Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

5 A’ dèanamh atharrachadh taobh a-muigh poilitigs pàrlamaideach

Ag obair le comhairlean ionadail

San RA, dh’fhaodadh gun gabhar dèiligeadh as fheàrr ris a’ chùis a tha thu airson atharrachadh aig ìre ‘ionadail’, tro obair leis na riochdairean ionadail taghte agad, ris an canar comhairlichean. Bidh comhairlichean a’ riochdachadh na coimhearsnachd ionadail aca, a’ leasachadh is a’ sgrùdadh poileasaidh na comhairle, agus a’ sgrùdadh cho-dhùnaidhean a rinneadh leis a’ chomhairle. Faodaidh iad a bhith math mar àite tòiseachaidh mas e cùis ‘ionadail’ a th’ ann, ged a dh’fheumas tu a dhearbhadh cò air a bheil uallach mus tòisich thu. Ma tha thu a’ fuireach taobh a-muigh na RA, faodaidh tu obair leis na riochdairean ionadail agad fhèin.

Ag obair leis na h-ealain is ceòl

Faodaidh tu mothachadh a thogail tro ealain (‘artivism’) is ciùird (‘craftivism’), a’ cleachdadh chruthachaidhean lèirsinneach gus adhbhar poilitigeach no sòisealta a chur air adhart. San aon dòigh, gabhaidh cuideam a chur air adhbharan poilitigeach is ana-ceartas sòisealta tro chluiche ciùil is liricean. Faodaidh seo a bhith na dhòigh mhath gus ìomhaigh adhbhair a thogail, ach dh’fhaodadh gum feum iomairt nas ‘fhoirmeil’ is iomairteachd sna meadhanan a bhith na chois.

Described image
Dealbh 16: ’S e aon dòigh air atharrachadh a dhèanamh a th’ ann an cèol.

A’ gabhail pàirt ann an iomairteachd sna meadhanan

Is dòcha gum bi seo na dhòigh luath is saor air ìomhaigh cùis a thogail agus taic fhaighinn, fiù ’s airson bhuidhnean nach eil air an riochdachadh gu leòr ann am meadhanan ‘traidiseanta’ ‘a’ mhòr-shluaigh’. Tha seo a’ gabhail a-steach iomairt air na meadhanan sòisealta, a’ dèanamh làraichean-lìn agus bhidiothan. Tha athchuingean gu tric gan sanasachadh tro na meadhanan sòisealta. Ach, is dòcha gum feum thu fhathast an iomairt agad fhaighinn sna na meadhanan traidiseanta (pàipearan-naidheachd, naidheachdan telebhisean) gus aire a thogail air.

A’ dol an sàs ann an craoladh

’S e seòrsa nas traidiseanta de dh’iomairteachd mheadhanan a th’ ann a bhith a’ cur ri prògraman telebhisein is rèidio, fiù ’s gan sgrìobhadh/taisbeanadh. Feumaidh tu beagan aire a thogail gus seo a dhèanamh, agus obrachadh gus an ruig thu ìre àraid de chliù, no ma tha thu ag obair san raon seo mar-thà. Air an adhbhar seo, is dòcha gum biodh iomairt meadhanan sòisealta na b’ fheàrr dhut mar thoiseach-tòiseachaidh. ’S e dòigh ruigsinneach eile seach craoladh traidiseanta na bhidiothan agad fhèin a dhèanamh agus gan craoladh tro làrach-lìn leithid YouTube.

Sgrìobhadh/foillseachadh

Ma tha thu airson luchd-amais farsaing a ruighinn bu chòir dhut an sgrìobhadh agad a dhèanamh furasta a thuigsinn, ruigsinneach do dhaoine air a bheil ciorram lèirsinn no claisneachd, furasta a lorg, an-asgaidh (no de chosgais ìseal ma chaidh fhoillseachadh gu proifeiseanta), agus is dòcha eadar-ghnìomhach (a’ toirt cothrom do dhaoine freagairt a thoirt).

Tha e feumail sgrìobhadh ann am barrachd is aon mhodh, gus na h-uiread de dhaoine ’s a ghabhas a ruighinn (ma sgrìobhas tu aithisg, bu chòir dhut cuideachd teachdaireachdan a chruthachadh airson nam meadhanan sòisealta a bheir geàrr-chunntas air). Smaoinich air cò tha thu ag iarraidh a ruighinn agus dè na h-amasan agad, is tagh am modh/na modhan a tha freagarrach. Faodaidh faclan sgrìobhte a bhith gu math cumhachdach, co-dhiù a bhiodh sin ann an cruth naidheachdas, leabhraichean, bàrdachd, aithisgean, no sgrìobhadh airson nam meadhanan sòisealta (blogadh, mar eisimpleir). Dh’fhaodadh an obair a bhith air fhoillseachadh gu proifeiseanta no nas neo-fhoirmeil, a rèir an luchd-amais agus an amais agad.

A’ coiteachadh air an fheadhainn le buaidh

Faodaidh tu feuchainn ri buaidh a thoirt air an riochdaire taghte agad tro choiteachadh. ’S e coiteachadh a th’ ann nuair a dh’fheuchar gu laghail ri buaidh a thoirt air luchd-co-dhùnaidh poilitigeach, leithid BP is ministearan an riaghaltais. Faodaidh coiteachadh a dhèanamh le daoine fa leth, buidhnean tagraidh/ùidh shònraichte, no luchd-coiteachaidh proifeiseanta (eòlaichean a th’ air am fastadh gus coiteachadh às leth neach fa leth no buidheann). Tha a’ mhòr-chuid de choiteachadh ga dhèanamh le buidhnean tro thagradh. Faodaidh tu cuideachd coiteachadh air gnìomhachasan agus buidhnean - daoine is buidhnean aig a bheil cumhachd no a nì co-dhùnaidhean.

A’ gabhail pàirt ann an iomairteachd eaconamach

Faodaidh tu do chumhachd eaconamach a chleachdadh gus atharrachadh a dhèanamh. Faodar seo a dhèanamh ann an dà dhòigh:

  1. a’ dèanamh ‘boycott’ air chompanaidhean agus buidhnean, far nach thu ag aontachadh ri an luchan/dòigh-obrach, mar sin a’ cur ìmpidh orra atharrachadh, no
  2. a’ cumail taic ri companaidhean is bhuidhnean ‘math’ tro phàtranachd agus meadhanan sòisealta deimhinneach.

A’ gabhail pàirt ann am fianais-dhùbhlain shìtheil

Faodaidh tu feuchainn ri atharrachadh a thoirt gu buil tro thogail ìomhaigh cùise, le fianaisean-dùbhlain neo-ainneartach is laghail. Tha fianaisean-dùbhlain laghail san RA, le cuibhreachaidhean. Ge bith càit a bheil thu a’ fuireach, ’s e deagh bheachd a th’ ann sùil a thoirt air stiùireadh laghail làithreach mus gabhar pàirt ann am fianaisean-dùbhlain, no mus cuirear air dòigh iad.

Faodaidh an aire a gheibhear bho fhianaisean-dùbhlain sìtheil a leantainn le modhan iomairt nas fhoirmeile, leithid dèanamh sgrìobhainnean, a’ toirt seachad òraidean aig co-labhairtean, a’ sgrìobhadh airson pàipearan-naidheachd msaa.

A’ cuimseachadh air a’ choimhearsnachd ionadail agad

Faodaidh òraidean coimhearsnachd, taisbeanaidhean, agus òraidean ionadail a bhith nan deagh dhòighean dhut a bhith a’ togail mothachadh air cùis. Faodaidh iad cuideachd a bhith math airson taic a chruinneachadh agus buidheann-iomairt a stèidheachadh.

Gnìomhachd 5: a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta gus atharrachadh a dhèanamh

Timing: 15 mionaidean

Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, ’s iad na meadhanan sòisealta aon dòigh as urrainn dhut cleachdadh gus feuchainn ri atharrachadh a dhèanamh.

Tha Twitter, làrach-lìn blogaidh far am faod thu teachdaireachdan (‘tweets’) timcheall air 280 caractaran fhoillseachadh, na dhòigh ainmeil air chùis sa bheil ùidh agad a thoirt am follais. Gabhaidh na teachdaireachdan ‘retweeted’, ‘liked’ agus a fhreagairt le daoine eile.

Tha sinn air ceanglaichean a chur gu eisimpleirean de ‘tweets’ iomairt gu h-ìosail. Aon uair ’s gu bheil thu air an leughadh, smaoinich air mar a dh’fhaodadh tu Twitter a chleachdadh gus taic a chumail ris an adhbhar agadsa. Feuch ri dreachd a dhèanamh de beagan ‘tweets’ a’ cleachdadh nan eisimpleirean seo mar theamplaidean.

  1. Greta Thunberg
    Described image
    Dealbh 17: Tweet le Greta Thunberg
  2. Marcus Rashford
    Described image
    Dealbh 18: Tweet le Marcus Rashford
To use this interactive functionality a free OU account is required. Sign in or register.
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).