Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

2.3 Dèan athchuinge

Le bhith a’ togail mothachadh air cùis tro athchuingean faodaidh seo daoine bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte a cheangal ri chèile air cùis a tha cudromach dhaibh. Faodaidh e sealltainn do BP mar a tha cùis a’ toirt buaidh air an luchd-taghaidh aca agus cho làidir ’s a tha daoine a’ faireachdainn còmhla.

Tha pròiseas athchuingean oifigeil aig Pàrlamaid na RA. Faodaidh tu an athchuinge agad a dhèanamh air-loidhne aig petition.parliament.uk [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] . Feumaidh e buntainn ri rudeigin air bheil uallach aig Pàrlamaid na RA no riaghaltas. ’S iad saoranaich Bhreatannach is luchd-còmhnaidh na Rìoghachd Aonaichte a-mhàin a dh’fhaodas athchuinge a dhèanamh no athchuinge a shoidhneadh.

Ma gheibh an athchuinge agad 10,000 ainmean-sgrìobhte gheibh thu freagairt bhon riaghaltas. ’S e ceum fìor chudromach a th’ ann airson iomairt sam bith freagairt fhaighinn bhon riaghaltas. Faodaidh e cuideachadh gus suidheachadh na pàrlamaid a shoilleireachadh agus tuilleadh fiosrachaidh nas mionaidiche a thoirt dhan athchuingiche às is dòcha gun roghnaich iad ceumannan a bharrachd a ghabhail.

Ma gheibh an athchuinge 100,000 ainmean-sgrìobhte thèid (cha mhòr an-còmhnaidh) a chur air a’ chlàr-deasbaid. Is dòcha gum beachdaich BP air athchuinge airson deasbad mus ruig e 100,000 ainmean-sgrìobhte. Uaireannan thathas ag iarraidh air daoine a nì athchuingean pàirt a ghabhail ann an deasbad le BP no ministearan an riaghaltais, no fianais a thoirt do chomataidh thaghte. Is dòcha gun sgrìobh Comataidh nan Athchuingean do dhaoine no buidhnean eile cuideachd gus faighneachd dhaibh mun chùis a thogadh leis an athchuinge agad.

Ged a dh’fhaodadh tu a bhith ag amas an toiseach air an lagh atharrachadh, tha mòran bhuilean cudromach eile ann as urrainn do Phàrlamaid na RA a choileanadh. ’S e ceum mòr a th’ ann ùine deasbaid fhaighinn air clàr-gnothaich Pàrlamaid na RA, oir feumaidh ministearan poileasaidh an riaghaltais a mhìneachadh is ceistean dùbhlanach a fhreagairt bho BP às gach pàrtaidh. Agus, na dèan dì-meas air an luach a th’ ann a bhith a’ togail mothachadh poblach air cùis. Faodaidh e daoine thar na RA leis an aon seòrsa eòlas a cheangal agus faodaidh e tòiseachadh air iomairt nas fharsainge a thoirt gu buil.

Faodar làraich-lìn leithid Change.org agus 38Degrees.org.uk a chleachdadh cuideachd gus athchuingean air-loidhne a chur air dòigh, no faodaidh tu athchuinge (coltach ri gearan foirmeil) a chur gu buidheann gu dìreach. Ann a bhith a' taghadh làrach-lìn athchuinge, feumaidh tu smaoineachadh air dè tha thu a' feuchainn ri thoirt gu buil. Tha làrach-lìn athchuinge Pàrlamaid na RA feumail ma tha thu ag iarraidh freagairt bhon riaghaltas agus an cuspair a dheasbad ann am Pàrlamaid na RA. Faodaidh làraich-lìn athchuinge eile do chuideachadh gus mothachadh a thogail, taic fhaighinn, is aire fhaighinn air na meadhanan sòisealta.

Feumaidh athchuinge mhath a bhith soilleir is furasta a thuigsinn, le amas practaigeach is sònraichte (’s e deagh bheachd a th’ ann tòiseachadh le atharrachadh nas lugha air am faodar togail), bidh e a’ mìneachadh na cùise is a’ toirt seachad ceanglaichean gu tuilleadh fiosrachaidh, ag amas air na daoine ceart, agus ga chur air bhog aig an àm cheart.

Gnìomh 2: lorg an riochdaire agad ann am Pàrlamaid na RA

Timing: 15 mionaidean

Ma tha thu a’ fuireach san RA gabh an cothrom faighinn a-mach cò am Ball Pàrlamaid ionadail agad. Faodaidh tu cuideachd buill Taigh nam Morairean a rannsachadh a dh’fhaicinn cò asta aig a bheil ùidh sna h-aon chùisean sa bheil ùidh agad fhèin.

Ma tha thu a’ fuireach ann an Alba, sa Chuimrigh no Èirinn a Tuath, faodaidh tu an riochdaire tiomnaichte agad a lorg cuideachd. Leugh Earrann 3 gus tuilleadh fhaighinn a-mach.

Ma tha thu a’ fuireach taobh a-muigh na RA, faodaidh tu an/na riochdaire(an) agad fhèin a rannsachadh cuideachd.