Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

Co-dhùnadh

Sa chùrsa an-asgaidh seo, Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta, dh’ionnsaich thu mu:

  1. Chuid de na dùbhlain a th’ ann an-dràsta san RA agus air feadh an t-saoghal sa bheil ùidh agad.
  2. Dè thathar a’ ciallachadh le ‘saoranachd ghnìomhach’.
  3. Mar a nithear atharrachadh poilitigeach is sòisealta mar shaoranach gnìomhach: mar a bhith nad ‘neach-atharrachaidh’.
  4. Mar a tha buidhnean poilitigeach na RA ag obair agus a’ phàirt a th’ aca ann a bhith a’ dèanamh atharrachadh, cho math ri dòighean eile de dh’atharrachadh a dhèanamh.
  5. Mar a chuirear an gnìomh, ann an suidheachaidhean fìor-bheatha, cuid de na prìomh sgilean is eòlas a dh’fheumar gus atharrachadh a dhèanamh.

Air a sgrìobhadh aig àm làn dhùbhlain, tha an cùrsa air bun-ionnsachadh a thoirt dhut air cuid de na prìomh sgilean is eòlas saoranachd a dh’fheumas tu gus eadar-theachd a dhèanamh san t-saoghal is e ag atharrachadh mun cuairt ort.

Ann a bhith a’ toirt sùil air na cùisean seo, tha thu air rannsachadh mar a nì thu atharrachadh gu poilitigeach is gu sòisealta, cùl-fhiosrachadh riatanach gus tòiseachadh, eisimpleirean de luchd-atharrachaidh brosnachail, comhairle air mar a bheirear buaidh an dà chuid taobh a-staigh is taobh a-muigh poilitigs pàrlamaideach traidiseanta na RA, agus na buaidhean a dh’fheumar gus a bhith soirbheachail.