Skip to content
Skip to main content
Free course

Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

Free statement of participation on completion
Bun-chùrsa mu bhith a’ dèanamh atharrachadh poilitigeach is sòisealta

This course is also available in English and Welsh.

Tha iomadh èiginn mu choinneimh na RA: àrainneachdail, eaconamach, poilitigeach, sòisealta is slàinte. Tha an cùrsa air-loidhne an-asgaidh seo a’ mìneachadh cuid de na prìomh sgilean saoranachd is am fiosrachadh a dh’fheumar gus eadar-theachd a dhèanamh san t-saoghal agus e ag atharrachadh.

Bidh e a’ sgrùdadh mar a nithear atharrachadh gu poilitigeach agus gu sòisealta le bhith a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh riatanach airson tòiseachadh, eisimpleirean de luchd-atharrachaidh brosnachail, comhairle air mar a bheirear buaidh taobh a-staigh agus taobh a-muigh poilitigs pàrlamaideach traidiseanta na RA, agus na buadhan a dh’fheumar gus soirbheachadh.

  • Ciamar as urrainn dhutsa atharrachadh a dhèanamh gu poilitigeach no gu sòisealta, do na dùbhlain seo agus do dhùbhlain eile?
  • Ciamar a ghabhas Pàrlamaid na RA a chleachdadh?
  • Ciamar a bheir na pàrlamaidean/tionailean tiomnaichte atharrachadh gu buil?
  • Ciamar as urrainn dhut a bhith nad neach-atharrachaidh?

Nì an cùrsa air-loidhne an-asgaidh seo sgrùdadh air com-pàirteachadh poilitigeach is sòisealta agus bidh e a’ toirt stiùireadh is brosnachadh, ge bith dè cho beag, do luchd-atharrachaidh air fad.


Course learning outcomes

After studying this course, you should be able to:

  • Cuid de na dùbhlain a th' ann an-dràsta san RA agus/no air feadh na cruinne sa bheil ùidh agad aithneachadh.
  • Tuigsinn dè tha 'saoranachd ghnìomhach' a' ciallachadh.
  • Tuigsinn mar a nithear atharrachadh poilitigeach is sòisealta mar shaoranach gnìomhach: mar a bhithear nad 'neach-atharrachaidh'.
  • Tuigsinn mar a tha buidhnean poilitigeach na RA ag obair agus a' phàirt a th' aca ann a bhith a' dèanamh atharrachadh, cho math ri dòighean eile air atharrachadh a dhèanamh.
  • Cuid de na prìomh sgilean is eòlas a dh'fheumar gus atharrachadh a dhèanamh aithneachadh is a chleachdadh ann an suidheachaidhean fìor-bheatha.

First Published: 24/04/2024

Updated: 24/04/2024

Skip Rate and Review