Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

1 A bhith nad neach-atharrachaidh

Tha sinn beò aig àm làn dhùbhlain - àrainneachdail, eaconamach, poilitigeach, sòisealta is dùbhlain slàinte, am measg dhùbhlain eile. Àm dhùbhlain san RA agus air feadh na cruinne. ’S iad dà dhùbhlan mòr ris a bheil an saoghal a’ dèiligeadh an-dràsta èiginn na gnàth-shìde agus dìleab colanachd.

Ciamar a nì daoine àbhaisteach diofar, poilitigeach is sòisealta, dha na dùbhlain seo is eile? Ciamar a chleachdas iad Pàrlamaid na RA is na pàrlamaidean/seanaidhean tiomnaichte gus atharrachadh a dhèanamh? Ciamar as urrainn dhaibh a bhith nan ‘luchd-atharrachaidh’?

Bidh an cùrsa seo gad chuideachadh diofar a dhèanamh tro ionnsachadh mu dheidhinn com-pàirteachadh poilitigeach is sòisealta, a’ toirt stiùireadh is brosnachadh do luchd-atharrachaidh uile, ge bith dè cho beag.