Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

2 A’ dèanamh atharrachadh tro Phàrlamaid na RA

Described image
Dealbh 4: Suaicheantas Pàrlamaid na RA.

’S e a’ dol an sàs sa phròiseas dheamocratach fear de na dòighean as cudromaiche as urrainn dhut atharrachadh a dhèanamh: mar sin, feumaidh tu bhòtadh! Mura bhòt thu cha bhi guth agad a thaobh cò thèid a thaghadh agus cò bhios a’ dèanamh nan co-dhùnaidhean a bheir buaidh ort. Ma tha thu a’ fuireach san RA, dèan cinnteach gun cluinnear do ghuth ann an taghadh coitcheann le bhith a’ clàradh airson bhòtadh aig www.gov.uk/ register-to-vote [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .

Le bhith a’ clàradh tron cheangail seo gheibh thu cuideachd a’ chòir air bhòtadh ann an taghaidhean ionadail, mèar, poileis is coimiseanair-eucoir, agus taghaidhean Seanadh Èireann a Tuath, Pàrlamaid na h-Alba, agus Pàrlamaid na Cuimrigh ma tha thu a’ fuireach ann am fear de na h-àitichean sin, cho math ri ann an reifreannan.

Described image
Dealbh 5: Stèisean bhòtaidh àbhaisteach san RA.

Tha an aois air a bheil thu airidh air bhòtadh a rèir an t-seòrsa taghaidh agus far a bheil thu a’ fuireach san RA. Feumaidh tu a bhith 18 bliadhna a dh’aois gus bhòtadh ann an Taghadh Coitcheann Pàrlamaid na RA. Faodaidh tu bhòtadh gu pearsanta, tron phost, no tro neach-ionaid (ag iarraidh air cuideigin bhòtadh às do leth).