4 A’ dèanamh atharrachadh cruinneil
Tha na h-uiread de ghluasadan eadar-nàiseanta ann airson atharrachadh, daoine agus buidhnean a tha ag iomairt, agus eisimpleirean de chùisean buntainneach, is gun tèid an t-earrann seo air slighe beagan eadar-dhealaichte gus cuimseachadh air aon chùis gu h-àraid: èiginn na gnàth-shìde.
A’ smaoineachadh air èiginn na gnàth-shìde
Tha èiginn na gnàth-shìde na eisimpleir de chùis shòisealta is phoilitigeach a tha a’ dol thairis air crìochan. ’S e ‘dùbhlan cruinneil’ a th’ ann. Gu dearbh, tha cuid a’ cumail a-mach gum feum sinn am facal ‘èiginn’ a chleachdadh gus cudromachd na dùbhlain a nochdadh, an àite ‘atharrachadh’ gnàth-shìde.
’S e duilgheadas fìor mhòr a th’ ann an dùbhlan cruinneil, a bheir buaidh air mòran dhaoine ann an tòrr dhiofar dhùthchannan, agus mar fhuasgladh, feumar obair còmhla thar chrìochan nàiseanta. Tha am mìneachadh seo a’ nochdadh na dòigh san do thòisich dèanadairean-poileasaidh air an abairt ‘dùbhlan chruinneil’ a chleachdadh sna ciad deich bliadhnaichean den 21mh linn. Lorgar eisimpleir comharraichte sna h-Amasan Leasachadh So-sheasmhach (SDGan) aig na Dùthchannan Aonaichte (UN). Tha an UN a’ toirt cunntas air na h-amasan sin mar amasan a tha ag iarraidh dèiligeadh ris na ‘dùbhlain chruinneil a tha romhainn’ le bhith a’ tabhann ‘lethbhreac-gorm airson àm ri teachd nas fheàrr is nas seasmhaiche a thoirt gu buil dhuinn uile’ (Dùthchannan Aonaichte gun cheann-latha). Chan eil na dùbhlain air a bheil na SDGan a’ cur cuideam - rudan leithid bochdainn is acras - a’ toirt buaidh air a h-uile duine sa h-uile àite ach, coltach ris a’ mhìneachadh air dùbhlan cruinneil gu h-àrd, tha iad a’ toirt buaidh air mòran dhaoine ann an tòrr dhiofar dhùthchannan agus feumar obair còmhla thar chrìochan nàiseanta mar fhuasgladh air.
Chan urrainnear na thachras gu h-ionadail a sgaradh bho cho-theacsan nas fharsainge, ach chan eil càirdeas sìmplidh, aon-slighe ann eadar nithean cruinneil is ionadail, le nithean cruinneil an-còmhnaidh os cionn na thachras gu h-ionadail. An àite sin, tha e nas fheàrr smaoineachadh air an ionadail is a’ chruinneil mar dhà rud a tha a’ sìor-chumadh a chèile. Gu sònraichte, bidh daoine sna sgìrean aca fhèin a’ sìor-cur an aghaidh, ag ath-thogail is ag ath-chumadh chumhachdan cruinneil agus faodaidh na gnìomhan seo sgaoileadh a-mach is builean cruinneil a thoirt.
Feumaidh cuideigin le sùil ri atharrachadh poilitigeach is sòisealta a dhèanamh beachdachadh air:
- A bheil a’ chùis ionadail agus/no cruinneil agus ciamar?
- Cò an neach/riaghaltas/buidheann as fheàrr gus atharrachadh a dhèanamh sa cho-theacsa sin.
Gnìomhachd 4: Càirdeasan ionadail/cruinneil
Ann an Gnìomhachd 1 chaidh iarraidh ort a chomharrachadh a bheil cùisean nàiseanta no eadar-nàiseanta sam bith ann a tha thu a’ faireachdainn làidir mu dheidhinn. Rach nas fhaide buileach le seo agus beachdaich air an taobh ionadail/cruinneil dheth. A bheil a’ chùis na eisimpleir sa bheil na a tha a’ tachairt gu h-ionadail air a chumadh agus fo bhuaidh rudeigin a tha a’ tachairt an àite eile san t-saoghal? No a bheil e na eisimpleir far a bheil àrainneachd phoilitigeach, eaconamach, agus shòisealta nas fharsainge a’ cumadh agus a’ toirt buaidh air buil ionadail? Faodaidh tu do fhreagairt a sgrìobhadh sa bhogsa.
Ag iomairt mu èiginn na gnàth-shìde
Dè as urrainn no a bu chòir dhuinn a dhèanamh mu èiginn na gnàth-shìde? Tha an t-Ollamh Mark Maslin a’ sgrìobhadh ann an How to Save the Planet: The Facts, ‘Chan eil sinn uile a cheart cho coireach airson a’ bhùraich sa bheil sinn.’ Gus neart a thoirt dhan bheachd seo aige tha e a’ toirt seachad na figearan a leanas:
- Bidh an 10% as beartaiche de shluagh an t-saoghail a’ cur 50% de thruailleadh charboin a-mach dhan àile.
- Bidh an 50% as beartaiche de shluagh an t-saoghail a’ cur 90% de thruailleadh charboin a-mach dhan àile.
- Tha na 3.9 billean daoine as bochda air dìreach 10% den truailleadh charboin a chur a-mach dhan àile (Maslin, 2021).
Tha cuid de dhaoine air a bhith a’ faireachdainn gum feum iad gluasad an aghaidh èiginn na gnàth-shìde. ‘S i aon neach cudromach Greta Thunberg. Ann an 2018 thòisich i fianais-dhùbhlain leatha fhèin an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde taobh a-muigh Pàrlamaid na Suain. Bha an t-iarrtas aice sìmplidh: lughdaich eimiseanan CO2 sa bhad gus a’ phlanaid a shàbhaladh. Bhrosnaich an fhianais-dhùbhlain sgoilearan air feadh an t-saoghail a bhith ag obair, leithid an gluasad ‘Dihaoine airson an Ama ri Teachd’.
Airson Greta Thunberg, bha seasamh an aghaidh èiginn na gnàth-shìde na adhbhar prionnsapal cho math ri bhith a’ dèanamh a h-uile càil gus an t-àm ri teachd a dhìon. Bha i feargach, air a draghail agus muladach mu dheidhinn na bha a’ tachairt:
‘Chunnaic sinn dealbhan uabhasach de phlastaig sa chuan is tuiltean is eile, agus bha a h-uile duine gu mòr fo bhuaidh le sin. Ach an uair sin, bha coltas gun deach h-uile duine air ais dhan àbhaist... Is cha b’ urrainn dhomhsa a dhol air ais dhan àbhaist oir bha na dealbhan sin na mo cheann... Nuair a tha a h-uile duine eile dìreach airson tighinn gu co-rèiteachadh... Tha mise ag iarraidh brosnachadh, is obair a rèir m’ fhaclan fhèin.’
San aon bhliadhna sin thug i òraid seachad do dhèanadairean-poileasaidh aig Fòram Eaconamach an t-Saoghail ann an Davos a chaidh a sgaoileadh gu mòr air-loidhne:
‘Chan eil mi ag iarraidh ’s gum bi sibh dòchasach.
Tha mi ag iarraidh ’s gum bi mòr-eagail oirbh.
Tha mi ag iarraidh ’s gum bi an aon seòrsa eagal oirbh ’s a tha mise a’ faireachdainn gach latha.
Agus an uair sin tha mi ag iarraidh oirbh seo a dhèanamh.
Tha mi ag iarraidh oirbh a dhèanamh na dhèanadh tu ann an èiginn.
Tha mi ag iarraidh oirbh a dhèanamh mar gum biodh ar taigh na theine.
Air sgàth ’s gu bheil e na theine.’
Chan e Greta Thunberg an aon neach-stailc gnàth-shìde a tha ann. Ach is ise tè den fheadhainn as deagh-aithnichte agus as aithneachail. Tha sealladh moralta cumhachdach aice agus i a’ faicinn dùbhlan na gnàth-shìde a thaobh, gu sìmplidh, ceart is ceàrr. Tha i cuideachd a’ sealltainn gum faod daoine fa leth rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn dhùbhlain chruinneil leithid èiginn na gnàth-shìde. Mar a chanas i fhèin, ‘chan eil duine sam bith ro bheag gus diofar a dhèanamh’ (Thunberg 2021: 8).
Tha Greta Thunberg a-nis na samhla de ghluasad tòrr nas motha air feadh an t-saoghail, sa bheil mìltean de dhaoine òga an sàs a’ dol air stailcean agus a’ togail fhianaisean-dùbhlain sna sràidean an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha daoine a’ cleachdadh an teicneòlais làitheil air a bheil cothrom aca (leithid fhònaichean) gus conaltradh agus na fianaisean-dùbhlain sin a chur air dòigh, coinneachadh ri daoine eile agus dealbhan is bhidiothan a thogail de na tha a’ tachairt airson an sgaoileadh air na meadhanan sòisealta.
Tha ise na h-eisimpleir de mar a dh’fhaodas neach a bhith ag obair le càch gus atharrachadh a dhèanamh aig ìre chruinneil. Faodaidh tu barrachd a leughadh mu mar a rinn i atharrachadh ann an Earrann 6.1 Brosnachadh.