Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

3.2 Senedd Cymru (Pàrlamaid na Cuimrigh)

Described image
Dealbh 10: Suaicheantas Pàrlamaid na Cuimrigh.

Work with Members of the Senedd who represent you

Tha an t-Senedd (air neo Pàrlamaid na Cuimrigh, no Senedd Cymru ann an Cuimris, agus roimhe Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh no Seanadh na Cuimrigh) air a dhèanamh suas de 60 Buill na Senedd (MS sa Bheurla no AS sa Chuimris).

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha luchd-còmhnaidh na Cuimrigh air an riochdachadh le còrr is aon MS: fear dhiubh a’ riochdachadh na sgìre ionadail (sgìre-pàrlamaid), agus ceathrar eile a’ riochdachadh na roinne sa Chuimrigh sa bheil an neach a’ fuireach.

Bidh MSs ag obair gus riaghaltas na Cuimrigh a chumail cunntachail, cho math ri bhith a’ fuasgladh chùisean a chaidh a thogail le luchd-taghaidh a tha a’ buntainn ri cùisean a tha fo smachd do Pàrlamaid na Cuimrigh. Faodaidh tu coimhead air dè na cùisean air a bheil cumhachd aig an t-Senedd an seo, tha Pàrlamaid na RA no comhairlean ionadail a’ dèiligeadh ri cùisean eile.

Rannsaich còd-phuist an MS agad an seo. Faodar fios a chur do dh’oifisean MS le litir, post-d, fòn, agus na meadhanan sòisealta, le Buill gu tric a’ cumail freastal-lannan. Thoir sùil air na rudan a bu chòir agus nach bu chòir a dhèanamh fo Earrann 2.2 airson comhairle air fios a chur do riochdairean taghte.

Faodaidh MSs cùisean a thogail dhan deach an aire a thoirt ann an grunn diofar dhòighean. Mar eisimpleir, faodaidh iad ceist a chur air Ministear (nam measg a’ Phrìomh Mhinistear) rè làn-choinneamhan na Senedd. Bidh na coinneamhan seo a’ tachairt sa phrìomh seòmar-deasbaid, an t-Siambr, air Dimàirt is Diciadain. Faodaidh iad ceistean sgrìobhte fhaighneachd cuideachd, beachdan a thoirt seachad rè deasbaid, cùisean a thogail ann an coinneamhan comataidh, no sgrìobhadh gu dìreach do luchd-co-dhùnaidh.

A bharrachd air luchd-taghaidh a chuideachadh is taic a chumail riutha, tha pàirt chudromach aig MSs ann a bhith a’ sgrùdadh laghan is cìsean. Mar sin bidh MSs ag obair gus a’ Chuimrigh agus na cùisean a tha cudromach dha na daoine a tha a’ fuireach ann a riochdachadh, tron obair aca.

A’ soidhneadh no a’ cruthachadh athchuinge

Gabhaidh athchuingean dhan t-Senedd a chleachdadh gus aire a thoirt do chùis sa bheil ùidh aca (ma tha a’ chumhachd aig an t-Senedd air a’ chùis). Thèid beachdachadh air athchuingean le ainmean-sgrìobhte gu leòr agus a bhios a’ coileanadh nan slatan-tomhais riatanach (an lùib sin ’s e ma tha seòladh Cuimreach aig an neach no buidheann a tha ga stèidheachadh) le Comataidh nan Athchuingean:

  • Thèid athchuingean le còrr is 250 ainmean-sgrìobhte orra sgrùdadh le Comataidh nan Athchuingean, a nì co-dhùnadh air dè nì iad gus an athchuinge a thoirt air adhart, a tha a’ gabhail a-steach iarraidh air riaghaltas na Cuimrigh a toirt air adhart.
  • Thèid beachdachadh air athchuingean le còrr is 10,000 ainmean-sgrìobhte leis a’ Chomataidh airson deasbad ann an seòmar na Senedd. Am measg nan rudan air a bheilear a’ toirt fa-near tha an cuspair, cho èiginneach ’s a tha e, agus an àireamh de dh’ainmean-sgrìobhte bho luchd-còmhnaidh na Cuimrigh.

Faodaidh tu tuilleadh fhaighinn a-mach mu athchuingean na Senedd an seo.

Described image
Dealbh 11: Pàrlamaid na Cuimrigh.

Ag Obair le Buidhnean Tar-phàrtaidh (CPGs)

Faodaidh Buill na Senedd Buidhnean Tar-phàrtaidh (CPGs) a chur air dòigh a thaobh cùisean a tha an urra ris an t-Senedd. Feumaidh riochdairean a bhith ann bho co-dhiù trì diofar buidhnean pàrtaidh poilitigeach a th’ air an riochdachadh san t-Senedd. Ged nach eil pàirt fhoirmeil aca ann a bhith a’ dèanamh poileasaidh, tha pàirt aca ann a bhith a’ togail mothachadh mu chùisean. Tha CPGs nan dòigh mhath cuideachd aig buidhnean com-pàirt is buidhnean iomairt gus bruidhinn gu dìreach ri MSs agus bruidhinn mu chùisean poileasaidh gu mionaideach.

Faodaidh tu coimhead air na CPGs a th’ ann an-dràsta is air fiosrachadh conaltraidh an seo.

A’ toirt fianais do Chomataidhean

Bidh Comataidhean na Senedd a’ sgrùdadh an reachdais a thathar a’ moladh cho math ri cosgaisean is poileasaidhean riaghaltas na Cuimrigh. Tha Comataidhean air an dèanamh de Bhuill à diofar phàrtaidhean poilitigeach, air an sònrachadh leis an t-Senedd ann an Làn-choinneimh, agus a’ cuimseachadh air cuspairean sònraichte. Faodaidh luchd-còmhnaidh na Cuimrigh fios a chur do chomataidhean gus cùisean a mholadh a tha iad a’ smaoineachadh a dh’fheumas mion-sgrùdadh.

Faodaidh comataidhean fianais a chruinneachadh bhon phoball is buidhnean agus an uair sin aithisg a sgrìobhadh airson an riaghaltais. Thathar a’ foillseachadh ghairmean airson fianais sgrìobhte air làrach-lìn na comataidh. Dh’fhaodadh gun cleachd comataidh an fhianais sgrìobhte seo nuair a tha iad a’ cur romhpa cò dha a bheir iad cuireadh airson seisean fianais labhairteach gus bruidhinn tuilleadh air a’ chùis.

Faodaidh tu Comataidhean na Senedd a th’ ann an-dràsta a lorg an seo.

Tha iad seo nan deagh chothroman airson MSs a bhith a’ cluinntinn mu chùisean a tha cudromach do luchd-còmhnaidh na Cuimrigh, agus an uair sin gus mothachadh a thogail orra taobh a-muigh agus taobh a-staigh na Senedd.