Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

3.1 Pàrlamaid na h-Alba

Described image
Dealbh 7: Suaicheantas Pàrlamaid na RA

Faodaidh tu atharrachadh a dhèanamh tro Phàrlamaid na h-Alba sna dòighean a leanas.

Obraich leis an riochdaire taghte agad

Bidh Buill Phàrlamaid na h-Alba (BPA) a’ riochdachadh luchd-taghaidh na roinne-pàrlamaid ann am Pàrlamaid na h-Alba, cho math ri bhith a’ dèanamh sgrùdadh air obair Riaghaltas na h-Alba agus ga chumail cunntachail. Faodaidh BPA luchd-taghaidh na sgìre/roinne-pàrlamaid a chuideachadh le cùisean air an tiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba (tuilleadh fiosrachaidh an seo) – bidh Pàrlamaid na h-Alba no comhairlean ionadail a’ dèiligeadh ri cùisean eile. Eucoltach ri Pàrlamaid na RA, tha luchd-còmhnaidh na h-Alba air an riochdachadh le còrr is aon BPA:

  • BPA sgìreil, a tha a’ riochdachadh sgìre ionadail.
  • Seachdnar BPA roinneil, a tha a’ riochdachadh roinn nas motha a tha a’ gabhail a-steach diofar sgìre-an àrlamaideach.

Rannsaich am BP agad le còd-puist an seo. Faodar fios a chur do dh’oifisean BPA le litir, post-d agus fòn, le Buill gu tric a’ cumail freastal-lannan. Thoir sùil air na rudan a bu chòir is nach bu chòir a dhèanamh ann an Earrann 2.2 airson comhairle air fios a chur dha na riochdairean taghte agad.

Tha iomadh dòigh sam faod BPA neach-taghaidh a chuideachadh le atharrachadh a dhèanamh. San t-seòmar-deasbad, faodaidh BPA gluasad a chur air adhart mu dhuilgheadas a tha neach-taghaidh air a thoirt dhan aire agus iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba dèiligeadh ris. Faodaidh BPA cùisean ionadail is nàiseanta a thogail is ceistean a chur air poileasaidh an riaghaltais rè Àm Cheistean a’ Phrìomh Mhinistear agus Amannan Cheistean eile (cuspaireil, coitcheann, agus portfolio), cho math ri ceistean sgrìobhte a chur a-staigh. Tha iad seo nan deagh chothroman do BPA mothachadh a thogail air cùisean air an do chuir luchd-taghaidh fios thuca.

Faodaidh BPA suas ri dà Bhile Bhall a mholadh anns gach seisean pàrlamaideach ceithir bliadhna; faodaidh iad seo buntainn ri cùisean a thogadh le neach-taghaidh. Faodaidh tu na molaidhean a chuireadh a-staigh mar-thà fhaicinn an seo.

Described image
Dealbh 8: Seòmar-deasbaid Pàrlamaid na h-Alba.

Ag Obair le Buidhnean Tar-phàrtaidh (CPGs)

Tha buidhnean tar-phàrtaidh air an dèanamh suas de BPA is daoine eile aig a bheil ùidh ann an cùis shònraichte. Feumaidh ’s gum bi BPA à barrachd is aon phàrtaidh poilitigeach ann. Ged nach eil a’ chumhachd aca cùisean a thoirt a-staigh gu foirmeil ann an siostam na Pàrlamaid, tha na buidhnean nan àite feumail do luchd-ùidh air an taobh a-muigh, am measg sin buidhnean agus buill a’ phobaill, gus bruidhinn air cùisean buntainneach le BPA, fiosrachadh a roinn, agus mothachadh a thogail air cùisean, a bheir buaidh an uair sin air a’ chlàr-ghnothach phoilitigeach san farsaingeachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh air CPGs an seo.

A’ toirt do bheachdan do Chomataidhean

Tha Comataidhean ag iarraidh bheachdan luchd-còmhnaidh na h-Alba gus Buill a chuideachadh leis an rannsachadh aca. Faodaidh tu do bheachdan air rannsachadh is co-chomhairleachadh chomataidhean a chur a-staigh le bhith a’ coimhead air na cùisean a tha gan deasbad air Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Ma tha an deasbad a’ buntainn ri bile, mar is trice faodaidh tu freagairt mhionaideach a chur a-staigh air-loidhne air mion-fhiosrachadh a’ bhile no suirbhidh ghoirid a fhreagairt air prionnsabalan coitcheann a’ bhile. Tha cuspairean eile gan deasbad cuideachd far a bheilear a’ sireadh fios air ais nas fhrsainge tro fhoirm tagraidh no fòram deasbaid air-loidhne.

Is dòcha gun tèid iarraidh ort cuideachd a bhith mar neach-fhianais aig seisean comataidh, ma tha a’ chomataidh a’ faireachdainn gu bheil fiosrachadh cudromach agad ri sgrùdadh nas mionaidiche.

Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a tha Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba ag obair le bhith a’ coimhead air Bhidio 1.

Download this video clip.Video player: Bhidio 1: Bidh Pàrlamaid na h-Alba ann - Comataidhean (Thoir fa-near nach eil claisneachd labhairteach sa bhidio seo.)
Bhidio 1: Bidh Pàrlamaid na h-Alba ann - Comataidhean (Thoir fa-near nach eil claisneachd labhairteach sa bhidio seo.)
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

A’ soidhneadh no a’ cur athchuinge a-staigh

Faodaidh duine no buidheann sam bith athchuinge a chur a-staigh - chan fheum thu fiù ’s a bhith a’ fuireach ann an Alba, agus chan eil e gu diofar dè an aois a tha thu. Bidh Comataidh Com-pàirteachadh Shaoranaich is Athchuingean Poblach a’ suidheachadh nan riaghailtean mu mar a bhios athchuingean ag obair.

’S e fear de na riaghailtean as cudromaiche gum feum an athchuinge a bhith mu dheidhinn a) rudeigin a tha taobh a-staigh cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba, b) buntainneach do dh’Alba air fad.

Bu chòir dhut cuideachd fios a chur gu BPA no Riaghaltas na h-Alba mus tòisich thu air an athchuinge, agus fios a chur dhan Chomataidh air dè thachair mar thoradh air sin. Ma tha an tagradh agad a’ coileanadh nan riaghailtean agus ma tèid aontachadh, thèid a chur an uair sin ri làrach-lìn nan Athchuingean airson ’s gum faod daoine eile a shoidhneadh.

Aon uair ’s gun tèid an athchuinge agad fhoillseachadh bheir a’ Chomataidh sùil oirre agus cuiridh iadsan romhpa dè nì iad. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach a bhith:

  • Ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba, buidhnean, no daoine fa leth freagairt.
  • Ag iarraidh air an athchuingiche tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad no ag iarraidh orra bruidhinn ris a’ Chomataidh mu dheidhinn na h-athchuinge.
  • A’ moladh ghnìomhan airson Pàrlamaid na h-Alba.
  • Ag iarraidh deasbad san t-Seòmar.
  • Ga cur gu comataidh eile.
  • A’ dùnadh na h-athchuinge.

Faodaidh tu tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu athchuingean Pàrlamaid na h-Alba an seo.

Faodaidh tu cuideachd tuilleadh fhaighinn a-mach mu mar a tha athchuingean Pàrlamaid na h-Alba ag obair le bhith a’ coimhead air Bhidio 2.

Download this video clip.Video player: Bhidio 2: A’ toirt athchuinge do Phàrlamaid na h-Alba (Thoir fa-near nach eil claisneachd labhairteach sa bhidio seo.)
Bhidio 2: A’ toirt athchuinge do Phàrlamaid na h-Alba (Thoir fa-near nach eil claisneachd labhairteach sa bhidio seo.)
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

A’ gabhail pàirt ann an togail fianais-dhùbhlain shìtheil no a’ togail fianais

Tha poileasaidh oifigeil fianais-dhùbhlain (demonstration) shìtheil aig Pàrlamaid na h-Alba a rèir a bhith ‘fosgailte, ruigsinneach is com-pàirteachail’ agus fianaisean-dùbhlain ‘nam pàirt riatanach de dheamocrasaidh ann an Alba’. Bu chòir do dhuine sam bith a tha am beachd fianais-dhùbhlain a dhèanamh aig Pàrlamaid na h-Alba sgrìobhadh do phoileas Pàrlamaid na h-Alba no aonadan tèarainteachd gus iarraidh airson cead ri fianais-dhùbhlain oifigeil a dhèanamh air fearann Pàrlamaid na h-Alba. Gus aontachadh, feumaidh fianaisean-dùbhlain cumail ri riaghailtean a’ phoileasaidh oifigeil, leithid gum bithear neo-phàrtaidh poilitigeach. Faodar tuilleadh fiosrachaidh mu fhianais-dhùbhlain a chur air dòigh air fearann Pàrlamaid na h-Alba a lorg an seo.

Described image
Dealbh 9: Oileanaich air stailc atharrachadh na gnàth-shìde taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba.

A’ cumail tachartas togail mothachaidh aig a’ Phàrlamaid

Bidh tachartasan le taic BPA mar is trice a’ gabhail àite air làithean gnothachais aig àm-bìdh is feasgaran. Tha na tachartasan seo nan cothroman gus mothachadh a thogail air cùis le BPA ann am Pàrlamaid agus bidh iad a’ tachairt ann an diofar phàirtean den togalach, a rèir dè cho mòr ’s a tha an tachartas.

Bidh BPA cuideachd a’ cumail taic ri taisbeanaidhean gus fios a thoirt do dh’obair na Pàrlamaid agus mothachadh a thogail air cùisean, agus airson cothroman-deilbh (’s e cothrom a th’a seo gus dealbhan a thogail de BPA mar thaic ri d’ adhbhar).

Chan fheum tachartasan idir a bhith pàrtaidh poilitigeach ach faodaidh iad ùidhean is suidheachadh poileasaidh BPA a nochdadh. Tha àiteachan rim faighinn saor an-asgaidh, ged a tha cosgais ann gus uidheam clais-lèirsinneach fhaighinn air màl. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn tachartas a chur air dòigh ri fhaotainn an seo.