Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

6 Dè nì neach-atharrachaidh?

Faodaidh e a bhith doirbh atharrachadh a dhèanamh. Dh’fhaodadh gum bi soirbheas agad sa bhad no ’s dòcha gum bi agad ri iomairt is coiteachadh fad ùine mhòr. Is dòcha gun dèan thu adhartas ach an uair sin gum bi cnap-starra mud choinneimh.

A’ cumail sin air chuimhne, dè na buadhan a dh’fheumas neach-atharrachaidh?

  • Mothachadh faireachail is co-fhaireachdainn: dèan oidhirp a thuigsinn ciamar a tha daoine eile a’ faireachdainn - bidh seo gad chuideachadh nuair a tha thu a’ bruidhinn ri daoine an dà chuid san sgioba agad fhèin agus taobh a-muigh. Faodaidh e neart a thoirt dhan argamaid agad cuideachd gad chur fhèin ann an suidheachadh chàich. Bidh mothachail cuideachd air mar a tha thu a’ faireachdainn agus mar a tha seo a’ toirt buaidh air do dhèanadas fhèin.
  • So-aigne: bi deimhinneach, ach...
  • Fìorachas:...bi practaigeach. Tuig dè ghabhas a choileanadh agus suidhich amasan a tha ruigsinneach.
  • Sgilean èisteachd: èist ri buill eile an sgioba agad agus buidhnean iomairt eile - agus daoine nach eil ag aontachadh leat. Is dòcha gun toir e neart dhan argamaid agad, no gun cuidich e thu gus smaoineachadh air fuasglaidhean a bhiodh freagarrach do gach taobh, a bhith ag èisteachd do dhaoine le diofar bheachdan.
  • Sgilean conaltraidh: dh’fhaodadh tu bruidhinn ‘gu foirmeil’ (sgrìobhadh gu neach-poilitigs no fianais a chur a-staigh gu comataidh) cho math ri ‘neo-fhoirmeil’ (iomairt air na meadhanan sòisealta). Feumaidh tu beachdachadh air diofar ‘mhodhan-conaltraidh’ (sgrìobhte, lèirsinneach) agus mar a nì thu conaltradh ri diofar bhuidhnean de dhaoine (luchd-poilitigs, am poball, msaa).
  • Ceannsalachd: seas airson nan rudan sa bheil thu a’ creidsinn, ach ann an dòigh chiùin is dheimhinneach.
  • Inntinn ro-innleachdail: comharraich na h-amasan fad-ùine agad agus mar a tha thu am beachd ri an toirt gu buil.
  • Fòcas: biodh beachd agad air buil shoilleir is feuch gun leigeil le cùisean eile d’ aire a tharraing air falbh.
  • Tapaidheachd: ma thig cnap-starra mud choinneimh, fòcas a-rithist is beachdaich air ro-innleachd ùr.
  • Fèin-bhrosnachadh: an comas a bhith gad sparradh fhèin gus ceumannan a ghabhail, fiù ’s mu choinneimh chnapan-starra. Cùm an t-amas deireannach agad air chuimhne.
  • Eagrachadh: bi soilleir mu na tha thu airson a thoirt gu buil, le deagh phlanadh is clàradh.
  • Sùbailteachd: bi fosgailte do dh’atharrachadh agus comasach air dèiligeadh ri suidheachaidhean ma dh’atharraicheas iad.
  • Comas air a bhith ag obair le càch: tha e comasach atharrachadh a choileanadh le bhith ag obair leat fhèin, ged a tha e tric nas fhasa ann an sgioba. An lùib seo bidh obair le daoine a dh’fhaodadh diofar bheachdan a bhith aca riut fhèin (fiù ’s ged a bhiodh an aon amas deireannach aca agus/no tha iad mar phàirt den sgioba agad).
  • Cruthachalachd: cleachd do mhac-mheanmna nuair a tha thu ag iomairt. Smaoinich air na dòighean eadar-dhealaichte sam faod thu a dhol an sàs leis a’ phoball agus mar as urrainn dhut d’ iomairt a chur am follais cho farsaing ’s a ghabhas a’ cleachdadh diofar dhòighean.