean taghte ag iarraidh fianais sgrìobhte. Bheir comataidhean cothrom do phàrtaidhean le ùidh sa chùis fianais labhairteach a thoirt dhan chomataidh far am faod iad fòcas na fianais sgrìobhte a sgrùdadh ann am barrachd doimhneachd. Dh’fhaodadh do chuid eòlais no fòcas na h-iomairt agad beachdan luachmhor a thoirt seachad do rannsachadh comataidh taghte. Faodaidh tu comataidhean taghte a leantainn air-loidhne is faighinn a-mach cuin a bhios rannsachadh a’ dol gus am faod thu fianais a chur a-staigh air-loidhne: www.parliament.uk/ about/ how/ committees/ select/