Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

1.1 Dè th’ ann an saoranachd ghnìomhach?

’S e deagh toiseach-thòiseachaidh air atharrachadh a dhèanamh a bhith a’ tuigsinn dè tha saoranachd a’ ciallachadh.

Faodar seagh cumhang agus seagh farsaing a thoirt air saoranachd phoilitigeach. San t-seagh chumhang, tha e a’ toirt iomradh air a’ chomas a th’ aig cuideigin a dhol an sàs ann am poilitigs taghaidh (bhòtadh ann an taghaidhean agus na rudan na chois, leithid taic a chumail ri pàrtaidh poilitigeach agus a’ seasamh airson dreuchd phoilitigeach), a tha gu dlùth cheangailte ri inbhe saoranachd neach (an còir laghail a bhith a’ fuireach ann an stàite, m.e. tha cuideigin na shaoranach den Rìoghachd Aonaichte no Astràilia no na h-Innseachan msaa).

Described image
Dealbh 2: Tha bhòtadh ann an taghaidhean na eisimpleir de shaoranachd phoilitigeach.

San fharsaingeachd, tha e a’ toirt iomradh air a’ chomas a th’ aig neach air a dhol an sàs gu poilitigeach ann an dòighean eile. Dh’fhaodadh seo a bhith ceangailte gu dlùth ris an t-seagh chumhang de shaoranachd phoilitigeach, mar eisimpleir, fianais-dhùbhlain phoilitigeach, no a’ cur ainmean ri athchuinge pàrlamaideach. No dh’fhaodadh nach bi e cho follaiseach. Tha rudan a nì sinn a dh’fhaodar a mheas poilitigeach, fiù ’s mura h-eil iad poilitigeach ann an dòigh a tha follaiseach. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh e a bhith air a mheas poilitigeach roghnachadh ri pàipear-naidheachd àraid a leughadh (no gun a bhith a leughadh), oir is dòcha gu bheil seasamh poilitigeach aig a’ phàipear sin. No a’ clàradh airson cunntas meadhanan sòisealta a chleachdadh, no a sguabadh às, oir is dòcha gu bheil a’ chompanaidh a tha ga dhèanamh ga ruith ann an dòigh leis a bheil no nach eil thu ag aontachadh. San t-seagh seo tha thu ‘a’ dèanamh poilitigs’, agus tha thu nad shaoranach poilitigeach, ann an iomadh dòigh gach latha, uaireannan le fios, uaireannan eile gun fhiosta.

O chionn ghoirid tha gluasad air a bhith ann a dh’ionnsaigh tuigse ‘ghnìomhach’ air saoranachd, a’ cuimseachadh air na ‘gnìomhan’ is comas a th’ aig daoine fa leth buaidh a thoirt air a’ chomann-sòisealta sa bheil iad. ’S e saoranachd ghnìomhach am beachd gum faod neach a bhith na shaoranach phoilitigeach gnìomhach; faodaidh iad feuchainn ri atharrachadh a dhèanamh (air neo bacadh a chur air). Faodaidh an neach sin a bhith na ‘neach-atharrachaidh’. Gus seo a dhèanamh, feumaidh iad brosnachadh ri pàirt a ghabhail cho math ri cumail fiosrach mu dheidhinn poilitigs, deamocrasaidh agus mar a tha an comann-sòisealta ag obair. Tha cuideachd eileamaid de dh’uallach pearsanta ann, m.e. feumaidh daoine dìcheall a dhèanamh a dhol an sàs.

Chan e facal suidhichte a th’ ann an saoranachd ghnìomhach: faodar a thuigsinn ann an iomadh dòigh (Wood et al, 2018). Faodar a thuigsinn ann an seagh fìor-bheag (gnìomhachdan co-cheangailte ri ‘uallach pearsanta’, leithid gèilleadh ris an lagh is cìsean a phàigheadh), gu ruige seagh fìor-mhòr, a’ cuimseachadh air dèiligeadh ri ana-cheartas sa chomann-sòisealta, a mhìnich Westheimer is Kahne (2004) mar shaoranachd a tha ‘stèidhichte air ceartas’. Tha e soilleir gu bheil diofar ‘ìrean’ de shaoranachd ghnìomhach ann, agus co-cheangailte ri seo, ceistean mu dè cho gnìomhach ’s a bu chòir neach a bhith. Ge bith dè am modh a ghabhas neach, tha saoranachd ghnìomhach cudromach airson deamocrasaidh, cho math ri tuigse a leasachadh air dè tha saoranachd ghnìomhach a’ ciallachadh agus dè tha na luib; tha seo gu sònraichte buntainneach ann an dùthchannan far a bheil deamocrasaidh ann an cunnart, ach tha e a’ buntainn sa h-uile àite.

Tha an cùrsa seo a’ coimhead nas motha air an tuigse ‘fìor-mhòr’ de shaoranachd ghnìomhach, ged a bhios e feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an atharrachadh poilitigeach is sòisealta. Gu dearbh, tha rannsachadh air a shealltainn gum feum saoranaich eòlas domhainn mun chùis shòisealta sa bheil ùidh aca, cho math ris a’ chomas smaoineachadh gu sgrùdach mu dheidhinn, m.e. ciamar as urrainn dhan gnìomh aca atharrachadh a thoirt gu buil? Dè na diofar seallaidhean mun chùis? A bheil a’ chùis fo dheasbad? (Wood et al, 2018; Westheimer agus Kahne, 2002). Feumaidh iad cuideachd raon de sgilean practaigeach is tuigse gus atharrachadh fìor-bheatha a dhèanamh taobh a-staigh deamocrasaidh, a’ gabhail a-steach mar a nithear conaltradh èifeachdach (Wood et al, 2018).

Tha Bun-chùrsa mu bhith a’ Dèanamh Atharrachadh Poilitigeach is Sòisealta na dheagh àite thòiseachaidh airson luchd-atharrachaidh a dh’fhaodadh a bhith ann.