Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

1.2 Mar a thòisichear air atharrachadh a dhèanamh

Faodaidh atharrachadh bhith a’ cuimseachadh air:

  • Am poilitigeach; mar eisimpleir, ag iomairt airson atharrachadh riaghaltais no gus poileasaidh atharrachadh.
  • An sòisealta; ag atharrachadh mar a tha rudeigin ag obair sa chomann-sòisealta, leithid na còraichean a th’ aig buidheann.
Described image
Dealbh 3: Eisimpleir de dh’fhianais-dhùbhlain phoilitigeach.

Ach bidh na rudan seo gu tric ceangailte - dh’fhaodadh iomairt airson atharrachadh sòisealta atharrachadh poilitigeach a thoirt gu buil. Faodaidh atharrachadh a bhith mòr no beag. Dh’fhaodadh gur e gnìomh beag fa leth a nì atharrachadh fada nas motha. Tha mòran diofar dhòighean ann sam faodar atharrachadh a dhèanamh, ge bith an ann tro dhol an sàs le Pàrlamaid na RA gus an tèid do chluinntinn no a’ cleachdadh mhodhan eile.

Leugh gu h-ìosal airson stiùireadh air mar a thòisichear:

  • Dèan rannsachadh: tha e cudromach fìrinnam fiosrachadh uile a chruinneachadh, ainmean prìomh dhaoine is buidhnean, is fiosrachadh mun dòigh as fheàrr ri atharrachadh a dhèanamh; leugh na naidheachdan is faigh am fiosrachadh as ùire mun chùis is na diofar bheachdan mu thimcheall air - feuch ’s gun tuig thu ‘taobh eile’ na h-argamaid oir bidh seo gad chuideachadh a’ dèanamh na h-argamaid agad fhèin.
  • Smaoinich air na h-amasan agad: dè tha thu a’ feuchainn ri thoirt gu buil? Tha e feumail àireamh bheag de dh’amasan soilleir a bhith agad; faodaidh e a bhith feumail cuimseachadh air fuasglaidhean fiosraichte.
  • Rach ann an conaltradh le càch: dh’fhaodadh tu a dhol ann an iomairt a th’ ann mar-thà no an iomairt agad fhèin a dhèanamh nas làidire le bhith ag obair le càch.
  • Comharraich an targaid agad: cò an duine no buidheann as fheàrr a bhruidhinn ris gus atharrachadh a dhèanamh? Cò bhios a’ dèanamh cho-dhùnaidhean? Cò air a bheil uallach? Dh’fhaodadh seo a bhith mar neach fa-leth, iomadh daoine, buidheann, comhairle no pàrlamaid, no am poball san fharsaingeachd - a rèir dè na h-amasan agad.
  • Smaoinich air tìmeachadh: ro thràth, agus is dòcha nach bi buaidh agad, ro anmoch agus is dòcha nach bi e comasach dhut buaidh a thoirt. Aithnich dè cho buntainneach ’s a tha cùis, is cuin a dh’fhaodadh luchd-co-dhùnaidh a bhith fosgailte do dh’argamaidean sònraichte.
  • Smaoinich air modh: am bu chòir dhut cuimseachadh air na meadhanan sòisealta, aithris foirmeil, no bruidhinn aig coinneamhan poblach? Dè na sgilean agad? Is dòcha gum feum thu a bhith ag iomairt ann an còrr is aon mhodh.
  • Smaoinich air ruigsinneachd: dèan cinnteach gu bheil uiread ’s a ghabhas de dhaoine comasach air a dhol an sàs leis an t-susbaint agad (mar eisimpleir, a’ cur fo-thiotalan air bhidiothan, no tar-sgrìobhadh òraid).
  • Cuir fios dha na riochdairean agad: ma tha thu an dòchas an lagh atharrachadh, is dòcha gum bi feum agad air fios a chur air no coiteachadh air an riochdaire taghte agad; dh’fhaodadh seo a bhith mar chomhairliche no ball pàrlamaid no seanadh (leithid Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte).
  • Thoir an iomairt agad am follais: smaoinich air an dòigh as fheàrr gus d’ adhbhar a chur air adhart. Mar eisimpleir dh’fhaodadh tu na meadhanan sòisealta a chleachdadh, litrichean a sgrìobhadh do phàipearan-naidheachd, agus bruidhinn aig coinneamhan is tachartasan.
  • Mu dheireadh: tòisich aig ìre bheag: faodaidh atharrachadh mòr tighinn à ghnìomhan beaga!

A thaobh modh, agus na sgilean is misneachd a dh’fheumar gus atharrachadh a phàirteachadh tro bhruidhinn gu poblach, dh’fhaodadh e a bhith feumail dhut leughadh ‘Bi dàna is bruidhinn’, stiùireadh air atharrachadh a phàirteachadh tro chainnt chomhairleachail [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .

Gnìomhachd 1: a’ tòiseachadh air atharrachadh a dhèanamh

Timing: 15 mionaidean

Smaoinich air a bheil cùisean nàiseanta no eadar-nàiseanta sam bith anns a bheil ùidh mhòr agad agus ciamar a dh’fhaodadh tu a dhol an sàs ann. Smaoinich air a bheil daoine no buidhnean ag iomairt mun chùis seo mar-thà, agus gu dè an ìre ’s a thèid agad air a dhol an sàs leis (dh’fhaodadh seo a bhith cho sìmplidh ri athchuinge a shoidhneadh, no sgrìobhadh mu dheidhinn air na meadhanan sòisealta, no dh’fhaodadh e a bhith feumach air barrachd ùine).

Ma tha thu a’ fuireach san RA ’s e aon de na dòighean sam faodadh tu atharrachadh a dhèanamh tro Phàrlamaid na RA. Leugh tuilleadh gus faicinn mar as urrainn dhut seo a dhèanamh.