Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

6.1 Brosnachadh

Dè na h-eisimpleirean a tha gad bhrosnachadh? Cò bhuaithe a dh’fhaodas tu ionnsachadh? Ged a tha cuid de luchd-atharrachaidh (chan eil a h-uile fear dhiubh) a chaidh a thaghadh air a bhith comasach air an cliù no inbhe a chur gu feum ann a bhith a’ dèanamh atharrachadh, rudeigin nach urrainn dhan mhòr-chuid againn a dhèanamh, tha iad uile a’ sealltainn mar a dh’fhaodas gnìomhan beaga atharrachadh mòr adhbharachadh, daoine eile a bhrosnachadh a dhol an sàs, inbhe de chùisean cudromach a thogail, agus atharrachadh poilitigeach a dhèanamh.

Highlighted
HighlightedA’ dèanamh atharrachadh tro fhianais-dhùbhlain shìtheil
Described image
Dealbh 19: Greta Thunberg

Cò: Greta Thunberg, neach-iomairt àrainneachd Suaineach.

Seòrsa: Fianais-dhùbhlain shìtheil, iomairteachd nam meadhanan agus athchuingean.

Gnìomh: Aig 15 bliadhna a dh’aois rinn i fianais-dhùbhlain taobh a-muigh Pàrlamaid na Suain, ag iarraidh gnìomh air atharrachadh na gnàth-shìde, a’ togail soidhne a bha ag ràdh: ‘stailc sgoile airson na gnàth-shìde’. Air feadh an t-saoghail chaidh oileanaich eile an sàs, a’ cruthachadh iomairt òigridh air stailcean na gnàth-shìde.

Buaidh: Le fianais-dhùbhlain shìtheil mar thoiseach-tòiseachaidh, chaidh iomairt òigridh a bhrosnachadh air feadh an t-saoghail, chaidh luchd-poilitigs an sàs le cùisean atharrachadh na gnàth-shìde, agus chaidh mothachadh a’ phobaill a thoirt am feabhas. ’S e ‘buaidh Greta’ a chanadh ris a’ bhuaidh a thug i.

Dùbhlain: Dian-aire air na meadhanan/meadhanan sòisealta agus càineadh bho luchd-poilitigs is càch.

HighlightedA’ dèanamh atharrachadh tro spòrs
Described image
Dealbh 20: Marcus Rashford

Cò: Marcus Rashford, neach-cluich ball-coise Breatannach agus iomairtiche biadh-sgoile an-asgaidh.

Seòrsa: Iomairteachd mheadhanan, coiteachadh is iomairteachd eaconamach.

Gnìomh: Thog e còrr is £20 millean leis a’ charthannas sgrios-bìdh FareShare gus biadh an-asgaidh a thoirt do chloinn nach b’ urrainn am biadh-sgoile an-asgaidh fhaighinn tuilleadh ri linn a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19. Choitich e an uair sin riaghaltas na RA mu dheidhinn bochdainn cloinne is biadhan-sgoile an-asgaidh. Tha e air cumail air ag iomairt mun chùis seo.

Buaidh: B’ e a’ bhuaidh bu chliùitiche aige buaidh a thoirt air an riaghaltas am poileasaidh aca atharrachadh agus biadh-sgoile an-asgaidh a leudachadh do chloinn. Le seo thog e cuideachd ìomhaigh na cùise sna meadhanan agus leis a’ phoball san fharsaingeachd, a dh’adhbharaich còmhradh nàiseanta mu bhochdainn bìdh.

Dùbhlain: A’ toirt luchd-poilitigs air bòrd le a bheachdan. Cha robh ruigsinneachd ach beag aig an iomairt a rinn e na bu thràithe (a’ solarachadh bhogsaichean-bìdh do dhaoine òga gun dachaigh ann am Manchester), a’ sealltainn an dùbhlain a th’ ann iomairt shoirbheachail a dhèanamh aig ìre mhòr.

HighlightedMaking change through engaging with UK Parliament
Described image
Dealbh 21: Ian McKellen

Cò: Ian McKellen, cleasaiche is neach-iomairt LGBT.

Seòrsa: Iomairteachd mheadhanan is coiteachadh.

Gnìomh: Fear de luchd-stèidheachaidh a’ charthannas RA airson còraichean gèidh (a-nis còraichean LGBT), Stonewall, sna 1980an, dh’obraich e leis a’ charthannas gus Pàrlamaid na RA a choiteachadh gus lagh co-ionannachd ath-leasachadh (cùisean leithid ais-ghairm Earrann 28 agus toirt a-steach aois aonta co-ionnan). Bha an carthannas ag amas air coiteachadh proifeiseanta agus a dhol an sàs leis a’ phròiseas phoilitigeach gus atharrachadh a thòiseachadh, buaidh a thoirt agus obair còmhla ri luchd-poilitigs.

Buaidh: Atharrachadh slaodach is seasmhach san lagh agus beachdan a’ phobaill. Leis gur esan fear de na cleasaichean gèidh as cliùitiche, tha e cuideachd air ginealaichean às a dhèidh a bhrosnachadh gu bhith fosgailte is pròiseil.

Dùbhlain: An ùine a thug e gus prìomh atharrachaidhean poilitigeach a thoirt gu buil, agus beachdan mheadhanan a bha an toiseach gu math nàimhdeach.

HighlightedA’ dèanamh atharrachadh tro obrachadh le daoine òga mar luchd-ùidh ann an Èirinn a Tuath

Cò: Pure Mental NI (puremental.org)

Seòrsa: Coiteachadh, iomairteachd nam meadhanan agus na meadhanan sòisealta.

Gnìomh: Carthannas air a stiùireadh le òigridh a chaidh a stèidheachadh gus ìmpidh a chur air Riaghaltas Èireann a Tuath mu chùisean slàinte-inntinn (foghlam is eadar-theachd tràth) ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean ann an Èireann a Tuath. Tha iad air goireasan slàinte-inntinn a dhealbhadh a chleachdas tidsearan le oileanaich, bidh iad a’ coiteachadh luchd-poilitigs a dh’fheuchainn ri solar slàinte-inntinn a leasachadh ann an sgoiltean, agus bidh iad a’ dèanamh rannsachadh.

Buaidh: Tha buannachdan mòr air a bhith aca mar-thà air leasachadh seirbheisean slàinte-inntinn ann an sgoiltean.

Dùbhlain: A’ cothromachadh obair gus atharrachadh a dhèanamh agus, maoineachadh.

HighlightedA’ dèanamh atharrachadh tro reachdas Pàrlamaid na h-Alba
Described image
Dealbh 22: Monica Lennon

Cò: Monica Lennon BPA

Seòrsa: Pàrlamaid na h-Alba

Gnìomh: Bho 2016 gu 2020 rinn i iomairt gus bochdainn fala-mìos a thoirt gu crìch (nuair nach urrainn do bhoireannaich a tha air teachd a-steach ìosal pàigheadh airson bathar fala-mìos). Rinn i iomairt sna meadhanan agus ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Buaidh: Chaidh ‘Achd Bathar Fala-mìos (Solar an-asgaidh) (Alba)’ na lagh ann an 2020, a dhèanamh cinnteach gu bheil dleastanas laghail a-nis air ùghdarrasan poblach a bhith cinnteach gu bheil nithean leithid tamponaichean is padaichean-mìosail saor an-asgaidh dhaibhsan a tha feumach orra. Bu chòir gu bheil cothrom nas fheàrr aig boireannaich a-nis air na nithean seo, air feadh na h-Alba.

Dùbhlain: A’ faighinn taic tar-phàrtaidh gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a’ mholadh. A’ dèiligeadh ris an stiogma a tha timcheall air fala-mìosach.

HighlightedA’ dèanamh atharrachadh tro dhaoine òga a’ togail an guthan sa Chuimrigh
Described image
Dealbh 23: Angel Ezeadum

Cò: Angel Ezeadum, a bha na Ball de Phàrlamaid Òigridh na Cuimrigh

Seòrsa: Ag iomairt agus a’ cur a-steach athchuingean.

Gnìomh: Bha Angel na Ball de Phàrlamaid Òigridh na Rìoghachd Aonaichte airson Cardiff agus chaidh a thaghadh mar a’ chiad Bhall de Phàrlamaid Òigridh na Cuimrigh a bhith a’ riochdachadh Race Council Cymru. Chleachd i an t-àrd-ùrlar aice gus cur gu buadhmhor ri cùisean Pàrlamaid Òigridh na Cuimrigh agus gairm airson eachdraidh Dhaoine Dubha is Daoine de Dhath a bhith mar phàirt èigneachail de churraicealam sgoile ùr na Cuimrigh. Còmhla ri luchd-iomairt a stiùir athchuinge gu Ministear an Fhoghlaim, a fhuair cha mhòr 35,000 ainmean-sgrìobhte agus a chaidh a dheasbad san t-Senedd, chuidich i a’ cur ìmpidh air riaghaltas na Cuimrigh a bhith ag iarraidh gu soilleir gum bi coimhearsnachdan eadar-mheasgte, gu sònraichte sgeulachdan dhaoine Dubha, Àisianach, agus Mion-shluaighean Cinnidheach, nam pàirt èigneachail den churraicealam.

Buaidh: Shoirbhich le iomairt phoilitigeach dhìcheallach agus sgileil a rinneadh le mòran dhaoine is bhuidhnean, daoine òga is daoine le eòlas, cumhachd agus an cothrom air an guthan a thogail, ann a bhith a’ cur ri atharrachadh poileasaidh mòr bho Riaghaltas na Cuimrigh.

Dùbhlain: Bha Riaghaltas na Cuimrigh daingeann nan seasamh gu ruige sin, agus bha an galar-lèir sgaoilte Coròna-bhìorais a’ lìonadh a’ mhòr-chuid de na clàran-ghnothaich phoilitigeach is mheadhanan.

Gnìomhachd 6: A’ faighinn brosnachadh

Timing: 15 mionaidean

Tagh fear de na luchd-atharrachaidh gu h-àrd, no eisimpleir eile (chan fheum iad a bhith ainmeil) agus rannsaich gu mionaideach dè na gnìomhan a ghabh iad gus fheuchainn ri atharrachadh a dhèanamh (mar eisimpleir, mar a rinn iad iomairt air-loidhne, cò ris a choitich iad, mar a dh’fheuch iad ri buaidh a thoirt air poileasaidh). Sgrìobh sìos na ceithir rudan as cudromaiche a rinn iad, nad bheachd fhèin:

To use this interactive functionality a free OU account is required. Sign in or register.
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).