Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

2.2 A’ toirt a’ BhP agad air bòrd

Ma gheibh thu taic a’ BhP agad ris an iomairt agad, faodaidh seo a bhith na cheum a dh’ionnsaigh a’ chùis a tha cudromach dhut a thogail ann am Pàrlamaid na RA.

Is dòcha gur e sgrìobhadh (le litir no post-d) an dòigh as fheàrr gus fios a chur chun a’ BhP agad (no riochdaire taghte leithid riochdaire tiomnaichte, no ball Taigh nam Morairean) is tha e a’ toirt seachad clàr sgrìobhte air am b’ urrainnear tarraing a thoirt a-rithist uair eile.

Nuair a thathar a’ sgrìobhadh, cuimhnich air na beachdan cuideachdail seo:

DÈAN:

Mus tòisichear a’ sgrìobhadh:

  • Thoir tuairisgeul soilleir air dè tha an iomairt agad a’ feuchainn ri dhèanamh.
  • Cruinnich fianais a bheir taic dhan iomairt agad.
  • Beachdaich air mar a tha a’ chùis agad a’ freagairt air na h-ùidhean poileasaidh aca.
  • Biodh beachd soilleir agad air carson a tha thu ag iarraidh gum bi iad an sàs ann.
  • Smaoinich air dè tha thu ag iarraidh orra a dhèanamh.

Nuair a thathar a’ sgrìobhadh:

  • Mìnich cò thu agus mìnich gu soilleir a’ cùis a tha thu ag iarraidh a thogail leotha.
  • Iarr orra rudeigin sònraichte a dhèanamh, m.e. faighnich ceist rè deasbaid no seisean, no a dhol gu coinneamh leis a’ bhuidhinn iomairt agad gus a’ chùis a dheasbad tuilleadh.
  • Cuimhnich am fiosrachadh-conaltraidh agad a chur ann.

An dèidh sgrìobhadh:

  • Thoir ùine dhaibh airson freagairt. Tha iad trang a’ stiùireadh an ùine eadar an obair roinne-pàrlamaid agus an obair mar riochdaire taghte, is mar sin is dòcha gun toir e greiseag dhaibh freagairt. Ach tha e ceart gu leòr teachdaireachd leantainneach a chur thuca mura cluinn thu air ais bhuapa.

NA BI...a’ gearan! Is dòcha nach aontaich thu leotha air cuid de chùisean, ach ’s iadsan an riochdaire agad, mar sin ma tha dàimh dheimhinneach agad leotha tha sin nas buailtiche air do chùis a thoirt air adhart.